seo an chromebook ùr agad
Post on 18-Oct-2021
9 Views
Preview:
TRANSCRIPT
Seo an Chromebook ùr agad Cuidichidh am fiosrachadh seo thu le bhith a’ cur air dòigh a’ Chromebook ùr agad. Mur eil thu air Chromebook a chleachdadh roimhe seo, na gabh dragh, chionn cuiridh an gaisgeach digiteach agad air dòigh cùisean còmhla riut ach am faigh thu tòiseachadh. A bharrachd air sin, cuidichidh iad le bhith a’ lorg na tha a dhìth air loidhne. Mar eisimpleir:
● A’ cur air dòigh ceangal bhideo ach am faigh thu a bhith bruidheann ri caraidean agus luchd an teaghlaich
● A’ cur òrdan a-steach son biadh bho bhùth ● A’ cumail suas le naidheachdan agus gnothaichean làitheil
Tha an Chromebook agad agus ceangal chun eadar-lìon an-asgaidh, `s mar sin a cha chosg e càil dhut a bhith ga chur gu feum.
Gheibhear tuilleadh taice son an inneil agus fiosrachadh
feumail eile mu thoiseach-tòiseachaidh air loidhne aig
start.connecting.scot
Mar a tha thu a’ cur a’ Chromebook agad air dòigh
Ceum 1 An toiseach Cuir air e. Bi cinnteach gun cleachd thu an càbla a thàinig leis agus gu bheil cumhachd an dealain agad. Bi cinnteach cuideachd gu bheil WIFI siubhail ceangailte agad. Tha sinn air stiùireadh a chur air dòigh a chuideachadh le stèidheachadh WIFI siubhail.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de chlàr-iuchrach glas leis an t-suaicheantas dhen ghlais ann an gorm gad stiùireadh gu bhith a’ cur air a’ choimpiutar].
Ceum 2 Tagh cànan mar a tha a dhìth agus cliog ‘Let’s go’.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de graphic scrìn laptop screen a tha a’ sealltainn làrach-lìn Google Chrome. Triùr bheaga ann an teis-mheadhain na duilleige. Tha ceangal ann am Beurla (Stàitean Aonaichte) ann an gorm faisg air a bhonn air an taobh chlì son cànan a thaghadh. Tha ceangal “So-ruigsinneachd” ann an gorm faisg air a’ bhonn a’ ceadachadh cothroman so-ruigsinneachd. Tha “Let’s go” ann an gorm, cliog air sin agus rach chun ath cheum.]
Ceum 3 Ceangal gu lìonra Wi-Fi agus cliog ‘Next’. `S e an Lìonra ainm an t-seirbheis siubhail WIFI a tha a’ tighinn leis a’ Chromebook agad. Lorgaidh tu sin air leubail air cliathaich a’ bhocsa WIFI siubhail.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de scrìn laptop a tha a’ sealltainn “Connect to a Wi-Fi network – Ceangal ri lìonra Wi-Fi”, cliog “Next” a tha aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 4 Aontaich ri na teirmichean is cumhaichean aig Google. Cliog ‘Aontaich agus lean air adhart - Accept and continue’.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de “Teirmichean is cumhaichean aig Google - Google terms and conditions”. Cliog “Aontaich agus lean ort - Accept and continue” a tha ann an “Gorm ” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 5 Cuir a-steach fiosrachadh cunntas Google. Mur eil cunntas Google agad, cliog air ‘More actions’ agus an uairsin ‘Create account.’
[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Sign in dhan Chromebook agad”. Cliog “Next” a tha ann an gorm “Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 6 Thèid iarraidh ort na leanas a chur a-steach: Do chiad ainm Do shloinneadh Cliog ‘Next’.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Cruthaich Cunntas Google - Create a Google Account”. Iarraidh e ort d’ainm a chur a-steach - “Enter your name”. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm -Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 7 An uairsin thèid iarraidh ort seo a chur a-steach: Do cheann-latha Do Ghnè Cliog ‘Next’.
[Fios mun iomhaigh: Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Fiosrachadh bunaiteach – Basic information. Iarraidh e ort do cheann-latha agus do ghnè a chur a-steach - “Cuir a-steach d’ainm agus do Ghnè”. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 8 Thèid iarraidh ort an uairsin seòladh post-dealain a thaghadh. Tagh am fear a tha thu ag iarraidh no cruthaich fear dhut fhèin. Cuimhnich gun sgrìobh thu an seòladh son a chumail air chuimhne. An uairsin cliog ‘Next’.
[Fios mun iomhaigh: Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Tagh seòladh Gmail dhut fhèin Cliog “Next” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 9 Cruthaich facal-faire làidir. Tha facal-faire làidir na chuideachadh le bhith:
● a’ cumail fiosrachadh pearsanta tèarainte ● a’ dìon na puist-dealain agus faidhlichean agad ● a’ bacadh dhaoine eile bho fhaighinn a-steach dhan chunntas
agad Na cruthaich facal-faire a bhios furasta fhaighinn le tuaimse. Cleachd sreath de litrichean àrd agus ìosal, le samhlaichean agus àireamhan. Na cleachd facail-faire a tha cumanta, leithid 123456. Bi cinnteach gu bheil ochd caractaran aig a’ char as lugha anns an fhacal-faire cleachdaidh agad. Na cleachd aon fhacal leis fhèin ann an cànan sam bith. Leithid ball-coise. Na cleachd facal a’ tighinn bho d’ainm fhèin, ainm ball dhen teaghlaich, no ainm peata. A bharrachd air ainmean, na cleachd àireamhan fòn, seòlaidhean no cinn-latha. Cliog ‘Next’.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Cruthaich facal-faire làidir - Google - Create a strong password”. “cruthauch facal-faire làidir le measgachadh de litrichean, àireamhan agus suaicheantasan. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 10 Cuir a-staigh àireamh fòn. Faodaidh tu àireamh fòn a chur a-staigh ma tha thu gu bhith a’ sireadh taice a’ stèidheachadh facal-faire ùr, ma thèid e às do chuimhne.
[ Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, cuir a-steach Àireamh-fòn – Google, Add Phone Number”. Iarraidh e ort d’àireamh a chur a-staigh - “Enter your number”. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm -Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Mur eil thu ag iarraidh seo, faodaidh tu gluasad gu bonn na duilleige, (cuir 2 chorrag air a’ phada-suathaidh agus tarraing sìos iad gu socair. Bu chòir gun leanadh an scrìn slighe nan corrag, sìos). Cliog ‘Skip’.
[Fios mun iomhaigh:grafaig de chlàr-iuchrach airson laptop glas le dà chorrag air a’ phada-suathaidh].
Ceum 11 Cha mhòr deiseil! Gabh ri teirmichean agus cumhaichean sam bith a nochdas. An uairsin roghainnean ‘Aontaich agus lean air adhart - Accept and Continue’ son syncronachadh.
[Fios mun iomghaidh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, tha thu clàraichte a-staigh/Cliog Aontaich agus lean air adhart, a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 12 Faodar stuth a cheannach ann an stòr Google App, leithid:
● apps – innealan a nì cùisean leithid ceannach, coimhead bhiodeoan agus obair-banca air loidhne nas fhasa
● geamaichean ● filmichean, no gan gabhail air mhàl ● e-leabhraichean
Cliog ‘Tuilleadh’ - ‘More’. A uairsin cliog ‘aontaich - accept’.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google Play and App Services. Cliog “Aontaich - Accept” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart nuair leughas tu an teacs].
Ceum 13 Tha Neach-cuideachaidh Google ga obrachadh le guthan dhaoine. Faodar a chleachadh a dheanamh liostaichean, son èisteachd ri na naidheachdan as ùire agus son ceòl a chluich. Son Neach-cuideachaidh Google a chleachdadh: Cliog ‘Cuir seo air - Turn on’. Air an agh scrìn, buail ‘lean air adhart - continue’. An uairsin air an ath scrìn cliog ‘cuir dheth seo - turn off’.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Your Google Assistant”. Faighnichidh e a bheil thu ag iarraidh cuideachaidh. Cliog “Cuir air seo – Turn On” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].
Ceum 14 Tha thu nis deiseil airson an eadar-lìn a shiubhal. Cliog air Google Chrome airson Google Chrome a thòiseachadh. `S e brabhsair-lìn a th’ann an Google Chrome. `S e seo a tha thu a’ cleachdadh airson a bhith a’ cnuasachd fiosrachaidh air an eadar-lìon.
[Fios mun iomhaigh: grafaig de bhrabhsair-lìn “Ciamar a tha thu Rachel - Howdy, Rachel”].
Tèarainteachd air loidhne Tha e cudromach fios a bhith agad ciamar a tha gad chumail fhèin sàbhailte air loidhne. Seo cuid de na rudan as urrainn dhut a bhith a’ dèanamh airson a bhith a’ ceannach gu sàbhailte air loidhne.
● na sgaoil fiosrachadh banca no cairtean-airgid mur deach sealltainn dhut mar a tha thu a’ ceannach gu sàbhailte air loidhne.
● na sgaoil fiosrachadh pearsanta sam bith, leithid ainm no
seòladh, gu daoine nach aithne dhut. Ma tha thu eòlach air daoine, bu chòir gum biodh am fiosrachadh sin aca.
● na sgaoil facail-faire idir. Tha iad mar iuchraichean gu dorais
an taighe. Ma bheir thu seachad iad faodar an cleachdadh son an fhiosrachaidh pearsanta agad fhaighinn.
● ma tha teagamh sam bith nad inntinn, na tèid air adhart. Iarr
comhairle air a’ Ghaisgeach Digiteach agad dè bu choir dhut a bhith a’ dèanamh mur eil thu gu math cinnteach.
● tha gach teachdaireachd agus na dealbhan a chuireas tu air
meadhanan sòisealta gu bhith maireannach. Leis sin, bu chòir a bhith faiceallach le na tha a’ cur air loidhne.
● cha bu chòir dhut teachdaireachdan no dealbhan de dhaoine
sam bith a chur air loidhne gun an cead fhaighinn.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh uidheamachd agus
fiosrachadh cuideachail mu thoiseach-tòiseachaidh air
loidhne aig start.connecting.scot
top related