an ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · pdf fileiain stiubhart,"...

8
" An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi maireach." Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 26, 1903. No. 26. COLLA CIOTACH MAC QHILLEASBUIQ.* LEIS AN OIXA MAC FHIONGHAIN AN DUNEIDEANN. HA mhor aiiimean a bu shiubhlaiche am beul an t-sluaigli aims na h-Eil- eana Deasach o cliioim dluth air tri cheud bliadhna na ainm an diul- naicli so, ged nacli b'ann do na h-Eileanan no eadhon do dh'Albainn a bhuineadh e gu dligheacli. Agus amis na h-brain-luadhaidh a cliluinnear chp caithreamach ann an cuid de na h-Eileana Tuathach fhathast gheibhear gu trie "Com na ceille, Mac 'Ic Ailein," "Eeath- anaich ruadh nan ro-sgeul," "Apuinn Mhic Iain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. Chumiacas Colla r'a linn an iomadh aire; agus b'esan aon de'n fheadhaiun a chluinn- teadh far nach fhaicteadh iad. Is eigin nach robh 'ainm ueo-chumanta an Eunnainn, air neo clia sgriobhadh Milton mar a rinn e. Cliuir am Bard so a macli leabhar d'an d'thug e mar ainm Tetrachoi'don. Fhuaras coire do'n tiodal. Bha am facal cruaidh do'n teangaidh is searbh do'n chluais. Fhreagair Milton : Why is it harder, Sirs, than Gordon, Coikitto, or Macdonnel, or Galasp ? Those rugged names to our like mouths grow sleek That would have made Quintilian stare and gasp. Tha an so againn ainm Cholla, ainm athar, a shloinneadh is fhar-ainm ann an aon sreath. Cha b'urrainn gu'n robh na h-ainmean anuas- ach ami an Eunnainn 'nuair a sgriobh am Bard. Their cuid gu'u d'fliuair Colla am far-ainm 'ciotacli' a cliioun gu'n robh e cho deas leis an laimh chli, a' chiotag no a' chearrag, 's a bha e leis an laimh dheis, gu'n robh e ciotach coingeis, mar theirear; ach is docha gu'n robh am facal air a ghnathachadh mar tha e a nis, agus gu'n d'fhuair Colla an t-ainm mar gheibh aon dhinn fhein leis an deise a' chiotag na an deasag. Cha do lean am far-ainm r'a chloinn, co-dhiu's a' Ghaidh- lig agus amis na criochau far am b'eolaiche Colla. Cha chluinnear an Colasa ach Alastair Mac Colla, Aonghus Mac Colla. Anns a' Bheurla chithear ainm Alastair Mhic Cholla Chiotaich fo iomadh cruth : Colkitto, Colonel Kitto, Young Colkitto, MacColl MacKittisli; ach 's e Burton a cliuir an dreach as neonaiche gu leir air—Macdonald of Colkitto, mar gu'm bu leob fearainn Colla. Thug Domhnall nan Eileanau, Domhnall Ghaireach, mar their sinu gu bitheanta, stroic mhor de dh'Ile's de Chimitire d'a bhrathair, Iain Mor, an Tainistear. Phos Iain Mor bau-oighre nan Gleaun an Eirinn, agus o'n am sin theirteadh ri oighre Iain Mhoir, an Eachdraidh na h-Alba, Mac Dhomhnaill Dhuii-uaonihaig 's nan Gleann. 'Nuair a thilgeadh Tighearua nan Eileanan, thainig riaghladh an t-seann teaghlaich aiumeil gu crich, agus thuit oighreachdan farsuing nan * Leughadh am paipeir so do Chomunn na Giidh- lig an L,unnainn air an aona-la-fichead de'n Cheitein, 1903. Domhuallach fo'n chruu. Fhuair na Cinn- chinnidh 's na h-uachdarain, air a' chuid a bu mhotha, am fearainn air an ais le coir o'n righ an aite na corach a bha aca roimhe sin o'n Domhnallach. Ach cha d'fhuair oighre Iain mhoir coir sgriobhta o'n Chrun gu ceann iomadh latha. Eean an teaghlach ris na fear- ainn, co-dhiu ris a' mhor-chuid diubh, ach cha robh iad ach 'nan tuathanaich fo'n chrun. Coltach ri cinn-chinuidh eile na Gaidhealtachd bha sliochd Iain mhoir 'n an daoine fogh- ainteach; ach cha'n urrainnear a radh gu'n robh iad daonuan ro ghlic. Is ainneamh a chithear sealladh as muladaiche an Eachd- draidh na chithear 's na h-Eileana Gaidheal- ach an deigh riaghladh nan Domhnallach. .Eeathanaich is Domhnallaich mu dheas; Domhnallach is Mac Eeoid, Mac Eeoid is Mac Coinnich mu thuath, an sgbrnain a cheile. Bha gun teagamh Caimbeulach air cnoc an so, Gordanach air cnoc an sid, 'g an stuigeadh 'na cheile gu dian. Ach saoilidh mi gur suarach an dearbhadh air toinuisg Ceaun- cinnidh e bhi ro dheas gu freagairt fead ciobair, seolta g' am bi e. Bhuair Clann Tlleathain coir an He, 's cha bu luaithe fhuair na bha iad fhein 's na Domhnallaich am mullacb a.r meall. Bha a' chrioch eadar an da oighreachd aig Port- ascaig an Caol He, ach cb bu leis Port-ascaig ? Is ganu nach do chuir an da fhine as d'a cheile air Traigh-ghruiueart 's a' bhliadhna 1598, a' socrachadh na cuise so, Sir Seumas Domhnallach air ceann an dara feachd, Each- ami Mbr Dhubhaird, brathair a mhathar, air ceann an fheachd eile. Thuit Eachann Mor, is leonadh Sir Seumas. Rinneadh casgradh mor air an da thaobh, gu sonraichte air Cloinn Tlleathain. Bu duine taitneach Sir Seumas air doigh no dha. Bha modh is ionnsachadh aige nach robh ro chumanta r'a linn. Ach bha camadh 'na chrannchur. Cha robh ach droch cordadh eadar e fein is athair, duine dur a bha duilich a bhi reidh ris. Bha tuas- aid an Cinntire, 's chasaideadh air Seumas gu'n do chuir e teiue ri tigh-mor Ascamuil ged bha fhios aige gu'n robh athair 's a' mhathair a stigh. Rinneadh greim air 's bha e nis fo ghlais an Duneideann. Bha He 's Cinutire gu mbr troimh cheile. Bha na Donihnallaich air an uideal, 's bha suil chlaon aig Mac Cailein air fearanu nan Domhnallach. Fhuair e cheana leob nach bu bheag dheth ; ach cha'n fhoghnadh sin. Bha ainm is cliu nan Domhnallach mor air Tir-mor 's amis na h-Eileanan, 'uuair nach robh na Caimbeulaich ach 'n an uachdarain ri taobh Eoch-odha. Fhuair Mac Cailein a nis coir air Cinntire air son a dhragha 's a dhurachd a' cur as do Chloiun Ghriogair. Ach b'e ' He ghlas an f heoir' seaun dachaidh nan Domh- nallach. Bha an t-eilean farsuing, torach; ach cha b'e sin gu leir a luach an suilean Mhic Cailein. Biodh na Domhnallaich as, agus biodh Caimbeulach ami; 's an sin bhiodh fiughair ami an uine ghoirid gu'm biodh .cliu is iomradh an t-seann teaghlaich ghreadh- naich air di-chuimhne, 's nach biodh ainm urramach an Earraghaidheal ach an Righ 's Mac Cailein. Bha cairdean Mhic Dhomhnaill an Eirinn ag iarraidh He cho maith ris na Caimbeulaich. Rainig aon diubh so Righ Seumas an Dun- eideann, 's chuir e tairgse stigh air son an eilean. Rinneadh moraii de'n Eirionn§ch 's a' chuirt; rinn an righ ridire de Sheumas mac Shomhairle, ach cha d'thug e dha He. Beagan bhliadhnachan. 'ua dheigh so, thug Raghnall Mac Shomhairle, brathair Sheum- ais, tairgse air oighreachd mac bhrathar athar, agus fhuair esan aonta air He. Ach cha do thaitiun riaghladh anEirionnaichris na h-Ilich. Chuir iad gearan do Dhuneideann gu'n robli an t-uachdaran iir 'g an sarachadh le mal 's Ie mod, le cain is cis, 's le riaghailtean na h-Eir- eann, 'nuair a b'e an coir-san a bhi fo lagh- anna'na h-Alba. Fhuair an gearan eisdeachd. Is ami ail cois Raghnaill Mhic Shomhairle a tha eachdraidh earbsach Cholla Chiotaich anns na h-eileanan a' toiseachadh. Bha Colla an dluth dhaimh do Raghuall Mac Shomh- airle 's do Shir Seumas Domhnallach. Bu thriuir bhraithrean Seumas Dhun-naomhaig 's nan Gleaun, Colla nan Capull, agus Somh- airle Buidhe. B'e Sir S< \nr- . Dom'.n-.illnch ogha 's oighre Sheumais Dhun-naomhaig; b'e Cplla Ciotach ogha Cholla nan Capull; agus b'e Raghnall mac Shomhairle Bhuidhe. Tha an t-Urramach Deorsa Hill 'n a leabhar luachmhor air Clann Domhnaill Antruim ag innseadh dhuinn gu'n robh da mhac aig Colla nan Capull, Gilleasbuig agus Raghnall; gu'n do chaochail Gilleasbuig goirid an deigh dha posadh agus nach d'fhag e duine cloinhe ach Colla Ciotacli; gu'n d'thainig Raghnall Mac Colla do Cholasa mar uachdaran, gu'n do thogadh Colla Ciotacli mac a bhrathar leis anns an eilean; agus gur anu mar sin a fhuair Colla Ciotacli coir air Colasa. Faod- aidh roinn de'n fhirimi a bhi's an t-seanachas so. Ach cha'n 'eil an roiuu mbr. Bha Colasa aig Domhnallach nan Eileanan o'n chrun fo'n aon choir 's a bha na h-Eileanan eile aige. Ach b'e teaghlach de Chloinn Dhuibh-Shith, no Claun-a-Phi mar their sinn a nis, a dh' oighrich an t eilean fo 11a Domhnallaich. B'e Mac-a-Phi Cholasa Cleireach Comhairle, no Parlamaid, He. Cha'u 'eil dearbhadh gu'n robh sgriobhadh aig Mac-a-Phi air Colasa o na Domhnallaich. 'Nuair a thuit Domlinall- ach nan Eileauau thainig Colasa, mar a thainig He, air ais fo'n Chrun, 's thainig Mac-a-Phi Cholasa mar a thainig Domhnall- ach Dhun-naomhaig gu bhi 'na thuathauach fo'u Righ. Thug Ban-righiun Mairi gun teagamh fearann teaghlach Dhuii-naomhaig an Ciuutire 's an He agus bailtean an Colasa do Sheumas Dhun-naomhaig, agus dh'fhaod- adh esan, no oighre, am fearauu sin a thoirt o Mhac-a-Phi nan togradh e, 's a thoirt do aon sam bith a thoilicheadh e. Ach clia'u 'eil dearbhadh gu'n d'thug, ach an t-atharrach. Fhuair an Domhuallach am fearauu 's a' bhliadlma 1545. Ach tha sgriobhadh air gu'u

Upload: vothu

Post on 18-Feb-2018

350 views

Category:

Documents


78 download

TRANSCRIPT

Page 1: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

" An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi maireach."

Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 26, 1903. No. 26.

COLLA CIOTACH MAC Q H I L L E A S B U I Q . *

L E I S A N O I X A MAC F H I O N G H A I N A N

D U N E I D E A N N .

H A mhor aiiimean a bu shiubhlaiche am beul an t-sluaigli aims na h-Ei l -eana Deasach o cliioim dluth air tri cheud bliadhna na ainm an diul-

naicli so, ged nacli b 'ann do na h-Ei leanan no eadhon do dh 'Albainn a bhuineadh e gu dligheacli . Agus amis na h-brain-luadhaidh a cliluinnear chp cai threamach ann an cuid de na h-Ei leana Tua thach fhathast gheibhear gu trie "Com na ceille, Mac ' I c A i l e in , " " E e a t h -anaich ruadh nan ro-sgeul ," "Apuinn Mhic Ia in S t i ubha r t , " "Ai lean na S o p , " is "Co l l a Ciotach mac Ghi l leasbuig" taobh ri taobh. Chumiacas Colla r ' a l inn an iomadh a i r e ; agus b 'esan aon de 'n fheadhaiun a chluinn-teadh far nach fhaicteadh iad. I s eigin nach robh 'a inm ueo-chumanta an Eunnainn, air neo clia sgriobhadh Milton mar a rinn e. Cliuir am Bard so a macli leabhar d'an d ' thug e mar ainm Tetrachoi'don. Fhuaras coire do'n tiodal. B h a am facal cruaidh do'n teangaidh is searbh do'n chluais. Fhreaga i r Milton :

Why is it harder, Sirs, than Gordon, Coikitto, or Macdonnel, or Galasp ? Those rugged names to our like mouths grow sleek That would have made Quintilian stare and gasp.

T h a an so againn ainm Cholla, ainm athar, a shloinneadh is fhar-ainm ann an aon sreath. Cha b 'urrainn gu 'n robh na h-ainmean anuas-ach ami an Eunnainn 'nuair a sgriobh am Bard . T h e i r cuid gu 'u d'fliuair Colla am far-ainm 'ciotacli ' a cliioun gu 'n robh e cho deas leis an laimh chli, a' chiotag no a' chearrag, 's a bha e leis an laimh dheis, gu 'n robh e ciotach coingeis, mar the i rea r ; ach is docha gu 'n robh am facal air a ghnathachadh mar tha e a nis, agus gu 'n d'fhuair Colla an t-ainm mar gheibh aon dhinn fhein leis an deise a' chiotag na an deasag. Cha do lean am far-ainm r ' a chloinn, co-dh iu ' s a' Ghaidh-lig agus amis na criochau far am b 'eolaiche Colla. Cha chluinnear an Colasa ach Alasta i r Mac Colla, Aonghus Mac Colla. Anns a' Bheur la chi thear ainm Alastair Mhic Cholla Chiotaich fo iomadh cruth : Colkitto, Colonel Kitto, Young Colkitto, MacColl MacKittisli; ach ' s e Burton a cliuir an dreach as neonaiche gu leir a i r—Macdonald of Colkitto, mar gu 'm bu leob fearainn Colla.

T h u g Domhnall nan Ei leanau, Domhnall Ghaireach, mar their sinu gu bitheanta, stroic mhor de d h ' I l e ' s de Chimitire d'a bhrathair , Iain Mor, an Tainis tear . Phos Ia in Mor bau-oighre nan Gleaun an Eir inn, agus o 'n am sin theirteadh ri oighre Ia in Mhoir , an Eachdra idh na h-Alba, Mac Dhomhnail l Dhuii-uaonihaig ' s nan Gleann. 'Nuai r a thi lgeadh Tighearua nan Ei leanan, thainig r iaghladh an t-seann teaghlaich aiumeil gu crich, agus thuit oighreachdan farsuing nan

* Leughadh am paipeir so do Chomunn na Giidh-lig an L,unnainn air an aona-la-fichead de'n Cheitein, 1903.

Domhuallach fo 'n chruu. Fhua i r na Cinn-chinnidh ' s na h-uachdarain, air a' chuid a bu mhotha, am fearainn air an ais le coir o 'n r igh an aite na corach a bha aca roimhe sin o'n Domhnallach. A c h cha d'fhuair oighre Ia in mhoir coir sgriobhta o 'n Chrun gu ceann iomadh latha. Eean an teaghlach ris na fear­ainn, co-dhiu ris a' mhor-chuid diubh, ach cha robh iad ach 'nan tuathanaich fo 'n chrun. Coltach ri cinn-chinuidh eile na Gaidheal tachd bha sliochd Ia in mhoir 'n an daoine fogh-a in teach ; ach cha 'n urrainnear a radh gu 'n robh iad daonuan ro ghlic. I s ainneamh a chi thear sealladh as muladaiche an Eachd-draidh na chi thear ' s na h-Ei leana Gaidheal-ach an deigh riaghladh nan Domhnallach.

.Eeathanaich is Domhnallaich mu dheas ; Domhnallach is Mac Eeoid, Mac Eeoid is Mac Coinnich mu thuath, an sgbrnain a cheile. B h a gun teagamh Caimbeulach air cnoc an so, Gordanach air cnoc an sid, ' g an stuigeadh 'na cheile gu dian. Ach saoilidh mi gur suarach an dearbhadh air toinuisg Ceaun-cinnidh e bhi ro dheas gu freagairt fead ciobair, seolta g' am bi e.

Bhuai r Clann Tl lea tha in coir an He, ' s cha bu luaithe fhuair na bha iad fhein ' s na Domhnallaich am mullacb a.r meall. B h a a' chrioch eadar an da oighreachd aig Port-ascaig an Caol He, ach cb bu leis Port-ascaig ? I s ganu nach do chuir an da fhine as d'a cheile air Traigh-ghruiuear t ' s a' bhliadhna 1598, a' socrachadh na cuise so, S i r Seumas Domhnallach air ceann an dara feachd, Each-ami Mbr Dhubhaird, brathair a mhathar , air ceann an fheachd eile. T h u i t Eachann Mor, is leonadh S i r Seumas. Rinneadh casgradh mor air an da thaobh, gu sonraichte air Cloinn Tl lea thain . B u duine tai tneach S i r Seumas air doigh no dha. B h a modh is ionnsachadh aige nach robh ro chumanta r 'a linn. A c h bha camadh 'na chrannchur . Cha robh ach droch cordadh eadar e fein is athair, duine dur a bha duilich a bhi reidh ris. B h a tuas-aid an Cinntire, ' s chasaideadh air Seumas gu 'n do chuir e teiue ri t igh-mor Ascamuil ged bha fhios aige gu 'n robh athair ' s a' mhathair a st igh. Rinneadh greim air ' s bha e nis fo ghlais an Duneideann.

B h a He ' s Cinutire gu mbr troimh cheile. B h a na Donihnallaich air an uideal, ' s bha suil chlaon aig Mac Cailein air fearanu nan Domhnallach. Fhua i r e cheana leob nach bu bheag dheth ; ach cha 'n fhoghnadh sin. B h a ainm is cliu nan Domhnallach mor air T i r -mor ' s amis na h-Ei leanan, 'uuair nach robh na Caimbeulaich ach 'n an uachdarain ri taobh Eoch-odha. Fhua i r Mac Cailein a nis coir air Cinntire air son a dhragha ' s a dhurachd a' cur as do Chloiun Ghriogair . Ach b ' e ' He ghlas an f heo i r ' seaun dachaidh nan Domh-nallach. B h a an t-eilean farsuing, t o r ach ; ach cha b ' e sin gu leir a luach an suilean Mhic Cailein. Biodh na Domhnallaich as, agus biodh Caimbeulach ami; ' s an sin bhiodh fiughair ami an uine ghoirid gu 'm biodh .cliu is iomradh an t-seann teaghlaich ghreadh-

naich air di-chuimhne, ' s nach biodh ainm urramach an Earraghaidheal ach an R i g h ' s Mac Cailein.

B h a cairdean Mhic Dhomhnail l an E i r i nn ag iarraidh He cho maith ris na Caimbeulaich. Ra in ig aon diubh so R i g h Seumas an Dun-eideann, ' s chu i r e tairgse stigh air son an eilean. Rinneadh moraii de 'n E i r ionn§ch ' s a' c h u i r t ; rinn an r igh ridire de Sheumas mac Shomhair le , ach cha d ' thug e dha He. Beagan bhliadhnachan. 'ua dheigh so, t hug Raghna l l Mac Shomhair le , brathair Sheum-ais, tairgse air oighreachd mac bhrathar a thar , agus fhuair esan aonta air He. A c h cha do thaitiun riaghladh anEi r ionna ichr i s na h- I l i ch . Chuir iad gearan do Dhuneideann gu 'n robli an t-uachdaran iir ' g an sarachadh le mal ' s Ie mod, le cain is cis, 's le riaghailtean na h - E i r -eann, 'nuair a b ' e an coir-san a bhi fo lagh-anna 'na h-Alba. Fhua i r an gearan eisdeachd.

I s ami ail cois Raghnai l l Mhic Shomhai r le a tha eachdraidh earbsach Cholla Chiotaich anns na h-eileanan a' toiseachadh. B h a Colla an dluth dhaimh do Raghual l Mac Shomh­airle ' s do S h i r Seumas Domhnallach. B u thriuir bhraithrean Seumas Dhun-naomhaig ' s nan Gleaun, Colla nan Capull , agus Somh-airle Buidhe. B ' e S i r S< \nr - . Dom'.n-.illnch ogha ' s oighre Sheumais Dhun-naomhaig ; b ' e Cplla Ciotach ogha Cholla nan Capu l l ; agus b ' e Raghna l l mac Shomhair le Bhuidhe . T h a an t -Urramach Deorsa Hill 'n a leabhar luachmhor air Clann Domhnail l Antru im ag innseadh dhuinn gu 'n robh da mhac aig Colla nan Capull, Gil leasbuig agus R a g h n a l l ; gu'n do chaochail Gil leasbuig goirid an deigh dha posadh agus nach d'fhag e duine cloinhe ach Colla Cio tac l i ; gu 'n d ' thainig Raghnal l M a c Colla do Cholasa mar uachdaran, gu 'n do thogadh Colla Ciotacli mac a bhrathar leis anns an e i lean ; agus gur anu mar sin a fhuair Colla Ciotacli coir air Colasa. Faod-aidh roinn de 'n fhirimi a b h i ' s an t-seanachas so. A c h cha 'n 'ei l an roiuu mbr. B h a Colasa aig Domhnallach nan Ei leanan o 'n chrun fo 'n aon choir ' s a bha na h-Ei leanan eile aige. Ach b ' e teaghlach de Chloinn Dhuibh-Shi th , no Claun-a-Phi mar their sinn a nis, a dh' oighrich an t eilean fo 11a Domhnallaich. B ' e Mac-a-Phi Cholasa Cleireach Comhairle, no Parlamaid, He. Cha 'u 'eil dearbhadh gu'n robh sgriobhadh aig Mac-a-Phi air Colasa o na Domhnallaich. 'Nua i r a thuit Domlinal l-ach nan Ei leauau thainig Colasa, mar a thainig He, air ais fo'n Chrun, ' s thainig Mac-a-Phi Cholasa mar a thainig Domhnal l -ach Dhun-naomhaig gu bhi 'na thuathauach fo 'u R igh . T h u g Ban-righiun Mairi gun teagamh fearann teaghlach Dhuii-naomhaig an Ciuutire ' s an He agus bailtean an Colasa do Sheumas Dhun-naomhaig, agus dh'fhaod-adh esan, no oighre, am fearauu sin a thoirt o Mhac-a-Phi nan togradh e, ' s a thoirt do aon sam bith a thoilicheadh e. Ach cl ia 'u 'e i l dearbhadh gu 'n d ' thug, ach an t-atharrach. Fhua i r an Domhuallach am fearauu ' s a ' bhliadlma 1545. Ach tha sgriobhadh air g u ' u

Page 2: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

2 0 2 M A C - T A L L A

robh Mac-a-Phi an seilbh ' s na bliadhnachau 1549, 1609, 1615 . Ma bha Raghna l l Mac Colla a' riaghladh an Colasa, ' s ann leis an la imh laidir, ' s cha 'n ann le coir, cho f h a d ' s as le i r dhuinn, a bha e a' r iaghladh.

B h a Colla posda, a reir coslais, da uair. T h a Mr Hill ag radh, air ughdarras leabhar-laimh, gu 'm b ' e ainm a mhuatha Nic-a-Chath-anaich no Nic-Neil l . T h a naigheachd eile aig Mac-Mhuir ich , seanachaidh Mhic-ic-Aileiu. S o a chaiunt-san, air a h-atharrachadh' gu Gaidhl ig an la. d iugh : " B u duine maith Raghua l l Mac Aileiu a reir na h-aimsire d 'an robh e, duine fial, farsuing, cruadalach, car thanach. B ' i a cheud bheau nighean Ragh-nail l Mh ic Sheumais , Tainisde an Oirear a deas. R u g i mac maith dha, Aonghus Mor mac Raghnai l l . Chuir e uaithe i, agus phbs i ' na dheigh sin Colla Mac Ghilleasbuig. Agus is i bu mhathair do chloinn Cholla ,—Gil leas­buig agus Raghnal l [Aonghus] agus Alastair , agus claim mhaith nighean a bha posda ri daoiue uaisle ma i the . " Ma b 'e an Raghna l l M a c Sheumais so, Raghna l l Mac Sheumais Dhun-naomhaig ' s nan Gleann, b ' iad Colla ' s a bhean oghachau an da bhrathar . Cha 'n 'e i l cunntas gu 'u robh mac aig Colla d'ani b 'a inm Raghnal l , ach bha gun teagamh mac aige air an robh Aoughus. Cha 'u 'eil fios cinnteach againn cuiu a phos Colla, no mu aois a' chuid cloinue. Rugadh Colla e fein mu 'n bhliadhna 1570, agus bha Gilleasbuig, am mac bu shine, aig aois d u i u e ' s a' bhliadh­na 1623. Rugadh Alastair an Colasa, ami an Sabha l l ban Chill-Oraii. T h e i r na Colasaich gu 'n do leum na claidheamlman as an truaill ' s gu 'n do loisg 11a gunnachan leo fheiu an oidhehe rugadh Alastair . B h a fiosachd aig a bhan-altruim, tha Mr Kirke a' deanamh iom-radh oirre 'na leabhar mu 11a Si th ichean, agus dh ' innis ise gu 'm fasadh an leanamh gu bhi 'n a ghaisgeach treun iomraiteach, agus gu 'm biodh a' bhuaidh leis gus an la tha a shathadh e a bhratach ami an Gocam-go.

(7?z leantuinn.}

C r i o c h B l i adhn ' E i l e . T h a M A C - T A L L A leis an aireamh so a' cur

crioch air an aoua bliadhu' deug. T h a sinn an so a' toirt taing dhaibhsan a nochd iad fein a bhi na 'n cairdean dha, a chuidich leis " l e 'n ciun, le 'm pimi, ' s le 'n sporain." T h a aireamh mhath de luchd-gabhail aig a' phaip-eir a fhuair a cheud aireamh dheth, agus a tha ' cu r rouihpa nach sguir iad dhe 'ghabhai l gus an teirig aou chuid iadsan no esau—agus tha sinn an dochas gu bheil an latha sin fad as. Ged nach fhaodar aicheadh gu bheil morau de na Gaidhe.il gun bhi cho dileas do chainnt an d u t h c h a ' s bu choir dhaibh a bhith, t ha moran eile dhiu amis am .bheil tomhas math de spiorad nan seann laoch o'n d ' thainig iad, a tha deonach cliu an duthcha ' s cainnt an sinnsir a chumail suas. I s ami dhiu sin iadsau a rinn e comasach do'n M H A C - T A L L A t igh 'nn troimh na bliadhnachan so, agus a bhi aig an am so na ' s fhearr an d r e a c h ' s am bodhaig na bha e r iamh roimhe. Ma rinu sinn dearmad air ar ta ingealachd a chur an gei l l dhaibh, creideadh iad uach b 'ann a chionn uach robh an taingealachd siu aunainn. I s iomadh ni math a bhios anns a chridhe uach ruig barr na teanga, no idir gob a pliinu. T h a dbchas againn gu 'm bi aireamh na feadh-nach a tha faicinn mar dhleasanas orra bhi cuideachadh M H I C - T A I X A a' sior dhol na ' s 1116, agus gu 'n t ig air gach soirbheachadh a

ghuidh "Bodachan a' Ghara idh" dha, agus gu 'm faic e, gu fior, " laithean a 's fhearr ua chunuaic e fha thas t . "

Chaochail Maighst i r Seumas Fr isei l , sagart parraiste S t . Andrew, an siorrachd Ant igo-nish, feasgar Di-haoine s 'a chaidh. B h a e aon uair ann am parraist Ingonish, an siorr­achd Victor ia , agus an deigh siu an Glace B a y . B h a e rithist ami an Georgeville, au siorrachd Antigonishy agus coig bliadhu' deug air ais bha e air a chur do pharraist S t . An­drew, far an robh e gu am a bhais. B ' e aon de 11a sagairt bu chomasaiche bha 'sail t-siorr-achd, agus bidh mor ionudrain air am measg a iuchd-eblais. B u Ghaidheal gu chul e, agus. bha fior mheas aige air cainnt ' s air eachd-raidh a shinnsir. B h a e air a thiodhlacadh Di-mairt air au t-seachduin so. B h a aireamh mhor cruinn aig au torradh.

Naidheachdan. Fhuaireadh Eadailteach marbh air an rathad

mhor faisg air baile Halifax oidhche Di-sathuirne s'a chaidh. B ' aim le peileir daga cliaidh a mharbhadh. Tha cuid a deanamh dheth gu'm b'e fhein a chur lamh na 'bheatha, ach tha amharus aig euid gu'n deach a mhurt le Eadailteach eile.

Chaidh tigh-grudaireachd na 'theine aim an Glascho, agus bha seachdnar air an losgadh gu bas le sruth uisge-beatha a bha ruith as. Bha an t-uisge beatha a' gabhail, agus a' giulain an teine mach air an t-sraid agus do gach aite 'n robh e ruith. Mur biodh ri chur os leith an uisge-bheatha ann an Glascho ach na seachd bais so, bu mhath an gnothach e.

Ged nach eilear a' glacadh uiread ghiomach am bliadhna's a b' abhaist bliadhnachan roimhe, tha na prisean na's airde, agus mar sin tha na h-iasg-airean a' deanamh na's fhearr. Tliatar a nise 'faighinn tri dolair gu- leth is ceithir dolair an crate orra. Tha cuid de dh' iasgairean a rinn a cheana ceithir oheud dolair air na giomaich. Tha an t-iasgach eile car fad air ais seach mar a b' abhaist.

Oidhch' a cheathramh la dhe'n mhios so bha an tigli aig Ruairidh Mac-Phail, an Gieann Ainslie, faisg air Hogamah, air a losgadh gu lar. Bha muinntir an tighe uile na'n cadal, agus cha d' rinn iad ach dusgadh an am gu iad fein a shabh-aladh. Bha innsridh an tighe air a losgadh gu h-iomlan, agus a bharrachd air sin chailleadh da mhile dolair de dh' airgiod a bha'n gleidl:eadh aig fear an tighe. Tha an call mar sin anabarrach mor.

Thatar ag obair gu trang air taomadh an uisge a M.einn an Dominion, agus cha'n fhada 'n uine gus am bi i tioram. Bidh an obair a' t6iseachadh innte na's luaitlie na bhatar an toiseach an duil. Ann am Meirm an Reserve, far 'n do sguireadh de phairt dhe'n obair air eagal gu'm bristeadh an t-uisge bha 'sa mheinn so a stigh, thatar a nis ag obair na h-uile latha. Cosdaidh an teine agus a chur as iomadh mile dolair do chuideachd a' ghuail, ach a reir gach coltais cha d' rinneadh call anns a mheinn air nach faighear thairis.

Tha na teintoan lionmhor anns gach aito air taille na tiormachd. Cha mhor uisge shil fad a' Cheitein, agus toiseach a mhios so bha na coill-tean cho tioram ri spong. Ann an Cuebec, ann am Maine, ann am New Brunswick agus ann an Nobha Scotia bha moran coille air a losgadh, agus cha robh doigh air an teine chasg gun uisge shil-eadh. Ann am baile Digby, air an treas latha dhe'n mhios so, bha an ce6 cho tiugh 's gu'm b' fheudar na soluis a lasadh, neo cha'n fhaiceadh daoine leis an dorchadas. Air an latha sin cuid-eachd, bha baile beag aim an New Brunswick, Musquash, air a fchur losgadh, agus da cheud sluaigh air am fagail gun dachaidh. Bha tein-tean an taobh so fein, ach cha robh iad gie mhor 110 ro-chunnartach. Tha aon aobhar-taingealachd ann, nach eil cunntas gu'n d' rinneadh call beatha leis na teintean so an aite sam bith. Ged thainig uisge a chuir as do na tointein tha tiormachd mhor ann fhathast, agus mur sil tuilleadh an uine ghoirid bidh gach feur is barr air am milleadh.

Tha meallan mora deighe timchioll Newfound­land a' cur maille air an iasgach. Cha'n eil teag­amh nach e na tha dhe 'n deigh mhoir anns a chuan an iar oirnn a tha fagail an t-samhraidh so cho fionnar's a tha e ann an Ceap Breatunn.

Tha sinn an dochas nach dean an luchd-gabhail dearmad air paidheadh na bliadhna tha nis a' toiseachadh a chur air adhart gun dail. Tha iom­adh cosdas ri choinneachadh mu'n am so, agus cuiridh iadsan a ni 'n dleasanas an ealamhachd comain mhor oirnn.

Chaidh Iain Blue a mhuinntir Orangedale a mharbhadh ann am meinn ghuail an Glace Bay oidhche Di-haoine s'a chaidh. Gun a bhi na fhaireachadh sheas e fo'n chr6 a bha aig an am- a dol sios agus thainig e air gun fhios dha, 'ghrad mharbhadh. Bu duin' 6g e gun bhi pbsda.

Bha Seanadh na h-Eaglais Bihethodich an Nobha Scotia cruinn ann an Sidni air an t seachd-uin s'a chaidh 's air an t seachduin so. Bha air­eamh mhor mhinisteirean a lathair, agus bha coinneamhan aca na h-uile latha fad corr is seachduin. Di-sathuirne s'a chaidh, bha iad air cuireadh o'n bhaile ag amharc thairis air seana bhaile Louisbourg's air Tuir Mharconi an Glace Bay.

Tha an treas Seamrag aig Sir Tomas Lipton a nis ann an New York, liinn i a turus thair cuain gun sgiorradh sam bith. Thatar ag innse gu bheil i moran na's luaithe na'n da Sheamrag a chuir e nail roimhe. Thatar ag radh cuideachd gu bheil a bhirlinn Gheancach am bliadhna na's luaithe na aon sam bith a thainig roimpe. Mar sin cha cliuir sinn geall gu'n coisinn Sir Tomas Cupan na h-Amerioa am bliadhna ged a b' fhior thoigh leinn fhaicinn ga 'thoirt air falbh leis.

Bha gruaim mhor air muinntir Chanada ri Andra Carnegie air-son briathran a labhair e, ma b' fhior, mu'n duthaich so. Ann an Sidni gu h-araidh bha corruich mhor an cuid againn, agus tha e toirt faothachaidh mor dhuinn a bhi nise leughadh nach d' thuirt Andra coir facal mi-iom-chuidh mu Chanada no idir mu bhaile-mor SliidnL Tha e os ceann ainme fein ag radh gu'n deach a mhor chuid de'n chomhraclh a bhatar a' cur air a dheilbh le fear paipeir-naidheachd. Tha sinn uile toilichte chluinnthm gu bheil Andra neochiontach, ach 's mor ar duilichinn fein gur fear paipeir-naidheachd a bha cur nam breug air. Tha e dearbhadh an t-seanfhacail, nach eil coill gun a crionach.'

Tha an t-Urr. Coinneach Domhnullach, minis-teir Phort Morion, an deigh am parraiste sin fhag-ail. Shearmonaich e an uair mu dheireadh 'saa eaglais sin feasgar na Sabaid romh 'n te s'a chaidh. La na Sabaid roimhe sin shearmonaich e le mor thaitr.eas an eaglais St. Andrews, 'sa bhaile so. Air an t-seachduin s'a chaidh dh' fhalbh e-fein's a theaghlach do Thoronto. Phad 'sa bha Mr. Domhnullach ann am Port Morien, shoirbh-ich cuisean a choithionail gu math. Bha eaglais ur, togalach briagha, air a cur suas, agus cha'n eil ach suim gle bheag dhe na chosd i gun phaidh-eadh. Tha Mr. Domhnullach na shearmonaiche tapaidh am Beurla 's an Gailig, agus tha muinntir a choithionail gle dhuilich gu'm fac' e iomchuidh am fagail.

Oidhche Di-ciaduin, an seachdamh la deug dhe 'n mhios so, bha gniomh uamhasach air a dhean-amh ann an Servia. Bha an righ A'.asdair is a bhanrigh Draga, air am murt air a mharbh mheadhon oidliche anns an luchairt rioghail. Bha ofigich an airm aig bun a ghnothaich, agus bha na murtairean air an deagh dhuaisneachadh. B h a ' m Prionnsa Peadar air a ghairm na righ leis an arm cho luath 's a thilg am fear eile 'n de6. Di-luain chruinnich a pharlamaid, agus an deigh an aonta chur ri gairm Pheadair dh' ionnsuidh a chruin, thug iad taing do ofigich an airm air-son deanamh mar a rinn iad. Tha rioghachdan na h-E6rpa mar nach biodh fhios aca ciod bu chdir dhaibh a dheanamh sa chilis idir, thainig an gnoth-uch cho grad orra—ach 's e's docha gu'n seas iad a thaobh mur deanar an coir murt is marbhaidh. Thatar ag iomradh gu bheil an righ ur ag iarraidh murtairean an righ nach maireann fhogradh as an duthaich. Cha 'n eil an t-iomradh sin air a dhearbhadh leis na fiosan iru dheireadh a thainig. Tha iadsan aig an robh lamh 'sa mhurt ait- ar-dachadh dreuchd fhaotainn, agus thaecoltach, an aite bhi air am peanasachadh leis an riaghladh ur gur ann a bhios iad air an duaisneacliadh.

Page 3: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

M A C - T A L L A 2 0 3

INNSEAN NA H-AIRDE 'N IAR.

AM measg nan daoine treun-inntinneach, fogh-ainteach, iomraiteach a chunnaic an saogh-

al l'iamh, tha agus bithidh gu brath aite ard, measail aig Columbus, a fhuair a mach America. Bu gheur agus bu treun da rireadh na buaidhean inntimi agus anma 'bhuineadh dha. Air mhodh sonruichte, air nach robh e ma dh' fhaoidte min-eolach, bha 'smuaintean o thus a laithean air an tatruing a dh' ionnsuidh na Mor-roinn a bha agus a tha air taobh thall a chuain. Cha robh teag­amh air bith aige fein gu robh Mor-roinn ana-barrack farsuing agus beartach ann an airde 'n iar an t-saoghail. Bha e cinnteach mar an ceudna gu faigheadh esan an duthaich ur so a mach, nam

.bitbeadh comas aige air seoladh thar a' chuain gus an duthaich fharsuing, bhriagh a bha daonnan 'n a inntinn. An deigh dha iomadh oidheirp dhuilich, chruaidh a dheanamh, airson comhnadh fhaotuinn bho dhaoine cumhachdach, saoibhir anns an Roiun-Eorpa, nochd Ferdinand agus a Bhan-righ Iseabal anns an Spain, cairdeas mor agus faoilidh dha. Chuir e longan an ordugh ann an uine ghearr airson imeachd thar a' chuain bheucaich, bhuirb gus an tir aluinn ur a bha gach am 'n a bheachd.

Cha robh ach longan suarach, diblidh, bochd anns na longan a ghiulain Columbus agus a chairdean thar a' chuain. Air an dara la deug de October, 1492, chaidh e air tir air an eilean Salvador, a tha dluth air tir mor America. Chaidh e gu minic air feadh Tnnsean na h-airde 'n iar, agus bhuilich e air moran na h-ainmean a tha iad a' giulan gus an latha 'n diugh, Ged bha Columbus co ard-inntinneach, tapaidh, b' eiginn da moran trioblaid fhuiling bho na Spaintich fein. Chuir iad iomadh ni olc as a letli, ged bha e daonnan neo-fheineil, glic, measarra 's geamh-nuidh. Is iomadh latha fada on chunnaic an saoghal gur e duine direach, comasach, ceart a bha gun teagamh ann an Columbus, agus gu robh a naimhdean nimheil, carach, aingidh, agus an-iochdmhor. Sgriobh Irving gu sgileil, gasda, iirinneach eachdraidh beatha Cholumbuis, agus dhearbh e gu pongail gur e luchd breugach, olc 'us ana-measarra 'blia ann an naimhdean a' ghais-gich eudmhor, ealanta 'fhuair a mach America. Aontaichidh sinn uile gu toileach leis na briath-ran mora, flathail, grinn a sgriobh Irving mu dheibhinn Cholumbuis : Gu bitheadh a Spiorad ineamnach, ardanach air faochadh 'us solas 'fhaot­uinn, am measg deuchainnean a shean aois, agus am feadh a bha e bochd agus a bha daoine uasail 'us iosail a cumail uaithe 'n cairdeas, am meas agus a' chliu air an robh e iior-airidh, 'nan robh comas aige air amhairc thar na linntean a bha air thoiseach air, agus air beachd shonruichte 'ghabh-ail air na cinnich, na sloigh, na teangannan 'us na canainean a blia anns na laithean a bha ri teachd a dol a sgaoileadh thar an t-saoghail aluinn, bhoidhich a fhuair e fein a mach, agus a' dol a lionadh comhnardan 'us leargan 'us bailtean iomadh sluaigh le cl iu 's ainm 'us treubhantas 'us ailleachd Cholumbuis, co fada's a ruitheas clach 'us uisge.

Is ann aig na Spaintich a bha uachdaranachd air tus thairis air Innsean na h-airde 'n iar. Is iomadh blar a ghleachd cabhiach Bhreatuinn 'us na Frainge 'a na Spain airson ughdarras 'fhaot-ninn thar na h-Ei!eanan ud. Tha iomadh ceath-arnach a bha dileas 'us duineil ann an suri nan ]ann, a gabhail suain a' bhais ann an Innsean na h-airde 'n iar. Thainig crioch air cogadh nan cabhiach anns na h-ionadan ud, agus a nis tha suaicheantas Bhreatuinn a' seideadh ach beag anns srach soirbheas aim an Innsean na h-airde 'n

iar. Buinidh da eilean fathast do na Frangaich Martinique's Guadaloupe. I s ann am Martin­ique 'tha 'n cnoc loisgeach JPelee, as an d' thainig lava milteach, basmhor, a mharbh ann am beagan uine iomadh mile duine. Tha measan luachmhor a' togail an cinn gu lurach, ard anns na h-Eil­eanan ud. Tha cinneas pailt, reamhar, craobhach r 'a fhaicinn air gach taobh anns na h-Eileanan a bhuineas do Bhreatunn. I s ann le ughdarras Bhreatuinn a tha mar so na h-Eileanan air an riaghladh re iomadh gine'alaich a nis. Tha teanga 's abhaistean Bhreatuinn air freumh laidir a ghabhail anns na h-Eileanan. Tha 'n sluagh a' labhairt le guth ceolmhor Beurla chruaidli, sgair-teil. Cha 'n 'eil ach uine ghoirid on th6isich sinn ann an Canada air eolas pongail 'fhaotuinn mu na h-Eileanan nach 'eil fada bho 'r criochan fein, agus a bhuineas do Bhreatunn. Tha Pickford agus Black, cuideachd a tha ann a Halifacs, airidh air cliu mhor, on is iadsan a thoisich air bataichean smuide 'chur eadar Canada's Innsean na h-airde 'n iar. Cha 'n urrainn do luchd-aiteachaidh nan Eileanan ud cruinneacbd a thog-ail agus iomadh ni eile 'tha feumail airson teachd-an-tir an t-sluaigh. Tha sin a' cinntinn anns an duthaich bheartach againn fein, ann am pailteas mor, agus theid againn air moran a sheachnadh air am bheil feum daonnan aca anns na h-Innsean. Tha mar an ceudna feum againn air siucar agus air iomadh meas 'us ni eile 'tha 'cinntinn anns na h-Innsean, agus a b' abhaist a bhi 'dol a dh' iarr­aidh agus a dh' fhaotainn margaidh anns na Staitean agus an duthchannan eile. Tha malairt ghasda 'dol air aghart cheana eadar Canada's na h-Innsean. Thug an Orinoco ochd mile deug baraille le flur 'us buntata 's iasg 'us nithean eile sios bho cheann beagan uine gus na h-Innsean, agus thug i nios gu Halifacs da rnhile's da cheud tunna de shiucar doun. CONA.

EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIQHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIOXGHAIN.

C A I B . V I I I .

TAING A CHAIPTEIN AM UAL A BHA 'SAN IUBHRAICH

GADACHD AGUS TEICHEADH CABHAGACH.

iN uair a thug Eobhain air bord a namh-aid, agus a thug e air na thug e as a' chuan a chur am mach, agus a thug e gu thur fhein e, bha e gu

nadarra smaointinn gu 'n tiodhlaiceadh e 'n tuagh gu brath, agus gu 'n sineadh e lamh an cairdeas dha. Ach bha e air a mhealladh ; oir an uair a chruinnich an Caiptean a smaointeanan, 's e nis gu sabhailte na 'bhata fhein, is ann a thdisich e ri cur coir' a h-uile rud a bh' ann air an t-sealgair.

• " Cha 'n 'eil teagamh," ars' Eobhain, " nach mi bu choireach, aims an aon t-seadh an robh ghuilb-neach coireach ris an t-suil a chur as an fhorsair cham. An uair a bha i tuiteam's e air a marbh-adh, clium e 'shuil oirre gu brath gus an do bhuail a gob na 'shuil."

Cha do leig Adam air gu 'n cual' e so. " Bu shuarach orm," ars' esan, "do thoirt suas air-son feuchainn ri m' bhathadh. Theid agam air barr-achd is aon duine fhaighinn a mhionnaicheas gum fac' iacl thu."

" M a tha thu smaointinn gu 'n creidear d' fhacal roimh m' fhacal-sa, ged nach teid mi bhiib-adh duine sam bith gus mionnachadh air mo shon, racli air d' adhart cho loath 'sa dh' fhaodas tu. Ach bi glic, a Cliaiptean Adam, agus leig suas na am ; oir tha thu nis a faicinn gur h-e do cheann fhein a's bruite, gach uair a dh' fheuchas tu ri m' bhalla diblidh a shreup gus mo chur gu dlth. Agus ged nach d' fhuair mise breith ard

no arach mar a fhuair thusa, is aithne dhomh a chrioch a tha eadar math is olc, agus cha 'n 'eil nam ach leigeil leam air mo shlighe fhin 'san t-saoghal, 's cha chuir mi dragh air neach sam bith, agus a nis a so suas seachainn tliusa mo rathad, agus seachnaidh mise do rathad-sa, oir tha 'n saoghal farsuinn gu leor air ar son le cheile. A thaobh na chaidh seachad tha mi toirt lan mhathanas dhut, agus mar chomharra mu 'n dealaich sinn so mo lamh." Leis an fhacal shin e lamh do 'n Chaiptean, ach b' e 'n fhreagairt a fhuair e gaire magaidh.

" Ha ! ha ! tha sin math gu dearbh—am baig-eir a toirt mathanais do 'n duin'-uasal ! Thoir matiianas dhomh, Eobhain choir, an uair a dh' iarras mi ort e, 's tha eagal orm gu 'n gabh thu fadachd mu 'n tig au uair sin."

Le so a radh leum e gu tir, oir leis cho lag 'sa bha e an deigh a bhogaidh, b' fheudar do 'n t-sealgair a chur gu cladach, agus b' ann air an t-slighe 'bha 'n seanachas so eatorra.

" Thig au latha gun teagamh," ars' an sealgair ris fhein, 's e 'g amharc na 'dheigh, " agus ma dh' fhaoidte nach 'eil an uine cho fada air falbh 'sa tha thu, Adaim dig, an duil."

O bhriathran agus gluasad a Chaiptein thuig e gu 'm faodadh e bhi sealltainn air-son stoirm, oir bha e soilieir ri fhaicinn nach robh e idir ga chunntais fhein ciosnaichte fhathast, a dh' ain-deoin gach ni, agus nach biodh e riaraichte gun stri chruaidh a dheanamh fhathast gus a mhiann a shasachadh agus inntinn a tlioileacliadh.

Bha Eobhain ceart 'sa bheachd so ; oir air a shlighe dhachaidh bhoidich agus mhionnaich Adam gu 'n cuireadh e nis gacli unnsa dhe 'chuil-bheartan an geill air-son greim fhaighinn air Mairi, agus gheall e dha fhein mu 'm biodh e seachduin na bu shine gu 'm biodh so deante, 's mar sin bha 'shuil am mach, agus a chluas ri claisneachd daonnan. Bha mar an ceudna a bhata agus a charbad cho deas 's gu 'n cuireadli smeid-eadh gu gluasad iad, los an uair a ghlacadh e 'n t-eun gu 'in biodh a rogha aige gus a giulan, a reir an ama ' s an aite.

Beagan uine na 'dheigh so—gus a bhi fior chinnteach, oidhche Dhior-daoin, oir b' ann air Di-sathuirne 'bha iad 'san eilein—bha cuirm chridheil ann an taigh duine choir 'sa bhaile, duine lis an cante Murachadh sgiobair. 'S e duin' iongantach a bha 'm Murachadh, a chuir earrann dhe 'shaoghal seachad air bharr nan tonn du-ghorm, agus a dh' eirich ceum no dha os cionn a chumantais ami, gus an do chuir grian nan Innsean stad air le buille bheag no dha a thoirt da 'san eanachainn, a chuir cuileag luasganach ann. Ach blia beagau airgid aige ma seach, agus tur gu leor, 's gu 'n tug e aghaidh air tir an fhraoich, feuch an toireadh grian fhuar a dhuth-cha fhein as a cheann an scillein a chur grian nan Innsean ann. Bha e cuideachd cho glic 's gu 'n d' fhuair e bean 'san Dim, agus air-son an t-ainm a chosnadh na b' fhearr thog e taigh cho coltach ri luing's a ghabhadh deanamh, ri fior oir na rnara, agus thug e'n "Iubhrach" mar ainm air. Bha e gu math deigheil air cuideachd na hoig-ridh, is mar sin b' ann 'san Iubhraich a bhiodh spiorad an t-subhachais ri fhaotainn daonnan. Ach c' ait' am bheil ceann mo sgeoil? O, a' chuirm.—B' ann ma ta 'san lubhraich a bha oigridh an aite cruinn air an oidhche so a dh' ainmicheadh. Am measg na hoigridh ghreadh-nach so bha Mairi bheag, cho ciuin, speisealta's bu ghnath, agus Una dhonn cho boidheach 's a b' abhaist, air faireadh Ach ohi sinn air tarruinn dluth, gu bheil i ban, tana seach mar a b' abhaist, agus gu bheil buailtean mu na euilean a b' abhaist a bhi cho soilleir, agus nacii 'eil an gaire air a

Page 4: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

2 0 4 M A C - T A L L A

bilean ach tearc, agus a tighinn a dh' aindeoin. B h a Eobhain ban mac an t-Saighdeir ann, agus cha robh fear fo na cabair a thigeadh suas ris an eireachdas, na dheise bhoidhich bhallaich Ghaidh-ealaich, agus ged a bha e na 'dhuine mor trom, cha robh dannsair 'sa chuideachd a bheireadh barr air, no bha cho aotrom ris air an urlar. Ged a b' i Una nighean bu blmidhche bha stigh, ann an doigh chruaidh, fliuar, cha robh i idir a faighinn a bheag a dhannsa air an oidhche so, oir bha gillean an aite air a h-aithneachadh (pairt dhiubh co-dhiu) agus air fein-fhiosrachadh fhaigh­inn mu cho iomlan's cho caochlaideach 'sa bha i. Mar sin bha i cumail a bhalla 'chuid bu mhotha dhe 'n oidhche, agus cha 'n 'eil teagamh nach b' ann air furm an aithreachais, air dhi a bhi faicinn na chaill i, agus a bhi faicinn nigheanan eile air an robh i sealltainn sios aon uair, 's an gruaidhean laiste le toileachas inntinn, le 'n leannain dhileas a dol 'sa ridhle gu h-uallach. Ged nach b' fhiach le Caiptean Adam a bhi air an dannsa bha gille uaithe ann, agus bha e fhein le iarunn 'san teallach air an oidhche so, oir nach b' e so an oidhche bha e dol ga dhuaisneachadh fhein, agus a bharr air a sin a dol a chur saighead guineach an cridhe 'n t-sealgair, a bu lugh' air na 'm puinnsein. Bha ma ta, e fhein agus seirbhis-each le carbad a falach dluth do thaigh an dannsa, agus fear eile ris an cante Seumas breac ai<r a chuirm a' gabhail beachd air cuisean d'a mhaighstir agus air-son am a chothrom innse dha. Bha 'n taigh gu math bruthainneach, agus bha mar sin na dannsairean na 'm buidhnean an drasda 'sa rithist a dol am mach a dh' iarraidh na fionnarachd. Thug Seumas breac an aire le 'shuil gheur gu 'n robh cle6ca dubh aig Mairi bhig agus cleoca soilleir aig Una, agus air dha 'm faicinn a deanamh deas le cheile gus a dhol greis a ghabh-ail soifbheas ciibhraidh na mara, am mach a ghabh e far an robh 'mhaighstir leis a bhrath aoibhneach ris an robh e feitheamh. Bha 'n oidhche gu math dubbrach, le sgle6 neoil dhorcha a ruagadh a cheile gu h-ard, air chor ' s gu 'n robh i gu math freagarrach mar chuibhrig gu comhdach ghniomhan eu-ceartais naeh f uiling grian geal Dhe.

" A nis," arsa Seumas breac, 's an anail an aird a chleibh, " tha iad a tighinn, Mairi bheag is Una. Tha cle6ca ban air Una, agus aithnichidh sibh Mairi air a chleoca dhubh."

Gun dail chual' iad au dithis, agus o'n bha 'n t ait' air a chiinntas diomhair, a c6mhradh mar is dual do nigheanan a bhith. Chrub na sealg-airean dubha ris a chreig, air do 'n dithis nighean tarruinn dluth. Am briobadh na sula 'san dol seachad leum Adam am mach le 'ghille, agus chaitheadh cuibhrige m'a cheann te a chle6ca dhuibh, is togar i dha 'n charbad a bh' aig an fhear eile ga 'fheitheamh, 's am mach a ghabh iad na 'n cruaidli leum. Chaidh gach eubhach a bh' ann an uair a thachair so a bhathadh le fuaim throm nan tonn. Agus a bharr air a sin chaidh Seumas breac fhagail, le oniugh cruaidh, maille chumail air Una, air eagal 's gu 'n toireadh i seachad sgeula nan creach tuilleadh is luath, gus cothrom a thoirt dhasan astar sabhailte 'chur eadar e fhein is t6rachd o'n t-sealgair. Mar sin thachair. Bha fuaim a charbaid air a chall fad nine mu 'n d' fhuair te a chleoca bhain leis an naidheachd gu taigh an dannsa. Aig an dorus thachair Eobhain ban rithe, 's e dol ga sireadh, a gabhail fadachd nach robh iad a tilleadh.

"O, Eobhain," ars' ise, 's a h-anail an aird' a cleibh, " thachair tha—thachair ni ua—uamhas-ach ! Thugadh Una air—air falbh o m' thaobh le dithis dhaoine ann an carbad, is dh' fhalbh iad na 'n cruaidh leum. Chuir creutair eile 'innean an sas annamsa mar chat fiadhaich, agus chum e

mi air eagal gu 'n tiginn ga 'innse, gus am biodh iad air falbh gu math."

"Ach, a Mhairi, cha robh aon teagamh agam nach b' i Una a bh' annad fhein. Nach e so an cle&c' aice 1" 's e cur a laimhe air.

" 'S e," arsa Mairi, 's i deanamh gaire. " Bha 'n t-amadan manntaeh gu math easgaidh gu frith-ealadh dhuinn, an uair a bha sinn a tighinn am mach, agus le mearachd thug e dhc-mhsa cle6c' Una, agus thug e mo chleoca-sa do dh' Una, 's air son spors agus air-son a toileachadh dh' fhag sinn mar sin iad."

" Ma ta," ars' an sealgair, an deigh dha bhi tiotadh a smaointinn, " bi cinnteach, a Mhairi, gu bheil lan dhu.il aca gur tusa th' aca ; oir tha mi cinnteach gu bheil an trusdar, Caiptean Adam, aig bun a ghnothuich."

Ruith e thun an aite, aoh cha robh Seumas breac no neach eile ri 'in faicinn, air am builich-eadh e pairt dhe fheirg.

" Co aig' tha brath," ars' esan ri Mairi, 's iad a nis a tilleadh thun an doruis, " nach robh mi cearr a thaobh a cbo-dhunaidh thun an tainig mi roimhe. Ma dh' fhaoidte gu 'n robh Una fhein 'san diomhaireachd, agus gu 'n robh iad air-son teicheadh le cheile."

"Cha 'n 'eil fios agam de their mi," arsa Mairi, "o i r tha mi smaointinn nach robh reusan sam bith aca deanamh mar sin. Tha fios agam gu 'n robh an t-aon a bh' aca ri fhaighneachd—a math-air—lan dheonach iad a phosadh, agus a deanamh na b' urrainn i gus a thoirt mu 'n cuairt."

A smaointinn mar so gur a docha gu 'm b' ann le a toil fein a dh' fhalbh Una le "Struidheir a' Bheallaich," mar a theirte ris a nis, cha do chuir aon sain bith dragh air fhein air a taille. 'S ann a bha a mathair gu spreadhadh le pr6is an uair a chual' i e.

"Ah ! " ars' ise, agus leth troidh a bharrachd a tighinn a dh' aird' oirre, " cha robh de mhisneach aig a ghille bhochd na thigeadh ga h-iarraidh orm fhin. A bharr air a sin, 's e sud fhein an doigh fhasant' am measg nan uaislean. Agus ged a tha 'ur teangannan-se luath gus coire 'chur air m' Una-sa, 's e gach aon agaibh a bhiodh toilicht' am maireach na 'n sealladh tighearna 'n taobh am biodh 'ur loireagan nigheanan, gun tighinn air teicheadh leotha."

(Hi leantuinn.)

SQEULACHDAN ARABIANACH.

A L A D I N .

C A I B . X I X .

Br ~ " ^ H A Aladin anabarrach toilichte an uair a thainig am fathach far an robh e,

J 5 " ~ a 3 agus gun duil sam bith aige ris. I B M "Sabhail mo bheatha dhomh, 'fhath-

aich, an dara uair, aon chuid le innseadh dhomh c'aite am bheil an luchairt a thog mi, no leis an luchairt a thoirt air ais far an robh i roimhe."

"Cha 'n urrainn mise deanamh mar a tha thu 'g aithneadh dhomh," ars' am fathach; "cha 'n 'eil e 'nam chumhachd. Cha 'n 'eil mi 'nam sheirbhiseach ach aig an fhainne. Feumaidh tu do ghearain a dheanamh ri seirbhiseach a' chruis-gean."

" M a ' s ann mar sin a tha," ars' Aladin, "tha mi 'g ordachadh dhut, le cumhachd an fhainne, mo thoirt a dh' ionnsaidh na luchairt, ge b' e air bith aite anns am bheil i, agus mo leigeadh as fo uinneag an t-seomar anns am bheil nighean an righ a' fuireach."

Cha bu luaithe labhair Aladin na briathran so na thug am fathach leis e gu ruig' Africa. Dh' fhag e e aig an luchairt, fo bhonn na h-uinneig

aig an t-seomar anns an robh nighean an righ 'na laidhe. Bha 'n luchairt air a. suidheachadh air achadh mor, farsuinn, faisge air aon de bhailtean mora na h-Africa.

Ged a bha 'n oidhche dorcha, dh' aithnich Aladin an luchairt, agus an seomar anns an robh nighean an righ a' fuireach. Ach o 'n a bha greis mhor dhe 'n oidhche air a dhol seachad, agus o 'n a bha samhchair mu 'n luchairt, shuidh e fo bhonn craoibhe a bha faisge air an luchairt gus an tigeadh an latha.

Bha e sona gu leor 'na inntinn an uair a bha e 'smaointeachadh air mar a thachair dha fhaotainn do 'n aite mhath ud an deigh a' chunnairt anns an robh e an uair a rinn an righ greim air, agus a bha e air thuar a bhith air a chur gu bas.

Bha e 'g a thoileachadh fhein leis na smaoin-teanan so ; ach o nach do rinn e norradh cadail fad coig no sia de laithean, thuit e gu trom 'na chadal far an robh e.

Air an ath mhadainn, dhuisg e le ceilearadh nan eun a bha air a' chraoibh fo 'n do chaidil e, agus leis na bha na h-eoin a bha mu 'n cuairt dhe 'n luchairt a' deanamh de cheileireadh.

An uair a sheall e air an aitreibh iongantaich ud, bha aoibhneas do-labhairt air an uair a smaoin-ich e gu 'm biodh i aige dha fhein ann an uine gun a bhith fada, agus gu 'm faigheadh e greim aoii uair eile air a mhnaoi do 'n robh gradh cho mor aige. Leis na smaointeanan taitneach so 'na inntinn, dh' eirich e, agus thug e greis air cois-eachd mu choineamh uinneag an t-seomair anns an robh nighean an righ, agus e 'n duil gu 'n eir-eadh i, agus gu 'm faiceadh e sealladh dhi.

Am feadh's a bha e mar so a' coiseachd, bha e sior smaointean air mar a thainig am mi-fhortan 'na rathad ; agus an uair a bha e 'greis mhath a' dol fo 'smaointean, thuig e gur ann aige fhein a bha choire, a chionn nach do chuir e an cruisg-ean far nach faigheadh neach sam bith e. Bha e gle dhiumbach dheth fhein a chionn gu 'n robh e cho mi-churamach's gu 'n d' rinn e 'leithid de dhearmad air a dhleasdanas. Ach cha b' urrainn e aig an am a thuigsinn co an neach a fhuair greim air a' chruisgean. Na 'n robh fhios aige gur ann an Africa a bha e, bha e anns a' mhion-aid air a thuigsinn gu 'm b' e an draoidh a rinn an cron air. Ach cha d' ainmich seirbhiseach an fhainne dha c'aite an robh e, agus cha mho na sin a dh' fheoraich e fhein facal m' a dheidhinn.

Dh' eirich nighean an righ air a' mhadainn ud na bu traithe na b' abhaist dhi. An uair a bha i 'cur uimpe, sheall te dhe na mnathan-coimhid-eachd am mach troimh 'n uinneig, agus thug i an aire do Aladin, agus anns a' mhionaid dh' innis i d' a banamhaighstir e. Cha chreideadh nighean an righ an naigheachd, agus ghrad chaidh i fhein thun na h-uinneig. Agus an uair a chunnaic i Aladin, ghrad dh' fhosgail i an uinneag. An uair a chual' Aladin a bhith 'fosgladh na h-uinn­eig, sheall e suas, agus, an uair a chunnaic e nigh­ean an righ aig an uinneig, dh' fhailtich e gu cridheil i. Thuirt i ris : "Air eagal dad a dh' uine chall, chuir mi neach a dh' fhosgladh an dor­uis dhiomhair dhut. Thig a steach, agus thig a nuas." An uair a thuirt i so dhuin i an uinneag.

Cha bu luaithe fhuair Aladin a steach na ghabh e direach suas do'n t-seomar anns an robh nighean an righ. Chuir iad failte gu cridheil, caoimhneil, gradhach air a cheile, agus shil iad deoir an aoibhneis gu frasach. An deigh dhaibh na deoir a thiormachadh air falbh, thuirt Aladin : "Tha mi 'guidh' ort, a bhana-phrionnsa, ann an ainm Dhe, gu 'n innis thu dhomh, mu'm bi an tuill­eadh comhraidh eadrainn, ciod a thachair do 'n t-seana chruisgean a dh' fhag mise an crochadh ris a' bhalla ann an talla nan ceithir uinneagan

Page 5: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

M A C - T A L L A 2 0 5

fiohead mu 'n d' fhalbh mi do 'n bheinn sheilg." "Ochan ! mo cheile gaoil," ars' ise, "tha eagal orm gur e an cruisgean sin a chuir am mi-fhortan so 'nar rathad ; agus is e tha 'g am chur fo dhoil-ghios buileach glan gur ann agam fhin a bha 'choire."

"Na bi 'cur coire sam bith ort fhein," ars' Alad­in j "is ann a bha 'choire gu leir agamsa. Bu choir dhomh a bhith air a ghleidheadh na bu churamaiche na rinn mi. Ach feuchamaid a nis ri dhol ann an cois ar calla. Innis dhomh mar a thachair a' chuis, agus co fhuair greim air a' chruisgean."

Dh' innis i dha a h-uile car mar a thachair dhi an seana chruisgean a thoirt seachad ann an iom-laid air son cruisgean ur, mar a fhuair i i-fhein air an ath mhadainn ann an Africa le innleachd an draoidh mhealltaich a thug an car aisde mu 'n chruisgean.

" A bhana-phrionnsa," ars' Aladin, "tha mi nis a' tuigsinn co 'thug an car asainn, an uair a tha thu 'g innseadh dhomh gur ann an Africa a tha sinn. Is e duine cho mealltach 's a th' air an t-saoghal. Ach cha 'n e so an t-am no 'n t-aite anns an coir dhomh lan-chunntas a thoirt dhut mu dheidhinn cho eucorach, aingidh 's a tha e. Tha mi 'g iarraidh ort fios a thoirt dhomh ciod a rinn e ris a' chruisgean, agus c'aite am bheil e 'g a ghleidheadh."

"Tha e aige gu curamach 'na bhrollach a h-uile taobh a theid e," ars' i se ; "agus tha fios is citint agam air a so, oir thug e 'mach as a bhrollach e, agus sheall e dhomh e."

" A bhana-phrionnsa," ars' Aladin, "na bi dium-bach rlhiom a chionn gu 'm bheil mi 'feorach a leithid do cheisdean dhiot, oir is e gnothach cud-thromach a th' ann a bhuineas araon dhutsa agus dhomhsa. Innis dhomh, tha mi 'guidh' ort, cia mar a tha 'n duine mealltach, eucorach ud 'g a ghluasad fhein 'nad lathair?"

" 0 'n a thainig mi an so," ars' ise, "tha e 'tigh­inn uair 's an latha g' am fhaicinn ; agus tha mi cho gruamach agus cho greannach ris 's nach 'eil toil aige tighinn n a ' s trice. Tha e sior chomhair-leachadh dhomh bristeadh air a' ghealladh a thug mi dhutsa, agus e fhein a phosadh. Tha e 'feuch-ainn ri thoirt orm a chreidsinn gu 'n do chuir m' athair gu bas thu. Agus tha e 'g radh nach 'eil annadsa ach creutair truaillidh neo-thaingeil, agus gur ann air a shaillibh fhein a fhuair thu am fort-an mor a thainig 'nad rathad. Thuirt e moran eile nach ruig mi leas ainmeachadh. Ach o nach 'eil e 'faotainn dad a's fhearr uamsa na deoir agus coimhicheas, agus caineadh, tha e 'falbh a' cheart cho mi-thoilichte's a tha e tighinn. Cha 'n 'eil teagamh agam nach 'eil e 'smaointean gu 'n tig atharrachadh air mo nadar ri nine; ach cha 'n 'eil eagal sam bith orm a nis o 'n a tha mo cheile gaoil maille rium."

"Tha mi 'creidsinn gu 'n teid agarn air araon mi fhin agus tu fhein a, shaoradh o ar namhaid ; ach feumaidh mi dhol do 'n bhaile mu 'n teid ag­am air an innleachd a chinnich 'nam cheann a chur an gniomh. Tillidh mi mu mheadhain latha, agus innsidh mi dhut ciod a tha 'nam bheachd a dheanamh, agus innsidh mi dhut mar an ceudna ciod a dh' fheumas tusa dheanamh, a chum gu 'n teid an gnothach leinn mar is math leinn. Ach a chum nach bi ioghnadh ort, tha e iomchuidh dhomh innseadh dut gu 'm feum mi m' aodach atharrachadh. Agus an uair a thig mi thun an doruis dhiomhair, tha mi 'guidhe gu 'm fosglar dhomh e cho luath's a bhuaileas mi aige." Gheall a' bhana-phrionnsa gu 'n deanadh i direach mar a dh' iarr e oirre.

An uair a chaidh Aladin am mach as an luch­airt, sheall e mu 'n cuairt da agus thug e an aire

gu 'n robh duine cumanta a' dol air aghart do 'n duthaich. Choisich e gu cabhagach gus a:i d' rug e air, agus thuirt e ris gu 'm bu choir dhaibh an cuid aodaich iomlaideachadh. Dh' aontaich an duine so a dheanamh. Chaidh iad gu cul garadh, agus dh' iomlaidich iad an cuid aodaich.

Chaidh an duine cumanta air aghart a dh' ionn-suidh a ghnothaich fhein, agus chaidh Aladin do 'n bhaile far an do dh' fheoraich e air son fudar araidh o dhoctair a bh' anns a' bhaile.

Sheall an doctair air, agus an uair a thug e 'n aire gur e deise duine bhochd a bh' air, shaoil e nach robh aige de dh' airgiod na cheannaicheadh am fudar. Thuirt e ris gu 'n robh am fudar aige, ach gu 'n robh e gle dhaor. Thuig Aladin gle mhath ciod a bha ann an inntinn an doctair, agus thug e 'mach an sporran as a phocaid, agus leig e fhaicinn dha gu 'n robh aireamh de bhuinn oir aig' ann. Cheannaich e am fudar, agus phaigh e bonn oir air a shon.

An deigh dha greim beidh a ghabhail anns a' bhaile, thill e thun na luchairt. Fhuair e steach air an dorus dhiomhair cho luath 's a bhuail e aige.

An uair a rainig e an seomar anns an robh a bhean, thuirt e rithe : " Is docha gu 'm bi a' ghrain a th' agad air an draoidh buailteach air a thoirt ort diultadh deanamh mar a tha mise gus iarraidh ort a dheanamh. Ach ceadaich dhomhsa innseadh dhut gu 'm bheil e ro fheumail gu 'n deanadh tu mar a tha mise 'g iarraidh ort. Ma tha toil agad thu fhean a shaoradh o 'n draoidh, leig ore gu 'm bheil thu air fas measail air, a chum gu 'n toir thu do thoileachadh do d' athair gu 'm faic e thu aon uair eile.

"Ma ghabbas tu mo chomhairle-sa," ars' esan, "cuiridh tu umad an trusgan cho math 's a th' agad. Agus an uair a thig an draoidh, bidli tu na 's caoimhneile ris na bha thu riamh. Biodh aoidh ort ris, agus ged a bhiodh coltas broin ort, bi mar gu 'm biodh tu air thuar do bhron a chur gu buileach air chul.

"An uair a bhios tu 'comhradh ris, feuch ri thoirt air a thuigsinn gu 'm bheil thu 'feuchainn ri do bhron a leigeadh air dichuimhn'. Agus a chum gu 'n toir thu air a chreidsinn gu 'm bheil thu an deis tlachd mor a ghabhail dheth, iarr air a shuipear a ghabhail comhladh riut, agus abair ris gu 'in bu mhath leat blasad air an t-seorsa fiona a's fhearr a th' anns an duthaich. Theid e gun dail a dh' iarraidh an fhiona so dhut. Fhad 's a bhios e air falbh, cuir rud dhe 'n fhudar so anns a' chup ! ; agus abair ris an t-seirbhiseach a bhios a' frithealadh dhuibh, an cupa 'thoirt g' a d' ionnsuidh an uair a thig an t-am freagarrach. An uair a dh' itheas agus a dh' olas sibh le cheile na thig ribh, their thu ris gur coir dha fion ol as do chupan fhein mar chomharradh air a' mheas a th' aig' ort. Thoir an aire gu 'm bi an cupa anns am bheil am fudar laimh riut, agus lionadh tu dha e. Olaidh e gun teagamh e, gus do thoileach­adh. Agus cha luaithe dh' olas e e na thuiteas e an comhair chul a chinn."

COGAR-ADHAIR A DETROIT.

F H I K DEASACIIAIDH :—Cha'n fhaca mi fhathast litir 'sa MHAC-TALLA a chaidh a chur ugaibh ann an "cogar-adhair ; is e sin a chur nam inntinn an te so a chur d' ur n-ionnsuidh air an doigh nuadh agus iongantach sin. A thaobh nan ainmean a chaidh a thairgse dhuibh an aite "cogar-adhair" is e mo bharail nach 'eil aon dhiubh cho freagar-ach ris an ainm sin fhein. Tha e fonnmhor, freag­arrach, firinneach is goirid. Is duilich learn cur an aghaidh Bodachan a' Gharaidh ann a rud sam bith, ach feumaidh mi a radh gu bheil an t-ainm

a thairg esan is feadhainn eile ann am feum a cheana: is e sin "fios dealain," Nach e sin a their sinn an drasda ri telegram an uair is miann leinn a bhith fior Ghaidhealach ? Cha'n 'eil mi fein a' dol a thairgse ainm air a shon, mur cead-eich Peigidh Phabach dhomh a bhith an comaidh rithe mu 'n ainm fhonnmhor a thairg ise dhuibh. Is e sin am "Braman Sgiathach." Is iomadh gaire thug an t-ainm sin orm o leugh mi e 'san lit­ir aice. Tha mi creidsinn nach mi nam aonar air an d' thug sin gaire.

Thaghail orm an t-seachduin s'a chaidh Gaidli-eal cairdeil is deadh mharaiche a bheir Ion" eu cala cho math ri fear 'san t-sreath, Rob Mac Leoid a Baile-nan-Gall, iar ogha brathair mo shinn-seanamhair. Fhuair mi moran fiosrachaidh bhuaithe mu dheidhinn Gaeltachd ximerica. Sirs agaibh ainm ur d' au Eilean agaibh, ged nach b ' urrainn mi ainm fhaotainn airson ivireless tele­graphy.

Tha dolair bliadhnail MII IC-TALLA agam deis-eil nam sporan, gidheadh, o nach gabh airgead cur an cogar-adhair, feumaidh mi a chumail an sin an drasda. Ach sgriobhidh mi litir ugaibh an uine ghearr is bidh an dolair innte gun teagamh. Cha 'n e so a chiad chogar-adhair a chuir mi air falbh ugaibh, ach tha mi dearbhte nach d' rainig am fear eile sibh. Is e mo bharail gun ghlac na h-innealan aig Marconi e, agus o nach tuig an duine innleachdail sin Gaidhlig, ged is leth Ei r -ionnach e, ma dh' fhaodte gu robh e de'n bharail gur h-e bh' ann naigheachd a thainig da ionns­uidh as a' ghealaich, air neo a feareigin dhe na saoghail eile tha thallad.

Is duilich leam tarruing gu ciich, o'n is fior thaitneach leam a bhith a seanaehas air an doigh so, ris na Gaidheil a bhios a leughadh MHIC-TALLA. Tha fios is cinnt agaibh gu bheil gach facal a bhitheas an cogar-adhair a' cost deich sentaich-ean, agus tha fios agaibh cuideachd nach 'eil meinn or aig 'ur caraid

DOMHNULL MAC L E O I D .

P. S.—Thainig ath-smuain ugam bho'n sgriobh mi na tha roimhe so. Is ann le teiue-adhar tha Marconi a' cur air falbh nam fiosan. Tha an teine sin {electricity) a' dusgadh thonnan 'san adhar (ether) mar dh' eireas tonnan air loch an uair a thilgeas neach clach aim. Tha na tonnan adhair sin a' sgaoileadh gus na ceithir ghaothan, 'san dearbh dhoigh anns am bheil na tonnan air an loch a sgaoileadh. Cha'n 'eil fios ciod e cho fada air astar 'sa theid iad. Ma thachras meall iar-uinn no uisge fior-ghlan riutha, is eiginn dhaibh dhol timchioll orra, mar ni na tonnan air an loch 'nuair thachras sgeir riutha. Co am fear de leughadairean MHIC-TALLA a leanas na tonnan siubhlach so, le suil inntinn, bho dhuisgear iad 'sa Pholdubh no an Glace Bay a mach troimh fhar-suinneachd chianail nan speur; seachad air a-Ghealach, seachad air Uranus, seachad air Nep­tune, seachad air Arcturus, an rionag a's maisiche 'san speur; a' siubhal le luathas eagalach, bliadh­na 'n deigh bliadhna, linn an deigh linn, seadh deich ciad mile bliadhna, agus ma dh' fhaodte-deich uairean na h-uine sin, gus mu dheireadh gu 'm brist iad air cladach an reul a's fhaide mach a. chi sinn leis an telescope : agus as a sin a ghabhas seachad do dh' fharsuinueachd do-thuigsinneach 1 Am fear a chumas suil na h-inntinn orra gu sin nach fhaod e sluagh fhaicinn air an reul sin a, bhitheas a mhile fillt na's e61aiche air Nadur na tha sinne, agus a thuigeas na tonnan so agus cia as dhaibh na's fhearr na tha sinne tuigsinn an t-soluis a bhitheas deich ciad mile bliadhna a' tigh­inn na thonnan samhach air an doigh cheudna bho 'n reul sin 1 Dh' fhaodadh neach na bu

Page 6: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

2 0 6 M A C - T A L L A

mhiosa dheanamli na ainm a dhealbh d' an teachd-aireaobd ur so, de na faeail tonn is teine, an teine ad hair a tha gan dusgadh. Nach aluinn an t-ainm a bh' aig Oisian air te de na reultan, Tonn-theine, air a dhealbh bho na facail cheudna. Co tha 'g radh gu bheil a Ghaidhlig blion ? I s i nach 'eil. Tha iad a' deanamh fuaim gu leoir air canainean eile ma's suidhich iad air ainm do dh' innleachdan ura. A rithist slan leibh.

D. M. L .

Ceilidh nan Gaidheal an Glascho. (Oban Times).

Chumadh cuirm-chnuic a' chomuinn so ann an Uplawmoor air Di-sathuirne so chaidh, an 6mh latha de 'n inhios so. Dh' fhag a' chuideachd shunndach, thogarrach o'n Ionad Mbeadhonach, le carbad na snmide, aig da uair agus da, mhionaid an deigh mheadhon la " B ' aid dochas an cleibh" gach fear is te de 'n cheithir fichead pearsa a bha lathair, agus b' aithnichte gu 'm b' e smuain gach neach :

" Fagaidh mi ciiirtean duint' agus salach A dh' amharc air gleannaibh nam bo."

Cha do chuir criothnachadh a' charbaid muis-eag air neach, 's bha iad cho beothail, aoibheil an uair a rainig iad Monadh-an-druim-mhoir's a b' fheaird cuideachd a bhith. Choisich iad an corr de 'n astar gu h-uallach fo eisdeachd pongan fallain founmhor na piob-moire gu ruig fearann an t seann t-Sabhail, agus da rireadh

' • B ' aluinn. a bheinnean's a shrathan, B ' eibhinn dath a ghieanntan."

Bha air thoiseach air a inhor-chuideachd na chuir a' chuirm air deagh dhoigh. Bha 'n t-anart sgaoilte air an fheur ghorm ghcinn lan de bhiadh 'a de dheoch do 'n d' rinneadh lan cheartas. " De 's fhiach cuirm gun a comhradh ?" thuirt gach neach lis fhein, 's mar sin thoisich an conal-tradh, 's b' fhurasd a thuigsinn gu 'n robh gach neach de 'n bheachd gur h-ann a bha 'n so latha-feille. Dh' fhag gach fuachd a' chuideachd, 's .tharruing iad ri 'cheile aim an eud ro-bheo.

Air do'n chuirm a bhi reidh, thoisich a'chluich 's an coimhliongadh ann an rogha spioraid. Bha

J n luchd duais mar a leanas :— MXATHAN-UAISLE.

1. Cur na cloiche, Mairearad Nic Gilleain. 2. Re is—100 slat, Mairi Anna Nic Gilleain. 3. Coiseachd, 3 mile, Mairi Nic-Ciar.

DAOIN'-UAISLE.

1. Reis—100 slat, Donn. Mac Gilleain. 2. Leum-ard, Gilleasbuig Plardaidh. 3. Reis tri-chasach, D. Mac Gilleain agus D.

Mac Urchaidh. i. Cruinn-leum, Gilleasbuig Hardaidh. 5. Reis comhair-cuil, D. Mac Gilleain. -6. Reis air Jeth-chois, 1). Mac Urchaidh. 7. Reis am poca, D. Mac Gillleain.

'Bha mar an ceudna tarruing-catha air a chur -air bonn eadar da bhuidhea.nn de na mnathan .uaisie agus cuideachd eadar da bhuidheann de na • daoin'-uaisle. Tharruing iad uile gu durachdach, iduineil, agus bu mhaith a choisinn iadsan a bhuanaich an duais.

Bha 'n uine a ruith gu luath. Bha e nis sia uairean, agus fhuaireadh an ath chnirm—aran is bainne, a bu chiatach a thigeadh ri cail a' Ghaidheil.

Thugadh seachad na duaisean ann an doigh a bha taitneach, le Righ Chamarailia 'n a sheasamh air stoc craoibh-fhearna.

Chuireadh seachad an c6rr de'ti uine ri ce61 is dannsa, is conaltradh—cuid air dreallaig, 's cuid air raon, 's gach aon neacl) toilichte.

Ghleusadh a' phiob gu togarach, 's mu ochd uairean thug a' chuideachd an aghaidh an taobh a thainig iad, a' ruigheachd Ghlaschu mu Jeth-uair an deigh naoi.

Cha robh riamh aig a' Cheilidh cuirm-chnuic a bu shoirbheachaile. Cha b' urraiun duiue latha a b' fhearr iarradh. Bha'n t-ionad thar tomhais aillidh. Bha gach crann fo bhlath, 's gach cnoc fo ghorm-bhrat feoir air a bhreacadh le flurain mhaoth, a dh' fhas, direach mar a dh' fhas iad anns na gl inn's au d' araicheadh sinn. B'e so an duthaich da-rireadh—obair lamhan Dhe fhein, 's cha b'e obair duine. Bha solas air gach creutair, 's bha aoibhneas oirnne mar chuideachd.

B A R D A C H D N A F E I N N E .

E A M H A R A R T J I N N .

R O I M H - R A D H .

AI R do Oisian a bhi th ' na sheann laoch, dall, agus faun, an deigh na Feiune

uile, agus comunn 'bige air dol seachad ; bha e gun chuid, gun chairdean, a' caoidh nan treun-laoch a dh' imich, agus a' smaoineach-adh air a threuntais fein, agus am meas a bha air mar mhac r igh, agus mar ghaisgeach bir-dhearc ann an lai thibh 'bige. ' S an am sin thug nighean a bha aim an aon ta igh ris taire dha, agus labhair esan na briathrau a leanas, ag imiseadh gu h-araidh mu 'n uair a chaidh e a shuiridhe air E a m h a r Aluiun, nighean Bhr iau , a' cheud bhean a bh ' aige, agus mar a dhearbh e e-fhein mar ghaisgeach, agus na laoich a .bha maille ris, an uair a thug e an ceann de Chormaig, leannau Eamha i r Aluinn, agus an uair a mharbh e na laoich a bha maille ri muinntir Chormaig : tha e ' g inn­seadh mar a chaidh e-fhein agus a chuideachd le gairdeachas a chum 'athar, agus E a m h a r Aluinn aige, agus ceann Chormaig 'na laimh ; ach an t-atharrachadh a thainig air o 'n uair sin, g u ' m faigheadh e taire o nighinn. Agus tha e mar sheaufhacal ' s a' Ghaidheal tachd gus an latha 'n diugh, an uair a bhios neach aosda, gun slaiute, gun stbras, guu chairdean, gu 'm bheil e mar a blia Oisian an deigh na Peinue.

I s taireil duine far nach iomnhuimi, Deireamsa ruitsa 'nighean Aonghais ; Gu 'n robh mi a 'm' dheadh laoch air bheirt ibh, Ged tha mi a 'm' sheami l a o c h ' s an la so.

An latha do 'n deachaidh leinu, E a m h a r Aluinn au fhuilt ghrinn, Nighean bu gheal lamhach glaic, Reannan a' choigrich Cormaig.

Ghluais sinn gu saoi Rocha-leig, A n da fhear dheug a b ' fhearr fo 'n ghrein ; Ge b ' e a dh' fhidreadh ar run, Romhainu bu theichmheach droch cii.

D h ' fhailtich an sin Br ian mac Luafhair , Do '11 t-sluagh aluiun, krd, gheal-ghlacach, G u n i rach , treorach, neo-mheata, Nach fhuilingeadh masladh, no tarcuis.

Dh ' fharraid e dhinn an gloir bhinn Ciod an turns mu 'n d' thainig sinn. Caoilte fhreagair air ar ceaim : " A dh' iarraidh do nighiun o r t s a . "

" Co dha a tha sibh 'g a h-iarraidh? " " Do Oisian uasal mac Fh inn , ' S i mo uearrachd a gheibh thu, A laoich laidir, long-phorta ich."

Rabhair Brian, ' s ni 'n dubhairt breug : ' ' Ged bhiodh agam da nighean deug, Aig feobhas do chliu 'san Fheinn , Bhiodh a' cheud nighean aig Ois ian ."

Dh ' fhosgladh le Brian an luchairt mhor, A i r a tughadh le cloimh eoin, I s lionadh le meanmnadh sinn uile, A g amharc E a m h a i r a' chas-fhuilt bhuidhe.

A n uair a chuunaic E a m h a r fhiall, Oisian mac Fh inn , flath nam Fiami , T h u g an righ-bhean a b ' aille dreach Gaol a h-anama do 'n deadh mhac.

Gu 'n d' ghluais sinn uile gu Druim-da-thorc, ' S bha Cormaig romhainu 'na Rong-phort, ' G ar feitheamh le sluagh calama, dana, Mor chuideachd de laoich Fianutaidh-phaile.

S luagh Chormaig gu 'n do chasaid Rui ime air an t-sliabh mar lasair ; Ochdfhear bha aig Cormaig cruinn ; B ' ionnan an gniomh 's bu mhbr an colg :

Mac Cholla is Doirre nan creuchd, Mac Thosga i r threin, agus T a o g ; Freasdal buadhach mac an righ ; Daighre nan gniomh bu mhor adh ;

Daol a bha crodha air an leirg, I s bratach Chormaig threin 'na laimh.

Ochdfhear bha aig Oisian treun, Iounan ' s a' chath gharg 'g a dhion, Mullach,, mac Scein , agus Fia l l , I s Guil l ich fior, saoi nam Fiann.

Faolanu, agus Carshuil cas, Dubh mhac Bhaoisge, nior tais colg, Tosca r an tus tr iath nan lann, 'Chaidh fo 'n chrann air ceann fhear-bolg.

Thacha i r Tosca r ' s thachair Daol, T a o b h ri taobh an lathair an t-sluaigh ; B h a comhrag an da churaidh threun' Mar gu 'n doirteadh gaoth a' chuain.

B u chomhrag da leoghain sin, ' S cha 'n iarradh iad sgian gu fu i l ; Ged bu mhath dion sgiath nam fear, B h a ceo mu 'n rosgaibh de 'm fuil.

Fhreagradh mac-talla fuaim an sgiath, ' S gach eun theich do 'n iarmailt suas ; B h a fuaim an lann mar thorunn Ei t -ghleann, I s chriothnaich na sleibhtean mu 'n cuairt

dhaibh.

Chaidh an sleaghan cruaidh a spealtadh, ' S bha srann an anail mar ghaoth ard-bheann; B h a ar seanu-laoich is gach 6g-bhean Gle thursach ' s a' ghuiomh bu ghabhaidh.

Chuimhnich Tosca r air an sgian, Arm bu mhiann leis an fhear mhath, I s chuir e naoi guin an taobh Dhaoil , Sealau beag mu 'n d' chlaou an cath.

B h a comhrag air borbadh an t-sluaigh, Mar fhuaim uird le dearnaibh lamh, A g iarraidh gu Oisian gach uair ' S a' chath bhuadhach ' thug a lamh.

Do sgoilt Oisian air an t-sliabh, Caogad sgiath gu Cormaig cruaidh, I s do bhrist Cormaig mac Air t , Caogad lann glas air mo dhruim.

T h u g mi 'n ceanu de Chormaig treun Ai r an t-sliabh air an do throid ; I s ghluais mi gu flath nam F iann I s an ceaun a 'm' laimh air 'fholt.

T h u g mi E a m h a r gu teach an righ ; B u shaoibhir am fleadh is c e o l ; I s fhuair i di-bheath' agus muirn O ni' a thair fein mar bu nos.

Thois ich U l l i n n ' s na baird ri seirm, A g innseadh mo threubhadh ' s a' ghleachd ; A g aithris gu 'n robh mo thartair , A n am a bhi th 'spealtadh nan sgiath,

Mar shruth Laoire an am reothairt, No mar d h e a l a n a c h ' s na neulaibh, No cosmhuil ri spiorad Roda, A ' teicheadh ' s an doinnionu eitidh ;

No mar mhaoim sleibhe le faonach, ' S a' stoirm a' toirt chraobh as am freumhaibh, T h u i r t iad gu 'n robh spionnadh mo laimhe Mar dharaig aosd' aim am Morbheinn.

I s cruadhas mo lann ' s mo luireach Mar chreig Roch-leig ' ' s tonn dian 'ga bualadh; ' S gu 'n d' chriotlmaich an tulach fo m' chasan, I s gu 'n do thog mi foun catha, A i r seaun laoich ana-fhaun, ' S g u ' m b' onair do 'n P h e i n n ' s do E a m h a r Cruaidh-chath Oisein an aghaidh Chormaig.

Dh ' eisd m' athair ri cliu nam bard, ' S rinn Earn liar gair ' ri cliu a treuu-laoich ; ' S gach aou a bha aim an tur Sheal lama, T h u g urram do Oisian ' s d'a cheud-bhean :

A c h Couan maol mac Morna, B ' aill leis an fholachd a dhusgadh, ' S cheangail Iulinn a bhrathair fein e, Gu daor, docrach, ' s thi lg e 'u cilil e.

I s e dh' brdaich m' athair uasal A chuibhreach fhuasgladh de Chonan, I s fhuair e an t-slige tri uairean, I s dh' 61 e di-bheatha do Eamha i r .

Ge b 'e dh' imiseadh dhomhsa an sin, Au oidhche ud an tur nam flath, Au t-eas-urram a fhuair mi a nochd, G u 'in faigheadh e olc o m' laimh.

Page 7: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

M A C - T A L L A 207

N o v a o c o t i a

A chuideachd a's motha tha 'n Canada air son deanamh us creic

- L I M I T E D .

T H A S T O C M O R D A O N N A N A G A I N N A I R L A I M H ' N A R T A I G H - C E A N N A C H D A I R

S r a i d S h e a r l o t , S i d n i . Tha sinn a' creic gach seors' innsridh air an cuirear foum am broinn taighe.

Tha ar prisean ceart. Taghail againn. " Ceannaich o'n Chuideachd a's Motha , 's caomhain t ' a i r g e a d . "

J^JACEACHUINN & MACCABE,

F I R - L A G H A . Ceannach us creio fearainn, Airgead lasaid,

& c , &e. A. J . G . MACEACHUINN. IAIN J . MACCABK

J J E A R N & M A C D O N A L D , F I R - T A G R A I D H , N O T A I R E A N ,

& c , & c . D. A . HEARN. FIONNLADH DOMHNULLACH

R G S & E O S ,

F I R - R A G H A , N O T A I R E A N , & C .

Airgead ri thoirfc seachad an iasad. UISDEAN Ros. HOWARD S. ROS, B . A

j-JARDISON'S PHARMACY. An Stor-chungaidhean

a's fhearr a tha ann an Sidni. Air oissan Sraidean Shearlat agus

Prince.

C. P . M O O R E , B A T H A K C R U A I D H , Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidh-

eaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c.

J ) E . G. T. M A C G I L L E A I N ,

D O T A I R F H I A C A L .

OIFIS:—Os cionn Stor Harrington.

Q E . B O W N , U R R A S A C H A D H T E I N E A G U S

L E A C A N G L A I N E .

Q V . W E T M O E E ,

U R R A S A C H A D H T E I N E , B E A T H A ,

S G I O R R A I D H , & L E A C A N G L A I N E .

An tigh a Chommereial Bank,

J E. B T J E C H E L L ,

T J R R A S A C H A D H B E A T H A A G U S T E I N E

anns na cuideachdan a's fhearr am Breat-unn's an America.

CORPAICHTE 1869. ARD OIFIS, HALIFAX, N.

EARRAS, - - -EARRAS PAIGHTE AIRGEAD TAIMH

$3,000,000.00 2,000,000.00 1,700,000.00

LUCHD-RIAGHLAIDHV Thomas E. Kenny, Thomas Ritchie,

Ceann-suidhe. Iar-Cheann-Suidhe Wiley Smith, H. G. Bauld.

Hon. Daibhidh Mac Iain. Edson L. Pease, Gen'l. Mgr., MonUrea

Meur-Oifis a n n a n Sidni. J . E. BURCHELL, FEAR-QNOTHUICH.

Tha gacn gnothuich is abhaist a dheau amh ann am banca 'ga chur air adhart, agus tha

BANCA=CAOMHNAIDH ann anns am faodar suim sam bith o dho-lar suas, a chur air riabh 3%'sa bhliadhna.

"T) AIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhior.-- L / ghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c. (")RAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air

an deasaehadh leis an Urr. A. Jlac-Gill-eain Sinclair. A phris 30c ]\/j~ACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A.

Mac-Gllleain Sinclair. Tha orain lo iom­adh bard, sean is og, anns an leabhar so, rnor&n nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air drcach na's fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air SI.25; dusan air S2.C0. TflLIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac--1- Gilleain Sinclair. Grain a Bhaird Mhio-Gilleain, maille ri cunntas taghlo dc dh'orain cile, a bharrachd air orain is cadar-theang-achaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phi-is, leth-dolar.

PUBLISHERS " MAC-TAI.LA," Sydney, Capo Breton, Canada.

N I A L L M a o F H E A R G H A I S , CSANNAICHE TAISIEAR.

Na h-Aodaicheau a's fhearr agus na Fas-ain a's uire.

A J . B E U T A N , (Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE dho gach seorsa—beag us mor, gea.l us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha— cruaidh us bog. Aodaichcan Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Ah-geid us eile nach urrainnear aimneachadh an so.

Faodar comliradh a dheanamh ris a cear-na sam bith dhe 'n duthaich air an

Telephone No. 62. Sidni, Fob. 8, '01. A. J. BEUTAN.

Bathar Cruaidh Tuaghannan . . Saibh Locraichean . . Glasan Tairnean . . . . Sgionan, etc . .

A o n g h a s l a c L e o i d

Paipear-balla.. Pciinti • • • • • • 3̂ it \ S< • • • • • • •

Putty . . i . Varnish . .

Etc., etc. . . .

MANUFACTURERS LIFE *^ INSURANCE CO,

Ard-Oif is: TORONTO, CANADA.

J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creic "pholicies" dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fios-rachadh a dh' iarrar, agus na prisean, bho C.W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.

M. B. FERGUSON, Special Agent, Sidni. M. L E B E T T E R , Local Agent, Sidni Tuath.

ORAN.

E E IAIN MAO DHOMHNAILL MHIC ALASDAIR.

Dh' eirich mise maduinn chiuiu 'S gun d' thog sinn siuil ri garbh-chroinn, Chunn'cas diibhradh mor is dudlacbd 'N dara taobh nuair dh' fhalbh sinn. 'S gun d'sheid i bras le borb-thuinn chas, 'S i tighinn a mach gu gailbheach, 'S i ruith le sugh air bharr gach stuchd, Ri togail smuid 'san fhairge.

Bu mhath bhi nuair sin 'n coire luachrach Shuas aig airidh Uige, Far'm biodh na h-uain's na caoraich

luaineach 'Ruith mu 'n cuairt gu siubhleach; Mi fhin's mo chruinueag ri mo ghualainn 'S deamhais chruadhach duinte aic'; Gach fear is gille ruith mu 'n cnairfc, 'S bhiodh Domhnall Ruadh le 'chu ann.

Sud an gleann a's boidhche sealladh Ann a maduinn reuta, Le caoraich gheala, dliubh, is ghlasa, Cuid dhiu tarr-fhioiin, brocach, ; S bidh lair le searrach'm bun gach bealaich Suas ri srath nan lointean. 'S a dh' aindeoin gaillionn no fuachd

earraicli Cha 'n iarr mart ann cr6dhadh.

'S iomadh cnileag chuimir ghuanach 'Th' ann ri uallach spreidhe, Le cuman's buarach dol do 'n bhuaile 'S laoigh mu 'n cuairt d' i 'geumnaich. B ' e 'n ccol nach b' fhuathach leam an

duanag 'S iad a luadh air cleithe, 'S mi-fhin mu 'n cuairt daibh's piob ri'm

ghualainn, 'Cluich nan nuallan eibhinn.

'S iomadh caileag bhoidheach, chuimir 'Th' ann, na 'n suidh' aig- cuibhle, Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag— Bidh gach iorram bhinn ac'; An snath's boidhche falbh bho'm meoirean Cothrom, comhnard, sinte; '3 am fait na chuaich air chill an cluais, 'S e togte suas, is cir ann.

'S aim leam bu deonach bhith 'sa chomhlan Madainn bhoidheach cheitein, Ag eisdeaclid comhradh nam ban 6g' Toirt stoireanan d'a cheile; . Gach te toirt barr air te air bhoidhch', 'S iad modhail, eolach, speiseil, Le cleoca gorm' 's le 'n coileir dearg', Nuair bhiodh iad falbh do 'n Leughadh.

A chial's a nair ! b' e'm biadh's am blatbs A bhith nur cairdeas daonnan, Ri mire's manran cridheach, gaireach; B'e sud gnaths mo dhaoine. Nan tachradh te dhibh bliith 'san ath' Air oidhche Mhart na h-aonar, Gun loisgte pairt oirre de 'n ghran Le gille ban Beinn Mhaoineis.

Nuair bha mi 6g, mu 'n d' rinn mi posadh, Bha mi gcrach, aotrom Falbh gu sporsail 'measg nan oighean; Sud an seol bu chaomh leam. 'S an te bhiodh coir's a bheireadh pog

dhomh Shuidhinn stold' ri taobh-se; 'S o'n te nach f uilingeadh ball na coir dhiom Gheibhinn dorn mu 'n aodann. Nuair thig an geamhradh's am nam

bainnsean Gheibh sinn dram bho 'n Toiseachd; Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean 'S aig na gillean 6ga; Bidh mnathan fein aim subhach, eibhinn, 'S iad ag gleusadh oran, 'S bidh dram aig bodaich anns an fhodar 'Sogan orra comhradh.

Gheibhteadh sgialachdan ro bhriagh' Aig bodaich hatha, cheatma-ghlas, B' iad sud na seoid nuair bha iad og Gu iomairt bh6 feadh gharbhlach, Gu'm biodh iad trie 'san Eaglais-Bhric Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch, 'S cha rachadh bi-6g a chur mu 'n spoig Gu ruigte an ceo o'n d'fhalbh iad.

Iain 'ic Thearlaicb far do lamh, Tha sinne cairdeil daonnan ; Tha thusa fas is mise cramh, 'S mo cheann cho b;in ri faoileig. Bu mhor an toileaehadh do phaisde Gheibheadh blath ri taobh thu ; 'S nuair thig an geamhradh bidh tu 'n sas Aig nighinn bhan Mhic Mhaoilein.

'S iomadh oidhche fhliuch is fhuar A ghabh mi suas an t-ard-chnoc A shealltainn air a chaileig ghuanaich Da 'n robh na gruaidhean narach. Olc no math le luchd ar tuaileis, A luaidh, gus mi ga t' fhagail, Phos mi 'n sin thu's thug mi uath thu, 'S bha sud cruaidh le Padruig.

Fhir a shiubhleas gu mo dhuthaich— 'S ann a Uig a dh' fhalbh mi— Thoir beannachd diibailte ga 'n ionnsuigh Chosdas criiintean airgid; Is can ri seochd a th' anns a Chuil, An co-dhiinadh mo sheanachais, Gur barail leam gum faic mi ghniiis Mu 'n teid an uir air Armchul.

Rugadh Iain Domhnullach, Iain mac Dhomhnaill mhic Alasdair, ann an Uig san Eilein Sgitheanach, mu 'n bhliadhna 1797. Bha e beagan bhliadhnachan 'san Reiseam-aid Duibh. Cha robh 'athar deonach e a bhith 'san arm, agus chearmaich e as e. An deigh an t-arm fhagail thainig e air ais do Ghleann Uige. Thug e fichead samh-radh's a h-ochd aig iasgach an sgadain. Bhiodh e aig an taigh 'sa gheamhradh. 'S ann aig an iasgach a bha e nuair a rinn e'n t-oi-an so. Chaochail e 'sa bhliadhna 1875. Rimieadh iomadh oran leis, ach's e's docha nach gabh iad faighinn an diugh.

CUM HA Do dh-Eoghan Mac-Lachainn, a chaoch­

ail 'sa bhliadhna 1822. L E I S AN URR. IAIN MAC-AN-T-SAOIR, L L . D .

'S mi 'siubhal fo dhubhar a Mhill 'Tha 'sgaileadh na Cill so shuas, Tha m' aigneadh trom, osnachail, tiom, 'S mo sholas cha till ri luaths.

Tha nmlad, tha mulad gam cbradh Bhon chaireadhd tu 'n tamh nan leac, A chaoimhich 'bu dealasaich gradh, 'Mhic-Lachainn nan dan lan beachd.

Mo chreach ! ged a b' oirdheirc do ghnaths, Ge b' iomadach t' aireamh bhuadh, Gum b' eudar dhuib striochdadh do'n bbas, Is laighe 'n caol-thamh na h-uaigh'.

Mo leon gun do striochd thu cho trath, Mo bhron gun do thamh cho luath! Dh' fhag so sinn fo airtneal's fo phramh, 'S fo smalan 'san Airde Tuath.

Gun dug thu lom-sgriob oirnn, a Bhais, A dh' fhag sinn gu craiteach, bochd, Ar n-ur-choill, an ailleachd a fais, A rusgadh bho bharr gu stoc.

Gun d' fhag thu Lochabar fo bhron, Cha leighis ar leoin ri luaths; Gur geur so a chneidh a laigh oirnn Bhon niheath thu ar dochas bhuainn.

Gun d' spuinn thu bhuainn tuigsear nan teud,

A rianadh an t-seis le doigh; Ard-iulair na fileachd's gach send 'Bha 'n ealaidh na Greig's na Roimh.

Fear-eolais gach cainnt am measg sluaigh,. Sar thuigsear gach buaidh fo 'ri ghrein, Sar ghliocair gach runachd 'tha shuas 'Feadh chian-imeachd cuairt nan speur.

An t-Abrach, Mac-Laehainn nan dan, An Gaidheal a's airde cliu; A bha de gach naisinneachd Ian, 'S a dh' fhoghlum gach gnaths a b' fhiii..

Bu mhilis do cbomhradh's do cheol, 'S gum b' fhileanta gloir do bheil; Co 'n nis 'chuireas ranntachd air seil, Mo nuar! bho nach beo thu-fein ?

Tha filidh nan Aimsir gun luth, Air breothadh 'san uir'bho chian; Cha dearrs gath na grein' air a shuil, 'S tha spiorad a chiuil gun mhiann.

Page 8: An ni nach cluinn mi an diugh cha 'n aithris mi · PDF fileIain Stiubhart," "Ailean na Sop," is "Colla Ciotach mac Ghilleasbuig" taobh ri taobh. ... Chuir e uaithe i, agus phbs i 'na

2 0 8 M A C - T A L L A

The Canadian Bank of Commerce R I S A M B H E I L A I R A O N A D H

THE HALIFAX BANKING COMPANY. Earras Paidhte $8 ,700 ,000 Airgiod Taimh 2 ,500 ,000

A R D OF1S, T O R O N T O . »

A N T-ONOKACH DEOKSA A. Cox, B . E . W A L K E R ,

Ceann-Suidhe. Ard Mlianager.

Ofis an LUNNASNN (Sasunn) aig 60 Lombard S t . , E . C . S. CAMERON A L E X A N D E R , Manager

OAs an N E W Y O R K aig 16 Exchange Place, W M . G R A Y agus H . B . W A L K E R , Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhe'n Bhauca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an aireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX, H. N. Wallace, Manager. Amherst Bridgewater Lunenburg Parrsboro Shelburne Truro

Antigonish Canning Middleton Sackville Springhill Windsor

Barrington Lockeport New Glasgow St. John Sydney

Gach seorsa gnothuch banca. Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach. Gheibhear Litrichean Creideas de 'm faodar feum a dheanamh ann an cearna

sam bith dhe 'n t-saoghal.

BANCA CAOMHNAiDH. Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe 'ri bhanca. Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni. P. C. STEVENSON, Manager.

ANNS AN STOR UR L E STOC M O R D E D H

Uaireadaireao, de Sheudan 's de Ghloineachan Sula

ANN AN TOGALACH MHIC QUAIRE air Sraid Shearlot.

K ten^ancrm - s t o r Sheudan agus . Bfc5Z.dIIbOll9 Ghloineachan Sula.

Thig earrach, thig samhradh mu 'n cuairt, ' S thig foghar nan sguab nan deidh, T h i g geamhradh le ghailbhinnean fuar',— .Aeh oo 'rannas duan gan seimi ?

Ach nochdaidh an t-earrach, na 'thrath, Gu bheil e am baigh do 'n t-seod, Oir sgaoilidh e 'ghorm-fhalluinn aigh, G u driuchdach, trom, Math air 'fhoid.

' 3 an samhradh le dhitheanan snuagh N i cionthar mu bhruaicli do theach; ' S na dheidh thig am foghar fo ghruaim A sgeadachadh t' uaigh le dreach.

*S ge colgach, neo-bhaigheil dubh-ghruaim A gheamhraidh neo-thruacant', glmuth, Gun siubhail e 'g osnaich mu d' thuam, A sileadh nam fuar fhras dluth.

T h a mulad, tha mulad gam cbradh Bhon chaireadh tu 'n tamh nan leac, A chaoimhich 'bu dealasaich gradh, 'Mhic-Lachainn nan dan lan beachd.

ORAN.

L E TORMAID MAC-KEACAIL.

LUINNEAG.

'S gann gun dirich mi 'chaoidh 'Dh-ionnsuigh frithean a nihunadh; 'S gann gun dirich mi 'chaoidh.

Ehuair mi litir a Duneideann 7 G radii nach feud mi dhol do 'n mhunadh.

Padruig Mor aig Ceann Lochd-Aoinard, Ainu e 'n fhoill 's cha d' rinn e buinnig.

T h a mo ghunna caol air meirgeadh, *S cha 'n fhaod mi a dheaibhadh tuilleadh.

T h a e 'n crochadh air na tairngean, ' S cha do thoill e 'aite fuirich.

' S iomadh latha sgith a bha mi 'AI shuidhe leis, 's e lan, air tulaich ;

Gabhail seallo.idh air na sleibhtean, F a r am bi na feidh a fnireach.

E a r am biodh an lan-damh bruit' Nuair rachainn-sa le m' run air m' uilinn.

' S trie a mharbh mi fiadh ard bheann Ai r na glinn a b' aille culaidh.

Ach on dh' fhas an lagh cho laidir, ' S fearr bhith sabhailt o gach cunnart.

Nan robh crodh againn air buaile, Dh' fliaodainn luaithe 'cliur a gunna.

Ach an nis is feudal- striochdadh; ' S fear gun chiall a theid an cunnart.

Thua i r mi rabhadh bho na h-uaislean, Gun mi ghluasad le mo ghunna.

' S iomadh latha bha sinn comhla, I s mo lamh gu foil mu mhuineal.

Bhon a chiad la fhuair mi cuir air, B ' e mo sholas is mo chuideachd.

Eagaidh mi an nis an tir so •Cha'n fhaigh m'inntinn sith innt' tuilleadh.

Bhe i r mi ruaig gu cors' nan Innsean Eeucli an dean mi-fliin am buinnig.

Cha 'n fhaic Padruig mi air faireadh, cha ruig stairneach chruaidh mo ghunn'e

Piios Domhnall Mor Mac-Neacai l an Sgorrabreac Mairearad, nighean Thormaid Dhomhnullaich an Sgalpa, agus bha seachd-nar chloinne aige rithe, Calum, Siusaidh, Seonaid, Tormaid, Lecsi, Iain agus Seoras. Bha Calum san arm. Thainig Tormaid, Iain agus Seoras do Mhearamasi an New Brunswick, acli chaidh iad as a sin do «lh-Astralitha. Rugadh Tormaid mu 'n bhliadhna 1798. Bha e measail air bhith a sealgaireachd's ag iasgach. Bha e na dhmne laidir, tapaidh, agus na shnamh-aiche comharraichte. Chaidh a bhathadh an Astralitha.

Bha brathair mathar Tliormaid na fhear-lagha an Duneideann. Chuir e litir gu Tormaid ag innse dha gun robh e ga chur fhein aim an cunnart le bhith a marbhadh nam fiadh agus a sparradh air sgur de '11 fc-sealgaireachd.

ORAN AN RODAIN.

L E NIALL RUADH MOR.

A rodain mhosaich, spiorralaich, 'S tu criomadh mo chuid bhrogan, Nach doir thu sios am muileann ort, Fa r minic bha thu comhnuidh; A fuireach anns an aite so Am freasdal trash, is catha ann: Sud far am biodh tu sabhailte 'S nach failligeadh do Ion orb.

Chuireadh na mo sheasamh mi Air eagal feadh na li-oidhche, 'Nuair thainig thusa staireachd 'San aite 'n robh m i ' m shineadh; Bha mo chota bearnach orm, Beag ioghnadh gu 'n do shabhaladh Gun sgaiteadh do chuid chlaragan, 'S gu 'n sabhadh tu leo deile.

Cha robh ciiil a dh' iomall agam A b' urrainn dutsa falbh leis: Bideag de bhloigh coinneil, A' nihin a bha 'sa bhalg agam; Aeh ma ghoid thu 'glieir orm, Gu 'n do dh' fhag thu gun soilleireachd; N a ' m bithinns' ort air beireachdainn Bha coinnean teith ri t-earball.

A rodain mhosaich, mhollaichte, Grad sheachainn mi gu siorruidh, 'S toirmeasg thu na ragaireachd, ' 8 tu rag-mheairleach na Criosdachd; Tha casag fhada, laclidann ort, Stiup gu sliobadh chraiceannan— Cha 'n 'eil cail a thachras riut Nach cagainn thu fo d' fhiacail.

Tha cloitein granda, lachdann ort, Tha aodann cairtidh, fearaghaidh, Tha sron a choin gu puntaireachd, 'S e trusdaireachd is ainm dhut, Do dha shuil'bheaga, sgionnalach, Tha iad cho math gu furachail, 'S fiaclan's miosa cumadh A b' urrainn dhol an carbad.

'S gur math a ni thu eacarsaich Le paidhir phlatan spagach, Tha iongnan fada, crom' agad Gu tolladh gach ni tharras tu ; Bidh tu falbh is stiupan ort Ag ialaidh feadh na cuilean sin, Ma thionndas mi mo chulaobh riut Gu 'n toir thu ciiis bhar plata.

A righ! gur seangach, lachdann thu Gu tarsail as gun mharbhadh; Gur h-olc an am an fhoghair thu Gu cladhach am measg arbhair: Cha 'n fhag thu cruach gun tolladh aca, 'S ghearradh tu na ballaichean, Bu mhath gu deanamh Ionian thu, 'S droch coinneamh air do cinirbad!

Cha 'n 'eil bean bhochd 'san duthaich Nach diiraigeadh do mharbhadh, Cha 'n 'eil rail a chruinnieheas iad. A inhin no dh' im air falbhan, Bidh thusa, 'bhiasd, ga chaitsigeadh, Cha 'n fhag thu balg gun sracadh, Sud a cheaird a chleachdadh leat,— 'S tu rag-mheairleach an armadh.

Bha Niall Mae-a-Bliiocair, Niall ruadh mor, na 'chadal ann an atha, far an biodh iad a' cruadhachadh gran, an uair a dhiisg-adh e leis an rodan. Tha e air a radh ma dh' aoirear na rodain gu 'n teich iad, rud a rinn Niall ruadh. B ' ann air an oidliche a bha e 'g obair. Rugadh e aim an Uidhist mu thuabh. Thainig e do Cheap Breatunn, agus blia e 'fuireach ann an Catalone, far an do chaochail e o chionn leth-cheud bli-adhna air ais.

Fhuair mi an t-6ran so o dhuine coir, gasda, a tha f uireaeh pios am mach a baile Ghlace Bay—Iain Domhnullach, Iain mac Alasdair ' ic DhomhuiU'ic Thormaid. Thug e dhomh mar an ceudna "Oran nam bod-acli," agus tha mi 'deanamh dheth gu 'n toir e dhomh feadhainn fhathast de dh' orain Neill ruaidh. Tha cuimhne mhath aige. Ma chordae an t-oran so riut fhein cuiridh mi "Oran nam bodach" ugad an iiine gun bhith fada.

P E I G I D I I PHARACH. Lag an t-S16caia.

SYDNEY & L0U1SBURQ R'Y. TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh' Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bay aig 7.59 a. m., 'sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagaii Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bay aig 9.43 a. m., 'sa ruigheachd Louis­burg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bay aig 6.21 p. m., 'sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bay aig 8.43 p. m., 'sa ruigheachd Louis­burg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di domhnaich.

J . R . MAC IOSAIG, Traffic Manager.

Bidh fior chomhfhurtachd agad 'nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus 's e 'n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-urlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne

Bramrlalr is JHntefs dhe na seorsachan a's fhearr, agus gaeh ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dh' iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

A i r a C h a r a M a e h TJair 'san D a Srieaet iduin .

A P H R I S . Siiadhna $1.00 Tri Mios?a, 30 Sia P4iosan $0

Cuircar am paipcar air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann a,m Brcatunn. Cuirear c gu luchd-gabh­ail ann ai: New Zealand, 's an duthchannan cein air-son $1.26, no 5s. 3d. 'sa bhliadhna. Tha'phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhiia. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu .

P U B L I S H E R S MAC-TALLA, Sydney , Cape Breton.

A. T. GRANT, 9 Manager.