national library of scotland ii’s gu’n cuireadh sedl air gach ni tha tuathal. nis, o na fag mi...

136

Upload: others

Post on 29-Jan-2021

27 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • National Library of Scotland

    II *6000163537*

  • LEABHAR LAOIDH,

    AIR A CHUR R’A CHEILE

    AGUS

    AIR A CHUR A MACH

    LE

    Gomunn 5oisgeuIach Saidhealach Shlascho.

    ARCHIBALD SINCLAIR, PRINTER AND PUBLISHER, 4? WATERLOO STREET, GLASGOW.

  • -7 ^ o. 19 72

    0^

  • PREFACE.

    In carrying on the work of the Glasgow Highland Mission it has been felt that the service of praise might be improved and rendered more attractive by the introduction of a new Gaelic Hymn Book; and in view of this, it has been decided to issue this compilation of Gaelic Hymns.

    Though compiled and published for the use and under the auspices of the Glasgow Highland Mission, it is also intended for the use of other kindred societies that may adopt it as an auxiliary in Christian work.

    The compiler desires to acknowledge his indebtedness and to tender his sincere thanks to the many kind friends who have interested themselves in the work, as well as jthose who have given permission to make use of their hymns and translations, among whom are:—Rev. D. MacDonald, Kilbrandon ; Rev. A. MacRae, Clachan ; Mr. Duncan Campbell, Port Ellen; Rev. William Grant, Edinburgh; Messrs. R. L. Allan & Son, Glasgow; Messrs. Morgan & Scott, London; Mr. Albert Midlane, Newport, Isle of Wight; Mr. John Cameron, Spean Bridge ; and

    IMr. MacLellan, Glasgow. One special feature of the work which, it is believed,

    will greatly enhance the value of the book, is the

  • PREFACE. IV.

    large number of entirely new translations it contains. For these, with a few exceptions, we are indebted to Mrs. Campbell (“Morag Chaimbeul”), Glasgow; and our best thanks are due to her for introducing to us so many of the favourites in Sankey’s collection.

    To Mr. John Campbell, who takes a prominent and active part in the work of the Mission, and who has given much valuable assistance in selecting and revising many of the hymns, as well as in contributing his own translations

    ■of several well known hymns, the compiler desires to record his gratitude for the labour he has bestowed on the compilation.

    Special thanks are due to Mr. Duncan Beid, F.S.L.A.. for his assistance in correcting proof sheets and otherwise preparing the work for the press.

    It is earnestly hoped that the Hymn Book will be found serviceable in advancing the cause of Christ and His kingdom among Highlanders. This is the one object in view in publishing the book, and it is the earnest prayer of the compiler that it may be used and honoured of the Holy Spirit of God in winning many precious souls for the glory ■of Jesus Christ.

    DUNCAN MACCOLL.

    Glvsgow, July, 7S99.

  • Author. Translator. No. A chuideachd mo chridhe, A. Farquharson 40 A ghaisgich Chriosd, - - C. Wesley J. Whyte 48

    . A pheacaich tha do chridh’, - F. J. Crosby M. Campbell 81 A pheaeaich thig, - - - L. H. Edmonds Do. 86 Air a mhaduinn dhealrach, • F. J. Crosby Do. 75 Air bruachan lordain, - - Do. 68 Air Crann-ceusaidh, - - J. Campbell 89 Air dhomh bhi sealltuinn, - Rev. P. Grant 3 Air thalamh cha’n’eil, - - E. Roberts A. M'Fadyen 36 Ann am baile naomh, - - M. Campbell 72 Aon tha ann, - . . - A. M‘Fadyen 26 Athair na sith, - 99

    Bhamiuair ’na mochoigreach,Rev.R.M.M‘CheyneRev. A. Sinclair 43 Bha mi uair fad air falbh, • C J. Butler D. M'Corquodale 80 Bhasaich losa air crann-ceus’, M. Campbell 67

    Cha ’n ann a ghainn, - - A. Farquharson 13 Cha’naobhar naire, - - I. Watts, D.D. 97 Cha’n’eilmann beagnomor, J. Proctor M. Campbell 59 Chuala slnn sgenl aoibh, - Priscilla J. Owens Do. 70

    Dhe Bheteil le d’ laimh, 94 Dia leibh gus an coinnich, - J. E. Rankine J. Whyte 49 Duine dhoilgheas, • - P. P. Bliss M. Campbell 69

    Feuch ? saoibhreas iongantach, M. S. S. J. Campbell 58 Feuch tha mi aig an donis, - F. J. Crosby M. Campbell 71

  • VI, CLAR INNSIDH

    Author. Translator. No. Feuchaibh, ’naoimh, - • Rev. T. Kelly A.K.M‘Callum,LL.D. 50 Fonn an t-Soisgeil, 41

  • CLAR-INNSIDH. Vll.

    Author. Translator. No. O la an kigh, - * - P. Doddridge J. Whyte 52 O m'an&m beannaich, 92 O nach gloirmhor, - • Rev. A. B. Simpson J. Campbell 88

    pillibh? O pillihh, - • J. Hopkins M. Campbell 7£ O thigibh uile gach aon i icach A. Farquharson 12 Och an t-Uan, - . - D. M‘Dougall 34

    Peacaich thruagh, - - Neumaster M. Campbell 83

    San teampull, - 98 ’S ann ’ghradhaich Dia, - Mrs Stockton, M. Campbell 78 ’S ann a smuainich mi, • Rev. P. Grant 5- ’S e ’dhinnis Dia na firinn, - Do. 4 ’Se’n soisgeul siorruidh, - Do. !(► ’S e gr&dh an t-saoghail, - Do. 8 ’S e los’ an Leigh, - - - - 61 ’SeUan De’thug, - - J. M‘Lellan 1 ’S fior an rMh, - - * M. Fraser J. Campbell 90 'S i naigheachd bhrbnach, - Rev. P. Grant 7 ’S tus’losa mo chuibhrionn, A. M‘Fadyen 25 Seassuas? seas suas, - G. Duffield, D.D. W. Campbell 58 Sgith air alaban, - * A. Starbright M. Campoell 66 Sibhse luchd eagail D£, • Weaver A. M‘Fadyen 28 Siubhladh gach sblas faoin, Mrs C. J. Bonar Anon 44

    Teichibh thun a bhaile dhion A. Farquharson 11 Tha ’n diabhul ’na dhusgadh Do. 39 Tha an Spiorad Naomh, - M;Lellan ST Tha cloinn-daoine, - • A. Farquharson IT Tha geat’ air fhagail, - - Mrs L. Baxter Rev. A. M‘Rae 19 Tha gliocas ard a gairm, - Weaver A. M‘Fadyen 29 Tha iocshlaint’aig, - - W. Hunter, D.D. Nigel M‘Neill,LL.D. 54 Tha mi air mo thurus, - M. Campbell 62 Tha mi l&n aoibh, - - P. P. Bliss Anon 4(t Tha mi marneach a seinn, - E. P. Hammond A.K.M‘Callum,LL.D. 55

  • CLAR-INNSIDH. Vlll. Translator.

    M. Campbell A. M‘Fadyen M. Campbell

    Do. D. Campbell M. Campbell

    Author. Tha mi tighinn, - - - W. M‘Donald Tha m’anam ’nis air aonadh, Tha sgeul ait agam, - - W. A. Ogden Tha sinn ’mach, « - - A. N. Tha sinn air ar turns, - Weaver Tha sinne ’dol suas, - Tha Sion a seinn, - - Rev. P. Grant Tha smth mo r6, - - A. R. Cousin Tha tir ann, - - - S. F. Bennett Thigchum an t-Slkn’ gheir, G. F. Koot Thigibhisrachamaidgu Dia, - Thigibh luchd-gaoil an Tighearn, I. Watts, D.D. M. Campbell Thigibh-sa ’tha do ’n pheacadh sgith, J. H. Stockton do. Thugmido shlighe uilc, - J. Newton A. M‘Fadyen Thusa ’Shlanuighir bheannaicht’, A. Farquharson Togadh gach tir ard iolaeh,

    M. Campbell Rev. A. M‘Rae

    Do.

    No. 77 30 65 71 42 63 6

    57 22 24

    - 95 82 85 27 14

    - 91

  • LAOIDHEAN.

    1

    ’Se Uan De ’thug do m’anam sith; ’S thug dhomhsa suaimhneas ’nuair bha mi sgith; Bha ’n Lagh ’g am ruagadh, is mi gun suaimhneas, ’S mi ’sireadh fuasglaidh air rathad cli.

    B’ i sud an eigin a bha ro chruaidh; Mo chogais ’g eigheach gu’n robh mi truagh ; Mo chridhe ’reubadh, ’s an Leomhan Beucach Toirt sitheadh geur ’chum mo shlugadh suas.

    Ach cliu gu siorruidh do’n Spiorad Naomb, A dh’ fheuch dhomh iosa air teachd do’n fheoil; A thug lan diolaidh’s na bha ’n Lagh aig iarraidh, A chum, gu siorruidh, gu’m bithinn saor.

    Ghrad sheinn, le aoibhneas, gach ni bha ’m’ chre ; Bha sith is suaimhneas aig m’ anam fein,— Thug deoch ri ’h-61 dhomh, de ’n uisge bhe.b sin, Tha ’ruith, gu gloirmhor, ’o chaithir Dhe.

    A

  • 8 LAOIDHEAtf.

    Ach’s anns an fhasaich a tha mo chuairt, ’S tha ’n cogadh laidir ri’ chumail suas,— Tha saighdean Shatain ’g am lotadh craiteach ; Ach ni do ghras-sa mo chumail suas.

    Tha iobairt Chriosda cho lan de luach, ’S an uair, air Calbh’ri, chaidh ’tabhairt suas; Tha leigheas ur innt’ do ’n chogais chiurrte, ’S tha Teartan ur dhomh gach la is uair.

    ’S bho ’n rinn e 6iridh, ’s gu ’n deach e suas; An Spiorad Naomh—0 gu ’n d’ thigeadh ’nuas, ’S gu’n gabhadh cdmhnuidh ’am chridhe bronach, ’S gu’n cuireadh sedl air gach ni tha tuathal.

    Nis, O na fag mi gu ceann mo reis; Thoir leat mi, sabhailt, nuair theid mi eug ; ’S nuair bhios na h-6ighean ’dol thun a phosaidh, O biodh mo Idchrans’ le oladh ’n gleus.

    Le Fear na bainnse, ’n sin, theid mi suas, A sheinn, le aoibhneas, air gradh an Uain ; Bi’ co sheirm ghloirmhor ’sa chuideachd mh6r ud ; ’S e brigh an drain,—’toirt gloir do ’n Uan.

    Bi ’n t-Uan an coudmuidh dhoibh ’n comunn dluth; Gach suil a’ dearcadh’s ann air a ghnuis ; ’S ge buan an t-siorruidheachd, cha’nfhas iadcianail Ni lathaireachd Chriosda gach sonas ur.

  • LAOIDHEAN. 9

    2

    O! 'sann tha ’n eifeachd ’am fail an Uain, Chum ar n-eu-ceartan ’ghlanadh uainn ; Ach’s bochd an sgeul a tha nis ri’ leughadh, Nach eil speis dhi a’ reir a luach.

    Tha daoine ghrach air seol no dha, Nach aill leo ’n dbchas a chur ’na bh^s; Theid iad an di le bhi dhiobhail eolais, Air an fhuil chaidh dhortadh a chum ar slaint’.

    ’S an dream thug sp^is da, cha dean iad uaill, On’s e ’chaidh cheusadh an ilit a shluaigh ; Cha ’n ann diubh fein a fhuair iad an reite, Ach leis an eifeachd bha’m fuil an Uain.

    Air feadh na fasaich’s e fein an cul, Oir tha iad dha mar tha clach a shul; ’S tha ’ghealladh grasmhor nach dean e’m fagail, ’Nuair thig am bas gu ’n toirt thun na h-uir.

    Troimh ghleann a bhais bi e ghnath ’nan c6ir, Gus an sabhalar iad fadheoidh ; ’S am bi iad tearuinte o gach namhaid, Anns a Chanaan ’tha lan de ghloir.

    ’S ’nuair bhios iad thall bho na h-uile truaigh, ’S a’ cur an ceill co thug dhaibh a’ bhuaidh; Cha bhi a h-aon nach cuir ris a sheula Gur ann bha ’n eifeachd ’am fuil an UAIN.

  • 10 LAOIDHEAN.

    Air dhomh bhith sealltainn air saoghal truagh, Chi mi caochladh tighinn air gach uair, Chi mi daoine’ cur an cul rium, ’S a dol gu dluth ’chum na Dachaidh Buain.

    Tha scan ’us 6g a dol sios do ’n uaigh, Air lag’s air laidir tha’m Ms ’toirt buaidh; ’Nuair thig an t-am dhaibh an saoghal fhagail, Ma’s tinn no slan iad, cha tamh iad‘ uair.

    Ach’s rabhadh m6r sud do chach de ’n t-sluagh, ’S is mithich dhomhs’ gun ’chuir fada uam j Tha rabhadh garbh ann bhi deas gu falbh as, O ’n tha ’n tigh talmhaidh gu tigh’nn a nuas.

    O dhuine! smuainich air so ’na thrath, Ma’s ann de ’n t-sluagh thu a tha gun ghras; Cha ’n fhac, ’s cha chual’ thu ni cho uamhasach, Ris an t-sluagh sin a tighinn ’na lathair.

    O anam ! rannsaich nach bi thu ell, ’*S ann thig an call ort ma theid thu ’n di, Caillidh tu an shlas ’tha ’n Righ na gloire, ’Us air do dh6ruinn cha ’n fhaic thu crioch.

    Ach ma’s ann cli tha thu, so an uair, Gu tighinn direach dh’ ionnsuidh ’n Uain; Dh’ ionnsuidh an Ti sin ’thug suas an iobairt, Leis’m bheil slth air a’ toirt mu ’n cuairt.

  • LAOIDHEAN. 11

    Na srnuainich dail a chur anns a chilis, Tha latha na slitinte ’dol seachad dliith ; ’S mur bi thu trath anns an daingnich laidir, Nuair thig am bas ort, bidh an dorus duint’

    ’Us bithidh tusa ris ann an doimhneachd truaigh, A’ caoidh gu siorruidh’s na piantaibh cruaidh; Sian le solas ! tha bron gun chrioch ann, ’Us thus’ a ris aig an Dachaidh Bhuain.

    4

    ’S e ’dhinnis Dia na firinn duinn, Muir beirte ris an sluagh, Nadi fheud iad dol d’ a rioghachd-san, ’S tha sud ’na firinn bhuan; Mur bi iad air an naomhachadh, Cha ’n fheud iad a dhol suas, A dh’ ionnsuidh ’n arois sholasaich, Anns am bheil gloir an Uain.

    ’S ma tha mi ’cur mo sheula ris, Gur digin da bhi fior, ’S c6ir dhomh an cor a leughadh dhaibh, 0 fhocal Dd tha sgriobht’, ’Us ged a dhiult iad eisdeachd ris, No gdill a thoirt do ’n High, Gu cinnteach’s comhar’ bronach e, Mur doirt mi mach mo chri.

  • 12 LAOIDHEAN.

    Ach so an t aobhar gairdeachais, Gur h-aon ro ghrasmhor thu, ’Ni trocair ’nuair is aill leat Air an aireamh ’th’ ann do run ; Cha l&r dhomh aon cho grained, ’S nach fhaod gras an tarruinn dliith ; ’S bheir eolas air an t-Slanuighear Dhaibh beatha, slaint’ ’us iul.

    Tha farsuinneachd ’us eifeachd, Anns an eiric ’chaidh thoirt suas, A dh’ fhosgail dorus reidh Do gach creutair a tha gluasad ; Ged ’bhitheadh lad cho aingidh, Ris na h-ainglean ’thuit gu truagh, Ma tha nadur dhaoine ac’, Tha saors’ am fuil an Uain.

    Tha fuil na h-iobairt-reitich sin, Aig eigheach air son sith, Do gach aon a dh’ eisdeas ris, ’S a gheilleas dha mar Righ; Ged ’bhitheadh mile saoghal ann, Cha d’ theid a h aon diubh ’n di, Ma bhios iad air am faotainn— Air an aonachadh ri Criosd.

    O ! ma ta, gabh truas dhinn, ’S thoir thusa an sluagh gu geill,

  • LAOIDHEAN. 13

    ’S ionnlaid anns a chuan sin iad, O’n truailleachdaibh gu leir ; ’S bidh mheud’s a rinn thu ’throcair orra, ’Na bran nuaidh ’nam beul, ’S bidh iad ’nan cruitheachd ur dhuit, ’Bhios a’ seinn do chliu gach r^.

    5 ;Sann a smuainich mi iomadh uair air, Gur bochd an sluagh sud a tha gun ghras, Gunfhois gun suaimhneas,’s an fhasaich thruaigh so, ’S iad dol’s an uaigh air na h-uile laimh; Tha iad a’ smuaineach’ gu’m faigh iad suaimhneas, Uair no uair mu an d’ thig am bas: ’S ’nuair bhitheas iad saoilsinn ’bhi faotainn buaidh

    air Tha righ nan uamhas ’gan cur ’nan tamh.

    Bha mis’ cho gbrach’s gu ’n do shaoil learn mo ran A thoirt o ’n t-se61 ud gu sblas Dhe; Chaith mi mo shaothair air fior naimhdean, ’S ’nuair theirig cainnt’ orm cha d’ thug iad geill; ’S a nis’s ann thoisicheas mi air bran, A chuir an ordugh gu cebl d’ an treud, Aig am bheil sblas tha sruth’ o eolas, Air an fhuil a dhbrtadh air ’chi'ann-cheus’.

    O’s arm tha ’n sblas aig dream ’fhuair eolas, Air neach cho gloirmhor ri aon Mhac Dhe !

  • 14 LA0IDH13AN'.

    Cha nithean feolmhor ris am bheil an d6chas, Ach criin gloir ann an rioghachd neimh : Bu bhochd an storas leo gleann nan deur so, ’S na bheil de dh-6r anns a chruinne-ch^; Tha ’n cridhe deonach bhi thall thar Iordan, A’ seinn an orain d’ an d’ thug iad speis.

    O a bhrathraibh ! nach dean sibh gaird’ chas 1 Anns gach sarach’ thig oirbh fo 'n ghrein; Togaibh Hosanna do ’n Ti a bhasaich; Tha ’chliu air ardach’ os-cionn nan neamh, ’S ’nuair a chuimhnicheas sibh air ’fhabhor, Le cridhe blath thugaibh dhasan geill; Tha esan am Parras mar fhior bhrathair, Ag ullach’ ait’ dhuibh ’na rioghachd fein.

    ’S a nis a chairdean, ma thug sibh gradh dha, Deanaibh gairdeachas feadh gach re; Feuchaibh do’n t-saoghal gu’n d’thug sibh gaol, Do ’n chuing ’tha aotrom ’sna h-uile ceum; Cha ’n ann le faoinealachd spioraid aotrom, Mar bhitheas na daoine air bheagan ceill; Ach le fior shdlas a’ sruth’ o eolas Air buaidhean gloirmhor bhur n-Athair neamh’.

    ’S e clann Shioin a’ chuideachd rioghail, Aig am bheil sith ris an Ti a’s aird; ’S e High nan Righrean, Fear-saoraidh Israeil, Is e nach dibir a shluagh gu brath;

  • LAOIDHEAN. 15

    Thug e gairdeachas daibh ’san fhirinn, ’Us rinn e am firinneach’ le a ghras, ’S bheir e tearuinte iad as gach trioblaid, ’S bi’ e na dhidean dhaibh aig a’ bhas.

    Cha chum am bas iad’s cha chum an uaigh iad, .Thug esan buaidh air na gaisgich threun; ’(Js amhluidh shaoras e f6s a shluagh uath’, ’Us bheir e suas iad gu’ rioghachd fein ; Theid iad lebuaidh-chaith ream thun an t-suaimhneis, ’S am bheil an t-Uan sin d’an d'thug iad speis; Tha mise a’ smuaineach’ gu ’r sona an sluagh sin, A lean an t-Uan ge b’e taobh a theid.

    6

    Tha Sion a seinn co binn’s a’s urrainn, ’Toirt mile urram do’n Uan,

    ’S a seinn air a ghaol nach caochail tuille; ’S e shaor i buileach o’n truaigh;

    Halleluiah gu buan aig sluagh nam flaitheas, Tha cuartach’ caithir an High ;

    ’S na leanas an t-Uan de’n t-sluagh air thalamh, So ’n fhuaim ’ni tairis an cridh’.

    ’S airidh Mac Dhe air g6ill ’us urram, ’S e fein a dh’ fhuiling am bas;

    ’S e chuunaic ar feum’s ar n-eigin uile, ’S lejs fein bu duilich ar cas ;

  • 16 LAOIDHEAN.

    ’S ann ghiulan e fein gu leir na buillean O ’n d’eirich dhuinne ’bhith slan,

    ’S tha ’lotan’s a chreuchdan ’g eigheach uile, Gach creutair urram ’thoirt dha.

    B’ iongantach saor do ghaol o ’n toiseach, . Do dhaoine bochd a bha caillt’;

    ’Nuair ’thainig thu nuas le fuaim an t-Soisgeil, ’S gun aon neach cosnadh do ghraidh ;

    Bha sinne gun Dia, ’s gun dion’s gun dachaidh, Gun I'ian, no fasgadh o ’n fheirg :

    ’S a’ mhallachd gu buan ’g ar ruagadh dhachaidh, Gu cuan de lasraichean dearg.

    Ach cheannaich an t-IJan a shluagh o ’n tuiteam, ’Us fhuair e iuchair a’ bhais;

    ’S tha slaint’ a shluaigh gu buan ’na chridhe, ’S cha dual dhaibh rithisd bhi ’n sas ;

    Air Calbhari dh-61 e ’n doruinn uile, ’Us dhoirt e ’fhuil air an lar;

    ’S a naimhdean bha m6r, ’s ann leon e uil’ iad, ’S gu glormhor bhuidhinn e’m blar.

    O sibhse a thug speis dha treigibh peacadh, ’S gach ceum de sheachran an t-sluaigh,

    ’Us leanaibh e fein le ceumaibh seastnhach, ’Toirt geill d’a reachdan gach uair,

    O bithibh-sa naomh, ’s thugaibh gaol ’nur cridhe, Pha fein, d’ a shlighe, ’s d’ a shluagh j

  • LAOIDHEAN. 17

    Us seinnibh an trath-s’ le gras air an t-slighe, ’S ni’s fearr ’nuair bhitheas sibh shuas.

    7

    ’S i naigheachd bhrbnach a ta ri luaidh, ’Us tha e sgriobhte le firinn bhuan,

    Gur beag ’tha beo ; ’s gu’m bheil sligh’ na doruinn, Dluth air domhlach’ le moran sluaigh.

    ’S e am peacadh thug bas oirnn’s ’dh-fhag sinn mall, ’S e mliill sliochd Adhamh, ’s a dh-fhag iad dall;

    B’ e mortair treun e, a mharbh gu leir sinn, Thug mallachd Dhd oirnn’s na h-uile call.

    Ach Uan De rinn e ’n reite a ris; ’S b’ e ’n sgeul ro eibhinn gu ’n d’eigh e sith,

    Le ’fhuil a dhortadh, ’us 'fheoil a reubadh, Chaidh ’lot ’s a cheusadh air Calbhari.

    ’S tha dorus trocair air fhosgladh saor, ’S gach neach gheibh eolas air meud a ghaoil,

    Cuiridh an dochas ’n a ainm ro ghloirmhor, ’S cha ’n fhaic iad doruinn gu saoghal nan saoghal.

    Anam ! ma’s aill leat bhith ’n sonas buan, Gabh ris an t-slaint’ so, ’s thoir gradh do ’n Uan,

    Bach stigh gun dail, ’sann air geat nan gras so, Mu ’n d’ thig am bas ort, ’s gu’m bi thu truagh.

  • 18 LAOlDHEAN.

    Oir’s m6r do dliit’ air na li uile doigli, Ma ni thu ditneas air slaint’ co m6r,

    Bitliidh peanas dubailt do’n dream chuir cul ris, ’S a lot as ur e’s a blia ’ga leon.

    Ach ma’s aon tliu bheir gaol da f4in, ’S air sligh’ na naomhachd gu ’n lean thu ’cheum,

    Sona gu brath thu, ’s cha chiiirr am bas thu, A’s gheibh thu lathaireachd’s gu brath cha treig.

    8

    ’S e gradh an t-saoghail ’us gaol na feola, An iodhal-Aoraidh ’thug a thaoibh am mbran, ’S e dh’ fhag iad faoin mu ’n Fnear-shaoraidh ghlor-

    mhor, ’S thug’ dh’ ionnsuidh bhais iad gun Dia ’s gun

    dochas.

    Ach rbghnaich Mairi an t-aon ni feumail, Bhios feadh na siorruidheachd a deanamh feum dhi, ’Auair sgar am bas o gach ni fo ’n glirein i, Bha cuibhrionn buan aic’ ’san Uan’chaidh cheusadh.

    Bha Mairi’s Marta’s am brathair Lasarus, ’N an triuir bha ionmhuinn le los’ o Nasaret, Bha iad maraon a toirt caidreamh blath dha, ’S bha an cridhe taomadh le gaol’s le gradh dha.

  • Laoidhean. 19

    Bha Mairi deonach bhi ’n comlinuidh ’g eisdeachd, Nam briathran grasmhor bha blath o ’bheul-san, Shuidh i fo sgail san ’us dh-fhas i eibhinn, ’Us chaill i cail do gach ni fo ’n ghrein so.

    ’S e bha i ’g eisdeachd o bheul ’Fir-saoraidh, Mun aon ni feumail’s cha l^ir do dhaoin’ e, ’Us chaill i cuimhne air gun robh i ’n saoghal, ’Sam feum a mhuinntir bhi ’n comhnuidh saothrach.

    ’S e so bu chomhradh dhi ris an t-saoghal, Cha ’n fhearr do sholasan dhomh na plaosgan, Tha m ’anam solasach ann a ghaol-san, ’S is maisich dhomh-sa e na clann nan daoine.

    Thainig am bas air na h-uile chreutair, - ’S tha truaigh’ fas anns na h-uile ceum dhaibh,

    Ach nis tha slaint anns an Ti chaidh-cheusadh, Cho saor’s is aill le o do’n dream a dh-eisdeas.

    ’S e an t-aon ni feumail bhi faotainn eolais, Air Uan De ’phaidh an eirig mhbr sin, Le chorp ’ga reubadh ’us fhuil ’ga dortadh, ’S ann shaor e ’shluagh o gach truaigh ’us dbruinn.

    So ’n t aon nl feumail nach treig gu brath iad, ’Ni math ’s gach ceum dhaibh ’sa theid troimh ’n

    bhks leo,

  • 20 LAOIDHEAN.

    ’Bhitheas feadh na siorruidheachd ’na thobar slain dhaibh

    ’Toirt sonais buan dhaibh nach cualas aicheadh.

    9

    Nach sona suaimhneaeh an sluagh a dh-fhag sinii ’Theich as gach truaigh ’sa chaidh suas gu Parras Lean iad an t-Uan’s iad air chuairt ’san fhasach ’Us dh-fhag sud suaimhneach aig uair a bhais iad,

    ’Se ’n fhuil chaidh dhortadh thug c6ir tre ghraj dhaibh

    Air beo-dhbchas nach deach’ a narach’; Thug fuil an Uain tuille’s buaidh ’nam bas dhaibl ’S ged fhuair an uaigh iad b’i ’n leabaidh thaimh i

    ’Nuair chuir iad cul ris gach duil fo’n ghrein so, Dh-fhosgail an suil ann an duthaich neamhaidh, ’Seinn Aleluia, ’s a chliu nam beul-san, ’S tha saoghal ur dhaibh a nis air eirigli.

    Tha fois o’n t-saoghal’s o chorp a bhais ac’, O chiont’s o dhaorsa’s o eagal trailleil, ’S o ana-miannaibh mi-rianail laidir, ’S o smuaintean diomhain ’bha riamh ’gan sarach :

    Ach feartan gaoil dh-fhosgail geat’ nan gras dhaibh ’S cha deach’ mi-naomhachd a stigh ri ’n sailtean;

  • I-AOIDHEAX. 21

    ’S i an fhuil ’thug saors’ dhaibh’s a’ rinn glan an nadur

    'S tha fois bith bhuan ac’ on truailleachd ghraineil.

    Nacli truagh da rireadh an sluagh ni tair air, ’S nach creid an fhirinn an la na slainte, Gun fhois gun sith ac’ ’san am tba lathair, ’S bithidh bron ’us truaigh gu buan’s gu brath ac’.

    ’Se ’n dream gheibh c6ir anns an fhois neo-chrioch- nach

    ’Fhuair sealladh mor air an cunnart siorruidh ; Ach fhuair iad eolas air glbir na Trianaid, ’S dh-fhag sud iad oirdhearc le mais’ na Diadhachd.

    10

    ’Se ’n Soisgeul siorruidh an naigheachd ghlbrmhor, Tha an obair criochnaicht’, na dh-iarr lehobhah,

    Tha ceartas, firinn, tha sith ’us trocair, ’Toirt slaint’ do dhaoine, ’s i saor gu leor dhaibh.

    Is gaol bha siorruidh ’san d’ rinn e tbiseach’, Gu ’n d’ thigeadh losa le slainte mhdir dhaibh,

    ’S ’n uair ghabh e nadur gu ’n d’ phaidh e’m fiachan, ’Is thug e dioladh le ’fhuil a dhortadh.

    Tha gaol ri luaidh ann’s cha chualas aicheadh, High nan sluagh ’dol an deigh nan traillean,

  • 22 LAOIDHEAN.

    ’S ag eigheach slth, ’s O nach pill sibh ’chairdean, ’S "ii’m bi mo ghaol dhuibh cho saor’s is aill o o

    leibh.

    Mar thog Maois an nathair anns an fhasach, ’S ’nuair sheall an sluagh ris bha buaidh ’us slainte

    aim, Mar sin tba ’n t-Uan sin—Mac Dhe air ardach’,

    ’Thoirt slaint do dhaoine le ’shaor ghnisan.

    B’ e ’n sgeul ro-bhinn e air tigh’nn do ’n fliasach, Gu sluagh tba tinn leis na lotan biismhor,

    Tha leigbeas cinnt’ ann, ’us leigh grasmhor, Nach d’fhaillinn riamh, ’s cha d’ iarr e paidheadh.

    ’S trompaid Dhe e ’ni feum do thraillean, ’S do luchd nam fiachan nach urrainn paidheadh,

    ’Bha ceangailt’ riamh ann an cuibhreach Shatain, ’S gum faigh iad fuasgladh ’san uair ma’s aill’ leo.

    ’S e ’n sgeul ro phriseil bheir sith ’us suaimhneas, Do ’n dream tha sgith ’us fo throm uallach,

    Tha ’n lagh ’g an diteadh’s ’g an sior-ruagadh, Gu fois ’us slth ann am fuil an Uain sin.

    Tha ’n t-aran beo ann, ’s gu leor ri fhaotainn, Do ’n mhac struidheil bha ’g ith’ nam plaosgan ;

    Tha Athair trocaireach ’ruith ’na chomhail, ’TJs bheir e p6g dha le mbran fhailte.

  • LAOIDHEAN. 23

    ’S e ’n sgeul ro-ghrasmhor do ’n aireamh sluaigh sin, A thr&g an cairdean’s a rinn each chur suarach,

    Gu’m faigh iad peathraichean agus braithrean, ’S bithidh an Ti a’s aird’ deanaiiih cairdeis buan

    riu.

    So sgeul air fireantachd fhior-ghlan aluinn, ’Us deise rioghail theid sios gu ’n sailtean ;

    ’S na fhuair am fireantachd fein ro ghraineil, Sud trusgan dubailt ’bhitheas ur gu brath dhaibh.

    Tha ’n Soisgeul priseil do 'n Ti chaidh sharach’, Air son bhi dileas air taobh an t-Slanuigheir :

    Cha blii dith air dol trid an fhasaich, ’S tha an saibhreas fior aig’ an tir Imanueil.

    A chairdean gaoil nis nach gabh sibh coir dheth, ’S gum bheil iad saor dhuibh na nithe glormhor,

    O ’n’s rabhadh fior e, cinnt’s m6r an diteadh Do ’n dream ni di-meas air slaint cho m6r ris. .

    11

    Teichibh thun a’ bhaile dhion, teichibh thun a’ bhaile dhion,

    Teichibh thun a’ bhaile dhion, mu ’n cuir ’n diogh’ltair’n sas sibh.

    Sibh ma gheibh e mach a Criosd, sibh ma gheibh e mach a Criosd,

    Sibh ma gheibh e mach a Oriosd, bidh a dhioghlta,s sasaicht’,

  • 24 LAOIDHEAN.

    Rinn e ’n t-sligh’s an rathad reidh, dh’ ionnsuidh iochd ’us fabhar Dhe,

    Dia tha toileach ruibh bhi reidh, air son ’mhic fein a bhasaich.

    Chuir e drochaid air gach allt, ann ad thriall na bi-sa mall,

    Mu ni thu an t-anam ’chall, bidh ’n taobh thall de shlainte.

    Teichibh, etc.

    Fois no dion cha ’n fhaigh fo ’n ghrein, gus an ruig thu ceann na r6is,

    ’S an geat a dhunadh as do dheigli, ’n uair ni greim air slaint thu.

    Fasgadh dhuit cha toir deagh bheus, do mhaitheas no do dhichioll fein,

    Fear a’ chlaidheimh’s ’ghairdein threin, cuiridh ’n eiginn theann thu.

    • Teichibh, etc.

    Ma’s duine thu nach eil ’an Criosd, ’s gun fo ’fhuil bhi gabhail dion,

    ’S gun a spiorad bhi ga d’ lion’, ’s air do riaghl’ le gradh dha.

    O’n ’s peacach thu ’bhrist an reachd, ’n ceartas cumaidh ortsa beachd,

    ’S mur dean thu do ’n didean greas’, cha teid as o l&mhan.

    Teichibh, etc,

  • LAOIDHEAN. 25

    Anns a bhaile so tha dion o’n chogais chiontach ’s o phian,

    Maitheanas gu saor o Dhia, cuiridh bial gu gaireachdaich.

    Theid aimhreit, cul-chain ’us trod, anns an ait’ so chuir nan tosd,

    lom’gain inntinn’s gearan bochd, bheir a ghort am bas orr’.

    Teichibh, etc.

    Anns a’ bhaile so tha aoidh, do na peacaich thruagh fo chlaoidh,

    Ged peanas ifrinn a thoill, ’n so tha caoimhneas gradhach,

    Furan chairdeal gheibh gach neach’ ni o dhoruinn shiorruidh teich’

    ’S gun achasan gheibh e steach, ’s bidh am feasd e sabhailt.

    Teichibh, etc.

    12

    O thigibh uile gach aon neach, O thigibh uil’ le ciocras,

    O thigibh chum nan uisge pailt, Nan uisge chaisgeas iota.

    ’Ur n-iarrtus cridh’ tha farsuing m6r, ’N saogh’l cha leoir gu ’lionadh,

  • 26 tAOlbHfcAft.

    Gach n\ air thalamh tha mar ghaoith, Nach dean a chaoidh ’ur riarach.

    0 thigibh, etc.

    ’Ur nadur truaillidh a bln baoth, Thug e a thaobh o Dhia sibh. Air seachran anns an fhasaich chruaidh, Mar chaoraich thruagh gun dion ac’.

    0 thigibh, etc.

    Dia tha nis toileach ruibh ’bhi reidh, Le meud a speis do losa, ’Thug ’n umhlachd iomlan ann ’ur n-ait’, ’S an ceartas ard rinn riaraicht’.

    O thigibh, etc.

    Bheir e dhuibh dbchas math troi’ ghras, ’Chumas an aird gach ial sibh. ’S co-cheangailt ris an ddchas bhe6, Bidh sith ’us sblas sionuidh.

    O thigibh, etc.

    ’S bidh agaibh neamh a bhos fo ’n ghrein, Fior shonas Be ’gur riarach. ’Us aoibhneas anns an Spiorad Naomh, ’Ur cridh’ le gaol air lionadh.

    O thigibh, etc.

    Tha’n Spiorad Naomh’s an nuadh bhean phbsd, Toirt cuireadh glormhor fial duibh.

  • LAOIbHEAN. 2?

    Thigibh’s 61aibb, tha ’n tobar lan, Sior shruthadh ’n aird gu fior-ghlan.

    0 thigibh, etc.

    13

    Cha ’n ann a ghairm nam fireanach, A thainig los an Slanuighear,

    Ach ’gliairm nam peacach sheachranach, Gu aithreacheas na slainte.

    ’N a lathair thig, gu d’ shlanach’ thig, ’Nad thruaghan bochd mar tha thu,

    Cha d’ chuir e cul ri peacach riamh, A thainig dh-iarraidh ’fhabhair.

    Tha Criosd ’g ad’ ghairm, gu h-ealamh eisd, Oir is e Leigh na slaint’ e,

    ’S bu chubhaidh dhuit bhi dha-san geill, Oir thug e speis gu bas dhuit.

    ’Na lathair thig, gu d’ shlanach’ thig, ’Nad thruaghan bochd mar tha thu,

    ’Us leighsidh d’ euslaintean gu leir, Air son gach creuchd tha samh aig.

    Neo airidh tha thu fein’s gach doigh, ’S tu thoill bhi ’n doruinn chraiteach,

    Tha esan airidh ’thug an diol, ’Us gheibh thu dion fo ’sgail san.

  • 28 LAOlDilEAN.

    ’ Na lathair thig, gu d’ shlanach’ thig, ’Nad thruaghan bocbd mar tha thu,

    Tha nis air ardach’ arm an gloir, ’S e bheir dhuit coir’s an ait’ sin.

    (led bha thu marbh thig d’ anam bed, ’N uair gheibh thu eolas Slanuigheir,

    Oir ni do lion’ le gean’s le cebl, Le aoibhneas’s solas slainteil.

    ’Na lathair thig, gu d’ shlanach’ thig, ’Nad thruaghan bochd mar tha thu,

    ’Us gheibh thu gairdeachas bith-buan, A bheath’ o shuas ga d’ aiteach’.

    Is mearachd mhdr ’us mealladh treun, Bhi ’n duil thu fein a shlanach’,

    Bhi dichiollach ri obair dhian, A chosnadh Dhia’s a chairdeis.

    ’Na lathair thig, gu d’ shlanach’ thig, ’Nad thruaghan bochd mar tha thu,

    ’S i obair Chriosd amhain ni feum, Is i an stdidh nach failnich.

    14

    Thusa ’Shlanuighir bheannaicht’, ’S ann agad-sa’ bha ’n gaol,

    ’N uair a leig thu sios d’ anam, Dhuinn o’n mhallachd’ thoirt saors’.

  • LAOIDHEAN. 29

    Riutsa bhuin sinn gu narach, ’N uair a bha thu ’measg dhaoin’:

    Rinn sinn di-meas us tair ort, Rinn sinn d’ ailleachd chur faoin.

    Thusa 'Shlanuighir, etc.

    ’S sinn thoill bhi ’g ar bualadh, Leis a’ chruaidh cheartas naomh,

    ’S sinne ’thoill ’bhi ’g ar pianadh, Ann am priosan na daors’.

    Thusa ’Shlanuighir, etc

    Ach bha thusa, ’Thi bheannaicht’, Gun aon smal ort o’n t-saogh’l,

    Gu neo-thruaillidh ’us maiseach, Buileach sgairte o dhaoin’.

    Thusa ’Shlanuighir, etc.

    Dh-oibrich thu saors’ ’bhios siorruidh, ’S tha gu fialaidh do dhaoin’,

    Ni an sasach’, ’s an riarach’, ’S a bheir Dia dhoibh gu saor.

    Thusa ’Shlanuighir, etc.

    Thoir dhomh disdeachd a dhuine, ’S na bi tuilleadh gu faoin,

    Gun bhi ’g earbsadh rium d’ anam, ’S mi d’ aon charaid’s an t-saogh’l.

    Thusa ’Shlanuighir, etc,

  • 30 LAOIDHEAN.

    ’Bheir dhuit saorsadh ’o’n mhallachd, ’Bheir dhuit maitheanas caoin,

    ’Bheir gu fialaidh gach beannachd, ’Bheir do d’ anam lan shaors’.

    Thusa ’Shlanuighir, etc.

    Bheir mi saorsa o d’ thruaill’eachd, ’S dhuit bheir buaidh air an t-saogh’l,

    ’Us gu airde nam flaitheas, Ni mi d’ aiseag a’m’ ghaol.

    Thusa ’Shlanuighir, etc.

    15

    O, gu’m b’ aithne dhuibh uile, Gach ni bhuineas d’ ur sith,

    Mu am bi sibh caoidh tuille, ’S iad gu buileach ’g ur dith.

    ’S ann chuir siochaint air thalamh, O na flaitheas thiiin’ mi,

    A thoirt Dhe agus dhaoine, Gu bhi ’n aonachd’s an sith.

    O, gu’m b’ aithne, etc.

    Mise sheas ann ur n-aite, ’X ceartas ard rinn mi dhiol,

    ’Us le umhlachd gu bas thoirt, Ph’ oibrich slaint’ dhuibh bhios sior.

    0, gu’m b’ aithne, etc,

  • LAOttonKAN. 31

    ’S aim a’m ’bhas-sa ’n a throcair, M’ Athair chomhlaicheas sibh,

    ’S ni e ’bheannachdan ’dhortadh, Bheir dbuibh sblas gun dith.

    O, gu ’m b’ aithne, etc.

    Thoir’sa eisdeachd dhomh anaim, ’Us mi labhairt riut sith,

    Gheibh uam di6n agus fasgadh, ’S mi do charaid tha fior.

    O, gu’m b’ aithne, etc.

    Ach mu chuireas sibh cul rium, ’Us nach runaich dhcmh striochd,

    Thig an la anns an eigh sibh, ’S nach fhaigh eisdeachd gu sior.

    O, gu’m b’ aithne, etc.

    16

    Ged a bha cloinn daoin’ fo ’n mhallachd, ’Us na flaitheas orra duint’,

    Thain’ an Slanuighear gu talamh, ’S dh-fhosgail rathad dlioibh as ur.

    Seinnibh ce61, seinnibh ce61, Seinnibh cebl le aon run,

    Seinnibh cebl, seinnibh ceol, Seinnibh ceol ’n brain uir.

  • 32 LAoitmEAtf.

    Ghiulan e gu leir am mallachd, ’Bha d’ a anam goirt ’us ciurrt’,

    ’S slighe reitich dh’ ionnsuidh ’n Athair, Gu bhi tarruinn dhasan dluth.

    Seinnibh ce61, etc.

    Gach beannachd fheumail do chloinn daoine, Tha ri fhaotainn le deagh run,

    Trid an Uain a chaidh a cheusadh, ’Us a dh-eirich mach o’n uir.

    Seinnibh ceol, etc.

    ’Us sibhse uile a fhuair cbir ann, ’S chuir ann dbchas mar cheann-iuil,

    ’S tha ga leanntuinn trid an fhasaich, Deanaibh dhasan fantuinn dluth.

    Seinnibh ceol, etc.

    Ach sibhse nach do ghabh air eolas, ’Us ri ’thrhcair tha cur cul,

    Tha sibh caillt’ gun Dia’s gun dhchas, ’Us gu dbruinn triall gu luath,

    Deanaibh bron, deanaibh brim, Deanaibh bron o chridh’ ciurrt’.

    Ach ma philleas sibh gun teagamh, ’Us ’mhi-chreidimh chur air chul,

    Ainglean togaidh suas gu h-ealamh, Le m6r-chaithream co-sheirm ciuil.

  • LAOIDHEAN.

    ’Us seinnidh ceol, seinnidh ce61, Seinnidh ceol, le aon run,

    ’Us seinnidh cedi, seinnidh cedi, Seinnidh cedi ’n drain uir.

    17

    Tha cloinn-daoine fo threun mhealladh, ’S iad ’n an cadal air a’ bhruaich,

    ’Us uap’ mu shleamhnaicheas an casan, Bidh an lasraichean bith-bhuan.

    Anail bhed, anail bhed, Anail bheo, seid a nuas,

    ’S cuir an ded, cuir an ded, Cuir an (led an luchd na suain.

    Tha’d gun mhoth’chadh air a ghalar, llinn an anama a thruaill’,

    ’S ged a tha iad fo na mhallachd, Cha do dh-fharaich iad an truaigh.

    Anail bhed, etc.

    Tha’d gun edlas air an Dia sin, Tha neo-chriochnach anns gach buaidh’

    Dhall am peac’ iad’s cheil a ghrian orr’ ’S chuir gu cianail iad ’n an suain.

    Anail bhed, etc.

  • 34 LAOIDHEAN.

    Ruisg ’us rannsaich iad le d’ choinneal, Nochd gu soilleir dhoibh an truaigh,

    Chum’s gun glaodh o ei^inn anam, ’Dh^ gu h-ealamh gabh dhinn truas.

    Anail bheo, etc.

    Dean an treorach’ chum an t-saorsa, Tha ri fhaotainn trid an Uain,

    A chaidh cheusadh atm ar n-aite, ’Thabhairt slaint’ ’us sith bith-bhuan.

    Anail bheb, etc.

    18

    Nis cluinneam, Dhe, do ghuth, A ghairmeas thugad mi,

    Chum m’ ionnlad ann ad fhuil, thar pris, A shruth air Calbhari.

    Tha mi tighinn, Dhe, Thugad fein, mo High, Nigh mi, glan mi anns an fhuil A shruth air Calbhari.

    Ged thig mi lag’s neo-ghlan, • Neart bheir thu dhomh gun dith, Is glanaidh tu gach truaill’eachd uam,

    A chum gun smal gu’m bi’m. Tha, etc.

  • LA01DHEAN. 35

    ’S e los’ a tha ’gam ghairm Gu creidimh iomlan’s gradh,

    Gu foirfeachd dochais, sithe, ’s earbs, ’S a bheatha so’s gu brath.

    Tha, etc.

    Is losa, daingn’chidh E Obair an aigh ’sa chridh,

    Le gras a thoirt do n’ dh-fhailtich gras, Ged righich peaoadh roimh.

    Tha, etc.

    Is bheir E fianuis fos Do ’n chridhe dhileas, shaor,

    Gu’m bi gach gealladh coimhlionta ’S an tagair creidimh c6ir.

    Tha, etc.

    Failt ortsa, Fhuil na r6it, Is air Gras-saoraidh failt,

    Is failt air Tiodhlac Chriosd, ar Tighearn, Ar Fireantachd’s ar Slaint.

    Tha, etc.

    19

    Tha geat air fhagail fosgailt ann, Tre’m faicear dearrsadh gloirmhor,

    Fad as a dealradh oirnn o’n chrann, ’S a nochdadh gaol an t-Slan’ghir.

  • 36 LAOIDHEAN.

    Oh, doimhneachd trocair! ’m bheil e fior Gu ’n d’ fhagadh fosgailt’ e dhomh fhin 1

    Dhomh fhin, dhomh fhin— Seadh, fosgailte dhomh fhin 1

    Tre ’n gheat ud gheibh gach aon a thig Ag iarraidh trid chum slainte ;

    Am bochd’s am beartach, m6ir is big, ’S gach cinneach, treubh, is cainnte.

    • Oh ! etc.

    Gabh steach, ’s na bacadh naimhdean thu, Mu ’n diiinear dorus trbcair.

    Tog ort do chrann is glac an crun. Tha gradh nach caochail ’tabhairt.

    Oh ! etc.

    Cha ghiulan sinn taobh thall na h-aimhn’ An crann tha ’n so ’g ar ceusadh ;

    Ach togar crun na beatha leinn, ’S ar gradh do Dhia sior mheud’chidh.

    Oh! etc.

    20

    ’N do chreid thu ann an Dia na glbir ? Tha fathast tuille feitheamh ;

    As a ghriis an d’ fhuair thu st6r 1 Tha fathast tuille feitheamh;

  • tAOtbHEAft, 37

    0 meud grais an Athar dhuinn ! Tha fathast tuille feitheauuh,

    A ghras gu saoibhir phairtich leinn, ’S tha fathast tuille feitheamh.

    Comh-fhonn— Tuille’s tuille, tuille’s tuille, An comtmuidh tuiile feitheamh, Tha ’ghradh gun choimeas is gun chrioch ! Is fathast tuille feitheamh.

    An d’ fhuair thu aithn’ air Slan’ghcar dliith ? Tha, etc.

    ’N do mheal thu n’ aoibhneas ’thig o ’ghnuis 1 Tha, etc.

    0 meud ’ghraidh th’aig losa dhuinn 1 ’S tha, etc.

    A ghradh gu saoibhir phairtich leinn, ’S tha, etc.

    Tuille’s tuille, etc.

    ’N do mhothaich thu an Spiorad treun 1 Tha, etc.

    ’Tuiteam mar an driuchd gu seimh ? Tha, etc.

    O meud neart an Spioraid Naoimh ! ’S tha, etc.

    A neart gu saoibhir phairtich leinn ’S tha, etc.

    Tuille’s tuille, etc.

  • 38 LAOlDHEAti.

    21

    Ho ! mo chairdean, faicibh ’n sanus ’Luasgadh anns an speur !

    Sud ath-nearfcachadh ’am f rad hare, ’S faisg nis buaidh, ’s tha feum !

    “Gleidhibh’n daingneach, tha mis’ tighinn ’Se their losa ruinn.

    Suas a’ bhratach’s biodh ar freagairt— “Tre d’ghras gleidhidh sinn.”

    Faicibh feachd ro-laidir ’dluthadh, Satan air an ceann;

    Daoine treun gach taobh dhinn tuiteam, ’S fagail misnich fann.

    “ Gleidhibh,” etc.

    Faicibh ’bhratach aluinn ’lasadh, Cluinnibh ’n trompaid ’seirm,

    Bheir sinn buaidh an ainm ar Ceannaird Thar gach namh ’thog airm.

    “ Gleidhibh,” etc.

    Ged is teinnteach, buan an cbmhrag, Fuasglar oirnn gun diil;

    So Ceann-iuil nam buadh ’tigh’nn thugainn, Suas bhur n-iolach ard.!

    “ Gleidhibh,” eta

  • LAOIDHEAN. 39

    22

    Tha tir ann tha na’s dealraich’ no la, Tir a chi sinn tre chreidimh o chein,

    Oir tha ’n High ’n sin ’na mhaise a ghnath ’Chaidh a dh-ullach’ dhuinn aite leis fein.

    Oh ’n sgeul ait, cha bhi fad Gus an coinnich sinn thall air an trai’.

    ’N uair a gheibh sinn ar caa air an traigh, Canar leinn brain fhonnmhor nan saoi,

    ’S bidh ar spiorad tur saor o gach craidh, ’S cha tig sgios ’thogail osnaich a chaoidh.

    Oh ’n sgeul ait, etc.

    i Do ar n-Athair tha fialaidh’s lan baigh Bheir sinn cliu agus moladh gun chlos,

    I Airson Tiodhlac do-labhairt a’ ghraidh, Is gach beannachd a shealbhaich sinn ’bhos.

    Oh ’n sgeul ait, etc.

    23

    ’N uair a thig E, ’n uair a thig E, ’S gun dean E suas ’sheudan, Uil’ a sheudan, ’s luachmhor ’sheudan, ’Chuid fein is a run.

    B

  • 40 LAOIDHEAN.

    C.f. Mar na reultan ’sa mhaduinn ’Na chrun bbidheach ’lasadh, ’S iad bhios maiseach,—gach neamhnaid Gheibh aite ’na chrun.

    ’S E tha ’tional, ’s E tha ’tional Gach neamhnaid d’a rioghachd. ’S glan iad uile, ’s soilleir uile, ’Chuid fein is a rim.

    Mar, etc.

    A chlann bheag ud, a chlann bheag ud ’Bheir gradh d’ am Fear-saoraidh, ’S iad na seudan, ’s luachmhor ’sheudan, ’Chuid fein is a rim.

    Mar, etc.

    24

    Thig chum an t-Slan’gheir, moille na dean; Gheibh sinn ’na fhocal sebladh d’ar ceum; Seasamh ’nar measg tha Criosd an diugh fein,

    ’Labhairt gu caoimhneil, “Thig!”

    C.f. ’S aoibhneach, aoibhneach bhios a choinneam mhbr,

    ’N uair thig sinn (o’r peacadh glan is saor) Cruinn ann ad fhianuis, Shlan’gheir ar gaoi ’S an dachaidh shiorruidh sin,

  • Laoidhean. 41

    i’uilgibh na leanabaibh!”—guth Chriosd ’s e th’ann

    umadh gach cridh le aiteas a'danns, biodh Es’ar rogbainn tuilleadh o’n am s’; Moille na dean, ach thig.

    ’S aoibhneach, etc,

    mainich a ris, an diugh tha E leinn. ■ram is geill d’a aithn’ thugadh sinn; caoimhneil a bhriatbran, eisdibh is cluinn :— “’N tig sibbs’, mo chlann, an tig?”

    ’S aoibhneach, etc.

    25

    ms’ losa mo chuibhrionn dhuit thug mi mo ghaol; 'uir mi cul air do sgath ri solasan faoin; 3 Shlanuighear grJsmhor m’Fhear-saoraidh an : iird; i ghradhaich mi riamh thu, mo Thriath’s ann an

    truths’.

    i ghradhsa do thruagliain thug buaidh air mo chri; uair a shaor thu o ’n bhas iad air crann Chalbhari, toigh learn thu ’n aobhar a’ chruin rinn do chradh;

    11 ghradhaich mi riamh thu, mo Thriath’s ann an truths’.

  • 42 LAOiDHEAtt.

    Gradh bheir mi ri m’bheodhuit, isgradh annam bhas A’s seinnidh mi cliu dhuit, fad’s a mhaireas douil

    cail, A’s fuar-dlieal t a’ bhais ’n uair ni tamh air m

    ghruaidh, Bheir ainglean do laithreachd an aird mi lebuaidl

    1 An ciiirtean nam flaitheas gu linntean nan linn, Do chliu ni mi aithris le h-6ranaibh binn ; A’s togaidh mi ’n uair sin le luathghair a’m’ dhi Cliu ghaoil a thug buaidh a’s nach fuaraich gubrat

    '26

    Aon tha ann os ceann chaich idle, O ! meud a ghraidh;

    A ghradh chaidh thar gradh brathar dhuinne, 0 ! meud a ghraidh;

    Faodaidh each fas umainn suarach— ’N diugh bhi blath’s am maireach gruamach ;| Ach so aon le gaol nach fuaraich,

    0 ! meud a ghraidh.

    E61as air, a’s slainte shiorruidh, 0 ! meud a ghraidh;

    Faic, 0, faic, cia m6r dha d’ fhiachan, O 1 meud a ghraidh;

    Rinn e ’fhuil ’n ar n’ aite dhbrtadh, Anns an fhasach chaidh e ’n t6ir oirnn,

  • LAOlDHEAN. 43

    ’S thug e steach gu caomh d’a chrb sinn, O ! meud a ghraidb.

    los’ nam buadh, am b’ aill leat fhaotainn? 0 ! meud a ghraidh ;

    Thoir thu fein gu toileach saor dha, O ! meud a ghraidh ;

    Dearbht’ do theachd an-tir gu’m faigh thu, ’S leat gu’m bi e ’ghnath mar chan e, Tog a chuing an aird a’s lean e,

    O ! meud a ghraidh.

    Bidh do pheacan uile maithte, O ! meud a ghraidh,

    ’S neart do naimhdean uile caithte; O ! meud a ghraidh,

    Rogha thiodhlac’s leat an cbmhnuidh, Ni ach math cha leig a’d’ choir e, ’S bheir e tearuinte gu gloir thu,

    O ! meud a ghraidh.

    Molaidh sinn an sin gu brath e; O ! meud a ghraidh,

    Tilgidh sinn ar criiin ’na lathair; O ! meud a ghriidh,

    Togaidh sinn an sin buaidh-chaithream Air dhuinu faotainn thun a chathrach, ’S seinnidh sinn le sloigh nam flaitheas

    0 ! meud a ghraidh.

  • LAOIbHEAtt. il

    27

    Thug mi do shlighe ’n uilc mo mhiann, Gun suim do Dhia no dhaoin’,

    Gus ’n d’ fhuair mi sealladh a chuir" srian Ri m’ ana-miannan baoth.

    Chunnaic mi aon air crann ’g a cheus’; ’S a ghruaidh fo neul a’ bhais;

    Siiil chairdeil fhann dhearc e orm fein, ’S mi toirt dha beum measg chaich.

    Ach O, b’i sin an t-siiil nach teid As m’ aire re mo laith ’n,

    Oir dh-fhag i orms’ a bhas gu leir, Gun smid 4 ’bheul ged bha.

    Mo chogais dhuisg a suas gu searbb, A’s ghlac an-earbs’ mi bed,

    ’G a fhaicinn crocht’ le tairnean garbh Chuir cionta m’ an’m troimh fhebil.

    Mo thruaigh, bha m’ inntinn troimhe cheil’, ’S ag radh, is faoin mo dliedir;

    0.! c’ ait am falaich mi mi-fein, Oir cheus mi Righ na Gloir.

    Suil eile thug e orm bha ’g radh Chuir mi 4 m’ lath ’r do lochd,

    ’S an fhuil so doirteam ann ad ait’, Thoirt slaint’ dha d’ anam bochd.

  • LAOIDHEAN. 45

    An so, car sealan, bidh do chuairt, Ach thig an uair fadhebidb,

    ’S am pill mi ris ’gad ghiulan suas Gu ’r dachaidh bhuain ’an glbir.

    28

    Sibhse luchd eagail De, teannaibh dluth, Sibbse luchd eagail De, teannaibh dluth, Sgeul ait tha ’n diugh a’m’ bheul Mu ’n t-slighe chumhainn reidh, Gu’n d’fhoillsich Criosd e fein dhomh ’na ghiadh, Gu ’n d’ fhoillsich Criosd e fein dhomh ’na ghradh.

    Dhomh leig e ris air tus meud mo thruaigh, Dhomh leig e ris air tus An daors’ ’s an robh mi duint’, ’N sin bhris e m’ uile chuird ; cliu d’ a ainm.

    ’S e thuirt mo sheann luchd gaoil, “tha e millt,” ’S e thuirt mo sheann luchd gaoil, “’S ann thionndaidh e car faoin;” Ach Criosd tha ’n diugh ri m’ thaobh ; molaibh ainm.

    Ach O! na ’in b’ e61 doibh ach trian de m’ shith— D’ an siiilean na’m bu leir An staid am fianuis De, Grad dh-fhasadh faoin iad fhein, tha mi ’n duil.

  • 46 LAOIDHEAN.

    Thuirt cuid, “cha bhuanaich e, sibhse chi;” Ach nis ged’s fhad o ’n la ’Nochd e ’n tus donah ’ghradii, Tha na’ chridhe ’n diugh e blath ; cliii d’ a ainm.

    ’S a nis gu m’ dhachaidh bhuain tha mi triall, Nis tha mi ’g imeachd suas, O ! ’n tig thu anraich thruaigh, No’n fhearr leat fearg an Uain, latha mhbid I

    29

    Tha gliocas ard ag gairm—bi an am, bi an am; Tha gliocas ard ag gairm—bi an am;

    Nis, socraich d’ uile run, Gach peacadh cur air chid ; Tha ’n oidhche tarruinn dluth, bi an am; Tha ’n oidhche tarruinn dluth, bi an am.

    A pheacaich aosmhoir liath, bi an am; bi an am A pheacaich aosmhoir liath, bi an am,

    Tha d’ uair a’ ruith gu dian, Do shamhradh uile triall, ’S theid sios gun dail do ghrian, bi an am; ’S theid sios gun dail do ghrian, bi an am;

    Na diult ni’s faide slaint’, bi an am, bi an am ; Na diult ni’s faide slaint’, bi an am ;

  • LAOIDHEAN. 47

    Grad phill le ceuman luath Chum Slanuighear nam buadh, Mu’n doirt e chorruich bhuan, air do cheann, Mu ’n dhirt e chorruich bhuan, air do cheann,

    0 ! thus’ tha aotrom luath, bi an am, bi an am ; 0 ! thus’ tha aotrom luath, bi an am,

    An fhuil ged las a’d’ ghruaidh, ’S fad as a’d’ bheachd tha’n uaigh, Do la-sa thig, a’s d’ uair, bi an am, Do la-sa thig, a’s d’ uair, bi an am.

    0 ! thusa thuit air falbh, bi an am, bi an am ; 0 ! thusa thuit air falbh, bi an am,

    Do shlighe pheacach treig ; A’s tilg air Criosd thu fein, Tha d’ anam an cruaidh fheum, bi an am, Tha d’ anam an cruaidh fheum, bi an am,

    O ! thoir fainear, mar pill thu an am, thu an am; O ! thoir fainear, mar pill thu an am,

    Gur h-e ni Dia a radh, Grad imich uam gu bratb, ’S ’n ad urnuigh nach bi stath, bi an am, ’S ’n ad urnuigh nach bi stilth, bi an am.

    30

    Tha in’ anam nis air ’aonadh, Hi Criosd an fhionan fhior,

  • 48 LAOIDHEAtt.

    ’S an gras is trie’ dhiult mi, Tha nis a’ tamh a’m’ chri’ ■

    Do Dhia ’am choigreach bha mi, Gus ’n D, ’s am fac mi ’n t-Uan,

    A’s fuil a chri ’g a traghadh, Le gradh do m’ anam truagh.

    Seinnidh tusa cliu dha, A’s seinnidh mise cliu dha, Le cheile bheir sinn cliu dha Oir cliu lan buinidh dha.

    Ri Criosd cha luaithe dh-earb mi Cor m’ anm’ am fianuis De,

    Na ghabh a ghradhsan seilbh dhiom, Mar aon d’ a leanabaibh fein ;

    ’S e Criosd a nis mo shlainte, A’s m’ airidh-ghraidh fo ’n ghrein,

    Cha ’n eagal gath a’ bhais learn, ’S m’ fhear-tagraidh ’n aird air neamh.

    Seinnidh, etc,

    Mo cheum tha nis le luathghair ’S an t-slighe suas gu gloir;

    Cha ’n eagal rudha-gruaidh learn, ’S fear iuil nam buadh ’g am shebl’,

    Bhlais mi do ’n tiodhlac neamhuidh, ’S cha bhi gu brath rium gruaim;

  • LAOIDHEAN. 49

    ’S gu linn nan linn bith m’ aite, ’N a lathair-san thug buaidh.

    Seinnidh, etc.

    Bith ’bh misneachail a bhraithre, Ged ’s tarail sibh fo ’n ghrein,

    Cha ’n eagal ole gu brath dhuibh ’S a charraig aigh fo ’r ceum ;

    Thigibh’s ar ceum luath greasamaid ; Ar saorsa thig gun dail,

    A’s cliu a ghaoil-san seinnidh sinn, O linn gu linn gu brath.

    Seinnidh, etc.

    31

    Leag mi air los’ mo pheacan, ’S e Uan neo-lochdach Dhe,

    An cumhachd tharum chaisg e ’S an acain ’bha ’nan deigh,

    M’ eas-umhlachd chiontach dhuaichnidh ’N a fhuil ghlan nigh e uam,

    A’s trusgan geal neo-thruaillidh Chuir umam e mu ’n cuairt.

    M’ uireasbhuidhean ged’s lionmhor Tha lanachd Chriosd ’toirt barr,

    Ged tha mi’m chnuimh cho diblidh Aig losa tha dhomh gradh ;

  • 50 LAOIDHE AN.

    ’S ged’s ioma rioba’s gabhadh ’S an fhasach so tha m’ cheum,

    Bheir e mi romhpa sabhailt’ Gu aird a ghlbire fein.

    ’N sin caochlar mo chorp truaillidh Gu ’iomhaigh uasail fein,

    A’s togaidh mi le luath-ghair A chliu gach uair ’am bheul,

    An deur o m’ ghruaidh leis siabai’, ’S gu cian nan cian bidh m’ ait’

    ’S an oighreachd iona-mhiannaicht’ Tha gleidht’ aig Dia dhomh ’n traths’.

    32

    losa, ’ghradhaich m’ anam truagh, Cuir mu ’n cuairt orm do lamb,

    ’M feadh a bheucas guth a’ chuain, ’Leis an doininn uaibhrich, aird :

    ’Ad bhroilleach folaich mi gu caoin, Gus ’n teid gaoir na gaillinn seach ;

    Stiursa mi do ’n chaladh naomh, ’S m’ anam thoir gu caomh do d’ theach.

    Teanachdas eile cha ’n ’eil aim, No cultaic’ an teanndaclid m’ fheum ;

    O ! na fag mi, ’s mi cho fann, Dion mo cheann fo sgail do sgeith’ j

  • LAOIDHEAN. 51

    M’ uile dh6igh tha annad fein, Cuibhrionn m’ anm’ £o ’n glirein is tu ;

    ’N uair bhios buaireadh arm am cheum, Bi ’sa ’n sin, a Dhe, dhomh dluth.

    ’S tusa, ’Chriosd, a mhain tha’m dhith, Giksan siorruidh’s leat gach uair;

    Thoir do ’n truaghan mheata clith, ’S gabh do ’n dilleachd' acrach truas :

    ’S ceart’s is naomha d’ ainm gu brath, M’ ainm-sa tha ro ghraineil, truagh ;

    Urram buinidh dhuits’ a’s gras, Dhomhsa tair a’s rudhadh gruaidh.

    Agadsa tha gras gun dith, Gras a dh ionnlad dhiom gach sail;

    Sgaoil feadh bhuadhan m’ anm’ do shith, ’S fuadaich o mo chridh’ gach smal!

    Kruth na beatha ’se do ghradh, M’ anam paiteach gluais ’n a dheigh :

    Tuilleadh biodh e’m chridhe blath, ’G eiridh ’n aird air feadh gach re.

    33

    Gath losa chuala mi ag radh : “Thig thugams’, anraich fhann;

    Gun dail dean teachd, ’s air uchd mo ghraidh, Leig sios chum taimh do cheanir.”

  • 52 LAOIDHEAN.

    ’N sin, thainig mi gu los’ mar bha, Sgith, anruicht, bruite, trom;

    Grad fhuair mi fois air .uchd a ghraidh ; A’s chuir e’m chA.il naomh-fhonn.

    Guth losa chuala mi ag radh : “ Aoin phaitich, 61 gu saor,

    Dheth ’n t-sruthan bheb tha ’g eiridh ’n aird, Le beath’ a’s slaint’ o m’ thaobh.”

    Chum losa thainig’s dh-ol mi uaith De shruth nam buadh a ghrais;

    ’N sin chaisgeadh m’ lot, a’s beatha nuadh Rinn eiridh suas a’m’ chail.

    Guth losa chuala mi ag radh : “ Troimh ’n fhAsach’s mi’m Fear-iiiil;

    Seall liums’ a mhain, ’s cha teid gu brath Sios Grian an aigh o d’ shuil.”

    Ri losa sheall mi, \s bha mo ghrian Gu leir, ’s mo sgiath ann fein;

    ’S a nis, gu crioch mo thuruis chian, Cha ’n fhiig mo ghrian mo spcur.

    34

    Och an t-Uan! ’s fhuil a’ sileadh a nuas ; An t-Uan air Calbhari,

  • LAOIDHKAN.

    An t-Uan a chasgradh gu bas, ’S a ris a dh-eirich an aird,

    Nis a tagradh le gradh mo shith.

    la tobar ann’s e lan de dh-fhuil Tha tairnt’ o chuislibh los’; ach peacach ’thilgear sios fo’n tui], Gian buileach thig e nios.

    Och an t-Uan, etc.

    dnn an gadaich’ dan’ ri uehd a’ bhais M6r ghairdheachas ’na brigh ;

    S nach fhaodar leams’, co'ionnan coirbt’, Mo pheacan ionnlad innt’.

    Och an t-Uan, etc.

    !>ch Uan a ghraidh ! d’ fhuil phriseil, bhlath Cha chaill gu brath a brigh,

    Jus am bi ’mhuinntir shaort’ air fad 0’m peaca’ n glan d’a trid.

    Och an t-Uan, etc.

    J’n dhearc mo shuil ri d’ chreuchdaibh ciuirt’ A’ bruchdadh cungaidh slaint’,

    jradh saoraidh ’n Uain mo cheol’s mo bhuaidh, ’S a bhios gu uair mo bhiiia.

    Och an t-Uan, etc.

    ’N sin seinneam bran’s milse cebl Air cumhachd m6r do ghrais,

  • 54 LAOIDHEAN.

    ’N uair bhios an teanga mhanntach, thruagh Gu balbh ’san uaigh ’na tamh.

    Och an t-Uan, etc.

    Dhe creideam fein, gu ’n d’ ullaich thu, (Neo-airidh’s mar tha mi)

    ’S ann air mo shon, luach fola saor— Seadh, clarsach 6ir dhomh fein.

    Och an t-Uan, etc.

    Chuir cumhachd m6r gach tend air dbigh, Gu ce61 air feadh gach re,

    Gu seirm ’an cluasan High nan sluagh, ’S gun ainm ach Gan na reit’.

    Och an t-Uan, etc.

    35

    ’Nuair thach’reas sinn bidh sibh ag radh, Ciod an sgeul ? Ciod an sgeul 1

    Ciod tha an diugh a’ gabhail ait 1 Ciod an sgeul 1 Ciod an sgeul 1

    ’S ann agams’ tha ’n deadh sgeul r’ a luaidh ! ’S an obair mhaith rinn Criosd d’ a shluagh, Air bas’s air ifrinn thug e buaidh,—•

    Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    Air Calbhari fhuair losa bas, Sin an sgeul! Sin an sgeul! O O

  • LAOIDHEAV 00

    A shaoradh saogh’l fo chiont’ bha ’n sas ! Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    ’S ann sin a dhbirt e ’fhuil gu lar— ’S ann sin ar peacadh mheasadh dha,— Ach dh-eirich e le buaidh o’n blias,

    Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    A suas gu neamh le buaidh chaidh los’. Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    A’s shuidh e ’n sin ’n a chathair-righ, Sin an sgeul ! Sin an sgeul!

    ’Na chathair-rioghail bidh E ghnath, Ach gus an tig E latha bhrath, Le feachd nan nearah leis air gach laimh,

    Sin an sgeul! Sin an sgeul !

    ’Obiir tha soirbheachadh’s gach ait’,— Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    Tha moran pheacach ’faotainn slaint’, Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    ’S ’n uair gheibh an anam’ bias d’ a ghras Ard sheinnidh iad Hosana dha, A’ cur an cbill a chliii ’s gach ait’,—

    Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    Shaor losa raise mar an ceudn’, Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    Tha ’n fhianuis again annam fein, Sin an sgeul 1 Sin an sgeul !

  • 56 LaoIdiiEax.

    ’S o’n ’thug e saorsa dhomh o dhit’, ’S gu faire’s umuigh ’theagaisg mi, Tha mi ’an sonas a’s an sith,

    Sin an sgeul! Sin an sgeul !

    ’S urrainn da slaint’ a thoirt dhuit fein, Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    A’s cridhe nuadh ’thoirt mar an ceudn’, Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    M1 tha fuath do ’n pheacadh ann ad chri’— Ma tha thu ’creidsinn ann an Criosd, Gheibh thu lan shaorsa ’nis o dhit’—

    Sin an sgeul! Sin an sgeul 1

    ’Us innis dhoibh-san bhics ag r&dh, Ciod an sgeul ? Ciod an sgeul 1

    Gu’m bheil thu ’g urnuigh ’nis gach la, Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    Gu’m bheil thu nis’s a’ chuideachd aigh— A nis fo stiuradh Dhe nan gras, ’S an t-slighe chum na tir a’s fearr

    Sin an sgeul! Sin an sgeul!

    36

    Air thalamh cha ’n ’eil ainm cho caoin, No aon air neamh cho milis

    Ri ainm Fir-Saoraidh chinne-daoin’ ’S dhuinn teachdair neimh a dh-innis.

  • LAOIDHEAN. 07

    Ard iolach togamaid do dh-ainm Ar De’s ar Slanuighir “ losa,”

    Oir riamh aon fhuaim cha chuala daoin’ Cho milis caoin ri “ losa.”

    Mac Abraim ’n uair a ghainn iad dheth, ’S e bh’ ann, fo sgail, ’ainm daoineil—

    An t-ainm chaidh ghairm o neamh roimh’ bhreith ’S fo ’n d’ fhuair e bks—“ Fear-Saoraidh.”

    Ard iolach, etc.

    Os ceann a chinn air crann na nair’ Ilinn Pilat ainm a sgriobhadh,

    ’S an so tha aird ’us doimhne graidh Nach gabh gu brath dhuinn innseadh.

    Ard iolach, etc.

    An obair thug o neamh e nuas, Lean e gu buaidh cho dileas

    ’S nach sgithich slbigh nam flaitheas shuas, ’Bhi deanamh luaidh air “losa.”

    Ard iolach, etc.

    37

    Tha an Spiorad Naomh ’o ’n Airde, Air a dhbrta’ nuas gu grasmhor, ’S e ri obair mhdr an tra so, ’N iomadh ait’ air feadh an t-saoghail.

  • 58 LAOIDHE AN.

    Bheir sinn bharr nan crann seileach, ’Nis a’ chlarsach uair eile; Oir ’o ’n Airde tha e sileadh, Driuchd an Spiorad gu ro chaoin.

    Tha an dream ’bha aon uair goracb, ’S del gun suim a dh’ ionnsuidh ddruinn, Air an deanamh tuigseach, eblach, !S iad mar 15chrain anns an t-saoghal.

    Tha an dream ’bha dall ’n an inntinn, Air an soillseacha’ gu cinnteach; Tha na bodhair fein a’ cluinntinn, ’S iad toirt taing do Dhia maraon.

    Tha an dream ’bha aingidh, uaibhreach, Air an leagail sios gu luath leis; ’S iad a’g aideachadh’s an luaithre, Bhi nan truaghain, fhalamh, fhaoin.

    Tha an dream ’bha deanamh dimeis, Agus tarcuis air a Bhiobull, Trie ’ga rannsachadh le dichioll, ’S e ni’s priseil’ dhoibh na maoin.

    Tha an dream ’bha riamh gun churam, ’S leis nach b’ fhiach a bhi ri urnuigh, Air am faotuinn le ro-dhurachd, Air an gluinean, ’s iad a’ caoin\

  • LAOIDHEAN. 59

    Tha an dream a bha ’n am briathran, ’Tabhairt ainm lehobhah ’n diomhan ’Deanamh luaidh le urram dhiadhan, Air, gu ciatach, mar is c6ir.

    Tha an dream tha og ’am bliadhnaibh, Ann an trocair Dhe gu lionmhor, Air an trehrach’ gu bhi deanamh

    ’’N roghainn chiatach a rinn Maois.

    Tha an aois air bruaich na h-uaighe, ’Bha mar cheum do bhron, is truaighe, Air an saoradh ’n truths’ gu buadhmhor, ’S iad a’ gluasad, ’s ann gu glhir.

    Tha gradh brathaireil agus aonachd, Am measg chairdean Chriosd’ a’ sgaoileadh, ’S iad a’ guidhe mar le aon-glmth, As leth ’aobhar anns an t-saoghal.

    Bheir sinn buidheachas do ’n Ard Bigh, Tha toirt taisbein air a ghras duinn, O ! gu ’n deanadh e a phairteach’, Ann’s gach aite’s a’ bheil daoin.

    38

    Nach glormhor an naigheachd th’ air aithris do ’n t-sluagh,

    Air trocair do ’n anain o mhallachd’s o thruaigh ;

  • GO LAOIDHEAN.

    Nach gl6rmhor an naigheachd th’ air aithris do ’n t-sluagh,

    Trid losa chaidh cheusadh’s a dli-eirich o’n uaigh.

    Ged tha iad thaobhnaduir’n an trailleand’ammiann, ’Cuir cul ris an Ard-righ ’s nach aill led dha’

    striochd, ’TJs Satan ’g an trebrach’ gu doruinn gu ’n chrioch Thain’ losa do ’n t-saoghal thoirt saors’ dhoibh ’us

    dion. Nach glbnnhor, etc.

    Oir ghabh e an nadur mar phailluinn d’ a ghlbir, ’Thoirt umhlachd ’n an aite gu bas agus bron, Lan phaigh e na fiachan ’thoirt dioladh do ’n clibir, Do ’n cheartas thug riarach’ ’s cha ’n iarr e an cdir.

    Nach glbrmhor, etc.

    ’S ged chuireadh gu bis e, ’s chaidh charadh’s an uaigh,

    Is gann a chuir blathsinnt’nuaira dh-fhagilebuaidh. Oir dh-eirich a ris e chum sith ’thoirt d’a shluagh, ’S mar Charaid tha sior-bhed tha riogh’ chadh gu

    buan ; Nach gldrmhor, etc.

    Oir chriochnaich e ’n obair—deadh obair na slaint’; An treas la chaidh ’thogail gu h-obunn ’o ’n bhas : Oha ’n fheudadh an t-IJrras bhi ’r chumail an sas,

  • Laoidhean. (U

    ’S gu ’n d’ thug e lan diolaidh’ ’s na fiachan a phaigh. Nach gldrmhor, etc.

    Tha nis e air ardach’ an iiros a ghaoil, Aig deas laimh an Aird-righ chum slaint’ thoirt do

    dhaoin’ ’S an soisgeul gu fuaimneach ’n an cluasan ’toirt

    glaoidh lad’ philleadh le cabhaig ’us gabhail ri saors’.

    Nach glormhor, etc.

    O pillibh, grad phillibh, o pillibh gun dail, ’S na bithibh ’g ’ur dalladh ’s ’g ’ur mealladh le

    namh. Na bithibh gu suaimhneach an suain-chadal bais Tha ’n diabhol ’na dhusgadh ’s ’na run sibh ’bhi ’n

    Nach glormhor, etc. [s&s.

    39

    Tha’n diabhol ’na dhusgadh’s ’na run sibh ’bhi eaillt’ ’G ’ur cumail le durachd o ughdar na slaint’ ’G ’ur mealladh le dochasan ghrach’s le dail, Chum leis bhi gu siorruidh’s a’ phriosan ’g ’ur cradh.

    Nach glbrmhor, etc.

    O thigibh gu h ealamh ’us mealaibh a ghaol, Tha thrbcair cur thairis mar bhras-uisg’ a’ taom’

  • 62 LaoidheaN.

    Tha’ mhathas ’us ’fhialachd gu siorruidh gun traogh’ A shasach’s a riarach’ uil’ iota chloinn daoin’.

    Nach gldrmhor, etc.

    Bhur peacannan graineil ni ’n adhlac’s a’ chuan, ’S na mullachdan ’thoill iad le ’n oillt rinn dluth-

    fhuaight’ Cha chluinn sibh gu dilinn binn ditidh gu truaigh, Tha niaitheanas sgriobht’ duibh m’ fuil phriseil an

    Nacb glormhor, etc. [Uain..

    Nach uamhasach ’ni bin ri dimeas ’us tair Air caoimhneas-graidh losa thug dioladh le ’bhas, 0 cionnas a sheasas ’chuid eascaird’ ’n a lathair, N uair thig e ’n tein-lasrach gu’n casgradh gu brath ?

    Nach glormhor, etc.

    Ma chuireas sibh cul air’s gu ’n diult sibh a ghras, ’ ’S nach tig sibh le durachd ’s le umhlachd ’n a,

    lathair, Ribh lasaidh a chorruich, ni ’ur losgadh’s ’ur cnamh,' ’Us bidh sibh gu siorruidh’ ’n geur phiantan a’ bhais. 5

    Nach glbrmhor, etc.

    40

    A chuideachd mo chridhe, tha ’n t-am dhuibh bhi tilleadh—

    Tha ’n t-am dhuibh bhi tilleadh gu slighe na slainte; i

  • LAOIDHEAN. 63

    Fhearra’s a ghillean, a mhnathan’s a nighean, Tha ’n t-am dhuibh uil’ tilleadh, gu Ligbich na

    slainte.

    Cha ’n ’eil anns an t-saoghal, bhi tabhairt ’ur gaol da, Ach faileas ’ni caochladh, no faoineis nach sasaich; Cha ’n ’eil bhos air thalamh na lionas an t-anam, Gach ni tha fo ’n mhallachd, chaidh bhagradh air

    A chuideachd, etc. [Adhamh.

    ’Ur nadur bhi truaillidh, cha-n aill leis bhi smuain- each,

    Le cail air an t-suaimhneas, tha nasal neo-tlirkilleil; Is fhearr leis bhi ’n cuideachd nam plaosgan faoin

    falamh, ’Bheir riarach do ’n anam neo-ghlan ann an nadur.

    A chuideachd, etc.

    Nach bochd a bhi ’g obair, sior thional a chonnaidh, ’S am bi sibh ’gur losgadh, gu goirt agus craiteach, Nach bochd a bhi dian ruith, gu togarach iasgaidh, Do ’n teine ’tha piantail, ’s uach criochnaich gu

    A chuideachd, etc. [brath dhuibh.

    Nach truagh a bhi saltairt, gu taireil fo ’r casan, Fear-Saoraidh nam beannachd, ’s gun gabhail r’a

    shlainte, Nach ole bhi ’ga threigsinn, ’s an cbmhnuidh ’ga

    cheusadh,

  • 64 LAOIDHEAN

    ’S gach latha ag eigheach, a reubadh le tairnean. A chuideachd, etc.

    Nach ole bhi ri tarcuis, air caoimhneas an Athar,; ’Chuir ’Mhac o na flaitheas, gu ’r n-aisig gu slainte Nach amaideach gbrach bhi diultadh a thrhcair, ’S a greasad gu deonach, gu doruinn nach basaich

    A chuideachd, etc.

    Thigibh-se gu falamh, gun iomradh air mathas, Oir tha an neo-airidheachd ceangailt’ ri ’r nadur, ’S e peacaich bhochd chianail, tha ’n Slanuighea

    ag iarraidh, An dream tha mi-dhiadhaidh, ’s a miannach ’bh

    A chuideachd, etc. [sabhailf i

    Thigibh-se mar bhochdan, ’us cridheachan goirt ac| Ag aideach’ ’ur lochdan a bhrosnaich an t-ard RigJ ’S ’g radh “ Dhe dean ’sa trbcair, oir’s peacaich

    mh6r sinn, Thoill bhi air ar fogradh, gu dbruinn o d’ lathair.

    A chuideachd, etc.

    41

    Fonn an t-soisgeil, ’s ait an sgeula, losa ceusda air a chrann,

  • LAOlUHEAf}. 6

    Sruthan Trbcair trid’ a’ tearnadh, Gras gun eirig’s gun bhi gann.

    Halleluia’s toigh leam losa, Halleluia gu ’r toigh leam, ’S toigh leam losa, ’s e in’ Fhear-saoraidh, ’S toigh leis mi ’us fhuair mi ’run.

    Tog do chasan chum an t sleibh ml, An Crann-ceusaidh ruig gun dail, Thig ’sa, bl de ’n tobair fhialaidh, ’Gairm Mhic Dhe dhuit, ’s bidh tu slan.

    Halleluia’s toigh leam, etc.

    Coimeas aimhne gras an t-saoraidh, ’S lionmhor aon a dh-61 dhi riamh ; Fhathast tha i ruith gun traoghadh, ’S ann ’o thaobh’s ’o lotan Chriosd.

    Halleluia’s toigh leam, etc.

    losa fein amhain mo phbrsan, Sealan’s cbmhlaicheam e shuas, ’S an glaic-ghaoil m’ Fhir-shaoraidh oirdheirc, Bidh mo chbmhnuidh’m feasda buan.

    Halleluia’s toigh leam, etc.

    42

    'ha sinn air ar turus gu neamh na glbir, tn teid thu leinn l an teid thu leinn 1

  • 6(i LAoibMKAN.

    A sheinn 6ran gaoil an t-Slanuighir mh6ir, etc. Chaidh muillion a suas gu neanih na gldir, etc. 1 Cha bhi saothair no bron tuillidh ’gan leon, ’S tha aitean falamh ann fathasd gu lebir, An teid thu leinn 1 an teid thu leinn 1

    Tha sinn ag imeachd gu raointean na soills’, etc. Fada o bhas, o mhallachd, ’s o oidhch’, etc. Bidh crun na beatha an sinn air an ceann, ’Us pailm na buaidh bidh againn ’n ar lairah, ’S uil’ aoibhneas na neimh bidh againn achaoidh,eb

    Tha sinn a’ falbh a dh’ fhaicinn an Uain, etc. Le aoibhneas mor thoirt moladh d’ a ainm, etc. Ar grian cha teid ni’s mo a sios, Ar gealach cha bhi dorch’ aig ceann gach mios’, A’s laithean broin cha bhi’s an tir, etc.

    An t-slighe gu neamh tha direach a ’s' reidh, etc. Dean aithreachas, creid, a’s d’ anam bidh slan, et Tha Slanuighear ag eigheach gu h-ard riut fein, “ Tog do chrann-cheusaidh ’us thig ann am dheigi Mo shlainte chi ann an latha nan gras,” etc.

    0 nach cluinninn peacach ag radh 1 Theid mi leibh. Theid mi leibh. Am peacadh a’s mise cha ’n urrainn bhi reidh, [ Theid mi leibh. Theid mi leibh. Mo sheana chompanaich slan leibh, Cha teid mi leibh gu truaighe a’s pein,

  • LAOlbHEAN. 6?

    \S ann bhios mo chomhnuidh le los’ air neamh, Theid mi leibh. Theid mi leibh.

    43

    Bha mi uair ’na mo choigreach do ghras ’us do Dhia, Gun fhios air mo chunnart, mo chiont no mo dhiol; Ged mholadh le m’chairdean dhomh Slanuighear

    ceusd, lehobhah Tsidcenu, bu shuarach leam fein.

    ’S ged leugb mina sgriobhaidhean simplidh aigEoin, ’Us briathran Isaiah am Faidh le deoin; JDruiteach mar dh-fheuchiad dhomh los’airachrann, lehbbhah Tsidcenu, gun mhais’ bha’s an am.

    Ged ghuil mi gu deurach, mar dhream thug dha gaol A smuaineach’ mar chrabhadh Emanuel caomh ; Cha do mheas mi mo pheacadh mar aobhar a phein, lehbbhah Tsidcenu bu shuarach leam fein.

    ’N uair dhusgadh o ’n ^iird mi, tre fhabhar ar De ; Lion eagal a bhais mi, ’us chraidh e mi geur. Fasgadh cha d’ fhuair mi, no buaidh ann an ni.— lehobhah Tsidcenu m’ fhear-cbbhrach’s mo shith.

    ’N sin theich uam gach eagal, tre chreideamh ’na chliu;

    ’Us thog mi mo mhisneach, ’us thainig mi dlu— A dh-61 as an tobar, a bheatha gu saor— lehbbhah Tsidcenu—dha thug mi mo ghaol.

  • 68 LaoidhEaN.

    lehobhah Tsidcenu, ’se m’ ionmhas ’us in’ uaill,—- Gu’n d’chailleadh ah aon a thug gaol dha, cochual’? Trid bheirear buaidh leam air cuan ’us air tir : M’uchd eideadh,’usm’acair, ’smo sgiath dheth doui.

    ’N uair theid mi troimh ’n ghleann’s am hi teann- dachd a bhais,

    Bithidh ’n t-ainm so ’na mhisneach do m’chridhe tre gh>as;

    ’N uair dh-fhuasglas mo Dhia mi, gu sior o gach truaigh’,

    lehdbhah Tsidcenu, leam seinnear le buaidh.

    Siubhladh gach solas faoin, losa is leam,

    Fuasgladh gach ceangal saoghail, losa is leam,

    ’S dorcha an fhasach ’bhos, Fad as an t-ionad-fois. losa amhain bheir clos,

    losa is leam.

    M’anam air falbh na buair, losa is leam,

    Dh-fhanainn an so gu buan, losa is leam,

  • LAOIDHK.AN. f,9

    Nithe do ’n dual am bas, ’S goirid gu dearbh ’ur la, Triallaibh ’o in’ chridh’ gu brath,

    losa is learn.

    Cul ris gach bruadar faoin, losa is leam,

    Bhris orm a mhaduinn chaoin, losa is leam,

    H uile ni ’dh fheuch mi riamh, Fhuair mi iad falamh, blian, losa amhain a lion,

    losa is leam.

    Beannaclid le Basmhoireachd, losa is leam,

    Failt ort, a Shiorruidheachd, losa is leam.

    Failt air na Liichairt-thaimh, Failt air na Flaitheis ard, Failt air Fear saoraidh graidh,

    losa is leam.

    45

    Long an t-soisgeil ’dol do Chanaan, ’S ioma la o’n ’sgaoil i ’seol, Bochd no beairteach gheibh iad ait’ innt’, Ma’s e’s kill doibh falbh gu gldir.

  • 70 LAOIDHEAN.

    Gloir is glbir, is Halleluia ! Sud a ta ’n luchd-seblaidh seinn, Feuch an cala ’fosgladh gloirmhoir, Do gach feoil a chreid an sgeul.

    Miltean cheana rinn i fh&gail, Far nach tig am Bas g’ an o6ir, ’S ged tba miltean innt’ air saile, Gu bheil ait’ aice do chorr.

    Glbir is glbir, is Halleluia, etc.

    Thig, 0 anail, lion a siuil di, Greas i nunn le cursa reidh, Tha na Lamhan uile muirneach, ’S moladh ur tigh ’n ’o gach beul.

    Glbir is glbir, is Halleluia, etc.

    Seid ’sa air an lubhraich uasail, ’S thoir i luath thar cuan nan gleann, Gus an tar i traigh gu buadh’or. Gun a h-aon d’ a sluagh a chall.

    Glbir is glbir, is Halleluia, etc.

    46

    Tha mi lan aoibh gu’m bheil Athair na Glbir Ag innse ’na Leabhar mu ’ghras air son fbir; Measg nan ni luachmhor tha’m Biobull ag radh So ’n t-aon a’s mils’ gu ’n d’ thug losa dhomh grad

  • LAOIDHEAN. 71

    Tha mi lan aoibh gu ’n d’ thug losa dhomh gradh, los’ thug dhomh gradh, los’ thug dhomh gnklh,

    dhomh’ gradh.

    Ged ni mi air dichuimhn’ ’sa thriallas mi cli, A ghaol tha ’g am leantuinn’s gach ait’s am hi mi; Phillinn gu ’ghairdeanah gaoil agus aigh ’Nuair dh’ eireas a’m’ chuimhn’ gu ’n d’ thug losa

    dhomh gradh.

    0! ma tha aon 6ran ann ni mi sheinn ’N uair ch\ mi A Mhorachd ’na mhaise ro ghrinn, So bidh ’na bran gun chrich learn gu brath, “O’n t-ioghnadh mor—gu ’n d’ thug losa dhomh

    gradh!”

    Thug losa dhomh gradh is tha gradh agam dha, ’Se ’ghaol chuir gu’n d’fhuilingE’m basairmosgath; ’Se ’ghaol thug a nuas E a’m’ shaoradh o chradh— 0 tha mi cinnt’ gu ’n d’ thug losa dhomh gradh !

    Ma dh’fhebraicheas neach dhiom, codh’innis an sgeul 1 Gloir bhi do losa chuir Esan an ceill; A Spiorad tha cagar le m’ spiorad’s gach trath, Toirt fianuis nach meall gu ’n d’ tliug losa dhomh

    gradh. C

  • LAOIDHEAN.

    ’S an dearbh-bheachd so fhuair mi fois shol fhior;

    Tha m’ earbsa a losa nach treig mi gu sior; : Tha Satan a’ teicheadh o m’ anam fo sgath, ’Nuair chanas mi ris, gu ’n d’ thug losa d,

    griidh.

    47

    “ Glaodh iad ’steach”—na bochdan truagh, A’s iad air fuadach as a chro; Tha maitheanas a’s sith ’ga thairgse; Luach is fearr gu m6r na ’n t-6r. “ Glaodh iad ’steach”—na diblidh, anruicht, | Fo throm uallach leis a pheac’ Abair gu ’n do bhasaich losa, Tha E feitheamh ; “Glaodh iad ’steach.”

    “Glaodh iad ’steach”—gach Cinneach’s ludlzi Thoir gach coigreach thun na feisd; “Glaodh iad ’steach”—gach beairteach’s uaSt- Glaodh gach truaghan’s gach aon ard— Faic an t-Athair ’ruith ’gan chmhlach’ Chunnaic E am br6n gu beachd ; Trusgan’s fainne’s brogan rioghail, A feitheamh orra : “Glaodh iad ’steach.”

    “Glaodh iad ’steach”—na leanaban mao tha, A tha fantuinn mach o chach

  • LAOIbttEAN

    0, na feith riu gus a maireach, Criosd ’g an iarruidh nis gun dail. Lean an t-Uan a’s E ’g ad threorach’! Fhuair E buaidh air son gach neach, Thoir na doill's na bacaich dlu dha— Ni E ’n leigbeas; “Glaodh iad ’steacb.”

    “Glaodb iad ’steach”—gach cridhe bruite, A tha gu tursach, ’s iad fo nair; Labhair facal caoimhneil graidh riu, Tnnis dhoibh—fhuair losa bas. Faic an duibbre sgaoilt’ mu ’n cuairt oirnn, S a’ mhaduinn birdhearc nis air teachd ; 0, na fag iad caillt’ ’n an aonar, jpriosd a tighinn : “ Glaodh iad ’steach.”

    48

    A ghaisgich Chriosd, a suas ! F’ ur n-armachd bithibh treun,

    Laidir’s an neart o Dhia ’thig nuas Troimh ’Aon-Mhac siorruidh fhein.

    Earbaibh a Dia nan Slogh, A’ ghairdean m6r’s a ’neart;

  • ?4 LAOlDttUAN.

    Sar bhuaidh bidh aig na chuireas doigh An losa, Dia nam Feart.

    Le mdrachd Dhe ro tbrein, ’S le uile neart-san oirbh,

    Buailibh gu dian fo ’armachd fhein, Cruaidh bheum’s a’ cbomhraig dhoirbh;

    Gluaisibh o neart gu neart, Le urnuigh, strith, is gleachd ;

    ’S gu treubhach glacaibh buaidh do ’n chei Bho Shatan’s a chuid feachd

    ’S air deanamh dhuibh gach ni, ’S air teachd do ’n chath g’ a cheann,

    Bheir Criosd e fhein duibh buaidh’s an sta Is bidh sibh iomlan ann.

    49

    Dia leibh gus an coinnich sinn a ris; Stiuradh’s gleidheadh e o bheud sibh : ’S paisgeadh e ’n a chr6 le threud sibh;

    Dia leibh gus an coinnich sinn a ris

    Dia leibh gus an coinnich sinn a ris; Dionadh sgail a sgeith gu seimh sibh;

  • LA01DHEAN. 75

    Biadhadh e le aran neimh sibh ; Dia leibh gus an coinnich sinn a ris.

    Din leibh gus an coinnich sinn a rxs; ’Nuair a bhagras teinn an t-saogh’l sibh ; Glacadh e ’na lamhan gaoil sibh ;

    Dia leibh gus an coinnich sin a ris.

    Dia leibh gus an coinnich sinn a ris ; ’Bhratach graidh a ghnath biodh tharaibh; Saor o bhks ’s o eucail mairibh;

    Dia leibh gus an coinnich sinn a ris.

    50

    Feuchaibh, ’naohnh, tha’n sealladh glormhor— Faicibh Fear-a’-bhr6in’s an tair’,

    Tigh’nn air ais o ’n chath le ’mhorachd ; ITheid gach glim da sios gu lar ;

    Crunaibh, crunaibh, Crunaibh gaisgeach mor nam blar!

    Aingle, crunaibh Criosd, an Slan’ghear! ’S mor a chobhartach’s a bhuaidh;

    Gloir is cumhachd thugaibh dhasan, ’S biodh a chliu gu h-ard ga luaidh ;

    Crunaibh, crunaibh, Crunaibh losa, High nam Buadh!

  • 76 LAOIDHEAN.

    Naimhdean rinn, le crim’s le smugaid, Fanoid air Messiah caomh;

    ’Nis tha ainglean’s naoimh ’n a chuideache A’ toirt cliu d’ a ainm ro naomh ;

    Criinaibh, criinaibh, ’S cuiribh mach a chliii gach taobh !

    Oluinnibh a’ bhuaidh-chaithream aghmhor lolach iird gun sgur, gun sgios!

    Criosd ’g a chrimadh anns na h-ardaibh, Coimeas da cha robh’s cha bhi!

    Crunaibh, crunaibh Triath nan Triath, is Righ nan High.

    O cia caomh an Caraid losa, ’Ghabh air fdein ar lochd’s ar pein!

    0 an t-sochair teachd le urnaigh, Leis gach cuis g’ a ionnsaidh fhein !

    O cia trie a threigeas sith sinn; ’S trie ar cridh’ gu goirt fo phein,

    Chionn nach deachaidh sinn le urnaigh, Leis gach cuis g’ a ionnsaidh fhein.

    ’Bheil ar n-anam bochd fo bhuaireadh ? 'Bheil ar cridh’ fo amhghar geur 1

    C’ uime bhitheamaid fo mhi-ghean 1 Thoir gach sion g’ a ionnsaidh fhein.

  • LAOIDHEAN. Y V

    C’ ait’ am faigh sinn neach cho caoimhneil, Ghabhas roinn d’ ar br6n gu leir ?

    Meud ar laigse’s aithne dhasan; Rach gun dail g’ a ionnsaidh fhein.

    ’Bheil sinn ann ar laigs’ ag uallach' Curaim chruaidh gach uair’s gach ceurn ?

    Slainte’s dion tha tamh an losa; Thoir gach ni g’ a ionnsaidh fhein.

    Treigidh cairdean’s cuiridh cul riut; Thoir gach cuis g’ a ionnsaidh fhein;

    Gheibh thu dion an uchd a ghraidii-san, ’S sonas aigh am feasd nach treig.

    52

    O la an aigh’s an d’ roghnaich mi Thu fhein, mo Dhia’s mo Shlan’ghear m6r

    Is math ’thig gairdeachas do m’ chridh’, ’S le h-aoibhneas ni e uaill is gloir.

    0 b6id an aigh, mo cheangal ’rinn Ri Fear-mo-ghaoil, mo Cheile caomh !

    ’Na theampull molam e gu binn, ’N uair chuartaicheas mi ’altair naomh.

    Tha ’n gniomh do-lal)hairt a nis reidh ! ’S le Dia gu saor mi—-’s leamsa Dia;

    Tharraing e mi is lean mi e, ’S gu toileach gheill do ghuth mo Thriath.

  • 78 LAOIDHEAN.

    Gabh fois a nis, mo cridhe truagh, ’S an ionad so gabh fois gu seimh;

    Co ’n ti nach cuireadh duslach uaith, Trath thairgteadh aran da o neamh 1

    Na neamhan chual’ a’ bhoid, is chi Ga h-urachadh gach la de m’ shaogh’l; |

    ’S aig crioch mo thurais fagaidh mi Mo bheannachd-bais do ’n cheangal ghai

    53

    Seas suas ! seas suas gu dileas 0 thusa ’shaighdeir Chriosd;

    Tog suas a’ bhratach rioghail, Chan fhaod i dol a sios.

    Bho bhuaidh gu buaidh gu ’n teid sinn.

    i

    I

    Le Criosd, ar Ceannard treun, ’S gach namhaid f6s gu ’n cios.naich,

    ’S gu ’n rioghaich sinn leis fhein.

    Seas suas ! seas suas gu dileas, Is umhlachd thoir d’ a ghairm ;

    Rach suas ’n a ’latha glbrmhor Do ’n chomhrag dhian fo d’ airm.

    A ghaisgich, bithibh treubhach An aghaidh naimhdean Chriosd,

    ’S ur misneach f6s gun eirich, Mur geill sibh aims an strith.

  • LA01DHEAN. 79

    Seas suas ! seas suas gu dileas; ’S e Criosd e fhein do Cheann !

    An gairdean feolmhor geillidh, Na cuir do dhochas ann.

    Cuir clogad ard na Slaint' ort, Dean faire’s urnaigh ghnath ;

    ’S do dhleasnas ’n uair a ghairmeas, Bi thusa deas aig laimh.

    Seas suas ! seas suas gu dileas ; Cha bhi a’ chbmh-stri buan;

    An diugh tha ’n comhrag gabhaidh ; Am maireach caithream-bhuaidh !

    Is gheibh gach gaisgeach buadhach Crun beatha mar a dhuais,

    Is rioghachd nach bi truaillidh, Le Dia’s na nearnhan shuas.

    54

    Tha iocshlaint aig an Lighich mhor ; Tha trocair’s truas an losa;

    Tha slainte ann nach ceannaich 6r ; Tha shlas an guth losa.

    Sud an teud is mils’ an G16ir, Sud am fonn th’ aig aingle m6r Sud an t-ainm a ni oirnn foir—

    Ainm gun choimeas—losa.

  • 80 LAOJDHEAT?.

    Do pheacadh maithidh e ’na ghaol ; 0 eisd ri caomh -ghuth losa;

    An sith bi ’g imeachd suas tre ’n t saogh’l, A dh’fhaotainn cruin le losa.

    0 mol an t-Uan ’thug dhuinn a’ bhuaidh; Tha m’ earbs gach uair an losa;

    A chliu bidh mi gach la a’ luaidh, ’S mo ghradh cho buan do dh-Iosa.

    ’N a ’ainm-san ni mi oidhirp dhian, ’S mo chridhe ’g iarraidh losa;

    Is 0, tha m’ anam lan de mhiann Air aghaidh sgiamhach losa.

    55

    Tha mi mar neach a’ seinn a ghnath ; Shiab los’ air falbh mo dhebir;

    Mo Shlan’ghear is mo charaid graidh, ’S i sheirbhis fath mo ghloir.

    Mor chliu dha ! cliii dha ! cliu do Ohriosd gun tail Cliu dha ! cliu dha ! m6r chliu do Chriosd gun tajjal

    ’N uair chunnaic mi e air a’ chrann, An eirig m’ 6u-ceart dhain,

    Mo dheoir gu frasach shil, ach nis Tha mi a’ seinn gun tamh.

  • LAOIDHKAN. 81

    ’N uair bhios mo chridh’ fo bhuaireadh dian, “ ’S leam Criosd ”—so fath mo dhain ;

    ’S mar sin, ged thig gu trie na debir, Tha mi a’ seinn gun tamh.

    Sgeul aoibhinn, iongantach an Uain, Bidh mi a’ luaidh gach la,

    ’S ’n uair chluinneas each an t-bran grinn, Bidh iad a’ seinn gun tamh.

    56

    Bed tha mi bochd’s an fhasach so, tha ait agam an glbir,

    A ghealladh dhomh le m’ ShBnuighear ’n uair bha E anns an fhebil,

    ’S cha ’n eagal leam gu’m failnich an gradh a thug E dhomh,

    ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.

    Se'isd:— An t-seann t-seann sgeul sin tha i daonnan nuadh, An t-seann t-seann sgeul sin mu fhulangas an Uain, is mar chaidh losa cheusadh a shaoradh m’ anam

    truagh, ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.

    rha’r leam gu ’m faic mi ’n Slanuighear ’s a’ gharadh’s E ri bron,

    Is air a’ chrann mar thairnichear a lamhan leis an brd,

  • 82 LAOIDHEAN.

    So an sgeul a’s priseala, ’s gu’n d’innseadh i le-PoU ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.

    ’S ged is buan an t-siorruidheaclid, cha ’n iarraim sa de ghldir,

    1 Ach suidh’ sios fo sgaile’s an aite’s an robh Eoii Bha Muire greis’s an aite sin, ’n uair bha i anc

    an fhebil—- ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.;

    Tha’r leam gu’m faic mi ’n t aite sin, ged tha ir anns an fhebil,

    ’S muinntir ’tha ’g a aiteachadh, an lathair Big' na gloir, ,

    Is trioblaidean an fhasaich so, gu brath cha til g’an coir—

    ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.

    Tha’r leam gu ’n cluinn mi ’n gairdeachas tha ’j lathair Righ na gloir

    ’S na naoimh a seinn air clarsaichean mu’n ghras i thug iad beo,

    Nach sonadh bhi ’san aite sin nuair dh-£hagas sim an fhebil—

    ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.;

    ’N uair thionalas mo chairdean ’chuir corp m( bhais fo ’n fhoid,

    Bidh mise ’n sin am Paras a’ seinn air clarsaich bir

  • LAOIDHEAN. 83

    ’S tha craobh na beatha ’fas ann, ’s cha ’n fhail- nich mi ’chion Ion;

    ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.

    Beannachd leibh mo chairdean ’tha mi fagail anns an fheoil,

    Leanaibh ris an t-Slanuighear, ma’s aill leibh dol do ghlbir,

    Ni fail na h-iobairt-reitich sibh mar reultan ann an gloir—

    ’S toigh leam an t-seann t-seann sgeul sin.

    57

    Tha sruth mo re a traghadh Tha soills bho neamh a dearrs’;

    A mhaduinn oirdhearc dhealrach Tha ’nis ag eiridh ’n aird.

    Dorch’ dorch’ bha meadhon oidhche, Ach latha thig gun dail;

    Tha gloir ! tha gloir a chomhnuidh ’An tir Imanueil.

    ’Se Criosd an tobar fior-ghlan; ’Tha milis lan de ghradh.

    Na sruthan ’bhbs a dh-fheuch mi, Olar ni’s pailt’ leam shuas.

  • 84 LAOIDHEAN.

    Tha ’n sin mar chuan ’na lanachd, A throcair mor gu ’n cheann.

    Tha gloir ! tha gloir a chomhnuidh ’An tir Imanueil.

    Le breitheanas ’us trocair, Mo bheatha rinn E suas;

    ’Us thar gach deuchainn bhrbnach ; Tha ’ghaol san ’faotainn buaidh.

    ’S beannaicht’ an lamh a stiuir mi, ’S an cri ’ghabh mi as laimh,

    Tha E ’ids ’n a chathair rioghail ’An tir Imanueil.

    Cha sheall bean-ph6sd r’ a culaidh, Ach maise ’n fhear thug gradh.

    Cha ’n amhairc mi air gloir ann, Ach air mo Righ nan Gras;

    Air a chrim a gheibh cha dearc mi, Ach ’n lamh ’chaidh ’lot ’am ait,

    \S e ’n t-Uan gu leir a ghloire ’An tir Imanueil.

    Le stri ’us iomadh deuchainn, Thig mi fa dheoidh gu neamh.

    Ged tha mi bochd ’us saraicht’, M’ fhear iuil bi’ learn gach ceum.

    ’Nuair ’thuiteas duibhre, anamoch, ’S a thig mo thim gu ceann;

  • LAOIDHEAN. 85

    ’S ann chi mi gloir a dearrsadh ’O thir Imanueil.

    Trom thuiltean lean mo cheuman, ’S bu trie mi ’n gabhadh geur

    ’Nis tha iad nil’ a’m’ dheidh, Mo chlarsach cuiream ’nis air ghl6us ;

    O seinneam Alleluia Am measg na cuideachd mhoir;

    Far an gabh gloir Dhe a comhnuidh ’An tir Imanueil.

    58

    Feuch ! saibhreas iongantach a ghraidh Thug Dia ar slainte dhuinn;

    Peacach ’us truaillidh f6s ged bha ; Clann dha-san rinneadh dhinn.

    Co-sheirm:— Feuchaibh, cia mor an gradh ; An saibhreas graidh a bhuilich Dia an t-Athair

    oirnn, A chum gu ’n gairmear sinn ; Gu ’n gairmear sinn ’n ar cloinn do Dhia.

    Ni’s m6 cha ’n ’eil sinn fada uaith, Ach ’nis tre ’n fhuil ’teachd dluth ;

  • 86 LAOIDHEAN.

    Taitneach tha sinn ’am mac a ghraidh, An lathair Dhe nan dul.

    Oha ’n ’eil e soilleir dhuinn a nis Ciod ’bhitheas sinn ’an gloir,

    Ach ’n uair a dh-fhoillsichear E dhuinn, Bi ’choslas oirnn gu fior.

    Le ddchas beo mar so ’n ar duil, Ar diirachd b’ e’s ar miann

    A bhi ni’s cosmhuile ri Criosd—• Ar n-ard cheann-iuil’s ar Triatb.

    59

    Chan eil ni ann beag no mor, ’Pheacaich dhuit r’ a dhean’

    Chriochnaich los’ gu leir an obair, Fada, fad o chian.

    Co-sheirm:— Tha e criochnaicht’; tha gu dearbh,

    Criochnaicht’ tha gach ni; A pheacaich innis dhomh gun dail

    Ciod ’nis ort ’tha dhi 1

    ’N uair a dh-fhag E ’chaithir-righ ; Sios a dhol gu has,

  • LAOIDHEAN. 87

    Chriochnaich E na bha r’ a dheanadh ; Eisd ri guth a ghraidh.

    Thus’ tha sgith ’us bochd ’us truagh ; Claoidht’ le d’ obair fein;

    Sguir de d’ stri; gach m tha reidh ; Fada, fad’ o chian.

    Tilg do dhean’ das niarbhtach sios— Sios aig casan los’;

    Seas arm. fein ; ann fein a mhain, Gloirmhor ’us coimhliont’.

    60

    O ’thxr na sith, riut tha mo dhiiil; O c’uin a thig an uair,

    ’S an leig mi m’ eideadh-catha sios, ’S an d’ theid mi dhachaidh suas ?

    Co-sheirm:— Gu ’n oibrich sinn gus an tig los, ’S bheir E sinn dachaidh suas.

    Cha ’n ’eil air thalamh aoibhneas dhomh, No sith no fasgadh blath;

    Tha ’n saoghal so ’n a fhasach fuar, ’S cha ’n ann a tha mo th&mh.

  • 88 LAOIDHKAN.

    Gu losa chaidh mi airson sith ; Thuirt E rium “Stad de m’ chuairt,”

    ’S mi luidhe air a bhroilleach chaomh Gus ’n d’ theid mi dhachaidh suas.

    Ruith mi gun dail gu m’ shlanuighear graidh, ’S gu brath cha d’ theid mi cli:

    Leis-san theid mi troimh ghleann a bhais, Gus ’n ruig mi tir na sith.

    61

    ’Se los’ an leigh’s tha’ ghradh da reir, Ni E gach eucail slan,

    Leig thus’ thu fein air thaic ’n ad fheum, S’ bithidh Dia ruit reidh gu brath.

    O, anam bhochd nach tig thu nochd, S’ nach gabh thu fois ’n a ghradh,

    ’Us losa fein do ’n aithne d’fheum, ’Gad eigneachadh le’ ghradh.

    Leig thus thu fein air gealladh Dhe, ’S ni fuil na reit thu slan,

    Thig bron do chridh’ s’ do dheoir gu crich, ’S cha ditear thu gu brath.

    O, anam thruaigh nach seall thu suas. ’S nach faic thu an t-Uan ’ga chradh,

  • LAOIDHEAN. 89

    ’Us fail a chridh’ ’ga taomadh sxos, Toirt diolaidh ann ad ait.

    Ach beannachd leat tha mise falbh, Bho’n dhiult thu tairgs’ nan gras,

    ’Us losa Criosd a tairgseadh sith, Ma striochdas thu ’na lathair.

    Beannachd leat tha losa ’g radh, Bho’n dhiult thu an t-slainte mhor,

    Ach thig do la’s bith thus’ fo nair, Bho’n chaill thu d’ ait an Gloir.

    62

    Tha mi air mo thurus dhachaidh, Tha mi’m choigreach a’ dol suas