rannsachadh a’ dearbhadh cudromach nan ealan …...dh’fhaodadh na h-ealain ghàidhlig pàirt...

11
Dh’fhaodadh na h-ealain Ghàidhlig pàirt mhòr a ghabhail ann a bhith a’ leasachadh eaconomaidh nan eilean agus an iar-chost den Ghàidhealtachd, a rèir sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid. Chaidh an “Rannsachadh Mòr” a dhèanamh gus dealbh coileanta a thoirt air beachdan dhaoine air na h-ealain Ghàidhlig agus cho cudromach ‘s a tha iad anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Chaidh ceisteachan a chur gu aon taigh a-mach às gach ceithir agus chaidh 1,250 freagairt fhaighinn air ais. Bha 80% dhen bheachd gun robh na h-ealain Ghàidhlig cud- romach do shoirbheachas a’ chànain san fharsaingeachd, le 77% ag ràdh gun robh iad cud- romach ann a bhith tàladh dhaoine òga chun chànain. Thuirt treas dhe na daoine a chuir freagairtean air ais, agus aig an robh clann ann am fogh- lam Gàidhlig, gun robh buaidh aig na h-ealain ann a bhith toirt orra a dhol airson foghlam tro mheadhan a’ chànain. Tha an rannsachadh a’ togail air sgùdadh eile a chaidh a dhèanamh ann an 1996 mu na h-ealain Ghàidhlig. ‘S e an eadar-dhealachadh as motha bhon àm sin gun robh 70% a dhaoine dhen bheachd gu fao- dadh na h-ealain leantainn gu leasachaidhean eacono- maigeach san fharsgaingeachd. Thuirt stiùiriche Pròiseact nan Ealan Calum MacGill-Eain: “Tha an suirbhidh seo a’ seall- tainn gu bheil misneachd a tha a’ sìor fhàs aig na coim- hearsnachdan sna sgìrean Gàidhlig sa chànan agus sa chul- tar aca fhèin. Tha e na thogail a bhith faicinn builean cho dòchasach bho shuirbhidh a bha cho mòr is farsaing. “Tha beachd aig a h-uile duine air cùisean co-cheangailte ri na h-ealain, cànan agus cul- tar ach ‘s e glè bheag de rannsachadh neo-eisimeileach air na beachdan gu lèir aig a’ choimhearsnachd a chaidh a dhèanamh. Tha an aithisg seo a’ toirt seachad fianais shoilleir gu bheil a’ choimhearsnachd a’ coim- head air na cùisean seo mar rud glè chudromach agus ‘s e goireas ùr phrìseil a th’ ann do luchd- poileasaidh.” Chaidh an rannsachadh a dhèanamh leis an Ollamh Ailean Sproull is an Ollamh Dùbhghlas Chalmers bho Oilth- igh Chaledonian ann an Glaschu, às leth PnE agus na buidhne, GASD, a bhios a’ riochdachadh nam buidhnean gu lèir a tha an sàs anns na h- ealain Ghàidhlig. Faic duilleag 2 An Dùbhlachd, 2006 www.an-gaidheal-ur.co.uk Àireamh 109 AN ASGAIDH ! TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH duilleag 10 duilleag 6&7 Taobh a-staigh pàipear na mìos seo: Samhlaidhean Gàidhealach ann am farpais dhealbh Clàr-ama Nollaig a’ BhBC B’ e Acadamaigh Inbhir Pheofharain a thog duais na bliadhna airson Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean. Chaidh a’ chuairt dheireannach a chu- mail ann am Pàrlamaid na h-Alba agus thog Tessa Chaimbeul agus Coinneach MacChoinnich aire nam britheamhan nuair a rinn iad a’ chùis air Sgoil IcNea- cail. ‘S e seo an naoidheamh bliadhna a tha an fharpais air a bhith dol agus i a’ faigh- inn taic bho BT. Chuir 16 sgiobaidhean a- steach air a son. Thug ceannard Acadamaigh Inbhir Pheofharain, Graham MacChoinnich, moladh mòr dhan dithis sgoilear. “Tha mi fìor mhoiteil asta agus ‘s e euchd air leth a tha ann do ar n-òigridh a’ chùis a dhèanamh air sgoil cho ainmeil sa Ghàidhlig ri Sgoil Ic Neacail,” thuirt e “Sheall iad deagh spionnadh agus bha e follaiseach gun chòrd a’ chùis riutha glan agus bha moit orm a bhith ann. Bha iad nan urram, chan ann a-mhàin do Acadamaigh Inbhir Pheofharain, ach dhan Ghàidhealtachd.” Tha BT Alba a’ toirt seachad £15,000 airson na farpais agus e ga chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig. Bithear cuideachd ga chraoladh air Radio nan Gàidheal. Thuirt cathraiche na comataidh stiùiridh, Dòmhnall Màrtainn: “Bu mhath leam moladh a thoirt dhan dà sgioba air- son cho math ‘s a rinn iad. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh àrainneachd na pàrlamaid a’ toirt dhaibh spionnadh air- son a bhith cho math. Thug na britheamhan moladh dhan dà sgioba air- son cho siùbhlach ‘s a bha iad.” B’ e na britheamhan: Ailean Caimbeul, àrd-oifigear Bòrd na Gàidhlig; Màiri Kidd, àrd-oifigear Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig; agus, Iain MacGilleathain bhon BhBC. Faic duilleag 4 Rannsachadh a’ dearbhadh cudromach nan ealan Ghàidhlig Tessa Chaimbeul agus Coinneach MacCoinnich bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain a’ faighinn na duais bho Mhurchadh MacRath bho BT. An deasbad seachad — Inbhir Pheofharain air thoiseach Nollaig Nollaig Chridheil is Chridheil is Bliadhna Bliadhna Mhath Ùr Mhath Ùr

Upload: others

Post on 02-Mar-2020

5 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Dh’fhaodadh na h-ealainGhàidhlig pàirt mhòr a ghabhail

ann a bhith a’ leasachadheaconomaidh nan eilean

agus an

iar-chost den Ghàidhealtachd, arèir sgrùdadh a chaidhfhoillseachadh bho chionnghoirid.

Chaidh an “RannsachadhMòr” a dhèanamh gus dealbhcoileanta a thoirt air beachdandhaoine air na h-ealainGhàidhlig agus cho cudromach‘s a tha iad anns na h-EileananSiar, san Eilean Sgitheanachagus Loch Aillse.

Chaidh ceisteachan a chur guaon taigh a-mach às gach ceithiragus chaidh 1,250 freagairtfhaighinn air ais.

Bha 80% dhen bheachd gunrobh na h-ealain Ghàidhlig cud-romach do shoirbheachas a’chànain san fharsaingeachd, le77% ag ràdh gun robh iad cud-romach ann a bhith tàladhdhaoine òga chun chànain.Thuirt treas dhe na daoine achuir freagairtean air ais, agusaig an robh clann ann am fogh-lam Gàidhlig, gun robh buaidhaig na h-ealain ann a bhith toirtorra a dhol airson foghlam tro

mheadhan a’ chànain.Tha an rannsachadh a’ togail

air sgùdadh eile a chaidh adhèanamh ann an 1996 mu nah-ealain Ghàidhlig. ‘S e aneadar-dhealachadh as mothabhon àm sin gun robh 70% adhaoine dhen bheachd gu fao-dadh na h-ealain leantainn guleasachaidhean eacono-maigeach san fharsgaingeachd.

Thuirt stiùiriche Pròiseactnan Ealan Calum MacGill-Eain:“Tha an suirbhidh seo a’ seall-tainn gu bheil misneachd a thaa’ sìor fhàs aig na coim-hearsnachdan sna sgìreanGàidhlig sa chànan agus sa chul-tar aca fhèin. Tha e na thogail abhith faicinn builean chodòchasach bho shuirbhidh abha cho mòr is farsaing.

“Tha beachd aig a h-uileduine air cùisean co-cheangailteri na h-ealain, cànan agus cul-tar ach ‘s e glè bheag derannsachadh neo-eisimeileachair na beachdan gu lèir aig a’choimhearsnachd a chaidh a

dhèanamh. Tha an aithisg seo a’ toirt

seachad fianais shoilleir gu bheila’ choimhearsnachd a’ coim-head air na cùisean seo mar rudglè chudromach agus ‘s e goireasùr phrìseil a th’ ann do luchd-poileasaidh.”

Chaidh an rannsachadh adhèanamh leis an Ollamh

Ailean Sproull is an OllamhDùbhghlas Chalmers bho Oilth-igh Chaledonian ann anGlaschu, às leth PnE agus nabuidhne, GASD, a bhios a’riochdachadh nam buidhneangu lèir a tha an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig.

Faic duilleag 2 �

C

M

Y

K

An Dùbhlachd, 2006 www.an-gaidheal-ur.co.uk Àireamh 109

AN ASGAIDH !

TOGFEARAN-DIUGHAN ASGAIDH

duilleag 10

duilleag 6&7

Taobh a-staighpàipear na mìos

seo:

SamhlaidheanGàidhealach ann am

farpais dhealbh

Clàr-ama Nollaig a’BhBC

B’ e Acadamaigh Inbhir Pheofharain athog duais na bliadhna airson DeasbadNàiseanta nan Sgoiltean.

Chaidh a’ chuairt dheireannach a chu-mail ann am Pàrlamaid na h-Alba agusthog Tessa Chaimbeul agus CoinneachMacChoinnich aire nam britheamhannuair a rinn iad a’ chùis air Sgoil IcNea-cail.

‘S e seo an naoidheamh bliadhna a thaan fharpais air a bhith dol agus i a’ faigh-inn taic bho BT. Chuir 16 sgiobaidhean a-steach air a son.

Thug ceannard Acadamaigh InbhirPheofharain, Graham MacChoinnich,moladh mòr dhan dithis sgoilear.

“Tha mi fìor mhoiteil asta agus ‘s eeuchd air leth a tha ann do ar n-òigridha’ chùis a dhèanamh air sgoil cho ainmeilsa Ghàidhlig ri Sgoil Ic Neacail,” thuirt e

“Sheall iad deagh spionnadh agus bhae follaiseach gun chòrd a’ chùis riutha glanagus bha moit orm a bhith ann. Bha iadnan urram, chan ann a-mhàin doAcadamaigh Inbhir Pheofharain, achdhan Ghàidhealtachd.”

Tha BT Alba a’ toirt seachad £15,000airson na farpais agus e ga chur air dòighle Comunn na Gàidhlig. Bithear cuideachdga chraoladh air Radio nan Gàidheal.

Thuirt cathraiche na comataidhstiùiridh, Dòmhnall Màrtainn: “Bu mhathleam moladh a thoirt dhan dà sgioba air-son cho math ‘s a rinn iad. Tha mi a’smaoineachadh gun robh àrainneachd napàrlamaid a’ toirt dhaibh spionnadh air-son a bhith cho math. Thug nabritheamhan moladh dhan dà sgioba air-son cho siùbhlach ‘s a bha iad.”

B’ e na britheamhan: Ailean Caimbeul,àrd-oifigear Bòrd na Gàidhlig; MàiriKidd, àrd-oifigear Stòrlann Nàiseanta naGàidhlig; agus, Iain MacGilleathain bhonBhBC.Faic duilleag 4 �

Rannsachadh a’ dearbhadh cudromach nan ealan Ghàidhlig

Tessa Chaimbeul agus Coinneach MacCoinnich bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain a’ faighinn na duais bho MhurchadhMacRath bho BT.

An deasbad seachad — Inbhir Pheofharain air thoiseach

NollaigNollaigChridheil is Chridheil is

BliadhnaBliadhnaMhath ÙrMhath Ùr

‘S i an fhìrinn a th’ agam nach eilmi idir dèidheil air a’gheamhradh. Cha tuig mi carsonnach deach mo thogail ann andùthaich cèin far a bheil a’ ghriana’ deàrrsadh fad na h-ùine, far abheil e daonnan soilleir agusblàth agus far nach fhaighinncnatan cho luath ‘s a tha ansamhradh seachad. Aig an àmseo den bhliadhna nuair a tha nalàithean dorcha agus h-oid-hcheannan fada agus fuar, chòr-dadh e rium a bhith fada air falbhbhon uisge agus bhon ghaoithann an àite far nach feumainnseacaid, ad, scarfa, miotaganagus bòtannan mus fhàgainn antaigh sa mhadainn! ‘S ann airsgàth ‘s seo a tha mi a’

smaoineachadh air a’gheamhradh mar ràith fhuar,dhubhach agus mhuladach agusnach urrainn dhomh feitheamhgus am bi e seachad a-rithist sonbliadhna eile. Le bhith ag ràdhseo ged-thà, feumaidh miaideachadh gu bheil aon mhìosann nach eil cho dona ris anfheadhainn eile nam bheachdfhìn. Chan e idir gu bheil nalàithean nas blàithe no gu bheilna h-oidhcheannan nas giorra nafeadhainn eile ach tha rud sòn-raichte mu dheidhinn dhomhfhathast. ‘S ann air a’ mhìos seofhèin, An Dùbhlachd, a tha mi a-mach agus chan eil nàire ormaideachadh gur e àm na Nollaigea tha ag adhbhrachadh namfaireachdainnean seo annam.

Bha an Nollaig bho riamh nathachartas tarraingeach dhomhagus tha cuimhne agam nuair abha mi òg nach b’ urrainn dhomhfeitheamh gus am faighinn ceadairson ar taigh a sgeadachadh letinsil dathach agus ar n-uinnea-gan a lìonadh le dealbhansneachda agus solais bhrèagha. B’e rud mòr a bh’ ann nuair arachadh craobh na Nollaige achur an- àirde agus bhiodh tua-said eadar mi fhìn ‘s mo

bhràithrean fhad ‘s a chuirea-maid ar tiodhlacan foidhpe. Chab’ e seo an aon rud a chòrd riumged-thà. Tha cuimhne agam gusònraichte air na pàrtaidheanNollaig a bh’ againn sa bhailenuair a chuirinn orm dreasaphàrtaidh, brògan spaideil agusgum bithinn air m’ fhalt achìreadh agus m’ aodann aghlanadh (rud nach do thachaircho tric an uair sin!) Bhiodh gea-maichean na cloinne ann leduaisean teoclaid airson anfheadhainn a shoirbhicheadhagus an uair sin, biadh agusdeochan dhan h-uile duine.Dh’fheuchadh sinn ri farpaiseana chumail air co leis a bha anàireamh bu mhotha dedhuaisean bhon phàrtaidh no còdh’ fhaodadh na teòclaidean bumhotha ithe aig an aon àm (chabhi e na iongnadh gun robh mifìor mhath air a’ ghèam ud!)Thigeadh bodach na Nollaige a-steach an uair sin agus cha b’ eruith ach leum a bhiodh ann gusam faighinn cothrom dol gunàrd-ùrlar, suidhe air a ghlùinagus innse dha gun robh mi aira bhith modhail fad na bliadhna.Bha daonnan tiodhlac bheagaige airson gach pàiste sa bhaile

agus chumadh seo sàmhach sinngu deireadh a’ phàrtaidh co-dhiù.

Ged a tha mi air fàs nas aostabhon uair sin agus nach bi mi a’frithealadh nam pàrtaidhean udtuilleadh, faireachaidh mi gubheil mi nam nighinn bhig a-rithist aig an àm seo den bhli-adhna. ‘S toil leam nuair a thauinneagan nam bùth air ansgeadachadh le craobhan Nol-laige, sneachda agus cuileannair sgàth ‘s cho càirdeil agusblàth ‘s a tha iad a’ coimhead.Chan urrainn dhomh feitheamhgus an tèid solais na Nollaige an-àird ‘s an uair sin a bhith airseachran sa bhaile, a’ coimheadair na dathan gleansach ‘s nasolais a’ priobadh mum thim-cheall. Cuideachd, ged nach crei-deadh a h-uile duine seo, tha e nathoileachas dhomh a bhith a’dol dha na bùthan agus a’ lorgthiodhlacan do dhaoine fiù ‘snuair nach urrainn dhut glu-asad annta bho àite gu àite leischo trang ‘s a tha iad [agus ‘s anntric thèid mi dhachaigh le rudana bharrachd dhomh fhìn!] Geda chuireadh seo ceàrr mi aig àmeile sa bhliadhna, tha tòrr abharrachd foighidinn agam mu

àm na Nollaig airson adhbhar airchoreigin.

Tha rudeigin sònraichte mubhiadh na Nollaige cuideachdsaoilidh mi. Cearc-Fhrangach,“mince pies”, cnothan, teoclaidagus bonnach Nollaig is chanfhaighear nas fheàrr aig àm eileden bhliadhna. Tha am meas-gachadh den bhlas agus denfhàileadh gam tharraing thuca guminig agus ged a tha fios agamnach eil e math dhomh a bhithag ithe biadh den t-seòrsa seo fadàm na Nollaige [agus àm na Bli-adhn’ Ùire ma bhios mionarach!] tha faireachdainn sòn-raichte agam nuair a tha mi cholàn ri cnò nach fhairich mi aig àmeile den bhliadhna!

‘S mar sin, nach mi a tha mitoilichte gu bheil An Dùbhlachdòirnne mu dheireadh thall agusgum faigh mi buannachd às a’mhios gheamhraidh a tharomham ach carson nach biodh?Tha fìor dheagh leisgeul agamairson cus airgid a chosg, gea-maichean leanabail a chluicheagus fada cus biadh mì-fhallainithe...’s bochd nach bi a h-uilemìos sa bhliadhna coltach rithe.Nollaig chridheil agus bliadhnamhath dhuibh uile.

2 An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006

Disathairne 12mh am Faoilleach

Inbhir Nis – Thèid bliadhna Chultarail naGàidhealtachd fhosgladh gu h-oifigeil airan oidhche seo le mòran thachartasanair feadh Inbhir Nis, nam measg, pàrtaidhmòr air an t-sràid le fireworks, ceòl ùragus traidiseanta, companaidhean teatairbho air feadh na Roinn Eòrpa agusmòran eile. www.highland2007.com nocuiribh fòn air 01463 702007.

Dihaoine 15mh Dùbhlachd

Druim na Drochaid – Bidh an còmhlanOld Blind Dogs a’ cluich ann an TallaGleann Urchardan air an oidhche seo bho8f.

Dihaoine 22 Dùbhlachd

Dùn Èideann – Thèid cèilidh agusdannsa a chumail le Còmhlan Cèilidh DaHooley ann an Ionad St. Brides air anoidhche seo bho 8f. Gheibhear tuilleadhfiosrachaidh air 0131 555 7668. Cos-gaidh tiocaidean £8/5.

Gleann Garaidh– Thèid cuirm-chiùil achumail air an oidhche seo le DonnchadhSiosalach (Wolfstone), Iain MacPhàrlainagus Marc Clement (Blazin’ Fiddles) annan Talla Choimhearsnachd GhleannGaraidh bho 8f. Cosgaidh tiocaidean£10/8.

Diardaoin 28 Dùbhlachd

Cinn a’ Ghiùthsaich – Bidh Anna Massieagus a còmhlan a’ cluich ann an Tallanan Ròs air Sràid an Rìgh ann an Cinna’ Ghiùthsaich air an oidhche seo. Cos-gaidh tiocaidean £8/6. Gheibhear tuil-leadh fiosrachaidh air 01540 664 535.

Dihaoine 29mh Dùbhlachd

Steòrnabhagh – Thèid ceilidh agusdannsa a chumail anns an Lanntair airan oidhche seo le Skerryvore. Gheib-hear tiocaidean aig www.lanntair.com nocuiribh fòn thuca air 01851 703307. Nis – Bidh Skerryvore a’ cluich air an athoidhche a-rithist, an 30mh, ann an ClubShòisealta Nis. Tuilleadh fiosrachaidhaig www.skerryvore4.com

31 Dùbhlachd

Dùn Èideann – Thèid cèilidh mòr a chu-mail bho 9f an oidhche seo ann an Gàr-raidhean Sràid a’ Phrionnsa, airsonOidhche Challainn a chomharrachadh.Le ceòl bho Salsa Celtica, Capercaillie,Sandy Brechin agus mòran eile airsona’ bhliadhn’ ùr a thoirt a-steach. Cos-gaidh tiocaidean £35. Gheibhear fios-rachadh sam bith air 0131 473 2000 nofaicibh www.edinburghshogmanay.com.

Diluain 1mh Faoilleach 2007

Glaschu - Thèid cèilidh a chumail annsan Old Fruitmarket ann an Glaschu. Bidhtrì de na còmhlain cèilidh as ainmeile a’cluich, Fergie Dòmhnallach, Skipinnishagus Alasdair MacCumhais agus aChòmhlan Cèilidh, Black Rose. Cluichidhiad còmhla airson an uair a thìde mudheireadh, eadar 2m agus 3m. Cosgaidhtiocaidean £25 agus gheibhear iad air0141 353 8000.

17 Faoilleach – 4 Gearran

Glaschu – Bidh Fèis Celtic Connectionsa’ gabhail àite eadar na làithean seo airfeadh Ghlaschu. Le consairtean, cèilid-hean, òraidean, bùithtean-obrach agusmòran thachartasan inntinneach eilethairis air an 19 latha a tha seo. Gheib-hear prògram de thachartasan, tio-caidean agus fiosrachadh sam bith eileaig www.celticconnections.com.

26 Faoilleach 2007

Glaschu – Thèid Ceòl is Craic na mìosseo a chumail ann an Ionad nan NuadhEalan aig 350 Sràid Sauchiehall, Glaschuair an oidhche seo bho 8f, le ceòl bhoNa h-Òganaich.

Cuin ‘s Caite

An Gàidheal

ÙrNeach-deasachaidh

Murray MacLeòidSeòladh

Taigh à Mhorair LeverhulmeCeàrnag Phearsabhail

SteòrnabhaghEilean Leòdhais

HS1 2DD

Fòn: 01851 706877Facs: 01851 706467

[email protected]

Oifigear-sanasachd:Marina NicLeòid

Fon: 01851 703487

An Gàidheal

Ùr

Le Joy Dunlop

A’ falach bhon fhuachd annam blàth ‘s an Dùbhlachd

Chaidh Ainmean Àite na h-Alba a chur air bhog gu h-oifigeil bho chionn ghoiridann am Pàrlamaid na h-Alba.

Le bhith ga chur fachomhair Achd na Gàidhlig(Alba) 2005, a tha a’ toirtchothroman ùra agus a’ curdleastanas air buidhneangus a bhith a’ brosnachadh a’chànain, bha e follaiseachgun robh stiùireadh a thaobhainmean Gàidhlig a dhìth airùghdarrasan ionadail isbuidhnean air feadh Alba leuallach airson mapadh.

‘S e caidreachas debhuidhnean poblach is saor-thoileach a th’ ann an Ain-mean Àite na h-Alba. ‘S e ant-amas aca:

• cruthan ùghdarrasailnan ainmean àite air feadhAlba a shònrachadh

• modh litreachaidh co-chothromach a chur an sàsairson ainmean àite Gàidhlig

• brosnachadh adhèanamh air gabhail ri nacruthan seo air ainmean àiteGàidhlig

Tha an Caidreachas a’gabhail a-steach ComhairleEarra-Ghàidheil is Bhòid,Comhairle nan Eilean Siar,Comunn na Gàidhlig, CLÌGàidhlig, Comhairle naGàidhealtachd, Iomairt naGàidhealtachd is nan Eilean,Tomhas an Riaghaltais,Comann Ainmean Àite na h-Alba agus Institiùd Mìle Bli-adhna UHI.

Tha an caidreachas a’cleachdadh fiosrachadh ion-adail, eòlas eachdraidheil

agus prionnsabalan stèid-hichte gus aontachadh aircruthan cearta nan ainmeanàite.

Tha Ainmean Àite na h-Alba a’ foillseachadhstiùireadh airson phrìomhròidean agus ùghdarrasanionadail air dreachdcoitcheann shoighnicheanrathaid is ainmean shràideangus a bhith cinnteach gubheil co-chothromachadhann. ‘S e an t-amas sa cheannfhada stòras a chruthachadhair-loidhne a bhios naghoireas fiosrachaidh airsonainmean Gàidhlig agus airam bi cothrom aig a h-uileduine.

Thuirt Mgr Iain Hutchi-son, Cathraiche AinmeanÀite na h-Alba: “Tha mi uab-hasach toilichte gu bheil sinna-nis a’ tòiseachadh air ìreleasachaidh ùr mar bhuid-heann a tha stèidhte gu h-oifigeil. Tha an caidreachasag obrachadh gu math agustha mi toilichte a ràdh gubheil corra leasachadh sanamharc againn a bheir sinna dh’ionnsaigh clàr-àiteannàiseanta Gàidhlig.

“Tha AÀA a’ cur fàilte airan taic airgid a fhuaradhbho Chomhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid, Bòrd naGàidhlig, Comhairle nanEilean Siar is Comhairle naGàidhealtachd agus,cuideachd, an taic airgid afhuaradh bho Iomairt naGàidhealtachd is nan Eileanoir chuidich seo sinn le bhitha’ leasachadh a’ phlanagnìomhachais againn.

“Tha e a’ toirt toileachasmòr dhomh a bhith a’ cur nalàraich-lìn www.gaelicplace-names.org agus a’ bhileagfiosrachaidh, air bhog gu h-oifigeil aig Pàrlamaid na h-Alba cho faisg air an lathanàiseanta againn, Latha anNaoimh Anndrais. Tha mindòchas gun tadhail sibh tricair làrach-lìn AÀA agus gundèan sibh feum dhe na seirb-heisean a thathar a’tairgsinn. Bidh e na fhìorghoireas foghlaim agus glèluachmhor do dhualchas nah-Alba a thaobh eachdraidh,àrainneachd agus cànain.”

Thuirt Mgr ÙisdeanBochanan, an StiùiricheDàimh aig Tomhas anRiaghaltais.

“Tha Tomhas an Riaghal-tais air leth toilichte gu bheilAinmean-Àite na h-AlbaGaelic Place Names of Scot-land ga stèidheachadh marfhòram ùghdarrasail airsona bhith ag aontachadh aircleachdadh na Gàidhlig annan ainmean àite san lathaan-diugh. Tha sinn moiteilgu bheil àite againn ann abhith a’ gleidheadh naGàidhlig ann an ainmeanàite — suidheachadh chofollaiseach ‘s a th’ ann doluchd-turais ann an Alba abhith a’ faicinn a’ chànain gachur gu feum. Bidh sinntoilichte a bhith a’ leantainnleis an obair seo còmhla riAÀA, mar a rinn sinn roimhecòmhla ri Comataidh Cean-gail nan Ainmean Gàidhlig.”

Goireas air leth feumail do luchdna Gàidhlig

Iris chliùiteach dol athoirt iomradh airtachartasan a’ chànain

Rannsachadh a’ dearbhadh cudromachnan ealan Ghàidhlig

Thèid tachartasan Gàidhlig tim-cheall Glaschu is Inbhir Nis ashanasachadh anns an irischliùitich, “The List”.

Dh’fhoillsich luchd-deasachaidh na h-iris gu bheil iadairson àite a thoirt do thachar-tasan ealain na Gàidhlig — glu-asad a tha air fhaicinn mardheagh thogail agus fèill mhòr airiris a bhios a’ toirt seirbheischoileanta seachad air na tha dolann an dà phrìomh bhaile na h-Alba.

Ann an iris na h-ath mhìosthèid taisbeanadh de na tachar-tasan Gàidhlig a bhios a’ tachairtair feadh an Fhaoillich a chur anclò, ach cuideachd thèid sùilfharsaing a thoirt air na bhios a’tachairt sa chànan air feadh nabliadhna.

Tha dùil gu bheil an gluasada’ tighinn agus an fhèis mhòr“Celtic Connections” ga cur airdòigh ann an Glaschu an athmhìos.

Thuirt Ciortsaidh NicAn-ndrais bho GASD, a’ bhuidheanna bhios a’ riochdachadh obairealain na Gàidhlig: “Tha mi fìorthoilichte gu bheil iris an List dola chlò-bhualadh duilleagan

Gàidhlig ann an iris an Fhaoil-lich — tha sinn an dòchas gur etoiseach càirdeis shoirbheachaila bhios ann a leanas gu fada bar-rachd stuth a chlò-bhualadhthairis air a’ bhliadhna.

“‘S e ceum mòr a tha seo agustha e dìreach a’ dearbhadh chocudromach ‘a tha na h-ealainGhàidhlig agus an cànan ann anGlaschu is Dùn Èideann. A thuil-leadh air an seo ‘s e fìor dhòighmhath a tha ann do nabuidhnean ealain Ghàidhligluchd-amhairc ùr a ruighinn —gach cuid luchd-labhairtGàidhlig is Beurla — agus conal-tradh a dhèanamh leotha air nabuannachdan a thig bho bhithgabhail a’ chothroim air ealainGhàidhlig.

“Tha sinn airson sealltainn doluchd-amhairc gu bheil na h-ealain Ghàidhlig fosgailte dodhuine sam bith. ‘S e a’ phrìomhtheachdaireachd a tha sinn air-son a thoirt seachad gu bheil nah-ealain Ghàidhlig beòthail is ùr— gu bheil sinn a’ gluasad a rèiriarrtas dhaoine agus gu bheilsinn beò taobh a-muigh na Gàid-healtachd.”

� duilleag 1Thuirt cathraiche GASD

Agnes Rennie: “Tha builean ant-suirbhidh a’ dearbhadh gulàidir mar a tha rudan a’ tachairtgu cunbhalach air feadh nansgìrean seo ann an raon nanealan Gàidhlig. Tha na h-ealainGhàidhlig air soirbheachadh athaobh a bhith toirt buaidh airan eaconomaidh agus air ath-nuadhachadh choim-hearsnachdan, agus ‘s urrainndhuinn a-nis fianais fharsaing isdhearbhte a bhuileachadh gusdèanamh cinnteach gun cùmtaic agus maoineachadh a’ dolaig ìre fhreagarrach.”

A rèir cathraiche Iomairt naGàidhealtachd is nan Eilean,Uilleam Roe, tha na toraidheana’ sealltain na buannachd a th’

anns a’ Ghàidhlig dhan sgìre gulèir.

“‘S e comharra anabarrachcudromach a th’ anns anrannsachadh seo air na buaid-hean math agus susbainteach ath’ aig na h-ealain Ghàidhligagus gnothaichean cultarachann a bhith brosnachadh leas-achadh na Gàidhlig air feadh nasgìre,” thuirt e.

“Tha seo an uair sin a’cruthachadh dàimh làidir ris anàite, agus sin a’ meudachadhmisneachd agus spionnadh ammeasg choimhearsnachdan isghnÏomhachasan, agus seo uileaig aí cheann thall ag adhar-tachadh leudachadh eacona-mach seasmhach air a’Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.”

An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006 3

Thog Fèisean nan Gàidheal duaisaig na Duaisean Ciùil Traidis-eanta a bha a’ tachairt anns a’Ghearasdan aig an deireadhsheachdain.

Fhuair a’ bhuidheann duaisairson an Tachartais Coim-hearsnachd a b’ fheàrr. Chaidh a’chiad fhèis a chur air adhart annan Barraigh ann an 1981 agus thaiad a-nise a’ toirt oideachadh annan seinn Ghàidhlig, ceòl traidis-eanta, dràma agus cànan do tim-cheall air 13,000 gach bliadhna.

A’ togail na duais, thuirtstiùiriche Fèisean nan Gàidheal,an seinneadair Gàidhlig ArtMacCarmaig: “‘S ann airson namfèisean uile a tha an duais a thaseo, agus is iad na daoine a thaag obair gu saor-thoileach agusna proifeiseantaich a tha ag obaircòmhla riutha a tha airidh airurram, agus tha mi a’ cur bean-

nachd gun h-uile duine a tha ansàs anns na fèisean.

“Bu mhath leam taing shònraichte a thoirt dha nabuidhnean a tha air a bhith garmaoineachadh thar nam bli-adhnaichean: Comhairle Ealainna h-Alba, Iomairt na Gàid-healtachd agus nan Eilean, Bòrdna Gàidhlig agus Comhairle naGàidhealtachd, a tha air taicionmholta a thoirt dhuinn.”

Bha an duais gu math iom-chaidh a’ tighinn aig deireadhlatha air an do dh’fhoillsichFèisean nan Gàidheal leabhar ùra’ comharrachadh còig bliadhnathar fhichead de dh’iomairt namfèisean. Tha an leabhar “Fèis:the first 25 years of the fèismovement” ag innse sgeulach-dan dhaoine a th’ air a bhith ansàs anns na fèisean, cuide ribeachdan bho dhaoine aig a

bheil ùidh anns an iomairt. Chuala na bha an làthair iom-

radh bho Jim Tough, stiùiricheEalain Chomhairle nan Ealan,ceòl bho luchd-ciùil òga FèisLoch Abair, agus òraid bho CheitMhàrtainn, an-diugh na h-òraidiche ann an Oilthigh DhùnDè, ach a bha an sàs ann a bhitha’ stèidheachadh fèisean airfeadh na Gàidhealtachd annsna h-ochdadan is na naochadan.

Fhuair an leabhar taic-airgidbho Chomhairle Ealan na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachdagus nan Eilean, Bòrd naGàidhlig, Seirbheis nam Mead-hanan Gàidhlig, Comhairle naGàidhealtachd, Pròiseact nanEalan agus Comunn na Gàidhlig.

Chomharraich luchd-ciùil isseinneadairean òga bhon fhèis-teagaisg Fèis an Earraich, a thafrithealadh air an EileanSgitheanach agus Loch Aillse, siabliadhna de cheanglaichean leClub Phìobairean Àrd Mhachaair turas a dh’Èirinn a Tuath ochionn ghoirid, far an d’ fhuairiad cuireadh pàirt a ghabhail sanfhèis phìobaireachd chliùteachFéile Idirnáisiánta WilliamKennedy.

Tha muinntir Fèis an Ear-raich agus Club Phìobairean ÀrdMhacha air a bhith an sàs ann antursan co-obrachaidh bho 2000agus ‘s e seo an ceathramh turasa tha òganaich bhon EileanSgitheanach is Loch Aillse airtadhal air Siorrachd Àrd Mhachagus barrachd ionnsachadh muchultar, chànan agus cheòl an co-aoisean Gaeilge. Tha an ceangaleadar an dà bhuidhinn a’ toirt a’chothraim do na Gàidheil òga àAlba is Èirinn a Tuath barrachdionnsachadh mu chànan is cheòlcàch-a-chèile. Bha an turasmaoinichte le Colmcille.

Thuirt Peigi NicNeacail bhoFhèis an Earraich: “Bha an turasseo eadar-dhealaichte a chionn‘s gun d’ fhuair sinn cuireadh a

bhith an sàs ann am FéileIdirnáisiánta William Kennedy,aig a bheil ceangal ri ClubPìobairean Àrd Mhacha. ThaClub Phìobairean Àrd Mhacha a’comharrachadh an 40mh bli-adhna aca am-bliadhna agus thaBrian is Eithne Vallely a’ ruith a’chlub - ‘s e neach-labhairtGaeilge bho Dhùn nan Gall a th’ann an Eithne.

“Bhon a’ chiad turas a chaidhsinn a-null chaidh innse dhuinnmun fhèis seo agus bha e nathoileachas mòr dhuinn cuireadhfhaighinn thuice. Thug e ancothrom do mhuinntir Fèis anEarraich agus Club PhìobaireanÀrd Mhacha leantainn oirnn leisan dlùth dhàimh a chruthaichsinn thar nam bliadhnaicheantron dà chànan, a tha coltach richèile agus eadar-dhealaichte,agus tro cheòl.

“Bha cothrom aig Fèis anEarraich tadhal air bun- agusàrd-sgoiltean fhad ‘s a bha sinnann an Àrd Mhacha agus ghabhsinn pàirt ann an latha fosgailteaig Na Gaelscoileanna far andeach òrain Ghàidhlig a thea-gaisg. Chùm KirsteenGhreumach bho Fhèis an Ear-raich bùthan-obrach seinn

Ghàidhlig Disathairne agus bhasluagh math an làthair aig na cla-saichean sin agus dh’ionnsaich a’chlann grunn òrain Ghàidhlig.

“Bha buidheann na Fèise a’cluiche ro aon de na cuirmean-ciùil a chumadh air an oidhcheagus fhuair aon duine bhonbhuidhinn againn cuireadh adhol a chluich aig consairt aonfheasgar còmhla ri buidheannbhon Phoblach Seiceach. Bha ean sàs sa bhùth-obrach aca na butràithe air an latha, mar sin b’ efìor chruinneachadh eadar-nàiseanta a bh’ann.”

Thuirt Oifigear PhròiseactanCholmcille ann an Alba Màiri SNicLeòid: “Tha am pròiseact seoair a bhith leantainn air le bhithneartachadh nan ceanglaicheaneadar luchd-labhairt na Gàidhligagus Gaeilge san dà choim-hearsnachd seo, agus tha mar atha iad air a bhith an sàs sanFhèis William Kennedy am-bli-adhna air ìomhaigh na co-roinnàrdachadh agus tha e cuideachda’ ciallachadh gu bheil na daoineòga bhon Eilean Sgitheanach isLoch Aillse ag ionnsachadh muchultar is cheòl grunndhùthchannan eile.”

Feisean nan Gàidheal a’ togail duais aigfarpais a’ chiùil thradiseanta Chaidh leabhar ùr

fhoillseachadh le Fèisean nanGàidheal a tha ag innse sgeu-lachd nam fèisean bhothoiseach na cùise ann an 1981suas chun là an-diugh.

Tha an leabhar a’ comhar-rachadh gu bheil 25 bliadhnaair a dhol seachad bho chaidha’ chiad fhèis a chumail ann anBarraigh.

Tha e ag innse sgeulachdandhaoine a th’ air a bhith an sàsanns na fèisean, cuide ri beach-dan bho dhaoine aig a bheilùidh anns an iomairt.

Bho chaidh a’ chiad fhèis achumail bho chionn 25 bli-adhna air ais, tha a-nise còrr is40 fèis ionadail air feadh Alba.Tha na leasachaidhean seo airan leantainn tron leabhar, a’tadhal air gach fèis tro na bli-adhnaichean agus a’ toirt sùil airmar a chaidh an stèidheachadh,an suidheachadh anns a bheiliad an-dràsta agus a’ sealltainnna buaidh a th’ aig nam fèisean

air na coimhearsnachdan muncuairt orra.

Tha an leabhar cuideachd a’sgrùdadh nan leasachaidheancoimhearsnachd agus nàiseantaa tha ceangailte ri na fèisean, leaithrisean bho Pheadar Pea-cock, a bha na MhinistearAlbannach airson Foghlam,Òigridh agus Gàidhlig, CalumDòmhnallach chòmhlan ain-meil Runrig, agus Mgr CaileanMacAonghais, a chuir a’ chiadFhèis air bhonn an Eilean Bhar-raigh.

Tha e làn dealbhan sòn-raichte a chaidh a thogail aig nadiofar fhèisean thairis air na bli-adhnaichean, bho dhealb-hadairean proifeiseanta leithidCailean MacIlleathain, SamMaynard agus AnthonyMacMhaolain, a bharrachd airmeasgachadh mòr de dhealb-han a chaidh a thogail le nadaoine a bha an sàs aig an àm.

Mhair am pròiseact trì bli-adhna agus, le taic bho Fhèisean

nan Gàidheal chaidh sgioba anleabhair air feadh Alba abhruidhinn ri tòrr dhaoine abha an sàs anns na fèisean;comataidhean, luchd-teagaisgagus com-pàirtichean a’frithealadh nam fèisean.

Thuirt Art MacCarmaig,stiùiriche Fèisean nan Gàid-heal: “Tha àireamh nam fèiseanair sìor fhàs bho Fhèis Bhar-raigh ann an 1981 gu 43 am-bli-adhna. Tha an leabhar seo a’comharrachadh na h-obrachchruaidh a rinn a h-uile duinea th’ air a bhith an sàs anns nafèisean thar nam bli-adhnaichean.”

Fhuair an leabhar taic-airgidbho Chomhairle Ealain na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachdagus nan Eilean, Bòrd naGàidhlig, Seirbheis nam Mead-hanan Gàidhlig, Comhairle naGàidhealtachd, Pròiseact nanEalan agus Comunn naGàidhlig.

Leabhar ùr ag innse sgeulachd shoirbheachailnam fèisean

Riochdairean bho Fèis an Earraich a chaidh a-nall air turas a dh’Èirinn

Chì Mi’ n Tìr — Iain Aonghas MacLeòid

Bha ceòl a’ bhogsa-chiùil bho riamh glè chumanta anns a’Ghàidhealtachd ach tha e airatharrachadh bho rudeigin a chluinnte aigcèilidhean ‘s dannsaichean guceòl a chluinnear gu tric a-nis airan àrd-ùrlar. ‘S iomadh clàr a chithear sna bùithtean a tha a’ taisbeanadh deagh cheòl a’bhogsa agus leis an àireamhmhòir dhiubh a tha rim faotainn,‘s dòcha gun saoilear gum biodhe duilich do luchd-ciùil òga clàr ùr a chur a-mach a thaeadar-dhealaichte ach fhathast tarraingeach. Tha e coltach ged-thà, nach robh an trioblaidseo idir aig cluicheadar òg às naHearadh, Iain AonghasMacLeòid, bhon a bhith ag èisteachd ris a’ chiad chlàr aige“Chi Mi’ n Tìr”.

Ma thathas dèidheil air ceòla’ bhogsa-chùil, ‘s cinnteach gum bithear eòlach air a’ bhalachseo. Thòisich e air a’ bhogsa nuair nach robh e ach aon bliadhna deug a dh’ aois agus gednach robh tidsear aige, cha dochuir sin stad idir air. Ann am beagan ùine bha e air cliù a chosnadh dha fhèin fad ‘s far-saing, bhon a bhith a’ cluich aig cèilidhean, airson dannsaicheanagus ann an taighean-seinnsecuideachd. Mura eil seo iongantach gu leòr, ann an ceithir bliadhna, dh’ fhàs e chocomasach ‘s gun do chuir eroimhe clàr a chur ri chèile agusnach b’ e a bha soirbheachail leis— chaidh barrachd air mìle dhiubh a reic sa chiad chola-deug ‘s leth.

Tha Iain Aonghas a’ tais-beanadh a thàlantan ciùil ann an“Chì Mi ‘n Tìr” le taic bho abhràthair ‘s an còmhlan aca,agus cluicheadairean eile airnach robh e fhèin fiù ‘s eòlachmus do thòisich e clàradhcòmhla riutha. ‘S e deagh mheasgachadhde phuirt a th’ air a’ chlàr seo,cuid dhiubh a tha traidiseantaagus cuid a chaidh a sgrìobhadho chionn ghoirid, ach tha IainAonghas a’ dèiligeadh riuthauile ann an dòigh a tha sgiobaltaagus snasail. Tha fiù ‘s pìos annair a bheil “Eilidh Macpherson’sjig” a sgrìobh e fhèin o

chionn ghoirid, port aotrom adhearbhas nach e dìreach deaghchluicheadair a th’ ann ach fearaig a bheil deagh smachd air mara tha an ceòl ag obair.

Ged is e ceòl a th’ anns a’chuid as motha den chlàr seo,cha biodh clàr Hearach sambith ceart às aonais an òrainnàiseanta aca “Chì Mi ‘n Tìr” atha air a dheagh sheinn ann anseo le Iain MacÌomhair. Chan eHearaich a mhàin bhios dèidheilair ceòl Iain Aonghais ged-thà.Bidh an clàr seo tarraingeach dodhuine sam bith aig a bheil ùidhann an deagh cheòl Gàidhealach.Cha leig sibh leas ach coimheadair làrach-lìn Runrig far an

urrainnear an clàr a cheannachairson seo a dhearbhadh.

‘S e a’ chiad chlàr a th’ aig IainAonghas MacLeòid a th’ ann an“Chì Mi ‘n Tìr” ach ‘s cinnteachnach e am fear mu dheireadh abhios ann. ‘S e clàr ceòlmhoragus ealanta a th’ann le deaghbheum, ruitheam agus stoidhlea tha aotram agus togarrach aigan aon àm. Bho thoiseach gudeireadh, thèid aire an neach-èisteachd a ghlacadh agus tha echa mhòr do-dhèanta do chasan a chumailnan tàmh fhad ‘s a dh’ èistear ris.Tha e follaiseach gur h-e seocuideigin mun cluinnear gu tricsan àm ri teachd agus cha bhi ena iongnadh ma thèid mìle clàreile a reic a dh’ aithghearr.

Joy Dunlop

Ceòl beòthail tarraingeachd bho Hearach òg

A’ cruthachadh ceangalciùil ùr eadar Èirinn isan t-Eilean Sgitheanaidh

Iain Aonghas MacLeòid Dealbh: Am Bratach

“Tha stàit nabanaltrum air adhol ro fhada”Air a shon, Alasdair MacIlleathain,Sgoil MhicNeacail

“ Tha an riaghaltas a’ milleadhar dùthcha. An àite a bhith a’toirt oirnn a bhith an eisimeil

buidhnean beaga mar ar teagh-lach, ar sgoil, ar nàbaidhean ‘s arn-eaglais, tha iad ag iarraidhoirnn a bhith an eisimeil nastàite. ‘S iad na buidhnean beagasin a tha a’ fàgail ar coim-hearsnachdan rianail agus bal-laisteach.

Chan e mise a-mhàin a tha agràdh seo ach fear cho urramach

ri Seumas Buchanan a choisinnduais Nobel airson eaconamas.Thuirt esan gur e an teaghlach,an sgoil, an eaglais agus a’ choim-hearsnachd a tha a’ toirt dhuinnstàit a tha saor.

Mura bi cothrom aig nabuidhnean sin seasamh air ancasan fhèin gun an stàit a sròn achur a-steach annta bidh stàitcomannach againn agus muradèan thu an rud a tha an stàitcomannach ag iarraidh ort — ‘se sin sàr stàit banaltraim — ‘sdòcha gum faigh thu ampuinnsean polonium air do thru-innsear mar a fhuair an duinebochd bhon Ruis.

Fhir na cathrach, a mhnathanagus a dhaoine uaisle, sheall midhuibh mar a thòisich stàit nansochairean agus mar a ghluais i

gu stàit nam banaltram; feu-maidh sinn stad a chur air anstàit banaltraim mus ruig i ìrestàit comannach.

Mar sin tha sinn ann an SgoilMhicNeacail ag aontachadh leisa’ mholadh gu bheil stàit nabanaltraim.”

Na aghaidh, Coinneach MacChoin-nich, Inbhir Pheotharain

“ Tha e follaiseach cho cudro-mach ‘s a tha iad (riaghail-tean airson sochairean

soisealta). Chanadh a h-uileduine gur e amadain a chuir àsde na riaghailtean seo a-nise.

Tha na h-aon seòrsa gear-ainean ann mar chuala sinn aigSgoil MhicNeacail mu dheid-hinn rudan a tha an riaghaltas a’cur air adhart an-diugh. Co-dhiù, mas ann co-cheangailte ribiadh (5, gach là) ‘s e an ìre deshiùcar nar biadh, ìre de shalainnnar biadh. Agus smocadh gusònraichte. Tha tòrr dhaoine a’smaointinn gu bheil iad fhathasta’ gabhail cus gnothaich ri arbeatha, ma tha sinn airson smo-cadh, faodaidh sinn smocadh,ma tha sinn airson siùcar aghabhail, faodaidh sinn siùcar aghabhail.

“Tha e ceart gu bheil taghadhaig daoine; tha sinn a’ fuireachann an deamocrasaidh, ach ancois taghaidh agus chòraicheantha dleastanasan agus tha e fol-laiseach gu bheil daoine a’dìochuimhneachadh seo agus ‘se seo an t-adhbhar airson mar athuirt mi, trioblaidean le deochagus slàinte agus reamhrachd a’sìor fhàs. Chan eil an stàitebanaltraim air a dhol ro fhada,tha cruaidh fheum againn oirre.”

“Tha uallach anlatha màireacha’ dèanamh an-duigh nasfheàrr”Air a shon, Alasdair MacIlleathain isDonna Màiri Nicìomhar, Sgoil Mhic-Neacail

“Mur a bheil sibh air moth-achadh ‘s e cnag na cùise gubheil... agus gun robh o

chionn fhada, uallach an lathamàireach a’ dèanamh an-diughnas fheàrr. Mur a b’ e ‘s gun robhdaoine glice air a bhith a’ coim-head air adhart bhitheamaidann an staid fada na bu mhiosana tha sinn.

Ach tha rudan eile ann abharrachd air gual aguscàraichean. Innsidh mi dhuibhmu dheidhinn na h-obrach atha Ken Livingston a’ dèanamhann an Lunnainn.

Ann an Lunnainn feumaidhailtirean dèanamh cinnteachgum bi na togalaichean a tha iada’ dealbhadh a’ cleachdadh deichsa cheud nas lugha dechumhachd na bha iad a’ cleach-

dadh roimhe. Cuideachd, feu-maidh deich anns a’ cheud denchumhachd a tha iad a’ cleach-dadh a thighinn bho chumhachdath-nuadhachail.

Tha Ken Livingston air abhith a’ coimhead air adhart,chunnaic e gun robh feum aigcuideigin rud a dhèanamh airsongearradh sìos air a’ chron a thasinn a’ dèanamh air an t-saoghalagainn agus an àite a bhithfeitheamh ‘s a’ feitheamh thaghe ceum a ghabhail gus an suid-heachadh a mhathachadh.

Tha seo a’ sealltainn gur e rudmath a th’ ann an uallach.

Fhir na cathrach, a mhnathanagus a dhaoine uaisle... tha mi airtaisbeanadh dhuibh gu soilleirnach eil uallach a-màireach idira’ milleadh an-diugh. Gu dearbhtha uallach mun latha a-màireach a’ dèanamh an-diughnas fheàrr.”

Alasdair MacIlleathain

“ Tha an saoghal a’blàthachadh gu ìre a tha cun-nartach. Tha sinne ag

adhbhrachadh seo gu ìre mhòr.Tha fhios againn gum feum sinnar dòighean atharrachadh. Thasinn a’ cur an uallach air riaghal-tasan an t-saoghail ach nan

cuireadh sinne dheth na solais asar dèidh ... nan cuireamaid sìosteas an taighe dìreach rud beagbìodach... nam fàgamaid nacàraichean aig an taigh uairean-nan... b’urrainn dhuinne diofara dhèanamh.

Faodaidh riaghaltas lagh adhèanamh ach ‘s e sinne a tha a’dol a dhearbhadh an obraich seono nach obraich. Chan eil ciallseo fhàgail gu a-màireach. An-diugh an latha. Tha fhios againnair na freagairtean. Tha comasagainn diofar a dhèanamh. Muradèan, bidh dha-rìribh, uallachcomasach air an latha an-diugha mhilleadh. Tha na freagairteanagainn. Ma nì sinn an rud a thafhios againn a tha ceart tha arcogais saor.

Ma tha fhios againn gu bheilrud againn ri dhèanamh... an-diugh, ma-thà, an latha. Cha domhill m’ uallaichean an-dè ormagus ma gheibh mi troimhe seocha mhill na tha romham a-màireach an-diugh. Ma tha sinnair ar dìcheall ‘s ar n-ullachadha dhèanamh, a bharrachd airnach mill ar cuid uallaichdeanan-diugh, bidh latha fada nasfheàrr againn a-màireach.”

Donna Màiri NicÌomhar

‘S e an saoghalmarsantachd atha ga ruithAir a shon, Coinneach MacChoin-nich is Tessa Chaimbeul, InbhirPheotharain

“ An-diugh, tha a h-uile càil a’cosg rudeigin, chan eil càilsaor a-nis agus an-diugh cha

leig thu leas fiù ‘s airgead a bhithnad phòcaid airson rudeigin acheannach. Chan eil airgead ortach tha a’ chairt chreideis agad.Tha thu a’ cleachdadh na cairtairson an Tbh a cheannach,mìorbhaileach! Tha TBh ùragad, ann an deagh àm sanasaneile ri fhaicinn, ach, dè tha seo,tha companaidh na cairt chrei-deis agad airson ‘s gum pàig-headh tu £200 air ais an uairnach robh e ach £100 sa bhùth!Bidh daoine tric gan lorg fhèinsan t-suidheachadh seo aguschan eil an t-airgead aca airsona phàigheadh air ais. Tha riadhÀbhaisteach na cairt creideis15.2%; tha seo faisg air 11% nasàirde na tha còir aige a bhith.

Chan eil an saoghal marsan-tachd dìreach a’ riaghladh arbeatha a thaobh airgid ach athaobh ar slàinte cuideachd. Thacairteal de na daoine a tha annam fiachan a’ faicinn dotair achionn ‘s gu bheil iad a’ fulang letrom-inntinn. Ciamar is urrainn

do na càirdean againn bhoDrochaid an Easbaig a ràdhnach eil smachd aig an t-saoghalmharsantachd air beatha nandaoine seo?

Tha an riaghaltas a-nise airmothachadh mun bhuaidh a thaaig an t-saoghal mharsantachdair dòigh beatha Bhreatainn.Tha na companaidhean mòra fiù‘s a’ taghadh na tha sinn is arclann a’ coimhead air an TBh. Leiomadh sanas airson gum bicasg ga chur air cuid de shanasanuile gu lèir. Nach eil seo a’ seall-tainn gu bheil an riaghaltas fhèinag aideachadh gu bheil ansaoghal marsantachd, barrachdis barrachd, a’ riaghladh beathadhaoine?

Mar a thuirt mi mu thràth,chan eil sinne, muinntirBhreatainn cho saor ‘s a tha sinna’ smaointinn. Chan e anriaghaltas a tha a’ riaghladh arbeatha an-diugh, ann an tòrrshuidheachaidhean, chan eilsmachd aig daoine fhèin air ambeatha. ‘S e an saoghal marsan-tachd a tha ga ruith.”

Coinneach MacChoinnich

“ Chan eil marsantachddìreach a’ riaghladh is a’ mil-leadh àm na Nollaig. Tha i

a’ milleadh oidhche Shamhna isàm na Càisg cuideachd. Thaclann dìreach a’ smaoineachadhgu bheil iad airson tòrr suiteasfhaighinn is gan ithe gus am biiad bochd. Chan eil fhios aig a’mhòr chuid an sgeulachd a th’ aircùlaibh nam fèisean seo. ‘S edìreach àm eile a th’ ann airsonna bùithtean is na companaid-hean tuilleadh airgid adhèanamh.

Thuirt Vernon Howar, feall-sanaiche ainmeil, “Tha thu airsoirbheachadh ann an beathanuair nach eil thu ag iarraidh càilach na rudan air a bheil feumagad”. Ach ‘s e an saoghalmarsantachd a dh’ innseasdhuinn dè na rudan air a bheilfeum againn agus le sin tha ansaoghal marsantachd a’ riagh-ladh ar beatha. “

Tessa Chaimbeul

4 An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006

'Nollaig Chridheil

agus Bl iadhna

Mhath Ur bho

Urras

Leabhraichean nan

Ei lean'

www.theislandsbooktrust.com

Urras LLeabhraichean NNan EEilean

An Gàidheal ÒgDeasbad nàiseanta nan sgoiltean

Alasdair MacGilleathain agus Donna Mairi NicIomhair bho Sgoil MhicNeacail còmhla ri Tessa Chaimbeul agus Coinneach MacCoinnich bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Eilidh Rothach, an òraidiche a b’fheàrr, a’ faighinn an duais bho MarionNicFhionghain aig BBC Alba.

Bhuannaich Sgoil Inbhir Pheofharain Deasbad Nàiseanta nanSgoiltean nuair a choinnich iad ri Sgoil Ic Neacail anns a’ chuairtdheireannaich ann am Pàrlamaid na h-Alba. Seo gear-chunntasair cuid de na h-argumaidean a chaidh a chluinntinn.

C han eil duin’ againn nachb’ urrainn gun a bhith a’leantainn sgeulachd “BA

agus a’ Chrois”, agus ged nachbiodh sibh idir airson a lean-tainn, bha i duilich a seachnadh.Ged a tha mi-fhìn nam Chrìos-daidh, chan eil mi a’ caitheamhna croise mum amhach marshamhla air mo chreideamh.Chan eil sin ag ràdh gu bheil mina aghaidh, saoilidh mi gur eroghainn pearsanta a th’ ann, achtha Crìosdaidhean a’ giùlainChrìosd nan cridhe agus ganochdadh nan caitheamh-beatha, ged a tha an crann nabhunait den chreideamh.

Mo bheannachd air NadiaEweida ma-thà. Sheas i a crei-deamh, sheas i leatha fhèin antoiseach, dhiùlt i gèilleadh docheannardan BA, oir na beachd-sa bha pailt uimhir de chòiraice-se a’ chrois a chaitheamh gufollaiseach mar shamhla air acreideamh, ‘s a bha aig Musla-maich air na comharran acafhèin a chaitheamh, mar “turban”no “hijab”. Gu dearbha chan eilde dh’fhiosrachadh agam fhìnmu na creideamhan seo abheireadh dhomh beachdcothromach dìreach dè nacomharran bunaiteach a tha aigMuslamaich nan creideamh. Achb’ e an argamaid a bh’ aig BA gunrobh a’ chrois mar ghriogagan noseudan, agus le sin cha robh eceadaichte a bhith ga seallatinnos cionn aodach obrach.

Dh’adhbraich a’ chùis ùpraida bha iongantach le cuid debhuill Pàrlamaid a’ bagairt air BAa sheachnadh, an gnothaich gadheasbad air TBH, aithisgeangach latha sna pàipearan naid-heachd agus ceannardan an h-eaglais a’ càineadh BA. Ach dèthug orra an inntinn athar-rachadh? An e na bha deghuthan gan togail nan aghaidh?An e gun bhruidhinn ceannar-dan eaglais nan aghaidh? An egun dh’aithnich iad gun robh iadceàrr? Cha b’ e buileach oir chùmBA air an t-seasamh seo gus ando thòisich Àrd-easbaig EaglaisShasainn a’ brunndail gunreiceadh iad earrannan no“shares” a bh’ aig an eaglais annan companaidh BA. Saoilidhsinn gur e sin cumhachd an air-gid a’ labhairt gu làidir, agus nach

eil gnothaich aig co-dhùnadhBA ri còirichean creideimh.

‘S math gun sheall a’ chùis chocudromach ‘s a tha e gur edùthaich Chrìosdail a th’ annainnfhathast, ach tha beagan dedh’eagal orm gur ann a bha seoair sgàth ‘s mar a tha daoine a’faireachdainn gu bheil crei-deamhan eile nar dùthaich a’faighinn làmh an uachdair air a’chreideamh Chrìosdail agus gubheil cus poilitigs an lùib na cùis.Nach eil eadhon am PrionnsaTeàrlach fhèin ag iarraidh a bhithair aithneachadh mar NeachDìon Chreideamhan seach a’chreideimh Chrìosdail a-mhàin.Nuair a tha companaidheannàiseanta, Riaghaltas agus ead-hon an teaghlach Rìoghail a’nochdadh beagan suim denchreideamh Chrìosdail, ‘s matha rinn Nadia Eweida agus buchòir do Chrìosdaidhean a bhitha’ seasamh an creideimh gun nàiragus ag ùrnaigh airson na tha a’riaghladh na dùthcha.

An rud as motha tha a’dèanamh dragh dhomh fhìn ged-thà, ‘s e gur e crois mu amhachaon bhoireannaich a tha airfhaicinn mar chomharr noshamhla air creideamh sandùthaich seo, agus gur ecòirichean mhic an duine a thugair daoine seasamh air an casan.Dè mu dheidhinn na tha delaghan mì-Chrìosdail a tha fead-hainn san riaghaltas ag oid-hirpeachadh a thoirt a-steach, atha a’ buntainn ri moraltachd? ‘Scinnteach gur e giùlan ardùthcha as motha a nochdas ane dùthaich Chrìosdail a th’annainn agus càit’ a bheil sinn a’seasamh. Tha gu leòr air am fao-dainn togail, ach chan eil mi air-son “rant” a thòiseachadh chofaisg air àm Nollaig. Creididh migu bheil làn fhios agaibh dè thami a’ feuchainn ri ràdh. Thastàid ar dùthcha a thaobh suid-heachadh an teaghlaich, ar sgoil-tean agus eucoir ag innse asgeulachd fhèin.

A’ bruidhinn air “rant”, amfaca sibh sa phàipearrannsachadh a rinn dotairsaiceòlais agus an leabhar asgrìobh i mu dheidhinn, TheFemale Mind? A rèir an dotairseo chan eil na fireannaich agràdh ach 7,000 facal gach lathaan taca ri boireannaich le cur a-mach de 20,000 facal. Tha anduine agams’ ag ràdh gu bheil a’mhòr chuid de na facail sin ganath-aithris gach latha mar “thathu ceart a ghràidh”, “tha thuceart a-rithist, a ghràidh”. Thaesan den bheachd nan canadh anduine gu robh ise ceàrr, gur anna bhiodh a dhà uimhir aice riràdh. Nach e tha ciallach. ‘S e ‘nèiginn a dh’fhoghlaim e.

An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006 5

‘Se Rubhach a th’ annam, àGarrabost ann an Leòd-has. Chuir mi seachad

deich bliadhna ann an Glaschumus do thill mi dhachaigh ochionn naoi bliadhna. Cheum-naich mi le BSc ann an LandEconomics agus an uair sin shi-ubhail mi air feadh Alba agusann an Èirinn a’ toirt “Òrdag ‘sSgealbag”, no Teatair ann amFoghlam, gu na Bun-sgoilteanGàidhlig/Gaeilge. An dèidh sinchaidh mi gu Colaiste ChnocÌordain far an d’ fhuair mi teis-teanas teagaisg aig ìre àrd-sgoileann an Cruinn Eòlas agusEaconamas tro mheadhan naGàidhlig, ach b’ann gu Roinn naGàidhlig aig a’ BhBC a roghnaichmi a dhol. Thug mi dà bhliadhnaag obair air TNG mus do thill mia Leòdhas agus gu Pròiseactnan Ealan far na chuir miseachad còrr is ochd bliadhna ansàs ann an iomadh pròiseact, gusònraichte Leabhar Mòr naGàidhlig. ‘S ann fhad ‘s a bha miag obair air a’ phròiseict seo afhuair mi eòlas air luchd-ealainagus buidhnean de gach seòrsa,chan ann a-mhàin ann an Albaach ann an Èirinn cuideachd.

Mar chur-seachad ‘s caomhleam spòrs, gu h-àraidh ruithagus netball; agus ged a tha tòrrsiubhail agam ri dhèanamh ancois m’ obrach tha mi dèidheil aira bhith dol gu tìrean cèin - sintha gam fhàgail a’ cur aghaidh airturas mu chuairt a’ chruinne rodheireadh na bliadhna.

Dè a bhios Colm Cille a’dèanamh?

Chaidh Colmcille a stèid-heachadh ann an 1997 air amhaoineachadh le RiaghaltasanAlba, Èirinn a Tuath agusPoblachd na h-Èireann le dleas-tanas a bhith “a’ cruthachadhcoimhearsnachd bheòthail, cho-obrachail eadar Èirinn agusAlba” agus a bhith brosnachadhcleachdadh nan cànananGàidhlig — Gaeilge agusGàidhlig na h-Alba — ann anÈirinn agus Alba agus eatorra.Tha sinn ag amas air seo achoileanadh ann an dà dhòigh:aon — a’ toirt tabhartas-ion-mhais do phròiseactan a tha a’coileanadh ar n-amasan ro-innleachdail agus; dhà — sinnfhìn a’ cur phròiseactan air dòigha tha a’ tarraing aire dhaoinechun an dualchais choitchinn atha aig Poblachd na h-Èireann,Èirinn a Tuath agus Alba. Thaprìomh oifis Cholmcille ann anBeal Feirste; tha oifis againnanns a’ Phoblachd a thuilleadhair an oifis Albannach, agus sina’ fàgail gu bheil sgaoilteach defhiosrachadh agus de cho-cheanglaichean againn feadhnan trì dùthchannan.

Dè an dreuchdshònraichte a th’ agadanns a’ bhuidhinn?

Aig toiseach na bliadhnathòisich mi mar oifigear Alban-nach airson Colmcille. Tha m’obair a’ toirt a-steach a bhith a’toirt ri chèile diofar bhuidhneana ghabhas pàirt ann an tachar-tasan tha sinn fhìn a’ cur airchois m.e. Fèill Chaluim Chille.Airson na Fèill (8mh — 10mhÒgmhios 2007) tha mi a’ cur airdòigh clasaichean ann anGàidhlig agus Gaeilge, dannsa,ceòl traidiseanta, bùthan-obrachann an ceàirdean ionadail, co-fharpais iomain/ iom·naÌocht,tachartas bhàtaichean, tais-beanadh mòr, ùr far am bi pàirtden obair-làimhe ealanta, ain-meil a dh’fhalbh à Eilean Idhe a’tilleadh don eilean agus air anachadh a-muigh cuirm-chiùil

mhòr le còmhlainGhàidhlig/Ghaeilge chliùiteachà Alba agus Èirinn. Bidh seo marphàirt de Bliadhna Chultarail naGàidhealtachd.

Bidh mi a’ toirt stiùireadh doluchd-tagraidh a tha ag iarraidha bhith dealbh phròiseactan athèid air beulaibh a’ bhùirdstiùiridh againn. Bidh mi a’ toirttreòrachadh do neach a tha agiarraidh Gàidhlig no Gaeilgeionnsachadh.

Dè na buannachdan a thigan lùib obair aig ColmCille dha coimhearsnachdna Gàidhlig?

Mar a tha sinn a’ dol airadhart bidh ar sùil ri fuasglaid-hean eadar Alba agus an dàÈirinn fhaicinn tro am bi an slu-agh a’ tighinn gu barrachd tuigsede càch-a-chèile agus gu bhithcur meas air an iomadh dòighanns a bheil sinn coltach richèile. Le barrachd tighinn ‘sfalbh eadar na dùthchannangheibheadh sinn uile eòlas agustuigse air dual-chainntean aguscànanan càch-a-chèile, air beul-aithris gach dùthcha agus air a’cheòl agus na h-òrain a tha chomòr nam pàirt den dhualchascho math ri eachdraidh gachdùthcha. Ghlacadh pàirt dedhòighean-beatha an latha an-diugh anns na dealbhan athàinig a-steach gun cho-fharpais chamara againn,“Saoghal nan Gàidheal/Saol na

nGael”. A’ chiad tòiseachadh anna bhith toirt sealladh de bheathagach taobh de Shruth na Maoile.

Dè na h-amasan pearsantaa th’ agad airson nabuidhne?

Tha mi ‘n dòchas gum faicsinn ìomhaigh Cholmcille a’ tigh-inn gu aire sluagh na h-Albaagus Èireann agus air a mheasmar bhuidheann a tha leas-achadh agus a’ toirt piseach airseasamh ar cànain air feadh nandùthchannan, a’ dèanamhdaoine mothachail air cho prìseil‘s a tha an dualchas againn agusdèidheil air barrachd eòlais airfoghlam dhaibh fèin. Na moshùilean-sa cha b’ urrainn àm nab’ fheàrr dhan seo tachairt na aigan àm-sa le Bòrd na Gàidhlig aira stèidh sheasmhach agus Planana Gàidhlig ga ullachadh agus gusònraichte an dèidh do Riaghal-tas na h-Alba agus RiaghaltasPoblachd na h-Èireann, air anriochdachadh le Jack McConnellagus Bertie Ahern, cur an cèill gupoblach aonta eatorra — “towork together on areas of com-mon interest, such as educa-tion, science and culture” —aithris dha-rìribh misneachail.

Dè an dileab a tha thusmaoineachadh a dh’fhàgas obair Cholmcille?

Tha freagairt na ceist seo a’leantainn glè mhòr air na thuirtmi ro làimhe: càirdeas eadar slu-agh nan trì dùthchannan,cuairtean-tadhail eadar coim-hearsnachdan, sgoiltean agusoilthighean, luchd-teagaisg agussgoilearan. Mar as motha achuireas sinn eòlas air nanithean sinn a bhuineas de shlu-agh na h-Èirinn ‘s ann as fheàrra bhios ar tuigse dhaibh agus asdoimhne a bhios an dàimheadarainn. Sinn a bhith fhathastri guaillibh a chèile.

Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh aig colmcille.net nobho Màiri air 07786134951 ispost dealan [email protected]

Àm dha-rìribh misneachail ann anceangalan nan dùthchannan Ceilteach

A’ call dìleab ar creideimh Chrìosdail

Cathaidh Màiri Nic a’Mhaoilein

RÙN CHOLMCHILLE

“a bhith cuideachd le brosnachadh an dualchaisGhàidhlig coitchinn (an cànan is an cultar) a tha aig Èirinn a Tuath, Alba agus Poblachd na

h-Èireann.”

Tha Colmcille a-nis a’ sireadh iarrtasan airson tabhartasan taice gus an rùn seo a choileanadh.

Cuirear fàilte air iarrtasan bho chomainn,bhuidhnean no bhuidhnean-gnìomha.

Ceann-là airson iarrtasan 22mh Am Faoilleach2007.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh,foirmichean-iarrtais agus stiùireadh ùr air na

h- iarrtasan bho www.colmcille.net

Màiri S NicLeòid

Chaidh Màiri S NicLeòid ainmeachadh bho chionn ghoirid mar oifigearAlbannach Colmcille, a’ bhuidheann a tha ag amas air ceangalan achruthachadh eadar Alba is Èirinn. Ann an seo tha i ag innse dhuinn beagan mu dheidhinn na h-obrach

An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2000 76 An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006

Chaidh an fheadhainn a bhuan-naich duaisean sa cho-fharpais dhealbhan-camara

“Saoghal nan Gàidheal” ain-meachadh bho chionn ghoirid. B’ eMonica Ní Fhlathárta bho Ghail-limh ann an Èirinn a fhuair a’chiad duais luach £2,000 leis anainm “Aifreann ar oileán” no “Aif-reann air eilean”.

Chaidh a’ cho-fharpais a chumaille Colmcille (a b’ àbhaist a bhith fonainm Iomairt Cholm Cille) agus bhai a’ brosnachadh luchd-dealbhcamara neo-phroifeiseanta a bhithtoirt sealladh dhuinn air Saoghalnan Gàidheal ann an Èirinn, Èirinna Tuath agus Alba.

Fhuair Colmcille còrr is 300dealbh bho air feadh na RìoghachdAonaichte agus Èirinn agus b’ anngu math doirbh a bha e do nabritheamhan Jeremy Fryers (neach-dealbh camara proifeiseanta) agus

àrd-oifigear Cholmcille Deirdre NicAn tSionnaigh co-dhùnadh a ruigh-inn a thaobh an fheadhainn abhuannaich ann an earrainn naninbheach agus ann an earrainn nacloinne.

B’ iad an fheadhainn eile abhuannaich duaisean: Cailean JCaimbeul bho Inverkip ann an Albaa bhuannaich dàrna duais naninbheach luach £750; EòghainnBerry bho Dhùn nan Gall ann anÈirinn a fhuair treas dhuais naninbheach luach £500; OliviaMaguire bho Dhùn nan Gall afhuair ciad duais na cloinne luach£500; agus Lisa Mhoireasdan bhoLeòdhas a bhuannaich dàrna duaisna cloinne luach £250.

Thuirt Deirdre Nic An tSion-naigh: “’S e seo a’ chiad bhliadhnaairson na co-fharpais agus bhasgioba Cholmcille a’ sùileachadhgun tòiseachadh i gu mall agus gum

fàsadh i thar nam bliadhnaicheanri thighinn. Ge-tà, tha sinn fìorthoilichte gu bheil sinn air còrr is300 dealbh fhaighinn bho air feadhÈireann, Èirinn a Tuath agus Alba.

“’S e bha air cùl na co-fharpais abhith brosnachadh luchd-dealbhcamara neo-phroifeiseanta saoghalnan Gàidheal a ghlacadh. ‘S e dùbh-lan a th’ ann: ciamar a tha thu a’ dola riochdachadh saoghal buidheannde luchd-labhairt cànain shòn-raichte ann am meadhan lèirsin-neach? Tha na freagairtean a fhuairsinn air a bhith barraichte agus thasinn a’ faireachdainn gu bheildaoine, ann an caochladhdhòighean, air soirbheachadh lebhith coileanadh seo.”

Tha a’ cho-fharpais ag amas aira bhith brosnachadh an dualchaischoitchinn a th’ aig na Gàidheil agustha i ag iarraidh air daoine taobh debheatha nan Gàidheal a ghlacadh

air an dùthaich no sa bhaile ann anAlba, Poblachd na h-Èireann agusÈirinn a Tuath agus tha luachduaisean £4,000 na lùib.

Chaidh taisbeanadh le fichead dena dealbhan as fheàrr, le tacsafuaime agus fo-thiotalan ann anGàidhlig is Gaeilge, a chumail annam Fòram nam Mìle Bliadhna annan Doire. Chan e a-mhàin gu bheilam pròiseact ag amas air a bhithcomharrachadh cultar nan Gàid-heal agus a bhith brosnachadh nanceanglaichean eadar Gàidheal Albais Èirinn, ach thathar an dòchascuideachd gun toir a’ cho-fharpaisbarrachd aithne air naceanglaichean sin agus air obairCholmcille agus i a’ comharrachadhnan ceanglaichean eadar GàidheilAlba is Èirinn.

’S ann nas cudromaich adh’fhàsas obair Cholmcille tharnam mìosan a tha ri thighinn fhad

‘s a thèid iomairtean air adhart gusco-obrachadh eadar Èirinn, Èirinna Tuath is Alba a leudachadh.Choinnich buidheann de BhPA àAlba, agus Seòras Reid Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba airan ceann, ri luchd-poilitigs bhoÈirinn ann am Baile Átha Cliath ochionn ghoirid gus còmhradh mubhith neartachadh cheanglaichean.Air a’ chlàr-ama bha coinneamhangus bruidhinn air cuspairean a bhacudromach dhan dà dhùthaich marleasachadh eaconamach, cumhachdath-nuadhachail, ath-leasachadhdùthchail agus co-obrachadh nasdlùithe eadar Alba is Èirinn athaobh taic-airgid bhon RoinnEòrpa.

A’ glacadh saoghal nan Gàidheal

Jeremy Fryers agus Deirdre Nic An tSionnaigh a’ dol troimhe na dealbhan gulèir

Olivia Maguire bho Dhùn nan Gall a fhuair ciad duais na cloinne Dealbh Chailein J Caimbeul a bh’anns an dàrna àiteAn Bothár nár Tógadh le Ewan Berry, abha san treas àite

“Aifreann ar oileán” le Monica Ní Fhlathárta bho Ghaillimh a fhuair a’ chiad

CuibhrigeanExhibition

Kenny Mobil DanceBand

Skerryvore

The Rocket Post

Willow Workshop

Dùrachdan an t-seusain gun luchd-leughaidh!

TAISBEANAIDHEANTaisbeanadh nan Cuibhrigean bho 9 Dùbhlachd.Obair dhathte Cuibhrigean Eilean Leòdhais.

TACHARTASAN BEÒCòmhlan Dannsa Kenny Mobil06/12/06, 9-11f, an-asgaidh. Seasan sa bhàrMach 10, Fèis Dràma Ghàidhlig‘S e 31 Dùbhlachd an latha mu dheireadh airson dosgriopt a chur a-steach airson na fèise ùir dràmaGhàidhlig seo.Skerryvore

Dihaoine 29 Dùbhlachd, 10f, £10. Cèilidh naBliadhn’ Ùire

FOGHLAMBùth-obrach Seillich 9/12/06, 10-4, £25/£15Obair-chiùird Nollaige na Cloinne 16/12/06Bùthan-obrach ann an Cleasachd gach Dimàirt 7-9.30f

TAIGH-DHEALBH2/12/06 Open Season 2& 4. Talladega Nights 6& 8.307/12/06 Talladega Nights 6& 8.308 Barnyard 6 The History Boys 8.30

9/12/06:Barnyard 2& 4.The History Boys 6.& 8..3014/12/06: The Rocket Post 2.30 & 615/12/06: The Rocket Post 2.30 & 6.16/12/06:The Rocket Post 2.30 & 620/12/06:Volver 5.45,The Departed 8.1521/12/06: The Departed 5.45, Volver 8.4522/12/06: Volver 5.45, The Departed 8.1527/12/06:The Devil Wears Prada 6. & 8.3028/12/06:The Devil Wears Prada 6.& 8.30

Bidh An Lanntair dùinte air:25-26 Dùbhlachd & 1-3 Faoilleach

01851 703 307 w w w . l a n n t a i r . c o mAn Lanntair, Sràid Coinnich, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais

FÈIS DRÀMA GÀIDHLIG

DÈ A TH’ANN?‘S e Fèis dràma gun fharpais, airson cluichean nach eil nas fhaidena deich mionaidean a tha seo. Tha cothrom suas ri ficheaddealbh-chluich ùr fhoillseachadh aig an Fhèis.

DÈ DH’FHEUMAS MI A DHÈANAMH?‘S e glè bheag a riaghailtean a tha an lùib na Fèis seo, ach gufeum gach dealbh- chluich a bhith slàn, gu tur ùr, gun a bhith nasfhaide na deich mionaidean agus a nochdadh airson a’chiad uairanns An Lanntair. Tha an t-uallach air luchd com-pàirt na deilbh-cluich a chuir gu-h-iomlan air an stèidse.Feumaidh na sgriobtaichean a bhith aig an Lanntair ro 31st

Dùbhlachd 2006.Gheibh na sgriobtaichean a theid a thaghadhtaic-airgid airson an cuir air aig an Fhèis. Gheibh buidhnean a thaa’ siubhal chun an eilean, taic le cosgaisean. Cha ghabhar ach riaon tagradh bho neach fa leth neo buidhean. Barrachd fiosrachadh bho Alex. NicDhòmhnaill, OifigearTachartais, An Lanntair [email protected]

An Lanntair, Sràid Coinnich, Steòrnabhagh, Eilean LeòdhaisT: 01851 703 307 F: 01851 708 499

[email protected] www.lanntair.com

Sgrìobhaiche?Seirbheis leasachaidh

phroifeiseanta dha Sgrìobhaichean Gàidhlig

Tha HI~Arts a’ tabhann raon de thaicdha sgrìobhaichean dùrachdach

is proifeiseanta a tha ag obair annam ficsean,

neo-fhicsean, am bàrdachd agus airson stèids, scrion agus craoladh.

A’ gabhail a-steach:•Teagasg

seirbheis airson leughadh scriobtmaoineachadh airson leasachadh

pròiseictfiosrachadh is comhairle aghaidh

ri aghaidh

Làn fhiosrachaidh air : www.hi-arts.co.uk/writing_development.htm

No cuiribh fios gu Peter Urpeth

air 01463 717091 post-d: [email protected]

Tha Birlinn Earr. air leth toilichte meal an naidheachd a chur

air an Oll. Iain MacAonghais agus Mìcheal Newton airson

duais Research Book of the Year 2006 Comann Bratach na

Croise Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a bhuannachadh.

DÙTHCHAS NAN GÀIDHEALAistean Cruinnichte Iain MhicAonghais

Deasaichte le Mìcheal Newton

£30.00 Còmhdach cruaidh

RI FHAIGHINN A-NIS ANN AM BÙITHTEAN LEABHRAICHEAN NO RI ÒRDACHADH

DÌREACH AIR 0845 370 0067REF AGU1206

Mealaibh ur naidheachd

A bheil siubhse airson sanas a thoirt a-mach abhiodh gu ùidh a’ choimhearsnachd Ghàidhligann an Alba?Ma tha cur fios gu Marina NicLeòid aig An Gàidheal Ùr air 01851703487 No air post-dealan aig [email protected].

Faodadh siubh cuideachd tadhal air an làrach-lìnagainn:www.an-gaidheal-ur.co.uk

8 An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006

Bu mhath leam meal an naidheachda chur air Bòrd na Gàidhlig airson anoidhirpean ann a bhith a’foillseachadh dreach Plana Nàiseantadhan Ghàidhlig. Ged a tha mi ag aon-tachadh leis a’ chuid mhòr a th’ annsa’ Phlana, mholainn na leanas:

1. Tha am Plana Nàiseanta, agus gudearbh na coimhearsnachdan Gàidhlig, a’cur feum air lèirsinn fad-ùine agus tar-gaidean fad-ùine dhan Ghàidhlig is dha Bòrdna Gàidhlig. Bu mhath leam na leanas amholadh mar thargaidean airson cunntas-sluaigh 2021:

a) 200,000 le ìre de chomas ann ambruidhinn no tuigse na Gàidhlig

b) 20,000 de luchd-bruidhinn naGàidhlig sa bhuidhinn 3-19

c) 2,000 fileantach le Gàidhligmhàthaireil sa bhuidhinn 3-19

2. Tha am Plana caran fada is doirbh aleughadh. Am b’ urrainn dha Bòrd naGàidhlig dreach nas giorra a thabhann?Dreach nas lugha, nas fhurasta a leughadhagus a tha a’ toirt fiosrachadh is molaidheanseachad mu mar a dh’fhaodadh daoineatharrachaidhean a dhèanamh nam beathalàitheil gus cuideachadh le cùisean a’ chà-

nain adhartachadh. 3. Bu mhath leam cudrom na bu mhotha

fhaicinn air brìoghmhorachd coim-hearsnachdan Gàidhlig. ‘S ann taobh a-staigh nan coimhearsnachdan sin a tha a’Ghàidhlig ga bruidhinn mar chànan làitheilconaltraidh, ged a tha i ann an cunnart annsgach tè de na coimhearsnachdan sin. Tha edeatamach gum mìnich am Plana Nàiseantadè a dh’fheumar dèanamh airson a’Ghàidhlig a chumail mar chànan làitheiltaobh a-staigh nan coimhearsnachdan sinthar nan 10-15 bliadhna ri teachd.

Dùrachdan, Mark DDale, KKazaghstan

T ha sinn toilichte fhaicinn gu bheilcuideam ga chur air feadh a’ Phlana aircleachdadh na Gàidhlig anns an

dachaigh agus ann a bhith leudachadh nancothroman air Gàidhlig a chleachdadh annan iomadh diofar shuidheachaidhean.

Tha sinn cuideachd toilichte fhaicinn gubheil Comann nam Pàrant air ainmeachadhmar phrìomh bhuidheann anns na raointeanfoghlaim agus Gàidhlig san Dachaigh agusgu bheil Bòrd na Gàidhlig mothachail air aneòlas a th’ aig pàrantan anns na raointean seo.Feumar cuimhneachadh, ge-tà, gu bheilpàrantan, ge bith dè cho èasgaidh, ag obairgu saor-thoileach agus gu bheil taic a bhar-rachd riatanach bho bhuidhnean eile / no lebhith a’ neartachadh Comann nam Pàrant .

• “Ainmeachadh a h-uile dreuchd aig abheil buaidh dhìreach air àrainneachdan istachartasan Gàidhlig-mheadhanach marGhàidhlig-riatanach”

Tha sinn toilichte seo fhaicinn le

prìomhachas àrd. Fosglaidh Sgoil Ghàidhligann an Inbhir Nis an ath bhliadhna agus thaComann nam Pàrant fhathast a’ sireadh cinntgum bi an luchd-obrach air fad aig a’Chomhairle agus aig ‘Alpha Schools’ fileantasa Ghàidhlig.

• “Àrdachadh anns a’ chothrom air fogh-lam tro mheadhan na Gàidhlig, agus air aneòlas bharraichte foghlaim a tha ri fhaotainnann an sgoiltean fa leth” (td25)

Tha sinn ag aontachadh gur e pròiseactfreagarrach a tha seo airson an raon agus bumhath leinn barrachd cuideam a chur airstèidheachadh sgoiltean Gàidhlig.

• “Leudachadh ann an solar cùram-chloinne Gàidhlig” (td26)

Bu mhath leinn prìomhachas nas àirde abhith air a thoirt dhan seo agus tha sinn a’creidsinn gun leudaicheadh na h-àireamhana’ dol a-steach do dh’fhoghlam tro mhead-

han na Gàidhlig nam biodh cothom air deaghchùram chloinne sa chànan. Tha sinncuideachd a’ creidsinn gun cuireadh e ris anìre de dh’ fhileantachd a th’ aig a’ chloinn lebhith gam bogadh anns a’ chànan aig aoisnas òige na th’ ann an-dràsta.

• “Àrdachadh anns an àireamh is ruigsede chuspairean àrd-sgoile air an teagaisg tromheadhan na Gàidhlig” (td27)

Tha sinn a’ faicinn seo mar rud gu mathcudromach is deatamach agus na tha rifhaighinn de chuspairean tro mheadhan naGàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile ann anInbhir Nis air dol bhuaithe.

Bu mhath leinn barrachd taic fhaicinn air-son Àrd-sgoiltean Gàidhlig fa leth.

• “Leasachadh air seirbheisean-taiceproifeiseanta sònraichte airson sgoilearan-sgoile Gàidhlig-mheadhanach, air anlìbhrigeadh tro Ghàidhlig” (td27)

Tha sinn a’ cur fàilte air seo mar rud a thariatanach chan ann a-mhàin do chlann a’ dolgu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bhodhachaighean Gàidhlig, ach cuideachd gusinbhe a’ chànain a thogail.

Comann nam Pàrant (Inbhir Nis)

Ged a tha e na riarachas a bhith a’ faicinn nanàireamhan bliadhnail air foghlam Gàidhliga tha an Oilthigh ag ullachadh air an ain-

meachadh, is bochd nach eilear a’ toirt aithne dhanionad às an tàinig iad. Dh’fhaoidte a’ bhrìghcheàrr a thogail bho na thathar ag ràdh mu 4,500sgoilear bun-sgoile a bhith ag ionnsachadh Gàidhligtron sgeama GLPS. Bhiodh “ag ionnsachadh bea-gan Gàidhlig” no “ a’ cur beagan eòlais air Gàidhlig”na bu chearta. Chan eil e ciallach no brìoghmhora bhith ag ràdh “tha comas ann solarachadhGLPS a thabhann anns a h-uile bun-sgoil ann anAlba.” Dh’fheumadh sin ìre cho fìor mhòr de stòras- daonna, ionmhasach agus stuthach, gun tighinnair trèanadh agus atharrachadh bheachd.

Roinnean GGnìomh:

Tha na miannan a tha air an cur an cèill annsna h-earrannan Prìomh Ghnìomhan agus Buaidhrim moladh gu beagnaich ach tha cionmìneachaidh air na gnìomhan agus nagnìomhachdan a dh’fheumar a ghabhail os làimh.Bhiodh e feumail eisimpleirean a bhith ann dephròiseactan agus phrògraman sònraichte achruthaicheadh na buaidhean ris a bheil dùil.

Foghlam ttro MMheadhan nna GGàidhlig

Tha e na fhois-inntinn a bhith a’ faicinn gu bheil“prògram airson leudachadh ann an sgoiltean FGair a dheasachadh gu ro-innleachdail” mar aon dhena buaidhean a tha air a shònrachadh. ‘S e dear-mad fìor chudromach a th’ ann nach eilear ag ain-meachadh meudachadh san àireamh agus ìrean dechuspairean anns a bheil deuchainn ri fhaighinntro mheadhan na Gàidhlig aig ìrean teis-teanachaidh an SQA.

Togail CCànain

Tha dearmad ga dhèanamh air a bhith a’ leu-dachadh cothrom gus Gàidhlig ionnsachadh aig ìreàrd-sgoile air feadh na dùthcha agus thathar a’ curcus cuideim air an àite a dh’fhaodadh a bhith aigGLPS.

Solar iis TTrusadh LLuchd-teagaisg

Tha e annasach nach eilear a’ toirt tarraing sanearrainn seo air an Aithisg aig Buidheann GnìomhLuchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig.

Foghlam LLuchd-teagaisg

Tha an Raon Gnìomh seo caran staoin nuair asmaoinicheas duine air cho cudromach ‘s a tha eann an leasachadh foghlaim Gàidhlig. Chan eileara’ dèanamh luaidh air ceistean mar an fheumalachda th’ ann airson luchd-teagaisg FtG a bhith a’ faigh-inn teisteanas airson a bhith ag obair anns an raonsin, an fheum airson maoineachadh sònraichte dodh’ionadan oideachaidh luchd-teagaisg airson abhith a’ leasachadh phrògraman trèanaidh luchd-

teagaisg ann an Gàidhlig agus an fheum airson abhith a’ trèanadh oileanaich ann an caochladh chu-spairean teagaisg àrd-sgoile.

Foghlam TTreas ÌÌre

Bu chòir Comhairle Maoineachaidh na h-Albaagus Colaistean FE a bhith air an ainmeachadh anlùib nam buidhnean Luchd-solair is Furastachaidh.Bu chòir tarraing a thoirt air an aithisg air cùr-saichean-bogaidh Gàidhlig aig an SQA agus air abhith a’ cur an gnìomh a cuid molaidhean.

Tabhartasan SSònraichte aairson GGàidhlig

Aig an àm seo, chan fhaigh ach ùghdarrasan ion-adail na tabhartasan seo. Bu chòir an leudachadhgu ionadan foghlaim treas-ìre agus àrd-ìre gus antèid leudachadh air an t-solair anns na raointeansin.

Stòras :: BBBC AAlba FFoghlam

Ged a rachadh fàilte a chur air meudachadh sansgaoilteach agus san àireamh de stòrasan foghlaimBBC airson foghlam Gàidhlig nachruthan eadar-dhealaichte(chan e dìreach foghlam tronGhàidhlig), bu chòir a thoirt fa-near gu bheil na prògraman a th’ann an-dràsta snasail dha-rìribh.Bu chòir cuideachd aithneachadhgu bheil am BBC ag ullachadhstòras airson luchd-ionnsachaidh.

Anna HHughes, IIar PPhrionnsapal

Oilthigh ShrathChluaidh

T ha NMS den bheachd gu bheil duilgheadasmòr san Stiùireadh san dreach sa bheil e.Chan eil e a’ soilleireachadh dè a tha riatanach

ann am Plana Cànain reachdail Gàidhlig, agus dèa thathas a’ moladh. Tha sinn a’ smaoineachadhgum bu chòir na h-earrannan air Structair is Sus-baint a bhith a’ cuimseachadh fa aleth air riatanasanis molaidhean, agus gum bu chòir seo a dhèanamhsoilleir nan cinn earrannan is nan ro-ràdhan.

Tha an earrann air susbaint gu sònraichtedoirbh a mìneachadh san t-seagh seo. Ged a tharo-ràdh nan earrannan ag ràdh gu bheil napuingean fo gach earrainn (Conaltradh, Foill-sichidhean etc.) nan eisimpleirean de na bu chòira chur ann am Plana Cànain Gàidhlig, ‘s e seo anaon aithris de chàilidheachd san earrainn air fad.Dh’fhaodadh gabhail ri na cunntasan sònraichteanns gach earrainn m.e. Dreachan de StuthanGàidhlig Foillsichte no Foillseachadh Dà-chà-nanach de na bileagan uile, mar toirmisgte no àith-neil ann am Plana. San dòigh seo tha an Stiùireadhdà-sheaghach, far am bu chòir soilleireachd a bhithna phrìomhachas.

Tha sinn den bheachd gum bu chòir dhan ro-ràdh a bhith nas cinntiche nuair a thathas a’soilleireachadh puingean sònraichte nan eisim-pleirean, le, mar eisimpleir, aithris thòiseachaidhair leth ann an clò dubh, agus gum bu chòirmìneachadh coltach a bhith aig ceann gach ear-rainn Susbainte.

Taighean tasgaidhnàiseanta nah-Alba

Plana Nàiseanta GàidhligTha Bòrd na Gàidhlig a-nis a’ breithneachadh air na beachdan a fhuair iad air Plana Nàiseanta na Gàidhlig, air am bi leasachadh a’ chànain gu mòr an urra sna bliadhnachan ri thighinn. Fhuair iad còrr air 200 beachd eadar-dhealaichte bhochaochladh bhuidhnean is dhaoine. Ann an seo tha sinn a’ clo-bhualadh giorrachadh air dìreach ceithir aca...

N uair a thug mi iomradhair a’ mhìos a chaidh airleabhar ùr a tha cuimh-

neachadh air Ceap Breatannmus deach a cheangal le cabhsairri Alba Nuadh, cha robh dùilagam gur ann air leabhar eile abhithinn a-mach anns a’ cholbhseo. Ach ‘s fheudar gu bheil miair mo bheò-ghlacadh leleabhraichean mu eileanan bhon a leugh mi leabhar grinnAonghais Phàdraig, InvisibleIslands.

O chionn ghoirid thug caraidgu m’ aire leabhar nach robh miair fhaicinn riamh, ged a tha e cho sean rium fhein. The Master’s Wife is ainm dha agusb’ e Sir Anndra MacPhàil a sgrìobh e. Chaidh a chlò-bhualadh ann an 1939, agus tha e mu dheidhinn Orwell, coimhearsnachd Ghàidhealachann an Eilean a’ Phrionnsa far ando rugadh an t-ùghdar ann an 1864. Sgrìobh e Bean a’Mhaighistir anns na 1920an achb’ann bliadhna an dèidh a bhàisa chaidh an eachdraidh phrìseilinntinneach seo fhoillseachadh.

Rugadh Uilleam MacPhàil,athair Anndra, an Inbhir

Narainn an Alba ann an 1830.Cha robh e ach trì bliadhna a dh’aois nuair a thàinig anteaghlach a Chanada, an toiseachdo Cheap Breatainn agus an uairsin do dh’Eilean a’ Phrionnsa. B’ e maighistir-sgoilea bh’ann an Uilleam. Phòs eCatriona Nic a’ Ghobhainn —Bean a’ Mhaighistir —a thug adualchas à Siorrachd Pheairt. B’e Gàidheil a bha anns a’ mhòr-chuid den choim-hearsnachd aca agus, mar budual, bha inbhe agus seasamh aiga’ Mhaighistir nach robh ach aigaon duine eile anns an sgìr, amMinistear. A bharrachd air obairna sgoile cheannaich Uilleamtuathanachas anns an robh ceudacaire fearainn. Seo far an deacha mhac Anndra a thogail.

Bha Uilleam cuideachd na èildear anns an eaglais, buidheann caran cumhang ris ancante Na Dòmhnallaich. Chaidhan ainmeachadh air ministear,Dòmhnall Dòmhnallach. Annan 1869 sgrìobh Uilleam agusèildearan eile litir a’ sireadh ceadam ministear aca a chumail achionn ‘s gu robh feum air sear-monaiche le Gàidhlig, oir charobh cànan ach Gàidhlig aig anàireamh bu mhotha den t-slu-agh.

Ach air ais gu AnndraMacPhàil. B’ e duine comasachagus cliùiteach a bh’ ann. Bha ena lighiche, na ollamh aireachdraidh dotaireachd ann anOilthaigh McGill am Montreàl,agus na sgoilear barraichte. Fhad‘s a bha e fhathast na oileanachthòisich e sgrìobhadh do phàipearan-naidheachd aguschoisinn e de dh’airgead na thug

air chuairt feadh an t-saoghail e.Sgrìobh e deich leabhraicheanagus iomadach aiste air raon farsaing de chuspairean —poilitigs, eòlas-leighis, diadhachd, foghlam, agus andàimh eadar Canada isBreatann. Bha e air oillteachadhle dol-a-mach nan Stàitean Aonaichte. Nam faiceadh e an-diugh iad chluinneadh Busha bheachdan air a’ chluais bubhuidhre, saoilidh mi. Bha e cuideachd air uabhasachadh le mar a bha Canada a’ gluasadbho fhearann ‘s bho àiteachas gu bailtean mòra ‘s gnìomhachas.Nuair a bha e fhèin a’ curseachad gach samhradh anEilean a’ Phrionnsa bhiodh e strì ri adhartas a thoirt airtuathanachas, a’ fàs buntàta sìlis tombaca agus a’ giollachdbhreac anns na h-uillt.

Aig aois 50 chaidh e dhanarm agus chuir e seachad faisgair dà bhliadhna san Fhraing a’frithealadh air leòintich a’ ChiadChogaidh. Bha e cho measail airan each a bhiodh e marcachd airslèibhtean a’ bhlàir agus guntug e leis dhachaigh e a dh’Eileana’ Phrionnsa. Airson a sheirbheismar lighiche, mar sgoilear, mar sgrìobhaiche agus marshaighdear, chaidh urram Ridirea bhuileachadh air ann an 1918.

Ach dè mu Bhean a’ Mhaighi-stir? Tha mi duilich nach dothachair mi rithe o chionn fhada.Tha an leabhar seo a’ toirt dealbha tha an dà chuid brèagha agus breithneachail air coimhearsnachd Ghàidhealachann an linn a dh’fhalbh: crei-deamh, le bhannan ‘s a cheanglaichean; dlùths is

blàths an teaghlaich; nàbachd is carthannas is coibhneas;Sàbaidean fada air nach robhfurtachd ach a dhol gu falachaidhdhan achadh le leabhar, a’ cur anìre gur e math nam beathaicheana bh’air d’aire; foghlam mar ant-slighe air an teicheadh tu on dubh-chosnadh. Agus drochamharas air coigrich. Ann anteaghlach a’ Mhaighistir bha iadgu h-àraidh amharasach airSgitheanaich. Nuair a bha feardhiubh air tighinn gu aois bha eson a chuid den t-saoghal fhàgailaig mac a pheathar. Ach nuair achuala am bodach gu robh esuirighe air nighean laghachanns a’ bhaile, anns an robh fuilSgitheanach, cha robh e air adhòigh. “A bheil sibh a’smaoineachadh gu bheil mise dola leigeil Sgitheanach a-steachdha mo chùil fhein?” thuirt e.

Tha MacPhàil cuideachd a’bruidhinn air feadhainn nachrobh riamh air falbh on taigh ‘snach robh air a bhith fiù ‘s annsan ath bhaile. Bha Dùghallbeairteach ach cha bhiodh e gluasad ro fhada bhon dachaigh.Bha e 87 a dh’aois mus faca e muncaidh. Thug e suil air a’ chreutair agus thuirt e:“Laighidh an aois air a h-uileduine.”

Chaidh an leabhar seo asgrìobhadh le iochd is bàidh, achtha an sgrìobhaiche mothachailgu robh subhailcean is dubhail-cean, math is olc, air an toinneamh ann an cur is dlùthcoimhearsnachd Orwell. Carsona bhiodh iadsan eadar-dhealaichte o choimhearsnachdGhàidhealach sam bith eile?

Feumaidh mi aideachadh gubheil mi daonnan a’ strì ri mo chogais nuair a thig

e gu fèin-aithne am measg nanGàidheal.

Cò e Gàidheal? No cò i Gàid-heal?

Aig an ìre as sìmplidh tha amfreagairt sìmplidh gu leòr: ‘s eGàidheal fear no tè a bhios a’cleachdadh na Gàidhlig. Gu ìremhòr sin e dhòmhsa, oir chan eilanns a’ chòrr ach nithean aig oirna cùise, oir nuair a thig e gu aon‘s gu dhà mura bheil neach a’cleachdadh a’ chànain ciamaras urrainn dhut a ràdh gur e“Gàidheal” a tha anns an neachsin?

Ach, O, tha fhios’ am glèmhath cuideachd nach eil a’

chùis dìreach cho sìmplidh sin,oir chan eil beatha mac an duinedìreach aon-fhillteach.

Dè mu dheidhinn am fear noan tè a tha làn-fhileanta sa chànan agus aig a bheil gràdh-cridhe air a’ chànan achnach fhaigh cothrom a chleach-dadh o aon cheann dhen bhli-adhna chun a’ chinn eile a chionn‘s gu bheil e no i a’ fuireach annan Singapore no àiteigin?

Tha fhios, gun teagamh sambith, gur e ‘Gàidheal’ a th’ annfhathast.

No dè mu dheidhinn an neachaig an robh Gàidhlig na òige, acha chaill i? No an neach aig a bheilbeagan fhaclan ach nach d’ fhuair(no nach do ghabh) an cothroman còrr ionnsachadh? No dè mudheidhinn an fheadhainn arugadh ann an sgìrean agus annan coimhearsnachdan fìor-Ghàidhlig ach — airsoniomadach diofar adhbhar —nach eil fileanta sa chànan?

No dè mu dhèidhinn anfheadhainn a tha dìreach “bàid-heil” dhan chànan ged nach eilfacal Gàidhlig aca?

An e “Gàidheil” a th’ annta-san, air neo leth-Ghàidheil, air noge brith dè an ceudachadh a tha

thu airson cur air a’ chùis? Agus tha fhios gu bheil fhios

againn uile cuideachd nach edìreach ceist teoireataigeach atha seo, ach ceist a tha an dàchuid connspaideach a thaobhfeallsanachd agus duilich ann anda-rìribh.

Oir nach eil seo a’ buntainn ri mar a tha sinn a’ faicinn ar co-chreutairean, mar a tha sinna’ meas ar coimhearsnachdanagus mar a tha sinn a’ tomhais arslighean air adhart anns nalàithean a th’ ann?

Tha a’ cheist air tighinn ormgu mionaideach ri linn na snaigheadaireachd a tha SabhalMòr Ostaig air fhoillseachadh aiga’ cholaiste: snaigheadaireachdclosach curaich a chaidh adhèanamh le dithis aig nach eil a’ Ghàidhlig (Uilleam MacIlleathain agus Artur Watson) agus a chaidh an uairsina bhaisteadh gu h-oifigeil, margum biodh, le Gall mòr eile achnach eil facal Gàidhlig, am fear a bha na Easbaig aig anEaglais Shasannach ann an Albauaireigin, Richard Holloway, atha a-nis na Fhear-Chathrach airComhairle nan Ealan no AlbaChruthachail mar a bhios air a’bhuidhinn o seo a-mach.

Seo m’ argamaid fhèin munchùis: chan e nach eil còir nocead aig Goill mar MacIlleathainagus Watson agus Holloway a bhith a’ dèanamh nanobraichean-ealain seo ann ansuidheachadh Gàidhlig, achdìreach gur e obraichean-ealainGhallda a bhios annta aig a’ cheann thall, dìreach a chionn‘s gur e Goill a tha annta fhèin.

‘S e sin ri ràdh, ma tha thu agiarraidh obair-ealain Ghàidhlig,gheibh thu sin (math no dona ‘s gum bi e) bho na Gàidheil: gucinnteach chan fhaigh thu sinnbho daoine aig nach eil a’Ghàidhlig.

An àite dealbh bhon taobh a-staigh, gheibh thu dealbh bhontaobh a-muigh.

An àite tuigse, gheibh thuiongnadh.

An àite rud freumhaichte,gheibh thu nì coimheach.

A-nise dh’ fhaodadh e bhithnach eil sìon idir ceàrr air an sin:uaireannan, tha deagh fheumair an dealbh on taobh a-muigh;aig amannan tha iongnadh acheart cho riatanach ri tuigse;dh’fhaodadh e bhith gu bheil an rud coimheach a cheart chofeumail ris an rud freumhaichte.

Fhad ‘s is e sin a tha thu ag iarraidh agus fhad ‘s is ann air ansin a tha thu ag amas.

Ach gu tric chan ann, agus sinfar a bheil a’ bhreug a’ tighinn a-steach, oir gu tric tha rudan glèGhallda air an reic dhuinne marrudan ‘Gàidhealach’.

Fada ro thric tha mi air rudangu tur Gallda fhaicinn air an sanasachadh agus air amfoillseachadh agus air an reic marrudan Gàidhealach, agus sin fara bheil e ceàrr.

Tha seo, saoilidh mi, a’tachairt gu cunbhalach anns a h-uile roinn dhe ar beatha: prògraman telebhisein a chaidh a dhealbhachadh agus a dheasachadh agus ariochdachadh cha mhòr gu lèirtro mheadhan na Beurla anuairsin air an taisbeanadh mar

“prògram Gàidhlig”, nuair is edìreach an guth ann am dub airchoreigin ann an stiùidio airchoreigin an aon rud a tha“Gàidhlig” mu dheidhinn.

Chan eil ann ach deise no còtaGàidhlig.

Chan eil ann ach balla gumath dubh air a pheantadh lebruis gheal na Gàidhlig.

Chan eil ann ach mar rudei-gin air a dhèanamh ann an HongKong le stuicear “Made in Skye”— no “air a dhèanamh ann anLeòdhas” — air a stobadh air a’mhullach.

Nach eil ar saoghal Gàidhligloma-làn de stuthan, dechuirmean is eile, a tha air ancòmhdachadh le tiotal no sanasGàidhlig ged nach cluinn thu aonfhacal dhen chànan fhèin air acleachdadh aig an tachartasmhòr?

Nach ann mar sin a tha Highland 2007? Sreathan dechuirmean mòra cosgail Beurla,ged neo-air-thaing gu bheil a’Ghàidhlig air a cleachdadh annsna tiotalan.

Tha àite aig na Goill agus aiga’ Bheurla agus aig luchd-ealainGhallda gun teagamh sam bith,ged nach ann a’ gabhail àite nanGàidheal ‘s na Gàidhlig agusluchd-ealain Gàidhlig.

‘S e am mealladh mòr nuair aleigeas buidhnean Gàidhlig orragur e rud Gàidhlig a tha anns an rud Ghallda, gur e ealain-Ghàidhlig a tha ann an rud achaidh a dhèanamh le Goill.Chan e.

Air cùl gach nì, saoilidh mi,tha dìth misneachd. Tha fada cus Ghàidheal fhathast dhen

bheachd nach fhiach iad rud sambith gus an can an saoghal mòrGallda gur fhiach iad rudeigin.

Tha e mar gu feum iad dearb-hadh daonnan bhon taobh a-muigh gur fhiach iad, air neogu bheil luach sam bith anns anrud a tha iad a’ dèanamh. Tha emar nach biodh dearbhadh o ardaoine fhèin math gu leòr. Thae mar nach eil ar dàin agus ar nobhailean agus ar snaigheadaireachdan fhèin mathgu leòr mura bheil iad air andèanamh no air am moladh no air am beannachadh on taobha-muigh, le leithid Richard Holloway.

Air cùl sin tha an rud àbhais-teach: gu bheil iuchair an sporainaig na Goill mhòra sin.

Mar sin, ‘s dòcha nach ann buileach mu dheidhinn fèin-aithne a tha a’ cheist idir achmu dheidhinn aithne bhon taobha-muigh.

Tha an duine lag daonnan agiarraidh dearbhadh on taobh a-muigh gu bheil e ceart gu leòr.Gu bheil e òkaidh. Ann an sealladh an t-saoghail mhòir.

Tha fallaineachd, air an làimheile, daonnan a’ tighinn bhontaobh a-staigh. Chan e maise-gnùise, mar gum biodh, atha dhìth ach deagh chridhe a’bualadh gu fallainn. Chan e còtaleòmach dathach air an taobh a-muigh ach deagh chraiceannair an taobh a-staigh. Chan eealain on taobh a-muigh achealain on taobh a-staigh.

Cuin, fo shealbh, a chuireassinn earbsa nar n-ealain fhèin?Agus mar sin nar daoine fhèin,nar comasan fhèin agus narcànan fhèin?

Tha an snaigheadaireachd ùraig Sabhal Mòr a’ dearbhadh a-rithist gu bheil ar n-earbsaanns na Goill, seach annainnfhèin. Tha e na shamhlacnàimheach gur i a’ Bheurla agussaoghal na Beurla a tha fhathasta’ stiùireadh, a dh’ aindeoin dè an t-ainm Gàidhlig a bheir thuair.

An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006 9

Beachd

Le Aonghas Pàdraig Caimbeul

O thìr nan CraobhLe Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain

A’ mùchadh a’ chridhe Ghàidhealaichle feallsanachd nan Gall

Deagh shealladh air seann choimhearsnachd

Litrichean gu:Taigh à Mhorair LeverhulmeCeàrnag PhearsabhailSteòrnabhaghEilean LeòdhaisHS1 2DD

Fòn: 01851 703487Facs: 01851 [email protected]

Comann CeilteachComann nan OileanachOilthigh Obar DheathainObar Dheathain

A charaid chòir,

Tha mi a’ sgrìobhadh às leth ComannCeilteach Oilthigh Obar Dheathaingus ur cuideachadh iarraidh anns anteirm seo tighinn. Tha ar comann aira bhith a’ ruith bho dheireadh nan1800an agus tha e fhathast agàrdachadh na Gàidhlig, traidiseanGàidhlig agus cultar Albannach. Ontha ur toradh a’ cur gu mòr ris a’ chul-tar Albannach bhiodh sinn uab-hasach toilichte seòrsa de cho-roinna stèidheachadh còmhla ribh.Bidh ar comann agus ar tachartasana’ tarraing àireamhan mòra bhobhuidheann de oileanaich an ObarDheathain agus sluagh ObarDheathain san fharsaingeachd agustha sinn air a thighinn gu bhith a’riochdachadh bunait airson a h-uilerud traidiseanta agus fìor. Tha sinnag obair ann an co-roinn le

buidhnean eile mun chuairt air a’bhaile, a bhios cuideachd a’cuideachadh le cumail suas a’ chul-tair Albannaich, a’ toirt a-steach clubcamanachd Oilthigh Obar Dheathainagus club Gàidhlig Obar Dheathaina tha maoinichte leis a’ chomhairle. Nam biodh ùidh agaibh ann a bhitha’ toirt goistidheachd dhuinn airsonaon de na tachartasan againn le tab-hartas a chur ri na cosgaisean lean-tainneach againn no nam biodhsibh dìreach deònach duais no dhàa thoirt don chrannchar-gìl, cuiribhfìos thugainn a dh’aithghearr, mas eur thoil e.Bidh mi a’ coimhead air adhart ricluinntinn bhuaibh.

Marc Mac an TuirneirIar-Cheann Suidhe, Oilthigh ObarDheathain

LITRICHEAN

Smaoinich air mar a tha teicneòlasùr ag adhbhrachadh atharrachadhagus adhartas. Aig toiseach

gnothaich, dè cho mòr ‘s a bha e marnaidheachd am measg choim-hearsnachdan ann an Linn na Cloichenuair a chaidh a’ chiad chuibhle adhealbh, no nuair a chunnaic iad cairtno bara airson a’ chiad turas. No suasdhan ochdamh linn deug, thàinig aneinnsean-smùid agus beagan is ceud bli-adhna as dèidh sin nochd cumhachd andealain — leasachaidhean a dh’athar-raich dòigh-beatha an t-sluaigh gu tur.

Beachdaich air an diofar a rinn antractar dhan Ghàidhealtachd sa linn adh’fhalbh agus an car-a-mhuiltein adh’adhbhraich an t-eadarlìon san fhic-head bliadhna mu dheireadh.

Chan eil roinn nar beatha san là a th’ann far a bheil teicneòlas ùr a’ toirt bar-rachd buaidh na craobh-sgaoileadh.Tha deagh chuimhne aig mòran againna bha a’ fàs suas sna seachdadan ‘s gunagainn ach aona sianal teilidh ann andubh ‘s an geal. An-diugh, le telebhiseandidseatach is telebhisean saiteil, tha efurasta do dhuine sam bith 500 sianala bhith aca. Tòrr sgudail air a’ mhòrchuid aca gun teagamh, ach tòrr a bhar-rachd roghainn na bh’ ann o chionnghinealach.

Air n rèidio, bidh cuimhne aig mòranagainn a bhith a’ faighinn Rèidio nanEilean air VHF... son iomadach bliadhnachan fhaigheadh sinn stèisean sam bitheile — ach corra uair, chluinneadh tubeagan de Rèidio Luxemburg nam biodhoidhche dhorcha ann agus mura biodhan t-sìde ro dhona. An-diugh, le rèidiodidseatach, gheibh thu na ceudan destèiseanan rèidio bho air feadh an t-saoghail cho soilleir ‘s a ghabhas.

’S e saoghal farpaiseach cruaidh a th’ann an craoladh an- diugh le com-panaidhean anns gach rìoghachd a’ strìri chèile son luchd-èisteachd is luchd-amhairc. Sna seachdanan, ‘s iad am BBCagus ITV a bha a’ stiùireadh na cùise annam Breatainn. An-diugh tha na dusanande chompanaidhean a’ strì ri chèile, gachbuidheann a’ sabaid son luchd-èisteachd‘s a’ sabaid son cosgaisean a chumail choìosal ‘s a ghabhas.

Do chuid co-dhiù, aig aon àm b’ ebuidheann mhòr chosgail a bh’ anns a’BhBC aig an robh cus airgid son nadh’fheumadh iad a dhèanamh. Ach, mabha iad riamh ann, tha na làithean sinseachad.

An-diugh, tha sgrùdadh ceart ‘smionaideach ga dhèanamh air cos-gaisean a’ BhBC agus an dòigh sa bheilan t-airgead air a chaitheamh. Tha sina’ tachairt aig gach ìre agus tha am BBCair gabhail ris gu feum iad luach an air-gid fhaighinn a-mach às a h-uile sgillinna tha iad a’ cosg.

’S e pàirt mhòr den ghluasad seo, gumfaigh am BBC teicneòlas ùr a leigeasleotha prògraman a chruthachadh sandòigh as èifeachdaiche ‘s a ghabhas.

Mar sin, tha am BBC trang an-dràstaa’ leasachadh siostam rèidio ùr air feadhAlba ris an canar VCS-Dira. Le VCS-Dira, tha e mòran nas fhasa prògramanrèidio a dheasachadh. Leis mar a thadeasachadh didseatach air tighinn airadhart, tha na siostaman deasachaidhnas saoire agus mar sin faodaidh iad abhith air tòrr a bharrachd choimpiu-tairean anns gach oifis sa BhBC. Mar sin,gheibh mòran a bharrachd de luchd-obrach a’ BhBC cothrom an stuth aca adheasachadh aig na deascaichean acafhèin.

Tha sin fhein a’ sàbhaladh ùine agusa’ sàbhaladh airgead. Tha sin a’ cial-lachadh gu bheil e nas fhasa agus nassaoire prògraman a dhèanamh. Tha sina’ cruthachadh airgead airson tuilleadh

phrògraman a dhèanamh, airson seirb-heis a leasachadh air an eadarlìon, air-son barrachd roghainn a thoirt donluchd-èisteachd.

Cuideachd, tha atharrachadh airtighinn air dòighean-obrach mòran deluchd-obrach a’ BhBC. Aig aon àm, bhasgilean sònraichte aig gach neach ‘sbhiodh fear-naidheachd ann son sgeu-lachdan a rannsachadh agus innse dhanluchd-èisteachd...bha daoine ann a bhasgileil a thaobh a bhith a’ deasachadhstuth a bha air a chlàradh agus gleusbrèagha a chur air. bha na ‘techies’ anna bha a’ dèiligeadh ri innealachd. San t-saoghal ùr, tha gach duine a’ dèanamhdiofar dhreuchdan ‘s gu tric nì aonneach an clàradh, an rannsachadh ‘s andeasachadh.

Aig a’ cheann thall, le VCS-Dira, bidhe furasta stuth a ghluasad bho àite guàite taobh a-staigh a’ BhBC. Ma thasgeulachd mhòr chudromach ann an

Steòrnabhagh, agus ma thèid beachdandhaoine a chruinneachadh ann anSteòrnabhagh, cha toir e ach beagandhiogan gus am bi na guthan sin ann anoifisean a’ BhBC ann an Glaschu.

Tha VCS a-nis ann an oifisean a’BhBC ann an Steòrnabhagh, InbhirNis, Obar Dheathain. Dùn Èideann,Arcaibh, Sealtainn is Na Crìochan. ‘S ean leasachadh ùr mòr aig a’ BhBC aigPacific Quay ann an Glaschu, am pìosmu dheireadh anns a lìon a cheanglas ah-uile càil ri chèile Chì sinn sin san t-Samhradh an ath-bhliadhna.

Chan eil feum sam bith air teicneòlasùr ann fhèin, mura faigh daoine buan-nachd às. Le VCS-Dira, ‘s e luchd-èis-teachd stèiseanan rèidio a’ BhBC agheibh am buannachd aig a’ cheann thallle barrachd roghainn is barrachd phrò-graman mhath air an eadhar.Norrie MacIlleinein

Tha àm na Nollaig a’ teannadhdlùth agus abair thusa gu bheilpàrtaidh mòr gu bhith againn aig

“Dè a-nis?” Bidh prògram uair a thìde de

dh’fhaid againn a tha dìreach gu sprei-dheadh le gu bheil uimhir na lùib. Bidhspòrs agus fealla-dhà againn mar asàbhaist agus a bharrachd air sin bidhPanto “Baile Ùr Os” ri fhaicinn, leaoighean na chois, nam measg, NUC(Neach Uabhasach Cudromach)Joanna bho Aileag!

Chì sinn mar a chaidh dha Sarah

nuair a dh’fheuch i air “snowboarding”!Bidh sinn a’ cluinntinn nam beachdanannasach agus èibhinn aig sgoilearanmu dheidhinn àm na Nollaig agus chìsinn mar a chòrd latha sònraichtedha-rìribh ri Innes à Inbhir Pheofha-ran, nuair a choinnich e ri sgioba ball-coise Ross County anns “An Rud a B’fheàrr leam!”

Cuimhnichibh gum bi Dè a-nis airais le prògraman loma-làn an dèidh naBliadhn’ Ùire. Nollaig Chridheil dhuibhuile.

Balaich a’ bhaile cruinn air being,teine mòr anns a’ stòbha, òraingan gabhail agus a h-uile duine

dòigheil le drama na dhòirn air Là naBliadhn’ Ùire. Siud am bothan agus siudmar a bha bliadhn’ ùr uaireigin. Ciamheud againn an-diugh nach gluais a-mach air an doras ach a bhios aig an aonàm a’ caoidh mar a bha cùisean uairei-gin, nuair a bhiodh daoine a’ falbh nantaighean ‘s a’ cur na bliadhn’ ùire air achèile?

B’ ann an Nis a bu phailt a bha nabothain, ged a bha feadhainn air taobhSiar Leòdhais cuideachd, agus chadhìochuimhnich duine a bh’ annt ancàirdeas agus an dàimh a bha eadar nabalaich. Bha sean is òg ann, bha naid-heachdan gan sgaoileadh ach, na budeatamaich, bha cuideachd agus conal-tradh ann — agus dearbhadh ‘s rabhdan!

Thòisich iad ron darna cogadh nantaighean-cèilidh agus gun àite-cruin-neachaidh aig na balaich. As dèidh a’chogaidh thòisich na balaich a’ faighinncosnadh aig muir ‘s ann an South Geor-gia a dh’fhàg beagan airgid nam pòcaidagus thàinig deoch-làidir — agus napoilis — an lùib a’ ghnothaich.

Anns Na Bothain aig 6.00 feasgar Làna Bliadhn’ Ùire, tha feadhainn a bhiodha’ tadhal nam bothan a’ cuimhneachadhair an tarraing a bh’ annt a shamhradh‘s a gheamhradh — aig àm buainmònach, aig bliadhn’ ùr no aig banais.‘S cha bhiodh bothan na bhothan gunceòl is òrain agus bidh sin ri chluinntinncuideachd.

103.5 - 105 FM

Teicneòlas ùr a’ toirt buannachd dhan luchd-èisteachd

Prògram uair-a-thìde gus àm naNollaige achomharrachadh

A’ toirt sùilair na bothain ainmeil

B idh spòrs, fealla-dhà agus ceòl guleòr againn thairis air na làitheansaora. Air madainn na Nollaige a

thuilleadh air laoidhean is leughaidheancluinnidh sibh “Baile nan Òran”, na h-òrain a chlàr an t-seinneadair SeasaidhNicCoinnich à Seiseadair. An uairsinnach cuir sibh seachad a’ mhadainncòmhla ri Mòrag Dhòmhnallach aguscumaibh cluais ri claisneachd airsondùrachdan bhon òigridh ann an “Aileag”aig meadhan latha. Air an 26 is cùiseannas socraiche nach suidh sibh air ais isèistibh ri sàr òrain is cuimhneachainluchd eòlais air aon de na seinneadaireanas ainmeil ann an Gàidhlig - CalumCeanadach a chaochail nas tràithe am-bliadhna. Bidh cothroman eile agaibheadar Nollaig is Bliadhn’ Ùr cluinntinnmar a chaidh cùisean agus iadsan a thogduaisean aig Mòd Dhùn Omhain am-bli-adhna. Air Oidhche Challainn bidhRadio nan Gàidheal air an eadhar maras àbhaist bho naoi uairean le “Dèana-maid Adhradh” agus “Tro Shàmhchairan Fheasgair”, a’ leantainn gu leth uairas dèidh uair madainn na Bliadhn’ Ùire.Aig deich bidh “Spiorad a’ Chathranais”le Cathy Dhòmhnallach ag aithris airbeatha is bàrdachd Seonaidh PhàdraigMac A’ Ghobhainn à Iarsiadar Leòdhas.Agus airson a’ Bhliadhn’ Ùr a thoirt a-steach nach fuirich sibh cuide ri Radionan Gàidheal agus farsaingeachd deluchd ciùil is seinneadairean òga aigTony Kearney is Kirsteen Dhòmhnallachair aoigheachd airson “Cèilidh OidhcheChallainn”.

Nollaig isBliadhn’ ùrair BBCRadio nanGàidheal

10 An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006

Sgioba “Dè a-nis?”

Norrie MacIlleinein agus e a’ taisbeanadh an teicneòlais ùr don luchd-obrach

An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006 11

CLÌ GÀIDHLIG

A’ Bhuidheann Nàiseanta airson Luchd-ionnsachaidh na GàidhligThe National Organisation for learners of Gàidhlig

2007 – a’ Bhliadhna gus Gàidhlig Ionnsachadh2007 – the Year to Learn Gaelic

Tha Clì Gàidhlig a’ toirt cuideachadh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aguscuideachd do luchd-fileanta a tha a’ coimhead airson taic le sgilean leughaidh is

sgrìobhaidh sa Ghàidhlig

Clì Gàidhlig helps Gaelic learners and also fluent speakers who are looking forsupport with reading and writing skills in Gaelic

Cùrsaichean còmhraidh air feadh na h-AlbaConversation courses throughout Scotland

Iris ràitheil – CothromCothrom – quarterly magazine

Bliadhna MMhath ÙÙr bbho lluchd-obrach CChlì GGàidhlig

Clì Gàidhlig Clì Gàidhlig3 Sràid an Aonaidh www.cli.org.uk 3 Union Street Inbhir Nis InvernessIV1 1PP IV1 1PP01463 226710 01463 226710

£20.00

£25.00

£30.00

£35.00

12 An Gàidheal Ùr, An Dùbhlachd 2006

C

M

Y

K