tionndadh gàidhlig an obair-chùrsa agad › sqa › files_ccc ›...

12
An obair-chùrsa agad Tionndadh Gàidhlig

Upload: others

Post on 04-Feb-2021

0 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • An obair-chùrsa agadTionndadh Gàidhlig

  • Tha an leabhran seo ag innse dhut mun fhiosrachadh a dh’fheumas a bhith agad mud obair-chùrsa. Tha fiosrachadh agus riaghailtean riatanach ann a dh’fheumas tu a leughadh mus tòisich thu a’ dèanamh d’ obair-chùrsa, fiù ’s ma tha thu air obair-chùrsa a chur a-steach anns na bliadhnaichean roimhe.

    Tha e cudromach gun tuig thu na riaghailtean. Tha iad ann gus dèanamh cinnteach gum bi measaidhean obair-chùrsa cothromach dhan a h-uile duine.

    Ma tha thu mì-chinnteach mu na riaghailtean, bruidhinn ris an tidsear no òraidiche agad. Bidh iad cuideachd comasach air innse dhut mu na dh’fhaodar tachairt ma bhriseas tu na riaghailtean.

    Lorgaidh tu tòrr fiosrachaidh chuideachail aig www.sqa.org.uk/learners.

    An obair-chùrsa agad

    2

  • Tha diofar sheòrsaichean de dh’obair-chùrsa ann, nam measg pasgain-obrach, pròiseactan agus pìosan-obrach a chaidh a chur romhad. Bidh an sèorsa de dh’obair-chùrsa a bhios tu a’ dèanamh a rèir a’ chùrsa shònraichte.

    Tha obair-chùrsa a’ toirt dhut cothrom a dhearbhadh gu bheil thu eòlach air a’ chuspair agad agus gu bhith a’ cosnadh chomharran a dh’fhaodadh eadar-dhealachadh a dhèanamh don chomharra dheireannach agad.

    Bidh riatanasan eadar-dhealaichte ann airson gach pìos den obair-chùrsa agad – innsidh an tidsear no òraidiche agad mun deidhinn.

    Ma dh’fheumas tu taic a bharrachd, faodar rèiteachadh sònraichte a chur air chois gus am bi cothrom co-ionann agad gu bhith a’ sealltainn an eòlais a tha agad agus nas urrainn dhut a dhèanamh. Cha leig thu a leas bruidhinn rinne mun leithid seo de rèiteachadh – bidh an sgoil no colaiste agad a’ dèanamh seo às do leth ma tha feum air.

    Ma tha thu airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun leithid seo de rèiteachadh, bruidhinn ris an tidsear no òraidiche agad.

    Taic a bharrachd

    Dè th’ ann an obair-chùrsa?

    3

    halò

  • Tùsan-fiosrachaidhDh’fhaodadh gum bi cothrom agad mòran de thùsan-fiosrachaidh a chleachdadh – leithid leabhraichean, TBh agus an t-eadar-lìon – mar thaic don obair agad. Tha cleachdadh tùsan-fiosrachaidh eadar-dhealaichte na dhòigh mhath air ionnsachadh cuideachd.

    Tha e cudromach gu bheil fios agad nach urrainn dhut leth-bhreac a dhèanamh de stuthan bho thùsan-fiosrachaidh eile agus an cur a-steach mar gum b’ e d’ obair fhèin a bh’ annta. Feumaidh tu na tùsan-fiosrachaidh uile a chleachd thu a chomharrachadh, air chor ’s gum bi e soilleir dè an obair nach buin dhut fhèin.

    Is urrainn don tidsear no òraidiche agad innse dhut mar a nì thu seo, ach seo dhut beagan stiùiridh.

    • Cuir ‘cromagan turrach’ timcheall teacsa sam bith a thàinig à tùsan-fiosrachaidh eile agus seall gu soilleir cò às a thàinig an teacsa sin.

    • Feumaidh tu comharrachadh cò às a thàinig diagram no dealbh sam bith a tha thu air chleachdadh bho thùsan-fiosrachaidh eile.

    • Cruthaich leabhar-chlàr (liosta de thùsan-fiosrachaidh a chleachd thu) ma dh’fheumas tu fear. Bidh seo a’ dol aig deireadh do chuid obrach.

    A’ dèanamh d’ obair-chùrsa

    4

    A’ dèanamh d’ obair-chùrsa

  • Chan fhaod thu toirt a chreidsinn gur e d’ obair fhèin a th’ ann an obair dhaoine eile. Nuair a chanas tu gur e an obair is na beachdan agad fhèin a th’ ann an obair is beachdan dhaoine eile, canar mèirle-sgrìobhaidh (no ‘plagiarism’) ri sin, agus ’s e cealgaireachd a th’ ann.

    Mura comharraich thu tùsan-fiosrachaidh san obair-chùrsa agad, ’s e mèirle-sgrìobhaidh a th’ ann an sin cuideachd.

    Chan e d’ obair fhèin a th’ ann:

    • ma chaidh an obair iomlan no pàirt dhith a chruthachadh, no ma chaidh obair a dhèanamh oirre, le cuideigin eile

    • ma chaidh an obair a dhèanamh le cuideigin a rinn obair-chùrsa den leithid roimhe

    • ma chaidh an obair a dhèanamh mar eisimpleir obrach leis an tidsear no òraidiche agad, no

    • ma tha thu air a thogail à leabhar, làrach-lìn no stòr aistidhean, gun oidhirp a dhèanamh a chur nad fhaclan fhèin.

    Mèirle-sgrìobhaidh

    5

  • Cealg-chòrdadhMa dh’oibrich thu le daoine eile nuair a bu chòir dhut obair nad aonar, canar cealg-chòrdadh (‘collusion’) ri sin. Tha seo a’ gabhail a-steach a’ toirt cuideachadh, a’ faighinn cuideachadh, agus a’ roinn fhaclan-faire, faidhlichean is obair-phàipeir.

    Tha gach duine a thèid an sàs ann an cealg-chòrdadh a’ briseadh nan riaghailtean — chan e dìreach an duine a dh’iarr cuideachadh. Ma dh’iarras tagraiche eile ort a chuideachadh (mar eisimpleir, cuideigin sa chlas agad), bu chòir dhut innse dha a bhruidhinn ris an tidsear no òraidiche.

    Ma tha thu ag obair mar phàirt de bhuidhinn (mar eisimpleir, air pròiseact buidhne), feumaidh tu dèanamh cinnteach gur e an obair agad fhèin a th’ anns an obair sgrìobhte a chuireas tu a-steach mar phàirt den obair-bhuidhne.

    Ma tha duilgheadas agad le obair-chùrsa, gheibh thu a’ chomhairle as fheàrr bho na tidsearan is òraidichean agad.

    Cainnt agus sgrìobhadhThathar an dùil gun toir a h-uile duine a chuireas obair-chùrsa a-steach urram do thagraichean eile, do thidsearan, do dh’òraidichean, do luchd-comharrachaidh agus do dhuine sam bith a tha ag obair air ar son, SQA. Na cuir cainnt no ìomhaighean nad obair a tha mì-mhodhail, tàireil, oilbheumach no a tha dèanamh leth-bhreith — ma nì thu sin, nì luchd-comharrachaidh sgrùdadh air.

    Cuimhnich gum feum obair-chùrsa sgrìobhte a bhith comasach a leughadh. Nì luchd-comharrachaidh nas urrainn dhaibh airson d’ obair a leughadh, ach is dòcha nach bi e comasach dhaibh comharran a thoirt seachad ma tha do sgrìobhadh duilich a leughadh.

    6

  • Cunntas fhaclanMa tha an obair-chùrsa agad a’ toirt ìos-mheud no os-mheud fhaclan, feumaidh tu cumail ris. Faodar do pheanasachadh mura cùm thu ris. Faic ‘Dè ma bhriseas mi na riaghailtean?’ air duilleag 10 airson tuilleadh fiosrachaidh.

    Duilleagan ghoireasanThèid cuid a mheasaidhean airson obair-chùrsa a dhèanamh ann an suidheachadh far a bheil thu ag obair fo riaghailtean sònraichte agus far am feum thu duilleag ghoireasan a chleachdadh. (Canar riutha cuideachd ‘duilleagan rannsachaidh’ no ‘duilleagan fiosrachaidh air a phròiseasadh’). Mura bheil thu cinnteach am bi feum agad air duilleag ghoireasan a chleachdadh, bruidhinn ris an tidsear no òraidiche agad.

    Ma dh’fheumas tu duilleag ghoireasan a chleachdadh, tha e fìor chudromach gu bheil thu eòlach air na riaghailtean air cleachdadh dhuilleagan ghoireasan, oir dh’fhaodadh tu comharran a chall mura chleachd thu gu ceart i.

    Chan eil e doirbh mèirle-sgrìobhaidh is cealg-chòrdadh aithneachadh

    • Bidh tidsearan agus òraidichean eòlach air an obair agad agus aithnichidh iad atharrachaidhean san stoidhle sgrìobhaidh agad agus sa chainnt a chleachdas tu.

    • Tha luchd-comharrachaidh mion-eòlach air a’ chuspair aca agus mar sin bidh iad eòlach air iomadh tùs-fiosrachaidh.

    • Bidh sinn a’ cleachdadh bathar-bog a dh’aithnicheas mèirle-sgrìobhaidh agus cealg-chòrdadh. Bidh am bathar-bog seo a’ maidseadh abairtean is teacsa a chaidh a thogail ris na tùsan às an tàinig iad.

    Na cuir ann an cunnart e

    Feumaidh tu an duilleag ghoireasan agad a chur a-steach còmhla ris an obair-chùrsa agad. Mura dèan thu sin, tha e do-sheachanta gun caill thu 20 sa cheud de na comharran airson na h-obrach-cùrsa.

    7

  • Cinn-lathaTha e cudromach gun cuir thu d’ obair a-steach ann an deagh àm.

    Ainmichidh an tidsear no òraidiche agad na cinn-latha agus tha e an urra riut fhèin dèanamh cinnteach gun cùm thu riutha. ’S e an dòigh as fheàrr air seo a dhèanamh a bhith ag amas air d’ obair a chur a-steach ron cheann-latha.

    Na bi fo mhòr-uallach ma tha thu ga fhaighinn doirbh cumail ri ceann-latha. Bruidhinn ris an tidsear no òraidiche agad feuch dè ghabhas dèanamh gus do chuideachadh.

    A’ cur a-steach d’ obair-chùrsaCoimhead air an obair agadMus cuir thu d’ obair-chùrsa a-steach, feumaidh tu deagh shùil a thoirt oirre agus dearbhadh:

    • gur e an obair agad fhèin air fad a th’ ann, agus gun do chomharraich thu gu cothromach a h-uile tùs-fiosrachaidh, diagram no dealbh a chleachd thu

    • nach eil cainnt no ìomhaigheachd mhì-mhodhail, thàireil no oilbheumach ann

    • gu bheil thu air an obair-chùrsa agad a chrìochnachadh a rèir nan stiùiridhean a thug an tidsear no òraidiche agad dhut

    8

  • DearbhadhMus cuir an sgoil no colaiste agad d’ obair-chùrsa a-steach thugainn airson comharrachadh, iarraidh iad ort d’ ainm a chur ri dearbhadh. Tha e glè chudromach gu bheil thu a’ tuigsinn an dearbhaidh, a chithear shìos. Ma thu mì-chinnteach mu rud sam bith, faighnich den tidsear no òraidiche agad mu dheidhinn.

    Tha mi a’ dearbhadh:

    • gu bheil mi air an leabhran Your Coursework aig SQA a leughadh agus a thuigsinn

    • gu bheil mi a’ tuigsinn gum faod an SQA peanasan a chur air duaisean thagraichean far nach deach na riaghailtean anns an leabhran Your Coursework a leantainn

    • gur e an obair agam fhìn air fad a th’ anns an obair-chùrsa a tha an lùib an dearbhaidh seo, agus gu bheil a h-uile tùs-fiosrachaidh air a chomharrachadh agus air a thaisbeanadh gu soilleir

    • far a bheil mi air duilleag ghoireasan a chleachdadh, tha mi air a cur a-steach còmhla ris an obair-chùrsa agam

    • gu bheil mi a’ tuigsinn gun tèid an obair seo a chur gu SQA airson a comharrachadh

    Nòta: Ma tha thu an dùil do chuid obrach fhoillseachadh no a roinneadh air-loidhne, feumaidh tu seo a thoirt gu aire do sgoile no colaiste.

    9

  • Dh’fhaodadh droch bhuaidh èirigh à briseadh nan riaghailtean seo. Ma sheallas sgrùdadh gu bheil thu air riaghailtean sam bith a bhriseadh, dh’fhaodar peanas a bhith ann.

    Bidh peanas sam bith a rèir dè cho trom-chùiseach ’s a tha a’ chùis.

    Tha raon nam peanasan a’ toirt a-steach na leanas:

    • Dh’fhaodadh gun tèid na comharran agad a lùghdachadh, no gum faigh thu neoni.

    • Dh’fhaodadh gun caill thu an teisteanas airson a’ chuspair sin.

    • Dh’fhaodadh gun caill thu a h-uile teisteanas agad airson na bliadhna air fad.

    Ma chumas tu ris na riaghailtean agus ma nì thu an rud ceart daonnan, cha leig thu a leas dragh a bhith ort mu na peanasan sin.

    Tha a h-uile duine ag iarraidh gun còrd na cùrsaichean agad riut agus gun soirbhich leat. Cuimhnich gu bheil na tidsearan agus òraidichean agad ann airson do chuideachadh agus faodaidh tu an-còmhnaidh bruidhinn riutha airson comhairle.

    Dè ma bhriseas mi na riaghailtean?

    10

  • 4 Dèan an obair uile leat fhèin.

    4 Comharraich gu cothromach a h-uile tùs-fiosrachaidh.

    4 Thoir sùil air d’ obair mus cuir thu a-steach i.

    4 Cuir d’ obair a-steach ann an deagh àm.

    4 Cuir a-steach duilleag ghoireasan sam bith a chleachd thu.

    8 Na dèan leth-bhreac de dh’obair neach sam bith eile.

    8 Na cleachd faclan no ìomhaighean a tha mì-mhodhail, tàireil no oilbheumach.

    11

    Cuimhnich

  • Ionaid-fiosa Luchd-chleachdaidh Fòn: 0345 279 1000 Làrach-lìn: www.sqa.org.uk

    BA8281 Sultain 2020