plana gÀidhlig - caledonian macbrayne · mac a’ bhriuthainn earranta agus chùm cmal sealbh air...

25
Aiseagan ChalMac Earranta (Ri Malairt mar Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn) PLANA GÀIDHLIG Chaidh am plana seo ullachadh a rèir Earrainn 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Upload: others

Post on 29-Jan-2021

0 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • Aiseagan ChalMac Earranta (Ri Malairt mar Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn)

    PLANA GÀIDHLIG

    Chaidh am plana seo ullachadh a rèir Earrainn 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

  • FACAL-TOISICH Tha e na adhbhar moit do ChalMac mar tha ceangal air a bhith againn o chionn fhada ri coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba is sinn a’ toirt seirbheis dhaibh. Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus an obair a tha Bòrd na Gàidhlig air a dhèanamh thuige seo air spionnadh às ùr a thoirt don chànan is a dualchas, agus tha am plana seo a’ sealltainn mar a tha e na amas dhuinn oidhirp nach beag a dhèanamh gus cur ris an t-soirbheachadh sin. Bidh fios aig duine sam bith a bha air tè de na h-aiseagan againn gu bheil soidhnichean Gàidhlig gu math follaiseach air na bàtaichean is sna puirt againn, agus gu math tric ’s e seo a’ chiad sealladh den Ghàidhlig a chì luchd-turais a thig a dh’Alba. Cuideachd, dh’fhaodadh gur e am brath fàilteachaidh ann an Gàidhlig a chluinneas iad a’ tighinn air bòrd aiseig a’ chiad turas a chluinneas iad an cànan ga bruidhinn. Cha ghann na dòighean anns a bheil sinn a’ toirt taic don Ghàidhlig, agus chan eil sna soidhnichean is guthan ach nam pàirt beag de na bhios sinn a’ dèanamh. Tha an taic a bheir sinn don Ghàidhlig nas fharsainge na sin. Chìthear Gàidhlig gu tric sna stuthan foillsichte againn, air an làrach-lìn againn agus air bùird fhiosrachaidh is ann an stuthan sanasachd. Tha sinn pròiseil às cuideachd mar a bhios sinn mar chompanaidh a’ toirt taic do dhualchas nan Gàidheal ann an diofar dhòighean. Ged nach eil e a’ tighinn fo dhleastanasan a’ Phlana Ghàidhlig seo, tha CalMac air a bhith na phrìomh bhuidhinn-taice mhalairtich don Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadh bliadhna agus tha sinn a’ toirt taic don iomairt, Cearcaill na Gàidhlig. Tha mun deicheamh cuid de ar luchd-obrach fileanta sa Ghàidhlig agus bidh iad ga bruidhinn ri luchd-siubhail nar oifisean-puirt is air aiseagan nuair a gheibh iad an cothrom, ach tha CalMac a’ miannachadh gun cleachd barrachd luchd-obrach a’ Ghàidhlig agus tha sinn a’ toirt cothrom don a h-uile neach-obrach Gàidhlig ionnsachadh no an comas aca sa chànan a leasachadh às ùr. Ged a tha CalMac air soirbheachadh gu mòr le bhith fighe Gàidhlig a-steach do iomadh raon obrach, tha sinn a’ gabhail ris gun gabh daonnan barrachd a dhèanamh, agus chan eil am plana seo dìreach a’ comharrachadh nan dòighean anns a bheilear a’ cleachdadh Gàidhlig, ach tha e cuideachd a’ sònrachadh raointean far a bheil sinn ag aideachadh gum faodamaid tuilleadh oidhirpean a dhèanamh. Philip Preston Àrd-stiùiriche

  • Clàr-innse Geàrr-chunntas Caibideil 1 Ro-ràdh

    Tuairisgeul air an ùghdarras phoblach

    A’ Ghàidhlig an sgìre obrach an ùghdarrais

    Aonta ri ar Plana Gàidhlig

    Caibideil 2 Prìomh Dhleastanasan

    Dearbh-aithne

    Conaltradh

    Foillseachaidhean

    Luchd-obrach

    Caibideil 3 Poileasaidhean ’s am buil don Ghàidhlig: a’ cur an

    gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig

    Togail cànain

    Cleachdadh cànain

    Inbhe cànain

    Corpas cànain

    Caibideil 4 Cur an gnìomh is Sgrùdadh Fios Thugainn

  • Geàrr-chunntas

    Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ gabhail ris gu bheil a’ Ghàidhlig na freumh bunaiteach de dhualchas, dearbh-aithne is beatha chultarach na h-Alba. Tha sinn a’ cur ar taic ri amasan Phlana Nàiseanta na Gàidhlig agus ag iarraidh a bhith an sàs san iomairt gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig na cànan brìoghmhor an Alba sna linntean ri thighinn. Tha fios aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn gu bheil a’ Ghàidhlig air stèidh gu math cugallach agus ma tha ath-nuadhachadh a’ dol a thighinn oirre mar chànan coimhearsnachd an Alba, gum feum an riaghaltas, na roinnean poblach is prìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth iad uile oidhirp a dhèanamh gus:

    inbhe na Gàidhlig àrdachadh;

    togail is ionnsachadh na Gàidhlig adhartachadh;

    meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha an sgrìobhainn seo na Phlana Gàidhlig aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn is e air ullachadh a rèir stiùireadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ cur an cèill mar a chleachdas a’ bhuidheann Gàidhlig na h-obair agus mar a nì i sanasachd is leasachadh air a’ Ghàidhlig. Chaidh Plana Gàidhlig Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn ullachadh a rèir nan dleastanasan reachdail ann an Achd 2005, is e a’ toirt aire do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig is Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig.

  • Structair

    ’S iad prìomh earrainnean a' Phlana Ghàidhlig: Caibideil 1 – Ro-ràdh Tha a' chaibideil seo a’ toirt dhuibh dealbh farsaing is co-theacsa a thaobh mar a thèid Planaichean Gàidhlig ullachadh fo Achd 2005 agus structair prìomh raointean obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn. Caibideil 2 – Prìomh Dhleastanasan Tha a' chaibideil seo a’ mìneachadh mar a chleachdas Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Gàidhlig, agus mar a bheir e an comas do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh, na phrìomh raointean obrach. Caibideil 3 – Poileasaidhean ’s am buil don Ghàidhlig: a’ cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig Tha a' chaibideil seo a’ mìneachadh mar a chuidicheas Caledonian Mac a’ Bhriuthainn le bhith cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Caibideil 4 – Cur an gnìomh is Sgrùdadh Tha a' chaibideil seo a’ mìneachadh mar a thèid ar Plana Gàidhlig a chur an gnìomh, agus mar a nithear sgrùdadh air builean is cur an gnìomh.

  • Caibideil 1 - Ro-ràdh

    Chuir Pàrlamaid na h-Alba aonta ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus e na amas inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil an Alba agus i a’ dleasadh spèis co-ionnan ris a’ Bheurla. ’S e aon de phrìomh fheartan Achd 2005 gu bheil i a’ toirt a’ chomais do Bhòrd na Gàidhlig iarrtasan reachdail a chur gu buidhnean poblach gus Planaichean Gàidhlig a dheasachadh. Chaidh an cumhachd seo a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun deigheadh an roinn phoblach ann an Alba an sàs san iomairt gus Gàidhlig a ghlèidheadh air stèidh dhainginn le bhith cur am meud a h-inbhe is an aithne a th’ oirre agus le bhith cruthachadh chothroman cleachdaidh a tha feumail do dhaoine. Co-chomhairle air dreach den Phlana Ghàidhlig: Fo Achd 2005 feumaidh buidhnean poblach cothrom a thoirt do dhaoine le ùidh ann beachdan a thoirt seachad air a’ Phlana Ghàidhlig is rinn Caledonian Mac a’ Bhriuthainn sin le bhith cur lethbhreac den phlana air an làrach-lìn againn ann an Gàidhlig is Beurla. Bho chaidh iarraidh air daoine beachdan a chur a-steach san t-Samhain 2009, chaidh am plana a luchdachadh a-nuas 309 turais – 121 turas ann an Gàidhlig agus 188 ann am Beurla – ge-tà cha d’fhuaras gin a bheachdan. A thuilleadh air sin, chaidh taisbeanadh a dhèanamh, air plana ChalMac agus cùrsaichean Gàidhlig air-loidhne a thathar a’ cruthachadh do luchd-obrach, aig dà cho-labhairt mhòr do luchd-obrach. Aonta ri Plana Gàidhlig Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn: Thèid Plana Gàidhlig Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig airson aonta ro 20 Cèitean, 2010.

  • Sùil fharsaing air dleastanasan Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn is cleachdadh na Gàidhlig na sgìre obrach

    An companaidh Chaidh Aiseagan ChalMac Earranta a stèidheachadh mar chompanaidh sa Chèitean 2006 agus tha e na fho-chompanaidh fo làn-shealbh Dhàibhidh Mhic a’ Bhriuthainn Earranta, agus iad fhèin fo làn-shealbh Mhinistearan na h-Alba. (’S e ainmean malairt a th’ ann an Caledonian Mac a’ Bhriuthainn is CalMac airson a’ chompanaidh Aiseagan ChalMac Earranta (CFL). Thathar a’ cleachdadh nan ainmean sin le cead bho Stòras Mara Cailleanach Earranta (CMAL). Tha CFL a’ cleachdadh an t-suaicheantais le leòmhann colgarra le cead bho CMAL.) Mar thoradh air an structair chorporra ùr a chaidh a stèidheachadh san Dàmhair 2006 mar phàirt den ullachadh mu choinneimh na tairgse airson Seirbheisean Aiseagan Chluaidh & Innse Gall, ghabh Aiseagan ChalMac Earranta na seirbheisean sin òs làimh bho Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta. Mar thoradh eile air an structair chorporra ùr seo, chaidh an t-ainm ùr Stòras Mara Cailleanach Earranta (CMAL) a thoirt air Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta agus chùm CMAL sealbh air na soithichean is cidheachan a dh'fheumar gus Seirbheisean Aiseagan Chluaidh & Innse Gall a ruith. Fon aonta seo, tha Aiseagan ChalMac Earranta, mar sholaraiche Sheirbheisean Aiseagan Chluaidh & Innse Gall, a’ toirt màl do CMAL (a tha fo làn-shealbh Mhinistearan na h-Alba) airson na soithichean is cidheachan a chleachdadh. Tha a h-uile seirbheis a tha Aiseagan ChalMac Earranta a’ ruith an-dràsta an eisimeil tabhartas obrachaidh, a gheibhear tro shubsadaidh, oir nan deigheadh an ruith a rèir iarraidh a’ mhargaidh chan fhaigheadh na coimhearsnachdan seirbheis cheart fad na bliadhna le faraidhean reusanta. Thathar a’ toirt seachad maoineachadh aig an ìre seo, suidhichte tro thagraidhean fosgailte, gus taic a chumail ri seirbheisean aontaichte a tha, a rèir Mhinistearan na h-Alba, riatanach do mhath eaconamach is sòisealta na Gàidhealtachd is nan Eilean. B’ e £53 millean an t-sùim ann an 2008/09. Tha CalMac an-dràsta a’ fastadh cabhlach de 29 bàtaichean bho CMAL gus seirbheisean a chumail do luchd-siubhail, carbadan is bathar a tha frithealadh air eileanan far Costa an Iar na h-Alba agus ann an Linne Chluaidh. Thathar a’ fastadh dà bhàta eile fo chùmhnantan fa leth.

  • A’ Ghàidhlig an sgìre obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn. Tha CalMac a’ frithealadh air coimhearsnachdan eileanach is iomallach air feadh Costa an Iar na h-Alba, bho Eilean Arainn ann an Linne Chluaidh gu Leòdhas is na Hearadh san Iar-thuath. A rèir Cunntas-sluaigh na Rìoghachd Aontaichte 2001, tha cuid de na coimhearsnachdan as Gàidhealaiche ann an Alba san sgìre seo. Ann an 2001, bha comas air choreigin sa Ghàidhlig aig còrr is 92,000 neach ann an Alba (beagan fo 2% den t-sluagh) agus bha cha mhòr leth dhiubh a’ fuireach ann an roinnean Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. Am measg nan coimhearsnachdan seo bha na h-Eileanan Siar (61.1% a’ bruidhinn Gàidhlig) agus An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse (34%). Tha 4.7% ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air fad, ach tha suas ri 28% a’ bruidhinn Gàidhlig ann an cuid a dh’àiteachan is tha 47.8% ann an Tiriodh. Tha mu 2,500 sgoilear ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil is san àrd-sgoil an-dràsta ann an Alba, le 700 duine-cloinne eile ann an sgoiltean-àraich Gàidhlig. Tha na buidhnean Gàidhlig a leanas ag obair ann an sgìre obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn: Acair Suidhichte sna h-Eileanan Siar, bidh Acair Earranta a’ foillseachadh taghadh farsaing de leabhraichean Gàidhlig, Beurla is dà-chànanach. An Comunn Gàidhealach ’S e buidheann-charthannais shaor-thoileach a th’ anns a’ Chomann Ghàidhealach a chaidh a stèidheachadh ann an 1874 gus cànan is dualchas nan Gàidheal a chur air adhart. Bidh iad cuideachd a’ cur air dòigh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail – prìomh fhèis chultarach na Gàidhlig. An Lòchran ’S e a th’ anns an Lòchran, Ionad Gàidhlig Ghlaschu a tha frithealadh air Gàidheil Ghlaschu, agus daoine aig a bheil ùidh ann an dualchas nan Ceilteach. Clì Gàidhlig Bidh Clì Gàidhlig a’ brosnachadh agus a’ toirt cothrom do dhaoine air a’ Ghàidhlig. Bidh iad ag adhartachadh ionnsachadh Gàidhlig agus a h-inbhe nàiseanta, bidh iad a’ sgaoileadh fiosrachadh air a’ chànan is cùisean Gàidhlig, agus bidh iad a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh. Colaiste a’ Chaisteil Tha Colaiste a’ Chaisteil a’ tairgse foghlam àrd-ìre fo sgèith Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus bidh i a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig (a’ gabhail a-steach prògraman ceuma). Colmcille Tha Colmcille a’ cur air adhart Gàidhlig is Gaeilge ann an Alba, Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann, agus bidh e a’ neartachadh a’ cheangail a th’ eadar na dùthchannan sin. Tha a’ bhuidheann air a maoineachadh leis na riaghaltasan bho na trì dùthchannan.

  • Comunn na Gàidhlig ’S e buidheann leasachaidh Gàidhlig a th’ ann an Comunn na Gàidhlig a bhios ag obair ann an diofar raointean gus Gàidhlig adhartachadh, ge-tà, bidh iad gu sònraichte ri iomairtean a bheir buaidh air coimhearsnachdan, foghlam, òigridh, ro-innleachdan agus obair shanasachd. Comhairle nan Leabhraichean ’S iad Comhairle nan Leabhraichean a’ bhuidheann as motha a bheir taic do dh’ùghdaran agus do bhith foillseachadh is reic leabhraichean is a’ dèanamh margaidheachd orra. Tha iad air a bhith air cùl tòrr de na foillseachaidhean soirbheachail ann an Gàidhlig. Fèisean nan Gàidheal Tha Fèisean nan Gàidheal na thar-bhuidhinn neo-eisimeileach do thòrr de na Fèisean teagaisg ann an Alba. Bheir Fèisean nan Gàidheal taic-airgid dhaibh, bheir iad seachad prògraman trèanaidh, agus thèid iad an sàs ann an grunn iomairtean gus cànan is dualchas nan Gàidheal adhartachadh. Ionad Chaluim Chille Ìle ’S e ionad Gàidhlig is cultarach a th’ ann an Ionad Chaluim Chille Ìle a bheir cothroman ionnsachaidh is foghlaim do dhaoine ann an Gàidhlig. Pròiseact nan Ealan ’S iad Pròiseact nan Ealan a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh airson nan ealain Gàidhlig an Alba. Tha iad stèidhichte ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas agus bidh iad a’ dol an sàs ann an diofar phròiseactan co-cheangailte ris na h-ealain Ghàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig ’S e colaiste foghlam àrd-ìre a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig a bhios a’ tabhann diofar chùrsaichean Gàidhlig (a’ gabhail a-steach prògraman ceuma), agus tha i suidhichte san Eilean Sgitheanach. A thuilleadh air cùrsaichean làn-thìde, bidh iad a’ ruith chùrsaichean goirid. Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig Chaidh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a stèidheachadh gus solarachadh is sgaoileadh stuthan foghlaim Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Bidh a’ bhuidheann a’ cruthachadh ghoireasan ionnsachaidh do gach ìre de dh’fhoghlam reachdail agus do dh’fhoghlam fad-beatha tro phròiseactan sònraichte. Tobar an Dualchais Tha Tobar an Dualchais a’ gleidheadh mìltean de chlàraidhean ann an cruth didseatach a bhios rim faotainn air-loidhne. Tha am pròiseact dualchais seo a’ toirt cothrom do dhaoine èisteachd ri guthan nan Gàidheal thar nam bliadhnaichean. Urras Brosnachaidh na Gàidhlig Chaidh Urras Brosnachaidh na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1977 gus teagasg, ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus adhartachadh maille ri bhith sgrùdadh litreachas, eachdraidh, ceòl is ealain nan Gàidheal agus a’ toirt cinneas orra.

  • A’ Ghàidhlig taobh a-staigh Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn: A rèir suirbhidh den luchd-obrach ann an 2008, sheall na freagairtean a fhuair sinn gun robh 100 neach le Gàidhlig ann – mun deicheamh cuid den luchd-obrach – agus bha 73 dhiubh sin fileanta gu leòr gus dèiligeadh ri luchd-siubhail ann an Gàidhlig. A chionn ’s gu bheil a’ mhòr-chuid den luchd-labhairt Ghàidhlig seo à sgìrean Gàidhealach (an àite a bhith nan luchd-ionnsachaidh) tha sinn a’ gabhail ris gu bheil comas leughaidh is sgrìobhaidh aca sa Ghàidhlig. Bha cha mhòr a h-uile duine a fhreagair an suirbhidh den bheachd gum b’ urrainn do ChalMac cuideachadh le bhith cumail taic ri is a’ brosnachadh na Gàidhlig, agus bha ùidh aig 147 neach aig nach robh Gàidhlig an cànan ionnsachadh. San t-Sultain 2010, dh’fhoillsich CalMac inneal ionnsachaidh Gàidhlig air-loidhne a chaidh a dhealbh a dh’aona-ghnothach gus frithealadh air feuman luchd-obrach a’ chompanaidh. Thathar a’ sealltainn air an dòigh ionnsachaidh innleachdach seo, far a bheil cothrom aig àireamh àrd de dhaoine (c 1,700) air trèanadh Gàidhlig, mar sàr eisimpleir de na ghabhas dèanamh agus tha Riaghaltas na h-Alba, Coimisean na Coilltearachd agus Dualchas Nàdair na h-Alba uile gu bhith cleachdadh an aon seòrsa siostaim. Chaidh a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, agus a dhealbh a dh’aona-ghnothach do ChalMac leis a’ chompanaidh Sgitheanach Cànan aig a bheil eòlas sònraichte air ionnsachadh air-loidhne. Thathar ga mholadh mar aon de na siostaman as fheàrr a th’ ann san raon ionnsachaidh seo, agus mar thoradh air seo chaidh iarraidh air Cànan pàipear sgoilearach a dheasachadh air a’ phròiseact is e na eisimpleir de thrèanadh dreuchdail air-loidhne, agus am pàipear sin a lìbhrigeadh aig co-labhairt eadar-nàiseanta mu ionnsachadh air-loidhne san Eadailt san t-Samhain 2010. Cho-sgrìobh CalMac am pàipear, agus cho-lìbhrig sinn e aig a’ cho-labhairt, far an tàinig mu 200 prìomh eòlaiche ionnsachaidh air-loidhne còmhla bho air feadh an t-saoghail. Chaidh an t-inneal ionnsachaidh fhoillseachadh le Ministear an Fhoghlaim Mìcheal Ruiseal aig Sabhal Mòr Ostaig san t-Sultain, agus thuige seo tha 80 neach-obrach air clàradh airson a' chùrsa. Tha sinn a’ cumail oirnn le oidhirpean gus tuilleadh luchd-obrach a bhrosnachadh a dhol an sàs ann agus tha sinn a-nis a’ coimhead air dòighean anns an urrainnear an goireas a chleachdadh taobh a-muigh a’ chompanaidh, le luchd-turais mar eisimpleir, tron làrach-lìn no air bàtaichean is aig na puirt, ma gheibh sinn maoineachadh freagarrach. Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig: Tha càirdeas air a bhith ann eadar Caledonian Mac a’ Bhriuthainn is am Mòd Nàiseanta Rìoghail o chionn iomadh bliadhna. Thar nam bliadhnaichean thugadh grunn chuachan farpais seachad le ainm ChalMac orra, agus tè a tha sinn gu sònraichte moiteil às ’s e Geall-dùbhlain Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn airson còisirean òigridh. Bho 2002, tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air a bhith na phrìomh bhuidhinn-taice mhalairtich don Mhòd, agus mairidh an t-aonta seo gu deireadh a’ chùmhnaint againn le Mòd 2012. Tha CalMac a’ cur taic mhòr ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro bhith cosg ar cuid ùine is stòrais, agus tha An Comunn Gàidhealach agus luchd-farpais a’ Mhòid taingeil airson agus a’ cur sùim san taic seo.

  • Tha CalMac air taic ghnìomhach a thoirt do Chearcaill na Gàidhlig agus thug sinn taic do “Gàidhlig air a’ Bhàta”. Tha càirdeas math againn cuideachd le Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Sabhal Mòr Ostaig agus tha sinn leagte ri bhith ag adhartachadh iomairtean Gàidhlig ùra ma cheadaicheas an suidheachadh obrach is ionmhasail againn.

  • Caibideil 2 - Prìomh Dhleastanasan

    Dearbh-aithne Dearbh-aithne chorporra

    Tha dreach Gàidhlig is Beurla aig CalMac den t-suaicheantas againn, a nochdas air pàipearachd is stuthan fiosrachaidh a tha clò-bhuailte no air-loidhne

    Soidhnichean

    Tha pailteas shoidhnichean dà-chànanach sna h-oifisean-puirt is air bàtaichean. Cuideachd, tha ainm dà-chànanach aig gach bàta, a tha gu math follaiseach.

    Conaltradh Fàilteachadh

    Thèid aig luchd-obrach le Gàidhlig ann an sgìrean Gàidhlig bruidhinn ri is dèiligeadh ri luchd-siubhail le Gàidhlig ann an Gàidhlig. Ann an sgìrean far nach eil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn, thathar a’ brosnachadh luchd-obrach gu beagan Gàidhlig ionnsachadh agus sin a chleachdadh mar as iomchaidh.

    Fòn

    Nuair a ghabhas e a dhèanamh, thèid frithealadh air luchd-labhairt na Gàidhlig a dh’fhònas oifisean ann an sgìrean Gàidhlig le luchd-obrach le Gàidhlig.

    Foillseachaidhean An Dàimh Poblach is na meadhanan

    Thèid brathan-naidheachd dà-chànanach a sgaoileadh nuair as urrainn dhuinn agus mas urrainn dhuinn cuiridh sinn air dòigh gum bi luchd-labhairt Gàidhlig rim faighinn airson agallamhan TBh is rèidio, m.e. aig a’ Mhòd no aig tachartasan Gàidhlig eile mar foillseachadh an inneil ionnsachaidh Ghàidhlig.

    Stuthan clò-bhuailte

    Mar as trice tha na stuthan sanasachd clò-bhuailte againn ag amas air luchd-turais gun Ghàidhlig, ach ma chì sinn cothrom gus Gàidhlig a chur air pàirt de dh’fhoillseachadh sam bith no am foillseachadh air fad, nì sinn sin. Mar eisimpleir, bha na stuthan clò-bhuailte airson nan seiseanan far an robh daoine “A’ Cur Eòlas air na Manaidsearan” aig a’ Mhòd ann an Gàidhlig agus Beurla. Agus tha abairtean Gàidhlig feumail an cois a’ phrìomh leabhrain-fiosrachaidh againn, Explore.

    Làrach-lìn

    Tha earrainnean iomchaidh de làrach-lìn ChalMac rim faighinn sa Ghàidhlig, agus tha sinn a’ coimhead ri dòighean anns an urrainn dhuinn beagan teagaisg sa Ghàidhlig a chur ann, gus am bi an làrach-lìn nas tarraingiche do dhaoine a’ tadhal air.

  • Taisbeanaidhean

    Tha cruinneachadh de stuthan taisbeanaidh is fiosrachaidh aig CalMac ann an Gàidhlig a bhios sinn a’ cleachdadh mar as iomchaidh, m.e. tha na stuthan taisbeanaidh againn airson a’ Mhòid ann an Gàidhlig.

    Luchd-obrach Ag ionnsachadh a’ chànain

    Tha an cothrom aig a h-uile neach-obrach Gàidhlig ionnsachadh no na sgilean a th’ aca sa chànan a leasachadh tro chùrsaichean air-loidhne, a chaidh an dealbh a dh’aona-ghnothach do luchd-obrach ChalMac.

    Fastadh

    Thèid postairean airson obraichean ràitheil fhoillseachadh ann am Beurla is ann an Gàidhlig agus bithear a’ brosnachadh iarrtasan bho luchd-obrach dà-chànanach airson dreuchdan far a bheilear a’ dèiligeadh ris a’ phoball.

    Sanasan

    Bithear a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an sanasan mar as iomchaidh, m.e. Cearcaill na Gàidhlig.

  • Earrainn 1 – Dearbh-aithne Mìneachadh:

    Tro bhith nochdadh air feadh dearbh-aithne is soidhnichean ùghdarras poblach tha a’ Ghàidhlig gu math nas follaisiche, tha e ag àrdachadh a h-inbhe agus tha e a’ sealltainn gu bheil sinn a’ cur luach sa chànan agus a’ toirt aithne dhi. Cuideachd, faodaidh soidhnichean Gàidhlig cur ri bri-athrachas luchd-labhairt na Gàidhlig, agus faodaidh iad an cànan a dhèanamh nas follaisiche am measg dhaoine agus cur ri adhartachadh a’ chànain.

    Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn ag aithneachadh cho cudromach sa tha e gum bi a’ Ghàidhlig nas faicsinnich agus gum bi barrachd inbhe aice.

    Roinn Leasachaidh

    Gnìomhan Targaidean Slatan-tomhais coileanaidh

    Prìomh Oifigear Clàr-ama

    Dearbh-aithne Chorporra:

    An suidheachadh an-dràsta

    Ged a tha an seula-malairt, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, fo shealbh Stòras Mara Cailleanach Earranta, bidh CalMac ga chleachdadh ann an Gàidhlig is Beurla gu tric sna puirt aca, air bàtaichean agus ann an stuthan foillsichte mar phàipearachd. Thathar ga chleachdadh a rèir aonta ceadachaidh chomharran-malairt fo chùmhnant CHFS.

    Prìomh raointean leasachaidh

    Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus ar seula-malairt dà-chànanach a chleachdadh

    An suaicheantas dà-chànanach againn a chleachdadh nuair as urrainn dhuinn is mar as iomchaidh

    Bidh an seula-malairt dà-chànanach follaiseach

    Manaidsear Margaidheachd

    A’ leantainn

    Soidhnichean (a-staigh is a-muigh):

    An suidheachadh an-dràsta

    Tha soidhnichean dà-chànanach anns gach port is air gach bàta, cuideachd tha ainm gach bàta ann an Gàidhlig is Beurla

    Prìomh raointean leasachaidh

    Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus soidhnichean dà-chànanach a chleachdadh

    Soidhnichean dà-chànanach a chur suas far an urrainn dhuinn mar chleach-dadh àbhaisteach

    Bidh soidhnichean dà-chànanach follaiseach

    Am Manaidsear Margaidheachd

    A’ leantainn

  • Earrainn 2 – Conaltradh Mìneachadh:

    Nuair a thèid Gàidhlig a chleachdadh le ùghdarras poblach sa chiad chonaltradh a th’aca ris a’ mhòr-shluagh, bheir e làthaireachd dhan a chì is na chluinneas daoine den chànan agus cuiridh e ris an fhaireachdainn gum faod iad Gàidhlig a chleachdadh is gu bheilear a’ brosnachadh sin. A thuil-leadh air a bhith togail ìomhaigh a’ chànain, tha seo a’ cruthachadh chothroman gus a cleachdadh ann an dòighean feumail agus tha e a’ brosnachadh dhaoine a bhith cleachdadh Gàidhlig nuair a bhios iad a’ dèiligeadh ris an ùghdarras phoblach a-rithist. Ma thathar a’ cleachdadh Gàidhlig ann an conaltradh ris an ùghdarras cruthaichidh sinn cothroman feumail gus an cànan a chleachdadh, agus tha e a’ toirt air daoine faireachdainn gum faod iad Gàidhlig a chleachdadh agus gu bheil sinn ga brosnachadh. Cuideachd, faodaidh mar a tha Gàidhlig ri faicinn ann an caochladh fhoirmichean dà-chànanach cur gu mòr ri follaiseachd is cliù a’ chànain.

    Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn ag aithneachadh cho cudromach sa tha e cothroman feumail a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean àbhaisteach agus tha e na amas dhuinn na cothroman sin a leudachadh.

    Roinn Leasachaidh

    Gnìomhan Targaidean Slatan-tomhais coileanaidh

    Prìomh Oifigear Clàr-ama

    Fàilteachadh:

    An suidheachadh an-dràsta

    Ann an sgìrean Gàidhlig tha luchd-obrach ann le Gàidhlig a dh’fhaodas dèiligeadh ri luchd-siubhail le Gàidhlig ann an Gàidhlig

    Prìomh raointean leasachaidh

    Bithear a’ brosnachadh luchd-obrach a tha a' faighinn trèanadh ann an Gàidhlig an cànan a chleachdadh nuair as urrainn dhaibh is iad a’ dèiligeadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig. Thèid soidhnichean a chur suas gus innse do luchd-siubhail ma tha Gàidhlig aig an luchd-obrach

    Bidh e comasach do luchd-obrach anns gach àite far an gabh e a dhèanamh bruidhinn ri luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Gàidhlig

    Cleachdaidh luchd-obrach Gàidhlig nuair a tha iad a’ bruidhinn ri luchd-labhairt na Gàidhlig

    Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

  • Fòn:

    An suidheachadh an-dràsta

    Ann an sgìrean Gàidhlig gheibh luchd-labhairt na Gàidhlig cuideachadh bho chuideigin le Gàidhlig nuair a dh’fhònas iad oifis-puirt

    Prìomh raointean leasachaidh

    Bithear a’ brosnachadh luchd-obrach a tha a' faighinn trèanadh ann an Gàidhlig an cànan a chleachdadh nuair a dh’fhreagras iad am fòn ann an sgìrean Gàidhlig. (Ge-tà, seach gu bheil ionad-fòn neo-shuidhichte a' dèiligeadh ri daoine a dh’fhònas a-staigh dh’fhaoidte gum faigh iad freagairt bho àite sam bith san lìonra againn agus chan urrainn dhuinn gealltainn gum faigh iad cuideigin le Gàidhlig. Ach, ma bhruidhneas an neach-siubhail Gàidhlig an-toiseach, thèid aig luchd-obrach le trèanadh iomchaidh air am freagairt.)

    Bidh e comasach do luchd-obrach anns gach àite far an gabh e a dhèanamh bruidhinn ri luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Gàidhlig

    Cleachdaidh luchd-obrach Gàidhlig nuair a tha iad a’ bruidhinn ri luchd-labhairt na Gàidhlig air a’ fòn

    Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

    Fiosrachadh Clàraichte:

    An suidheachadh an-dràsta

    Bithear a’ cluich bhrathan fàilteachaidh ann an Gàidhlig air bòrd aiseagan air slighean a tha frithealadh air coimhearsnach-dan Gàidhlig (mar a tha air a mhìneachadh sa cùmhnant aig Riaghaltas na h-Alba airson Seirbheis Aiseagan Chluaidh is Innse Gall 2007-2013*)

    Prìomh raointean leasachaidh

    Tha sinn a’ toirt sùil air na clàraidhean a th’ againn feuch am feum sinn an ùrachadh. Bidh sinn a’ brosnachadh oifigearan le Gàidhlig a bhith cur fàilte air daoine ann an Gàidhlig

    Nì sinn cinnteach gu bheil na brathan fàilteachaidh math is iomchaidh

    Cluinnear brathan fàilteachaidh Gàidhlig air slighean iomchaidh

    Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

    *Tha na slighean a chaidh a chomharrachadh fo chùmhnant CHFS mar na slighean far a bheil e iomchaidh brathan dà-chànanach a bhith ann rim

    faicinn gu h-ìosal. Cuimhnichibh a rèir riaghailtean Buidheann na Mara is nam Maor-chladaich (MCA), gum feum brath sam bith mu dheidhinn

    sàbhailteachd no mu chùis-èiginn a bhith ann am Beurla.

  • Steòrnabhagh – Ulapul

    Ùige – Loch nam Madadh & Tairbeart na Hearadh

    An t-Òban – Creag an Iubhair

    An t-Òban – Colbhasa

    An t-Òban – Colbhasa – Port Asgaig – Ceann na Creige

    An t-Òban – Bàgh a’ Chaisteil – Loch Baghasdail

    An t-Òban – Colla & Tiriodh (a’ gabhail a-staigh ceanglaichean eadar-eileanach gu Barraigh)

    Ìle – Ceann na Creige

    Beàrnaraigh - An t-Òb

    An Àird Mhòr – Èirisgeigh

    Sgonnsar – Ratharsair

    An t-Òban – Lios Mòr

    Tobar Mhoire – Cille Chomhghain & Fisinis – Loch Àlainn

    Port a’ Mhadaidh – Tairbeart Loch Fìne

    Malaig – Armadal, Rùm, Eige & Eilean nam Muc

  • Earrainn 3 – Foillseachaidhean Mìneachadh:

    Faodaidh Gàidhlig ann an diofar stuthan foillsichte cur ri leasachadh na Gàidhlig ann an caochladh dhòighean. Nì e an cànan nas follaisiche, togaidh e inbhe na Gàidhlig le bhith ga cleachdadh ann am foillseachaidhean ro fhollaiseach, agus ma dh’fhaoidte gun cuidich e le bhith cruthachadh briathrachas ùr no le bhith leasachadh a’ bhriathrachais a th’ ann mu thràth. Ma thèid Gàidhlig a chleachdadh sna meadhanan, tha e a’ sealltainn a' mhiann a th’ aig an ùghdarras phoblach fiosrachadh cudromach a sgaoileadh tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha e a’ cur ri follaiseachd is inbhe a’ chànain. A chionn ’s gu bheil barrachd dhaoine a’ faighinn fiosrachadh mu ùghdarrasan poblach tro na làraichean-lìn aca, ma tha cothrom ann Gàidhlig a chleachdadh an sin faodaidh e cur gu mòr ri inbhe is follaiseachd a’ chànain.

    Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a' gealltainn barrachd Gàidhlig a chur gu feum sna cùisean is cuspairean as motha a tha a' togail ùidh a' mhòr-shluaigh no tha a' buntainn gu sònraichte ri cùisean Gàidhlig.

    Roinn Leasachaidh

    Gnìomhan Targaidean Slatan-tomhais coileanaidh

    Prìomh Oifigear Clàr-ama

    Stuthan Clò-bhuailte:

    An suidheachadh an-dràsta

    Nuair a bhios e iomchaidh cleachdaidh sinn Gàidhlig ann an stuthan clò-bhuailte

    Prìomh raointean leasachaidh

    Mar as trice tha na stuthan sanasachd clò-bhuailte againn ag amas air luchd-turais gun Ghàidhlig, ach ma chì sinn cothrom gus Gàidhlig a chur air pàirt de dh’fhoillseachadh sam bith no am foillseachadh air fad, nì sinn sin. Mar eisimpleir, bha na stuthan clò-bhuailte airson nan seiseanan far an robh daoine “A’ Cur Eòlas air na Manaidsearan” aig a’ Mhòd ann an Gàidhlig. Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh ann an stuthan clò-bhuailte

    Cleachdaidh sinn Gàidhlig ann an stuthan clò-bhuailte nuair a ghabhas sin a dhèanamh

    A’ cleachdadh Gàidhlig ann an stuthan clò-bhuailte iomchaidh

    Am Manaidsear Margaidheachd

    A’ leantainn

  • An Dàimh Poblach is na Meadhanan:

    An suidheachadh an-dràsta

    Gheibhear brathan-naidheachd ann an Gàidhlig is bidh luchd-labhairt na Gàidhlig rim faighinn airson agallamhan mar as iomchaidh

    Prìomh raointean leasachaidh

    Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh ann am brathan-naidheachd

    Gàidhlig a chleachdadh ann am brathan-naidheachd nuair a ghabhas sin a dhèanamh

    Thèid brathan-naidheachd a sgaoileadh ann an Gàidhlig

    Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

    Thèid luchd-obrach le Gàidhlig a thrèanadh gus agallamhan TBh is rèidio a dhèanamh air cuspairean neo-chonnspaideach.

    Buidheann de luchd-obrach le Gàidhlig a chruthachadh as urrainn agallamhan a dhèanamh mar as iomchaidh

    Bidh buidheann luchd-obrach ann le trèanadh ann an sgilean craolaidh

    Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

    Làraichean-lìn:

    An suidheachadh an-dràsta

    Tha làrach-lìn Gàidhlig ri fhaighinn aig www.calmac.co.uk

    Prìomh raointean leasachaidh

    Leudachadh a dhèanamh air an fhiosrachadh sa Ghàidhlig air an làrach-lìn. m.e. tha sinn a’ coimhead ri dòighean anns an urrainn dhuinn beagan teagaisg sa Ghàidhlig a chur ann, gus am bi an làrach-lìn nas tarraingiche do dhaoine a’ tadhal air.

    Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh air an làrach-lìn

    Bithear a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig air an làrach-lìn mar as iomchaidh

    Am Manaidsear Margaidheachd/Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

    Taisbeanaidhean:

    An suidheachadh an-dràsta

    Thathar a’ sealltainn fiosrachadh dà-chànanach mar as iomchaidh (aig a’ Mhòd mar eisimpleir)

    Prìomh raointean leasachaidh

    Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh air stuthan taisbeanaidh

    Gàidhlig a chleachdadh air stuthan taisbeanaidh nuair as urrainn dhuinn

    A’ cleachdadh Gàidhlig air stuthan taisbeanaidh nuair as urrainn dhuinn

    Am Manaidsear Margaidheachd

    A’ leantainn

  • Earrainn 4 – Luchd-obrach

    Mìneachadh:

    Gus seirbheisean a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, feumaidh sinn sgilean obrach is comasan cànain an luchd-obrach a leasachadh. Tha an t-

    oideachadh sa chànan a thathar a’ tabhann do luchd-obrach gam brosnachadh gu Gàidhlig ionnsachadh agus tha e a’ cur Gàidhlig air adhart mar sgil

    fheumail san obair aca. Cuiridh mar a thèid Gàidhlig a chomharrachadh mar sgil ainmichte airson cuid a dh’obraichean gu mòr ri inbhe a’ chànain

    agus seallaidh e gur e comas feumail a th’ anns a’ Ghàidhlig.

    Cuideachd, ma thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an sanasan tha sin a’ sealltainn gu bheil còir aig àite a bhith aig a’ Ghàidhlig ann an gnothaichean

    poblach is gu bheil àite cudromach aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann an obair an ùghdarrais phoblaich. Às bith dè an ìre de Ghàidhlig a tha dhìth, tha

    e cudromach gun dèan ùghdarrasan cinnteach gur e riatanas dreuchdail dha-rìribh a th’ anns a’ chànan. Bu chòir do dh’ùghdarrasan slatan-tomhais

    cothromach a chur an gnìomh gus an dèan iad cinnteach gun tèid daoine fhastadh ann an dòigh a tha ceart is cunbhalach, agus a rèir nan sgilean a

    tha dhìth airson gach dreuchd.

    Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn ag aithneachadh mar a tha e cudromach gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn mar chomas buannachdail agus gun tèid suidheachaidhean a chomharrachadh far am biodh e feumail a cleachdadh. Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn cuideachd a’ gabhail ris gu bheil e cudromach gun urrainn luchd-obrach piseach a thoirt air a’ chomas aca sa Ghàidhlig mas e sin am miann.

    Roinn Leasachaidh

    Gnìomhan Targaidean Slatan-tomhais coileanaidh

    Prìomh Oifigear Clàr-ama

    An suidheachadh an-dràsta

    Tha cothrom aig a h-uile neach-obrach aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air trèanadh sa Ghàidhlig air-loidhne às bith càite a bheil iad, no co-dhiù mas e luchd-tòiseachaidh a th’ annta no daoine aig a bheil an cànan a tha ag iarraidh nan sgilean aca a leasachadh às ùr

    Prìomh raointean leasachaidh

    Feumaidh luchd-obrach an trèanadh a dhèanamh nan ùine fhèin air sgàth phàtranan obrach is far a bheil iad suidhichte. Faodaidh seo a bhith na bhuannachd, oir thathar a’ piobrachadh luchd-obrach gu bhith ag iarraidh air an teaghlach aca pàirt a ghabhail, mar sin tha barrachd dhaoine a’ faighinn cothrom ionnsachaidh.

    Gum bi luchd-obrach a nì conaltradh sa Ghàidhlig anns an uiread as motha de dh’àiteachan 's a ghabhas

    Bidh barrachd Gàidhlig air a chleachdadh le luchd-obrach

    Manaidsear an Dàimh Phoblaich

    A’ leantainn

  • Fastadh:

    An suidheachadh an-dràsta

    Thèid postairean airson obraichean ràitheil fhoillseachadh ann am Beurla is ann an Gàidhlig

    Prìomh raointean leasachaidh

    Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh ann an sgrìobhaidhean fastaidh mar as iomchaidh, ge-tà, chan eil CalMac a’ coimhead air Gàidhlig mar chomas riatanach airson gin de na h-obraichean againn. Cuideachd, tha an cùmhnant obrach againn a’ sònrachadh gur e Beurla cànan gnìomhachais Chal-Mac. Ge-tà, tha sinn a’ gabhail ris gu bheil e na bhuannachd ann an cuid a dh’àiteachan ma tha luchd-obrach dà-chànanach ann.

    Gun tèid Gàidhlig a chleachdadh ann an sgrìobhaidhean fastaidh nuair a ghabhas e a dhèanamh

    Thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an sgrìobhaidhean fastaidh nuair a ghabhas e a dhèanamh

    Am Manaidsear HR A’ leantainn

    Sanasachd:

    An suidheachadh an-dràsta

    Bithear a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an sanasan mar as iomchaidh, m.e. Cearcaill na Gàidhlig.

    Prìomh raointean leasachaidh

    Mar as trice tha na stuthan sanasachd againn ag amas air luchd-turais gun Ghàidhlig, ach ma chì sinn cothrom gus Gàidhlig a chur air pàirt de shanas no air an t-sanas air fad, nì sinn sin. Cumaidh sinn oirnn a’ lorg chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh ann an sanasan

    Gun cleachd sinn Gàidhlig ann an stuthan sanasachd nuair a ghabhas e a dhèanamh

    Thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an stuthan sanasachd nuair a ghabhas e a dhèanamh

    Am Manaidsear Margaidheachd

    A’ leantainn

  • Caibideil 3 – Poileasaidhean ’s am buil don Ghàidhlig: cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig Poileasaidhean ’s am buil don Ghàidhlig Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ tuigsinn gur ann tro ar Plana Gàidhlig as motha a thèid na diofar phrìomh thargaidean ainmichte am Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh ach gum faod cothroman eile tighinn am bàrr a-rithist gus an cànan adhartachadh is a leasachadh. Mar sin, coimheadaidh Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air na dleastanasan a th’ againn an-dràsta gus raointean a shònrachadh far an gabh Gàidhlig fhighe a-steach annta gu gnìomhach agus far an urrainn dhuinn prìomhachasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur air adhart tro sheòlan a bharrachd. Nar beachd-ne tha na h-oidhirpean seo a’ freagairt air a’ phrionnsabal gun tèid a’ Ghàidhlig gu bhith na nì gnàthach fighte ann am beatha làitheil muinntir na h-Alba.

    Sùil fharsaing air Plana Nàiseanta na Gàidhlig Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a’ comharrachadh ceithir raointean co-cheangailte airson leasachadh cànain a dh’fheumas coimhead ris, agus an lùib gach fear tha am plana ag ainmeachadh prìomhachasan:

    1. Togail Cànain Ag àrdachadh an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig le bhith dèanamh cinnteach gun tèid an cànan a thoirt don ath-ghinealach ann an teaghlaichean agus a’ glèidheadh chothroman buadhach gus Gàidhlig ionnsachadh, tro bhith:

    cur am meud cleachdadh is tar-chur na Gàidhlig san dachaigh

    cur am meud an àireamh chloinne a thogas Gàidhlig san dachaigh

    cur am meud chothroman air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is an àireamh chloinne a tha ga dhèanamh

    cur am meud an àireamh de luchd-ionnsachaidh inbheach a gheibh fileantas sa Ghàidhlig

    Tha CalMac a’ cur ris na h-amasan seo leis an Inneal Ionnsachaidh Ghàidhlig air-loidhne againn 2. Cleachdadh Cànain A’ brosnachadh dhaoine gu bhith cleachdadh barrachd Gàidhlig, a’ cruthachadh chothroman gus an cànan a chleachdadh, agus a’ cur air adhart cothroman air gnàthasan-cainnte Gàidhlig, tro bhith:

    cur am meud cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan

    cur am meud cleachdadh na Gàidhlig ann am foghlam àrd-ìre is àiteachan obrach

  • cur am meud làthaireachd na Gàidhlig sna meadhanan

    cur am meud adhartachadh na Gàidhlig sna h-ealain

    cur am meud follaiseachd na Gàidhlig ann an roinnean na turasachd, an dualchais is nan cur-seachad

    Tha CalMac a’ cur ris na h-amasan seo leis an Inneal Ionnsachaidh Ghàidhlig air-loidhne againn agus le bhith cumail taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, Cearcaill na Gàidhlig is msaa 3. Inbhe Cànain A’ dèanamh Gàidhlig nas faicsinnich is nas osgarra, nas aithnichte agus a’ cruthachadh ìomhaigh tharraingeach dhi ann an saoghal poblach na h-Alba, tro bhith:

    cur am meud an àireamh de bhuidhnean a tha ag ullachadh Phlanaichean Gàidhlig

    cur am meud follaiseachd is cliù na Gàidhlig

    cur am meud cho faicsinneach is a tha a’ Ghàidhlig is an aithne a th’ oirre Tha CalMac a’ cur ris na h-amasan seo tro bhith gabhail ris na targaidean sa phlana seo 4. Corpas Cànain A’ neartachadh cho freagarrach is cunbhalach sa tha a’ Ghàidhlig agus a’ cur air adhart rannsachadh air a’ chànan, tro bhith:

    cur am meud freagarrachd is cunbhalachd na Gàidhlig

    cur am meud deagh-ghnè ann an eadar-theangachaidhean Gàidhlig is cothroman air eadar-theangachaidhean

    cur am meud nan cothroman air toraidhean rannsachaidh pungail Tha CalMac a’ cur ris na h-amasan seo le bhith dèanamh cinnteach gu bheil na h-eadar-theangachaidhean againn a’ cumail ri Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig is a’ leantainn Ainmean-Àite na h-Alba.

    A’ coileanadh Cinn-uidhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig Tha e na amas aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn dèanamh cinnteach gun tèid am Plana Nàiseanta a chur an gnìomh, agus ar pàirt a ghabhail, nuair as urrainn dhuinn, gus am plana sin a choileanadh.

  • Caibideil 4 – Cur an gnìomh is Sgrùdadh

    Clàr-ama

    Bidh am Plana Gàidhlig seo ga chur an gnìomh gu h-oifigeil airson 5 bliadhna a’ tòiseachadh

    air a’ cheann-latha seo no gus an tèid plana ùr aontachadh. Ge-tà, bu chòir cuimhneachadh

    gu bheil CalMac a’ ruith sheirbheisean aiseagan a rèir cùmhnant Seirbheisean Aiseagan

    Chluaidh is Innse Gall (CHFS) a tha a’ dol gu 30 Sultain, 2013 agus chan urrainn dhuinn dad

    a ghealltainn às dèidh sin.

    A’ foillseachadh a’ Phlana

    Chaidh Plana Gàidhlig Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn fhoillseachadh gu dà-chànanach air

    làrach-lìn Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn. Cuideachd:

    leigidh sinn fios gu ar luchd-obrach mun phlana;

    bheir sinn seachad lethbhreac dheth ma thèid iarraidh oirnn.

    Ullachaidhean Rianachd gus am Plana Gàidhlig a Chur an Gnìomh

    Tha am plana seo na phoileasaidh aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus chaidh

    aontachadh le ar n-àrd-mhanaidsearan is buill a’ Bhùird.

    Uallach Iomlan

    Bidh an t-uallach air an Àrd-stiùiriche gus dèanamh cinnteach gun coilean Caledonian Mac

    a’ Bhriuthainn na geallaidhean uile a chìthear sa Phlana seo.

    Luchd-obrach fa leth:

    Gheibh luchd-obrach fios tro phuist-d is an eadra-lìon mun Phlana Ghàidhlig is na

    dleastanasan aca ann a bhith ga lìbhrigeadh.

    Stòras mu choinneamh a’ Phlana

    Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn taingeil airson na taice a fhuair sinn bho Bhòrd na

    Gàidhlig gus tòrr de na cinn-uidhe sa phlana seo a chur an gnìomh.

    A’ sgrùdadh is a’ cur an gnìomh a’ Phlana

    Gheibh Bòrd Aiseagan ChalMac Earrannta aithrisean cunbhalach mun adhartas a nithear

    ann a bhith coileanadh amasan a’ phlana seo agus thèid aithisgean adhartais bliadhnail a

    chur gu Bòrd na Gàidhlig.

  • Fios gu

    ’S e am prìomh oifigear le uallach obrach airson deasachadh, lìbhrigeadh is sgrùdadh Plana Gàidhlig Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn: Dàibhidh Cannon Dàibhidh Mac a’ Bhriuthainn Earranta (Às leth Aiseagan ChalMac Earranta) Ionad Aiseagan Guireag PA19 1QP Fòn 01475 650371 [email protected] Ma tha ceistean agaibh mu cur an gnìomh làitheil a’ phlana seo cuiribh fios gu:

    An seòladh gu h-àrd

    mailto:[email protected]