anns a' bhad - bbcdownloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2002/anns_a...dhan sgeulachd. is...

22
CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS ABHAD EARRACH 2002 ANNS A' BHAD Radio nan Gaidheal Dihaoine 1220-1235 Earrach 2002 Fuaimneach agus sàmhach 11 Faoilleach Luath agus mall 18 Faoilleach Suas agus sìos 25 Faoilleach Samhradh 01 Gearran Cuirm-chnuic 08 Gearran Fàilte is beannachd 15 Gearran Am Posta 22 Gearran Uisge anns an taigh 01 Màrt Aig an amar-shnàimh 08 Màrt Pupaidean 15 Màrt Chaidh na prògraman agus na notaichean a sgrìobhadh le Iseabail T. NicDhòmhnaill.

Upload: others

Post on 14-Feb-2021

3 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    ANNS A' BHAD

    Radio nan Gaidheal

    Dihaoine 1220-1235

    Earrach 2002

    Fuaimneach agus sàmhach 11 Faoilleach Luath agus mall 18 Faoilleach Suas agus sìos 25 Faoilleach Samhradh 01 Gearran Cuirm-chnuic 08 Gearran Fàilte is beannachd 15 Gearran Am Posta 22 Gearran Uisge anns an taigh 01 Màrt Aig an amar-shnàimh 08 Màrt Pupaidean 15 Màrt

    Chaidh na prògraman agus na notaichean a sgrìobhadh le Iseabail T. NicDhòmhnaill.

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    2

    Anns a' Bhad

    Se prògraman ùra a tha anns an t-sreath seo air fad. Tha sgeulachd anns gach prògram, le ceòl inntinneach, agus bithidh cothrom aig a' chloinn gluasad ann an dòighean annasach mar a bhios iomchaidh dhan sgeulachd. Is urrainn do gach neach a bhith ag obair aig ìre fhèin. Amas an t-sreatha. Tha Anns a' Bhad a' toirt chothroman do'n chloinn • am bodhaigean a ghiùlan gu mothachail is gu dealbhach • barrachd fhaclan mu ghluasad ionnsachadh • a bhith a' fàs nas mothachaile air am bodhaigean fhèin agus mar a bhios iad a' gnìomh, an cuimhne a leasachadh agus dòighean nas fheàrr air gluasad ionnsachadh • a bhith ag èisteachd ri fiosrachadh agus ceòl agus a bhith a’ gluasad dhan rèir le mac-meanmna air dòigh a tha stèidhichte air buille a' chiùil • eòlas a leasachadh air mar a chuirear beàrn gu feum • a bhith ag obair còmhla, a' cur an cèill an inntinnean ann am buidhnean Le sin, tha Anns a' Bhad a' toirt cothrom sreathan a leanntainn agus amais a choileanadh mar a tha iad anns an iomradh Expressive Arts 5 - 14 An t-Ògmhios 1992.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    3

    Fuaimneach agus sàmhach 11 Faoilleach (Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram.) Fiosrachadh Bha luchag bheag bhìodach air leth toilichte na dachaigh fhèin shìos fo thaigh. Ach aon latha, chual’ i comhartaich. Dè bh’ air tighinn dhan tigh ach cù mòr fuaimneach. Tha an sgeulachd ag ìnnse mar a chaidh dhaibh. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Ruithibh gu sàmhach air ur corra-biod, a-mach ’s a-steach à beàrnan. Seasaibh socair. Ruithibh gu sàmhach air ur corra-biod a-rithist, uaireannan a’ cromadh sìos, agus uaireannan a’ sìneadh an àird. Seasaibh agus èistibh. Buailibh ur basan ri buille a’ chiùil. Gluaisibh mun t-seòmar, a’ stàmpadh ur casan agus a’ bualadh ur basan. Suidhibh sìos.

    An sgeulachd

    Ruithibh le ceumannan beaga bìodach, mar a bh’ aig an luch, uaireannan a’ sìneadh an-àird, agus uaireannan a’ cromadh sìos ìseal. Seasaibh socair. Thigibh air chrith. Ruithibh gu luath ’s gu sàmhach air ais dha na tuill. Suidhibh sìos.

    Seasaibh suas. Gluaisibh mun t-seòmar, a’ stàmpadh ur casan, agus a’ leum suas an-dràsta ’s a-rithist. Stadaibh agus èistibh. Gluaisibh anns a’ bhad, a’ leum agus a’ tionndadh. Suidhibh sìos.

    Laighibh sìos. Dèanaibh sibh pèin cho beag is as urrainn dhuibh. Togaibh ur cinn agus seallaibh mun cuairt. Tòisichibh air èaladh gu sàmhach a-mach às na tuill. Stadaibh agus èistibh. Ruithibh le ceumannan beaga aotrom. Stadaibh ann am beàrnan.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    4

    An dannsa

    Ruithibh le ceumannan beaga aotrom. Stampaibh le casan troma. Seasaibh agus thèidibh air chrith. Teichibh air ais dha na tuill. Coimhidibh timchioll. Ealaibh a-mach air ur socair. Stadaibh agus laighibh sìos.

    Obair Leudachaidh

    Faodaidh a’ chlann clàr a dhèanamh de rudan a tha fuaimneach (m.e. tàirneanaich) agus rudan a tha sàmhach (m.e. sneachda a’ tuiteam.) Dèan clàr de na fuaimean a bhios eòin is ainmhidhean a’ dèanamh m.e. cù a’ comhartaich, bò a’ geumraich is eile.. Faodaidh a’ chlann ionnsramaidean a dhèanamh le botail phlastaig (mu 0.5L) Bu chòir dhaibh diofar stuthan (m.e. beagan gainmhich neo beagan de pheasair thioram) a chur unnta. Dè an stuth as motha neo as lugha a nì fuaim?

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    5

    Luath agus Mall 18 Faoilleach Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh

    Tha am prògram stèidhichte air an sgeulachd ainmeil mu dhèidhinn an t-sligeanaich agus na geàrra. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Ruithibh le ceuman fada a-mach ‘s a-steach à beàrnan. Crùbaibh sìos air an ùrlar. Gluaisibh air mhàgaran, le ceuman beaga, slaodach. Suidhibh ann am beàrnan.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas. Gluaisibh le ceuman fada agus leuman. Crùbaibh sìos. Gluaisibh le ceuman slaodach, a’ stad an dràsta ’s a-rithist a choimhead timcheall. Suidhibh ann am beàrnan.

    Seasaibh suas. Tòisichibh air meàirrdseadh le ceuman malla. Tòisichibh air bocadaich anns a’ bhad, mar gum biodh ròpannan agaibh. Crùbaibh sìos agus leumaibh mar a dhèanadh losgann. Laighibh sìos agus gluaisibh ur casan mar gum biodh sibh air rotharan. Suidhibh sìos.

    Seasaibh suas Tòisichibh air meàirrdseadh le ceum mall. Crùbaibh sìos agus gluaisibh gu mall, agus gu sàmhach, air mhàgaran. Seasaibh agus èistibh. Ruithibh le ceuman fada. Stadaibh.

    An dànnsa

    Tòisichibh air meàirrdseadh le ceum mall. Tòisichibh air bocadaich anns a’ bhad, mar gum biodh ròpannan agaibh. Crùbaibh sìos agus leumaibh mar a dhèanadh losgann. Laighibh sìos air ur socair.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    6

    Obair Leudachaidh

    Faodaidh a’ chlann dealbhan a dhèanamh den phìos as fheàrr a chòrd riutha dhen sgeulachd mun t-sligeanach agus an geàrr. Dè na h-ainmhidhean a bhios a’ gluasad gu mall? Dè na h-ainmhidhean a bhios a’ gluasad gu luath? Dèan clàr dhiubh. Cò mheud paidhir de dh’fhaclan air an smaointich a’ chlann, a tha dol an aghaidh a chèile mar a tha luath agus mall?

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    7

    Suas agus sìos 25 Faoilleach Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh Aon latha, dh’ iarr Mamaidh air Màiri agus Dòmhnall an seada anns a’ ghàrradh a’ sgioblachadh. Abair gun do lorg iad rudan annasach an sin. Gu dearbh, bha spòrs gu leòr aca leis na fhuair iad, ach bha an sead cho mi-rianail ‘s a bha e riamh. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Eiribh suas air ur corra-biod, agus air ur socair sìnibh ur làmhan suas àrd, mar gum biodh sibh a’ fiachainn ri rudeigin a’ ghlacadh. Lùbaibh ur glùinean,oir is gun tèid sibh sìos air ur socair chon an làir. Suidhibh gu socair ann am beàrnan.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas. Sìnibh ur làmhan suas àrd gos buill agus racaidean a thoirt a nuas bho sgeilp àrd. Coisichibh mun t-seòmar a’ bualadh bhuill suas dhan adhar, leis naracaidean. Seasaibh agus èistibh. Gluaisibh mun t-seòmar a’ bualadh bhall mòra le ur cinn. Seasaibh agus èistibh. Cromaibh sìos agus rìdhlibh na buill ler làmhan a-mach ’s a steach eadar na craobhan. Suidhibh sìos. Seasaibh suas. Cromaibh sìos gus breige as dèidh breige a thogail, agus an cuir os cionn a chèile. Suidhibh sìos.

    Seasaibh suas Gluaisibh mun t-seòmar ag itealaich, uaireannan shuas àrd agus uaireannan shìos ìseal. Suidhibh sìos.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    8

    An dannsa Crùbaibh sìos air an làr, ann an cearcall mòr mun t-seòmar. (Bu chòir dhan tidsear a bhith ann am meadhan a chearcaill.)

    Eiribh suas air ur socair, agus beiribh air na racaidean ’s na buill. Leanaibh a chèile, a’ coiseachd ann an cearcall, a’ bualadh nam ball suas le ur racaidean. Stadaibh agus cuiribh sìos na racaidean. Rìdhlibh na buill le ur làmhan a-steach dhan mheadhan. Rìdhlibh a-mach iad. Rìdhlibh na buill a-steach dhan mheadhan a-rithist. Rìdhlibh a-mach iad. Cuiribh sìos iad. Cuiribh ur làmhan a-mach air gach taobh coltach ri sgiathan. Gluaisibh a-steach dhan mheadhan,ag itealaich suas àrd. Tillibh a-mach, ag itealaich sìos. Gluaisibh a-steach dhan mheadhan,ag itealaich suas àrd. Tillibh a-mach, ag itealaich sìos. Crùbaibh sìos ìseal air an làr.

    Obair Leudachaidh

    Bha am preasa aig Dòmhnall agus Màiri làn de dhèideagan. Faodaidh a’ chlann graf a dhèanamh a’ sealltain dè na dèideagan as fheàrr leotha fhèin. Dèan cruinneachadh de dhealbhannan de dheifir dhèideagan. Faodar na dealbhannan a gheàrradh à irisean agus à catalogan. Dèanaibh seataichean dhiubh. Faodaidh a’ chlann dealbh a dhèanamh de charbad shuas àrd anns an iarmailt, neo bàt’-aiginn shìos fon mhuir.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    9

    Samhradh 01 Gearran Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh ’S e latha brèagha Samhraidh a th’ann, agus tha Ceiteag agus Calum trang a’ cuideachadh Mamaidh anns a’ ghàrradh. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Coisichibh mun t-seòmar air ur socair, a’ putadh rudeigin trom. Coisichibh mun t-seòmar air ur socair, a’ sguabadh. Suidhibh sìos ann am beàrnan.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas. Leigibh oirbh gu bheil sibh a’ putadh inneal-geàrraidh an fheòir, gu dìreach, gu ceann eile a’ ghàrraidh. Stadaibh. Gluaisibh a-null beagan, tionndaidhibh, agus putaibh an t-inneal air ais, a’ dèanamh sreath eile. Stadaibh. Slaodaibh thugaibh am feur leis an ràcan, agus cruinnichibh e na thorran. Cromaibh agus togaibh am feur agus cuiribh e ann am pocannan. Suidhibh sìos ann am beàrnan.

    Seasaibh suas. Coisichibh mu chuairt, a’ cromadh an dràsta ’s a-rithist, gus luibhean nach eil sibh ag iarraidh a dhraghadh às an talamh. Stadaibh agus seasaibh ann am beàrnan.

    Cromaibh sìos air ur glùinean. Cladhaichibh ceithir tuill. Cuiribh planndaichean anns na tuill. Stadaibh agus suidhibh. Seasaibh suas. Gluaisibh gu h-aotrom mar a nì dealain-dè, uaireannan ag itealaich o thaobh gu taobh,uaireannan ag èirigh, agus uaireannan a’ tionndadh. Seasaibh socair.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    10

    An dannsa

    Coisichibh air ur socair a’putadh innealan-gearraidh an fheòir chon an taoibh eile dhen t-seòmar. Tionndaidhibh agus tillibh air ais. Slaodaibh thugaibh am feur le ràcan agus dèanaibh torran dheth. Cromaibh sìos agus togaibh am feur dha na pocannan. Cladhaichibh a-mach luibhean nach bu chòir a bhith ann. Cuiribh planndaichean nan àite. Suidhibh sìos.

    Obair Leudachaidh

    Faodaidh gach neach dealbh a dhèanamh de ghàrradh brèagha, làn de chraobhan ’s de fhlùraichean. Dèan “banca-fhaclan” le ainmean cuid de na flùraichean, pris is craobhan as cumanta. Dè na lusan ’s na flùraichean nach biodh sinn ag iarraidh ann an gàrradh? Deàn clàr dhiubh.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    11

    Cuirm-chnuic 08 Gearran Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mus tòisich am prògram. Fiosrachadh An diugh tha Calum is Ceiteag a’ dol gu cuirm-chnuic air an tràigh. Tha spòrs gu leòr aca an sin, a’ cliuch air a’ ghainmhich. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Stiùiribh ur càraichean gu faicilleach. Stiùiribh ur càraichean a-rithist, a’ stad agus a’ ruith anns a’ bhad, gach uair a chluinnear comharra. Suidhibh sìos ann am beàrnan.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas. Lìonaibh ur bogsaichean bìdh. Coisichibh air ur socair, a’ tarraing a’ bhogsa thruim. Suidhibh sìos ann am beàrnan. Seasaibh suas. Stiùiribh ur càraichean air rathad dìreach. Stadaibh aig na solais. Stiùiribh ur càraichean gu faicilleach mu na h-oisnean, a’ seachnadh nan caorach. Stadaibh agus seasaibh socair. (Feumaidh gach neach companach a lorg.) Seasaibh ri taobh ur companaich, agus cuidichibh a chèile a’ toirt an stuth às a’ chàr,agus ga dheasachadh.

    Cuiribh an tubhailte air an làr. Cuiribh cupannan agus truinnsearean air an tubhailte. Cuiribh am biadh air na truinnsearean, agus lìonaibh na cupannan.

    Suidhibh sìos agus ithibh. Fuirichibh socair agus èistibh.

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Coisichibh le ceuman malla tron ghainmhich, a’ cromadh sìos an-dràsta ’s a-rithist gos ruideigin annasach a thogail dha na bucaidean.

    Ruithibh leis na buill a-mach ’s a-steach à beàrnan, uaireannan gan caitheadh suas, uaireannan gam breabadh, agus uaireannan gam bualadh le ur cinn. Suidhibh sìos ann am beàrnan.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    12

    An dannsa

    Seasaibh suas agus lorgaibh companach. Beir air làimh air do chompanach. Coisichibh le ceuman malla tron ghainmhich bhuig. (Mu ochd ceuman) Gluaisibh pìos bho chèile agus caithibh am ball a-null ’s a-nall gu chèile. Laighibh sìos air an làr.

    Obair Leudachaidh

    Faodar graf a dhèanamh a’ sealltain nan seòrsachan bìdh a b’ fheàrr leis a’ chloinn a thoirt leotha nam biodh iad a’ dol gu cuirm-chnuic. Dèan clàr a’ sealltain

    nan seòrsachan bìdh is deoch a tha math dhuinn. nan seòrsachan bìdh is deoch a tha dona dhuinn.

    Cuir dealbh mhòr de bhogsa neo de bhasgaid air a’ bhalla. Faodar dealbhan beaga agus faclan a chur air, a’ sealltain dè thug Màiri agus Dòmhnall leotha.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    13

    Fàilte is beannachd 15 Gearran Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh An diugh tha sgeulachd againn mu Mhàiri, nighean bheag a bhiodh tric a’ cuideachadh dhaoin’ eile. Cluinnidh sibh mar a thug i toileachadh dhaibh leis an dèideig ùir, annasaich, a fhuair i bho a h-uncail. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Tòisichibh air bocadaich gu h-aotrom a-mach ’s a-steach à beàrnan. Suidhibh sìos.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Coisichibh gu sunndach mun t-seòmar, a’ breith air làimh air gach neach a thèid seachad , neo a’ smèideadh riutha. Suidhibh sìos.

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Meàirrdsibh le ceuman raga. Gach uair a stadas an ceòl, cuiribh fàilte air neach eile, mar a dhèanadh an saighdear aig Màiri. Seasaibh agus èistibh.

    Tòisichibh air bocadaich gu h-aotrom, a’ togail ur glùinean an-àird. Smèidibh dhur companaich. Stadaibh agus èistibh. (Feumaidh gach neach companach a lorg.) Beiribh air achlais air ur companach, agus coisichibh le ceuman slaodach, a’ cumail tacsa ri chèile. Suidhibh sìos ann am beàrnan. Seasaibh suas Leumaibh air aon chois, mu chuairt an t-seòmair. Seasaibh agus èistibh. Coisichibh gu mall le ceuman cuagach. Suidhibh sìos.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    14

    An dannsa

    Seasaibh ann an cearcall mòr. Tòisichibh air bocadaich gu h-aotrom ann an cearcall mun t-seòmar.(Bu chòir dha na tidsearan a bhith ann am meadhon a chearcaill gus sealltainn dhan chloinn dè ’n taobh a thèid iad..) Smèidibh ri chèile. Meàirrdsibh a-steach dhan mheadhain. Stadaibh. Cuiribh fàilte mar a rinn an saighdear beag aig Màiri. Meàirrdsibh air ais far an robh sibh. Stadaibh. Beiribh air làimh air an neach as fhaisge. Smèidibh. Suidhibh sìos.

    Obair Leudachaidh

    Anns a’ phrògram, bha sinn a’ cur fàilt’ air a chèile. Cò mheud dòigh eile as aithne dhan chloinn air fàilte a chur air neach eile? Deàn dealbh dhen t-saighdear bheag aig Màiri. Faodar aodainn toilichte neo aodainn tùrsach a dhèanamh le truinnsearan pàipeir.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    15

    Am Posta 22 Gearran Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh Bha Dòmhnall am posta a’ faireachdainn gu math sunndach nuair a ràinig e Oifis a’ Phuist. ’S beag a bha dh’fhios aige na rachadh ceàrr mus bitheadh an là seachad. Tha deagh adhbhar aige a bhith taingeil do Thòmas an Tuathanach airson a chuideachadh. Blàthachadh

    Seasaibh ann am beàrnan. Coisichibh suas an rathad, a’ stad an-dràsta ’s a-rithist gus litrichean a chur tro na dorsan. Ruithibh agus leumaibh, mar gum biodh sibh a’ feuchainn ri litrichean a ghlacadh a th’air falbh leis a’ ghaoith.( Tha feadhainn dhiubh shuas àrd, agus feadhainn dhiubh shìos ìseal.) Suidhibh sìos.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Cuiribh na litrichean ’s na parsailean ann am baga mòr. Ruithibh gu h-aotrom. Stadaibh agus ruithibh anns a’ bhad. Ruithibh gu h-aotrom. Stadaibh agus ruithibh anns a’ bhad. Ruithibh gu h-aotrom, a’ fàs nas maille. Suidhibh sìos ann am beàrnan.

    Seasaibh suas. Slaodaibh na bagaichean trom air ur guailnean. Coisichibh suas an rathad le ceum mall, a’ tarraing nam bagaichean troma. Stadaibh. Tòisichibh air na litrichean a chur tro na dorsan. (Tha cuid dhiubh le tuill a tha àrd agus cuid eile le tuill a tha ìseal.) Stadaibh agus èistibh. Leumaibh air ais bhon chù agus feuchaibh ri ruith air falbh leis a’ bhaga. Tuitibh sìos air an làr. Suidhibh suas agus èistibh. Seasaibh suas. Cruinnichibh na litrichean. ( Tha cuid dhiubh air an làr, cuid anns na pris, agus cuid anns na craobhan.) Suidhibh agus èistibh.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    16

    An dannsa

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Cuiribh na litrichean anns a’ bhaga. Ruithibh gu h-aotrom a’ dràibheadh na bhan. Coisichibh o thaigh gu taigh, a’ cur litrichean tro na dorsan, uaireannan àrd agus uaireannan ìseal. Slaodaibh am baga on chù. Tuitibh sìos air an làr. Suidhibh suas dìreach.

    Obair Leudachaidh

    Deànaibh cinnteach gun urrainn gach neach a sheòladh fhèin a sgrìobhadh neo ìnnse. Faodaidh a’ chlann cairtean de dheifir seòrsachan a dhèanamh (m.e.cairtean a’ phuist, agus cairtean cò-là breith) Is fhiach coimhead air stampaichean às an dùthaich seo, agus à dùthchannan eile.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    17

    Uisge anns an taigh 01 Màrt Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh Anns a’ phrògram an-diugh, bithidh sinn a’ smaoineachadh mu chuid de na bhios sinn a’ dèanamh le uisge nar taighean, mar eiseimpleir gar nighe fhèin, a’ nighe aodaichean, agus a’ dèanamh glanadh. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Thigibh sìos air ur glùinean agus sgùraibh an t-ùrlar timchioll oirbh. Suathaibh an t-ùrlar le clobhd gos a thiormachadh. Suithibh agus èistibh.

    An sgeulachd

    Eirichibh suas às a’ leabaidh a’ suathadh ur sùilean agus a’ meuranaich. Cuiribh oirbh ar n-aodaichean. Tionndaidhaibh air an t-uisge. Tòisichibh air ur fiaclan a’ bhruiseadh. (Sìos is suas, sìos is suas) Lìonaibh a’ mhìs le uisge. Nighibh ur làmhan, ur n-amhaichean, agus air cùl ur cluasan. A bheil gach neach air fhalt a chìreadh? Suidhibh sìos. Seasaibh suas. Cuiribh uisge agus pùdar-nighe anns a’ mhèis. Dèanaibh cop leis. Nighibh na stocainnean salach le bhith gan suathadh anns an uisge. Leigibh an t-uisge salach às a mhèis agus cuiribh uisge glan innte. Nighibh na stocainnean a-rithist gus am bi an siabann air falbh. Togaibh iad a-mach agus fàisgibh iad. (Tha na h-aodaichean deiseil ann am basgaid gus an crochadh a-muigh.) Togaibh rud mu seach às a’ bhasgaid agus crochaibh e air an ròpa. Suidhibh sìos. Seasaibh suas. Lìonaibh siuga le uisge. Cuiribh uisge air na planndaichean. Faighibh bucaidean uisge, bruisean ,clobhdan is siabann. Thallaibh air ur glùinean, agus tòisichibh air sgùradh gu luath. Suathaibh an t-ùrlar. Nighibh agus fàisgibh an clobhd. Tiormaichaibh an t-ùrlar. Stadaibh.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    18

    An dannsa

    Seasaibh suas ann an cearcall mòr mun t-seòmar.(Bu chòir dhan tidsear bhith anns a’ mheadhan.) Coisichibh (ochd ceuman) mu chuairt anns a’ chearcall.(Seallaidh an tidsear dè ’n taobh.) Stadaibh agus nighibh sibh fhèin. Coisichibh (ochd ceuman) mu chuairt anns a’ chearcall. Stadaibh agus nighibh na h-aodaichean. Coisichibh (ochd ceuman) mu chuairt anns a’ chearcall. Stadaibh is sgùraibh an t-ùrlar. Suidhibh sìos.

    Obair leudachaidh

    Faodar cruinneachadh a dhèanamh de dh’ochd rudan (m.e. siosar, ball rubair, pìos fiodha, spàinn mheatailt is eile). Cuiridh a’ chlann anns an uisge iad, rud mu seach, fiach dè na rudan a dh’fhuiricheas air bhog, agus dè na rudan a thèid fodha. Dèan clàr de na dòighean anns am bi sinn a’ cosg uisge nar taighean. Mìnich dhan chloinn cò às a tha an t-uisge a’ tighinn dha na taighean againn.Càite am bi e a’ dol, nuair a dh’fhalbhas e às ur taighean an dèidh dhuinn a chleachdadh?

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    19

    Aig an amar-shnàimh 08 Màrt Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh An diugh tha sinn a’ dol dhan amar-shnàimh far am bi spòrs gu leòr againn. Blàthachadh

    Seasaibh ann am beàrnan. (A h-aon, a dhà, a trì) Leumaibh cho fada is cho àrd is as urrainn dhuibh. (A h-aon, a dhà, a trì) Leumaibh cho fada is cho àrd is as urrainn dhuibh. (Bu chòir dhan chloinn an glùinean a lùbadh nuair a bhios iad a’ tighinn a-nuas gu làr.) Laigheadh gach neach air a bheul fodha. Breabaibh ur casan sìos is suas, (splis,spleais,splis,spleais......) Suidhibh suas.

    An sgeulachd

    Seasaibh suas. Dèanaibh deiseil gus a dhol a shnàmh. Sreapaibh sìos air an àradh dhan uisge. (Còig ceuman) Leumaibh sìos agus suas anns an uisge. Laigheadh gach neach air a bheul fodha. Breabaibh ur casan sìos is suas,a’ stealladh an uisge thall ’s a- bhos. Laigheadh gach neach air a dhruim dìreach. Breabaibh ur casan sìos is suas,a’ stealladh an uisge thall ’s a- bhos. Seasaibh suas agus cuiribh bannan air ur gàirdeannan. Ruithibh gu h-aotrom, a’ gluasad ur làmhan sìos is suas anns an uisge, collach ri cuilean a’ snàmh. Seasaibh suas,aig taobh an amair. (A h-aon, a dhà, a trì) Leumaibh dhan uisge. Seasaibh suas. Leumaibh dhan uisge agus snàmhaibh a-null chon an taoibh eile. Eiribh às an amar agus suidhibh ann am beàrnan. (Feumaidh gach neach companach a lorg.) Seasaibh mu choinneamh ur companaich, pìos beag o chèile. Snàmhaibh anns an uisge, a’ caitheadh ball a-null ’s a-nall gu chèile. Stadaibh.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    20

    An dannsa

    Feumaidh a’ chlann seasamh ann an cearcallan, le mu ochdnar anns gach cearcall.

    (A h-aon, a dhà, a trì) Leumaibh dhan amar. Leumaibh sìos agus suas anns an uisge. Laigheadh gach neach air a dhruim dìreach, le chasan gu meadhan a chearcaill. Breabaibh ur casan sìos is suas, a’ stealladh an uisge thall ’s a- bhos. Eirichibh nar seasaibh. Tionndaidhibh. Snàmhaibh a-mach gu iomall a’ chearcaill. Eiribh a-mach agus suidhibh suas.

    Obair Leudachaidh

    Feumar a bhith faicilleach aig amannan faisg air uisge. Is fhiach bruidhinn air riaghailtean sàbhailteachd, agus mar bu chòir cunnartan a sheachnadh. Faigh grunn de bhotail tre-shoilleireach, le deifir cumaidhean. Lìon gach fear le 0.5L de dh’uisge. Foighnich dhen chloinn am beachd air dè am botal as motha anns a bheil de dh’uisge. An uairsin dòirt an t-uisge as gach fear a-steach ann an siuga-tomhais. ’S e spòrs a th’ann an snàmh. Dè na seòrsachan eile de spòrs-uisge a th’ann? Dèan clàr dhiubh (m.e. dàibheadh, sgitheadh air an uisge,seòladh, iomradh is eile).

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    21

    Pupaidean 15 Màrt Bu chòir dhan chloinn a bhith nan suidhe mun tòisich am prògram. Fiosrachadh Tha an sgeulachd an-diugh ag ìnnse mu dhèidhinn dà phupaid annasaich, Ailidh Amadan agus Baba am Bodach-ròcais, a bha cliuchd agus a’ cleasachd fad na h-oidhche, gun fhiost de mhuinntir an taighe. Blàthachadh

    Seasaibh suas ann am beàrnan. Sìnibh a-mach ur làmhan air ur beulaibh agus crathaibh iad sìos agus suas. Leigibh oirbh gu bheil cuideigin a’ draghadh ur guailnean, ur n-uilnean agus ur làmhan, le sreangannan.(Feumaidh an gluasad a bhith gu math las.) Cumaibh ur làmhan socair, agus gluaisibh ur casan agus ur glùinean, mar gum biodh sreangannan ceangailte riutha.(Togaibh ur glùinean an-àird nuair a bhios sibh a’ dannsa feadh an t-seòmair.) Dannsaibh air feadh an t-seòmair, a’ dannsa a-null ’s a-nall ’s a’ tionndadh. Gach uair a bhios fuaim ann stadaibh ann an cumadh annasach. Suidhibh sìos ann am beàrnan.

    An sgeulachd

    Dèanaibh sibh fhèin cho beag is as urrainn dhuibh air an ùrlar. Tòisichibh air èirigh a-mach às na bogsaichean. (Cuimhnichibh gu bheil sibh rag.) Seasaibh ann an cumaidhean biorach. (Le meòirean biorach, uilnean biorach ,agus glùinean biorach.) Seasaibh dìreach agus èistibh. Seasaibh ann an cumaidhean biorach. Dannsaibh anns a’ bhad. Suidhibh sìos. Seasaibh suas ann am beàrnan. Coisichibh mun t-seòmar le ceuman èibhinn. Sìnibh a-mach ur làmhan air gach taobh. (Cuimhnichibh gu bheil sreangannan ceangailte ribh.) Gluaisibh anns a’ bhad a’ crathadh ur cinn, ur gàirdeanan, agus ur casan. Suidhibh sìos agus èistibh.

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

  • 22

    CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM ANNS A’ BHAD EARRACH 2002

    www.bbc.co.uk/alba/foghlam

    An dannsa Feumaidh gach neach companach a lorg.

    Crùbaibh sìos mu choinneamh a chèile, deagh phìos air falbh o chèile. Tòisichibh air èirigh a-mach às no às na bogsaichean ……. ceann....guailnean.......uilnean biorach ......meòirean biorach......glùinean biorach. Seasaibh ann an cumadh biorach. Coisichibh a-null gur companach le ceuman èibhinn. (Mu cheithir ceuman.) Coisichibh le ceuman èibhinn air ais an comhair ur cùil. (Mu cheithir ceuman.) Dèanaibh dannsa crathach anns a’ bhad. Leumaibh a-null gu chèile. Tuitibh sìos anns na bogsaichean. Suidhibh socair.

    Obair Leudachaidh

    Faodaidh a’ chlann dealbhan a dhèanamh de dh’Ali agus Baba. Ma nithear na dealbhan air cairt, faodar an geàrradh, agus na cinn, na gàirdeanan, agus na casan a cheangal ris a’ chom le ceangalaichean meatailt (split pins). Ma chuirear ri chèile na pupaidean mar seo, gluaisidh iad gu furasda. Faodar pupaidean beaga a dhèanamh le meòirean geàrrte far seann mhiotagan. Tha e furasta sùilean, sròn is beul a chur air pupaid-meòir dhen t-seòrsa seo le pìosan beaga de dh’aodach neo de phàipear. Faodar aodann toilichte neo aodann tùrsach a chur air bailiùn gus pupaid gu math sìmplidh a dhèanamh